Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1916 » September 1916 » Am Peacach air a Sheoladh chum an t-Slanuighbir

Am Peacach air a Sheoladh chum an t-Slanuighbir

“Feuch Uan Dhé, a ta ’toirt air falbh peacadh an t-saoghail.”—EOIN i. 29.

‘S IAD sin na briathran a labhair Eoin Baiste, ’nuair a chuir na h-Iudhaich a cheist ris, “Co thu?” Fhreagair am faidh iriseal, agus dh’aidich e, “Cha mhise an Criosd.” An ath là an déigh sin, chunnaic Eoin Iosa a’ teachd d’a ionnsaidh, agus ghlaodh e, “Feuch Uan Dhé a ta ’toirt air falbh peacadh an t-saoghail.”

O’n a dh’fhàg an Slànuighear an saoghail so, cha n-fhaodar fhaicinn leis an t-sùil chorporra; ach, a bhi creidsinn ann, ’se sin a bhi ’ga fhaicinn le sùil a chreidimh; agus a h-uile neach a chi mar so am Mac, agus a chreideas ann, gheibh iad a bheatha mhaireannach (Eoin vi. 40).

Ghaim Iosa Criosd a féin beannachd air a mhuiintir a chreid ann, ach gidheadh nach fac’e (Eoin xx. 29). Agus is math a ta’n t-abstol Peadar a’ mineachadh na beannachd so, ’nuair a ta e ’g ràdh, “Iosa Criosd d’am bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e, agus ged nach eil sibh a nise ’ga fhaicinn, gidheadh, anns am bheil sibh a’ deanamh mor ghàirdachais le h-aobhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghloir” (1 Phead. i. 7, 8).

Tha e ’na dhìmeas air cuspair cho glòrmhor ri Criosd, amharc air, agus gun ioghnadh a ghabhail as; fhaicinn, agus gun a ghràdhachadh. Air chinnte tha tlachd, agus gràdh, agus sólas, agus aobhneas ar cridheachan, gu buileach fo cheannsal ar creidimh.

Smuainteachamaid, uime sin, ciod iad na buadhan dirdhearc a ta ann an Criosd, air son beachd-sùl, agus tlachd a chreidmhich a tharruing d’a ionnsuidh.

  1. “Bha Dia ann an Criosd” (2 Corint. v. 19). B’e Criosd Dia air fhoillseachadh anns an fheòil (1 Timo. iii. 16). Is e Dia anns an-fheoil iongantas an t-saoghail! Ann an so, bha an neo-chriochnach agus an criochnach air an co-aonadh! An Cruth-adair agus an créutair air an co-cheangal anns an aon phearsa. Tha e ’na dhearbhadh air laigs-inntinn ioghnadh a ghabhail a nithe beaga; agus na dhearbhadh air dith mothachaidh gun ioghnadh ghabhail a nithe mòra. Is ioma miorbhuil a dh’oibrich Criosd anns an fheòil; ach, ’si a mhiorbhuil a’s mò gu léir, “gu’n d’rinneadh e féin ’na fheòil, agus gu’n do ghabh e còmhnuidh a measg dhaoine” (Eoin i. 14).

  2. “Se Criosd gliocas Dhia” (1 Corint. i. 24), seadh, “Annsan tha uile ionnhas a ghliocais agus an eòlais folaichte” (Colos. ii. 3). Riamh, o thoiseach an t-saoghail, cha do dhealraich gathan glòrmhor gliocais Dhia air stùlean dhaoine agus ainglean ann an obair sam bith, mar a dhealraich iad anns an obair so—Criosd a dheanamh ‘na Uan Dhé, ‘na iobairt air son a pheacaidh.—Feuch Uan Dhé! agus annsan faic gliocas do-rannsaich Dhia, ann a bhi, trid Chriosd, ag aiseag nam peacach a chreideas ann, o uile chunnart a pheacaidh; agus, gidheadh, air an dòigh so, a’ deanamh a pheacaidh; nis’ uamhasaiche dhoibh, na b’urrainn da gu bràth a bhi air a dheanamh dhoibh air dòigh sam bith eile. Feuch doimhneachd a ghliocais neo-chriochnaich a ta càradh iocshlaint ris a pheacach freagarrach do cheann aobhair a ghalaír. B’e an galar, uabhar an duine. ‘Si an iocshlaint, irisleachd mhic Dhia. Thogair an duine a bhi mar Dhia; sgrios sin e. Chaidh Dia fhoillseachadh anns an fheòil, agus fhuaradh e ann an cruth duine: shaor sin an duine. O! an gliocas gun chrich! a ghabh fàth (‘nnaair a chaill ‘us a mhìll sin ar céud ghloir, ‘s a thug sinn oirnn fein sgrios anam’ agus cuirp). O! an gliocas gun chrich a ghabh fàth air ar togail an àird gu staid mòran nis’ fearr na ar ceud staid, agus a ghlac seòl air ar suidheachadh innte le barrantas mòran nis’ fearr na bha againn air tùs!

  3. Tha gràdh Dhia ann an Criosd. Feuch Uan Dhé, agus annsan, feuch gràdh Dhia, air fhoillseachadh ann an dòigh cho àrd, agus cho buaidh-chaithrimeach, ‘sa bha e riamh, no b’urrainn da bhith, air a thaisbeineadh do’n t-saoghal! “Ann an so ta gràdh, chan-e gu’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gu’n do chuir e a Mhac gu bhi ‘na obairt-réite air son ar peacaidh” (I Eoin iv. 10). O! ‘s ann an so, ‘s ann an so, a tha gràdh Dhia do pheacaich! Tha Dia, gach latha, a’ nochdadh a ghràidh dhuinn, ‘nar lòn, ‘nar dion, ‘nar teasraiginn, agus anns gach comb-fhurtachd a ta e buileachadh oirnn. Gu bheil slàint againne, agus muinntir eil ag osnaich fo phian—ann an so tha gràdh.—Gu bheil aran againne, r’a ithe, agus muinntir eile an combair bàsachadh le dith ann an so tha gràdh. Ach O! Criosd a bhi againne na iobairt-réite, agus na h-inglean a thuit, air am fàgail ‘nan-cor caillte—ann an so tha gràdh d’a rìreamh. An gràdh sin uile a ta air fhoillseachadh as ar leth anns gach caochladh freasdal saoghalta, ‘nar slàinte, ‘nar cor, ‘nar daimh, agus ann ar n-uile chomhfuntachd, is neo ni e, ann an coimeas ris a ghràdh so;—’se so gràdh da rìreamh! Mar is e crathadh fuil an uain Chàsg air ursannan dorsan nan Israelaich, a theasraig iad o aingéal a mbhillidh; mar sin, is i fuil Chriosd, Uan Dhé, air an robh an fhuil ud ‘na shamladh, a theasraigeas a h-uile neach a chreideas ann, o’n chorruich a ta ri teachd. Mar so, tha Criosd, Mac Dhia, a’ cur bacaich air aingéal an sgrios, o dhibh-fheirg corruich Athar a thaomadh amach, agus tha e a’ teasraiginn nan creidmheach, mar a phobull, gus an teid iad a stigh do thalamh Chanàan, an fhois shiorruidh. Ach cò a’s urrainn ionnhasan do-rannsaichte Chriosd ‘fhosgladh, no a bhuaidean òirdhearc a’aireamh? B’adh ainglean, agus spioradan foirfe nan ionracan, a’ dearcadh air ré na siorr’achd, agus cha sguir iad de ioghnadh a ghabhail as! Cha bu nèamh nèamh dhoibhsan, mur faiceadh iad Criosd ‘na shuidhe ann an sin, mar Righ ann a àille iomlan, air Sion, a thulaich naomha féin. Ach rachamaid air ar n-adhart a dheanamh féum de ‘n chuis so, an àite bhi ‘g oirpeachadh ní’s faide ri a soilleireachadh: chionn chi sinn iongatasan nuadh ann an Criosd, ged a dhearcamaid air fad linnteann do-àireamh na bith-bhuantachd.

(1) O, a pheacaich! ma tha thu a’ mothachadh gu bheil agad cridhe clachaidh, cruaidh, nach urrainn taiseachadh, agus a bhi fo bhròn, air son na rinn thu de dhochoir air Criosd le d’pheacadh;—gu bheil t’aigndhean marbhanta, gun mhothachadh, air chor agus nach comas do smuain sam bith a dh’éireas ‘nod chridhe, biogadh taisleachaidh a ghlusaid ann, air son do pheacaich:—ortsa sparrainn na briathan misneachail so, mar a chungaidh a’s eufachdaiche gus do chridhe a leaghadh. Amhairc an so. Feuch Uan Dhe! Smuainich air, creid, agus càirich riut féin an ni a ta ‘n so air a shàmhlachadh; agus is cruaidh do chridhe gu dearbh, mur maothaich e le a leithid so de bheachd air Criosd. Ann an Sechariah xii. 10, tha e air a ràdh, “Agus amhaircidh iad airs an lot iad, agus ni iad caoidh air a shon mar a chaoidheas duine air son ‘aon mhic, agus bithidh an doilghios air a shon mar dhoilgheas neach air son chéud-ghin.” Feuch Mac Dhia air a thoirt “mar uan dh’ionns’ a chasgraidh” air do sgathsa, a pheacaich shuaraich, shalaich! Feuch fuil na h-Iobairte luachmoir so air a taosgadh air do shon-sa! Thoir do smuaintean dlù air a chuis so. Smuainich có a rinneadh ‘na uan air son Iobairte; co air son a dh’fhuiling e ‘fhulangasan do-labhairt gu léir; cia seàmhail agus cia toileach ‘s a ghiùlain e uile chorruch Dhia agus dhaoiné, a’ seasamh ‘na neochiontas iomlan gu bhi air a mharbhadh air do shon-sa! Feuch!—Esan aig nach robh peacadh sam bith, chaidh a dheanamh ‘na pheacadh air do shon-sa “chum’s gu’m faodadh tusa,” aig nach robh fireantachd idir thu féin, “a bhi air do dheanamh ‘nad fhireantachd Dhia annsan” (2 Corint. v. 21). O! co riamh a ghràdhaich thu mar a ghràdhaich Criosd thu! Co a dh’fhuilingeadh air do shon an truaigh a dh’fhuilg Criosd air do sgàth! Tathair, no bean do ghaoil, no do charaidh a ta agad mar t-anam féin, an deanadh iad-san, eadhon sealan na h-uaire, an dòruinn sin fhulang air do shon a dh’fhuilg Criosd, an uair a “bha ‘fhallus mar bhoinean mòra fala a’ tuiteam sios air an làr?” (Luc. xxii. 44). Nì h-eadh, ach air sgàth do leanabh gràidh féin a shaoradh, cha bhlaiseadh tusa a choidh a leithid de chopan ‘s a dh’òl Criosd as gu fhiar ghrunnus deireannach, ‘nuair a ghlaodh e, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a thréig thu mi!” Feuch mar a ghràdhaich e thu! Air chinnte, ma shrachd na creagan as a chéile ri ‘fhulangas, is ro chruaide na na creagan do chridhesa, mur taisich e ri a leithid so de shealladh. Suidhich do shùilean car treise air so, agus bheir do shùilean maothachadh air do chridhe.

(2) O, a pheacaich! am bheil thu a’ deanamh faoinéis de’n pheacadh, agus am furasda leat aomadh leis a h-uile buaireadh, agus am peacadh a chur an gniomh? O, thig an so. Feuch Uan Dhe, agus cha n-eil e comasach dhuit gu’m bi beachd faoin agad air a pheacadh an uair a gheibh thu an sealladh so air Criosd. Faic an so pris a pheacaidh! Feuch na chosd e do Mhac Dhia réite a dheanamh air a shon.—An d’thainig esan do’n t-saoghal so fo cheanglaichean do-fhuasglaidh òrdaigh shiorruidh, a bhàsachadh air son a’ pheacaidh? An d’ thainig e á uchd an Athar chum thusa ‘cheannach le ‘bheatha féin mar’ phris. An d’rinn làmh ceartais Dhia fuil cridhe an uain gun smal so a dhòrtadh chum toileachadh a thoirt do Dhia air son na h-éucoir a rinn do pheacanan-sa ‘na aghaidh; agus an deigh so uile an amhairc thu air a’ pheacadh mar ni faoin? Nar leigeadh Dia. Gu firinneach chaidh fuil Chriosd a dhioladh air son do pheacaidh-sa, agus is luachmoire aon bhraon d’i na fuil a chinne-daoine gu h-iomlan. Nach àicheadh thusa t’ anamianna, ma ta, agus nach cuir thu an aghaidh buairidh air sgàth Chriosd! Amhairc air uan Dhé air a mharbhadh air son do pheacaidh-sa féin, agus cha bhi beachd faoin agad air a pheacadh gu bràth tuille.

(3) Am bheil do spiorad a’fannachadh agus tu fo dhiobhail misnich air son t’éuceartan iomadach agus antrom? Am bheil thu ‘dol fodha ann an éu-dòchas le cùdtrom mùchtaidh t’ eallaich pheacanan? Ma thà, is fior locshlaint cridhe, agus cungaidh a bheathachadh misnich agus dòchais, na briathran so: Feuch uan Dhé, a ta toirt air falbh peacadh an t-saoghal! Ma’s urrainn fuil an uain peacanan an t-saoghal a thoirt air falbh, air chinnte ‘s urrainn i do pheacadh-sa a thoirt air falbh, ged robh saoghal de pheacadh annad.—Chionn, beachdaich air Criosd mar ar n-iobairt-rèite air òrduchadh o shiorruidheachd—“Esan shèulaich Dia an t-Athair—(mar air iobradh ‘nar n-ionad-ne ann an lânachd na h-aimsir.”—Tha Criosd, ar n-uan Càsg air iobradh air an son.) (1 Corint. i. 7.)—Beachdaich air, mar air gabhail ris leis an Athair le mor thoileachas agus thaitneas, eadhon mar fhàile cubhraidh (Epes. v. 2). Beachdaich air, mar gu follaiseach air fhireanachadh agus air a shaoradh aig aiseirigh, le Dia, an Tagradair (1 Timot. iii. 16, agus Eoin xvi. 10). Agus, fadhèoidh, beachdaich air, mar tha e nis air nèamh, far a bheil e air a teaisbeanadh, air ar son-ne, an am fianuis Dhia, mar Uan air a mharbhadh (Taisb. v. 6); ag iomchar dearbh chomharran a bhais féin: agus ‘gan nochdadh sin ann an làthair Dhia, mar na tagrainean a’s éufachdaiche agus a’s drùightiche chum mathanas agus tròcair a chosnadhe d’a shluagh. Tha mi ‘g radh riut, smuainich gu dìrachdach air na nithe sin, agus cha n-eil ni a’s mò a bheir faochadh do t’inntinn na iad, ‘us tu fo throm-smalan le chram mu d’ pheacanan.

(4) Am bheil thu fann-chridheach, agus ‘nad chladhaire roimh fhulangas air sgàth Chriosd, mar nach b’urrainn thu ni sam bith a dhùrachdainn agus ‘fhulang air a shon? Feuch Uan Dhé.—An d’fhuing Chriosd dòruinnean cràiteach air do shon-sa, agus nach fuiling thusa dèuchainnean aotrom air a shon-san? Och! nach aoin corruich dhaoine, ann an coimeas ri corruich lasanaich an Dia uamhasaich, mhòir! Ach, bha Criosd ‘na Uan gun lochd, nach do thoill idir, idir, am peanas ‘bu lugha ‘fhulang air a sgàth féin. Ach thusa, thoil thu ifrinn, agus ged thoill, tha thu a’ fannachadh fo fhulangas sealain! An d’ fhuiling esan urad air do shon-sa, agus nach fuiling thusa ‘bheag idir air a sgàth-san’. Air chinnte; an uair a dh’fhuiling esan air do shon-sa, dh’fhàg e egad eisimpleir a cheumanan a leanailt (1 Phead. ii. 21). An ion ar fulangaisne, ‘n an guè no ‘n am mèud, a bhi air an coimeas ri fulangais Criosd? agus ciod i ar fuil-ne, ann an coimeas ri fuil Criosd?—Cuumhich—” ma tha thusa air do shuidh-eachadh ann an coslas a bhàis-san, gu’m bi thu mar an cèudna air do shuidh-eachadh ann an coslas ‘aiseirigh” (Rom. v. 5). Is èudar dhuitse a dheanamh mar a rinn Criosd, an crann-ceusaidh a ghiùlan, agus am masladh a chur suarach, air sgàth an aoibhneis a ta romhad.

(5) Am bheil thu mi-fhoighidneach fo dhèuchainnean agus fo thrioblaidean corparra? ullamh air a bhi gearain fo àmh-gharan gnàthail? no buailteach air sèideadh suas le rùn dioghaltais an aghaigh dhaoine a ni éacoir ort? Feuch Uan Dhé! “Mar uan, sèamh an lathair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul” (Isa. lii. 7). Agus nach urrainn thusa ni idir fhulang gun ghearain? Cia sèamh a bha Criosd, an t-uain an uair a dh’ fhuiling e nithe ro thaireil fo làmhan pheacach!—agus am bheil thusa a’d’ leòmhan feargach? Dh’ fhuiling esan gu foighidneach an ni nach do thoill e; tha thusa gu neo-fhoighidneach a’ fulang t’airidh. O! nach ionnsaicheadh tu a bhi ni’s cosaile ri Criosd, ann ad uile dheuchainnean, agus ann ad uile àmhgharan!

Fa dheireadh.—Am bheil thu, trid ana-creideamh, teagmhach mu gheallana an t-soisgeil? Nach urrainn thu earbsadh à focal a gheallaidh, a chionn gu bheil do chridhe teagmhach fein ‘gad lionadh le amharrus suarach mu dhàibhinn cumbachd, firinn-eachd, agus toilealachd Dhia na geallana a thoilionadh dhuit?—Feuch Uan Dhé! “Nach seadh agus Amen ann an Iosa Criosd, do na h-uile neach a chreideas ann, geallana Dhia gu lèir?” (2 Corint. i. 20). No, am bheil ni sam bith air a chur ann an gealladh air bith a’s luachmhoire na fuil an Uain, a chaidh a dhortach a cheannach a gheallaidh? No, nach e Criosd a thoirt dhuinn chum bàsachadh air ar son; coilionadh a gheallaidh a’s mò a thug Dia dhuinn riamh? Agus an dèigh’s gu bheil an gealladh sin air a choilionadh ciod e am fàth teagamh a th’ agadsa nach coilionar geallana a’s lugha na sin?—Chionn, “Mur do chaomhainn Dia a Mhac fein, ach gu’n d’thug e thairis e air ar son-ne uile, ciamar nach toir e maille ris-san gach uile ni dhuinn gu saor?” (Rom. viii. 32).

“Feuch Uan Dhé, a ta toirt air falbh peacadh an t-soighail!”

Air caithir rioghail ‘Athair fein,
Feuch dealradh gloir an Uain;
Ur-urram deasaichibh d’a ainm,
Is bidh le taing ga luadh.

Cluinn! armailt neimh le n luathghair ait,
Timchioll na cathrach-righ;
Milte do mhiltibh s aireamh dhoibh,
Ach ‘s aon a mhàin an cridh’.

‘S airidh an t Uan a dh’iobaieadh,
Deir iad, air inbh’ ro-ard!
‘S airidh oir b’e ar n iobairt-ne,
Co-fhreagradh daoin’ ‘s gach àit!

Is airidh an t Uan, a striochd do’n bhàs,
Air àgh is beannachd buan;
Biodh slainte, gloir, is aoibhneas àrd,
Gu bràth air ceann an Uain!

O’r cionta shaor e sinn le ‘fhuil,
‘S thug braighde truagh a pein;
Rinn sagairt ‘s righrean dhinn do Dhia,
Gu riaghladh shuas leis fein.

Ach gach aon teangaidh agus tir,
Thionail ‘s thug Criosd a shliochd;
Gach dùthaich chein is innis cuain,
Fios fhuair air saibhreas ‘iochd

‘S airidh air geil’s air ceannsal Criosd,
Air talamh ‘s neamh gu bràth;
Is cliu ni s fearr na’s urrainn daoin’,
Thugadh naomh aingle dha!

Gach neach tha’g àiteachadh nan neamh,
No chruinne-che a bhos;
Gach duil air bith, do Righ nan sluagh,
Seinnibh gach uair gun fhois.

An cruthach’ aontaicheadh gu leir,
Thoirt géill is cliu do’n Triath,
Tha riaghladh anns na neamhaibh shuas,
‘S do’n Uan air feadh gach ial.

A’ CHRIOCHE.

Correction.—The donation in July Magazine acknowledged by Rev. E. Macqueen, C. F., as “Bible Class, Boston, 65 francs, per R. Macleod,” should have read, we are requested to state, as follows: “Munro Bible Class, Boston, U.S.A., 65 francs, per Messrs. Hector M’Kenzie and John MacIver.”

WHEN the brethren of Joseph wept, the house of Pharaoh heard the weeping. So will the ends of the earth hear the weeping of the Jews when they hear the voice of the Joseph of the New Testament.—Late Rev. A. Stewart, of Cromarty.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice