R I linn dhomh a bhi air chuairt ann an Albainn an samhradh na bliadhna 1800 maile ri Mr. H—a searmonachadh anns gach baile agus Clachan chum an d’thainig sinn; air dhuinn teachd gu baile mor ann an taobh deas na ducha chuir sinn suas aig a phriomh thigh osda. An deigh ar dinnear dh’iarr sinn air fearan-tighe fios a chuir air clagadair* a bhaile, chum s’ gun deanadh e follaiseach gum biodh searmoin ann air an fheasgair sin. ‘An uine aithghear thainig an t osdair le brath nach robh an Clagadair ra fhaotinn. Beagan na dheigh sin thainig e a ris, le fios, gu’m fac e Drumair a bhuinneadh do reiseamaid Shasannaich a bha sa bhaile, sgu’n d’iarr e air dol mun cuairt a thoirt rabhaidh mun tsearmoin, agus gu’n robh an Drumair air falbh a dh’iarraidh cead air a Cheannard. An uine ghoirid thainig an Drumair a steach d’ar seomar. Dh’innis e dhuinn gu’n d’thug a Cheannard cead da, dol troimh n bhaile le fios na searmoine; agus dh’fheoraich e fein dhinn ciod a theireadh e. Thuirt sinn ris innseadh do n luchd aitich, gu’n robh searmoin ri bhi ann am meadhon a bhaile, aig seachd uairean tra feasgair.
An deigh dha falbh chaidh sinne mach a spaidseireachd ri cois na h ainhne a bha ruith sios cul aon do Shraidean a bhaile. Air dhuinn teachd gu aite do’n amhuinn, far nach robh ach balla ard eadar sinn ‘san t’sraid, thug an Drumair darrarach air a dhruma taobh thall a bhalla. Stad sinn a dh’eisdeachd ciod a theireadh e. An deigh dha na dh’iarr sinne air a radh, chaidh e air adhart mar a leanas. “A nis tha dochas agam, a chairdean gun tig sibh uile dh’eisdeachd na searmoine so. Tha n soisgeul ri bhi air a shearmonachadh co saor sged thigeadh e o ‘bhilibh Iosa Criosd fein, oir cha bhi airgiod air a thional. Ho gach neach air am bheil tart, agus esan aig nach eil airgiod, thigibhse chum nan uisgeacha, thigibh ceannuichibh gu’n airgiod agus gu’n luach fion agus baine” (Isa. lv. 1).
* Bellman.
Air cluinntinn na gairme so, sheall sinn air a cheile le mor ioghnadh agus thuit sinn ra cheile gu’m biodh gun teagamh co-thional mor againn—agus as amhuiil a bha. Cha robh saigh-dear a lathair ach an Drumair; a thaobh sgu’n robh an fhaiche fheasgair aig cach ra sheasamh, aig uair na searmoine. Ach an uair a thug a Cheannard cead do’n Drumair dol troimh n bhaile le fios na searmoine, thug e dha mar an ceudna, saorsa dol ga h eisdeachd.
An deigh na searmoin, thug sinn cuireadh do’n Drumair guth a dheanamh oirnn aig an tigh osda. An uair a thainig e thaig Mr. H—da sgillinn Shasunnach dha air son a dhragh. Dh’amhairc e le ioghnadh air son gu’n do thairgeadh duais dha, agus thubhairt e, “Cha ghabh mi airgiod. Tha e co fiachaichte ormsa an soisgeul a chraobh sgaolileadh sa tha e oirbhse. Cha deachaidh mi riabh troimh bhaile le m dhruma le urad do thoilintinn, ‘sa chaidh mi n diugh. Tha sinn a nis nar luidhe n so sè no seachd a sheachdainean, agus cha do thachair aona chriosdaidh orm fathasd sa bhaile so. Air dhuibhse bhi dol a shearmonachadh smuainich mi, “A nis theagamh gu’n iompaich Dia cuid do’n t-slugh leis an tsearmoin so.”
An deigh sin ghuidh sinn air an Drumair e thoirt dhuiinn cunntas air a bheatha. Rinn e sin, gu malta, air bheag, anns a chainnt so a leanas.
“Tha mi nis,” ars esan, “ceithir bliadhna fichead ann an seirbheis an Righ, eidir an camhlach ‘san t arm. Gus o cheann ceithir bliadhna bu mhi creutair a b aingidh a bha n aon seirbheis dhiubh sin. A cheithir bliadhna na taice so, bha ar reisamaid na luidhe ann am baile Hull. Mu’n am sin, bhuaill tromadas intinn iongantach mise. Cha b’ann air son creidimh a thainig e orm. Cha n fhiosrach mi ciod a’b’obhar dha, ach bha mise gu tuagh leis. Feasgar araiddh air dhomh a bhi spaidsearachd feadh reidhlein a bhaile, le m intinn ro mhi-shuaimhneach, thug mi ‘n aire do dh-eaglais air a lasadh suas le solus. Thuig mi o so gu’n robh searmoin ri bhi innte, ach cha leigeadh mo chridhe leam dol a stigh, air eagal gum biodh mo chompanaich a fanoid orm, air son mi dhol a dh’eisdeachd searmoin air la seachdaine. Lub mi mo ghlun air an reidhlein, agus ghuidh mi air Dia misneach a thoirt domh dol do’n eaglais. A nuair a dh’eirich mi, ghrad chaidh mi stigh innte. Bha am ministear a shearmonachadh mu chreidimh ann an Iosa Criosd. Co luath sa rinn mi suidhe, thuit am ministear, “Nan deanadh e ‘m feum bu lugha, do ‘n neach as suaraiche a lathair, rachainn sios as a chrnaig, agus air mo ghlunean ghuidhean air an neach sin creidsinn anns an Tighearna Iosa Criosd.” Air chinnt’ arsa mise rium fein is cuis mhor so, gu’n tigeadh duin’ uasal a nuas as a chrnaig, agus air a ghlunean gu’n cuireadh e iompaidh air Drumair bochd, creidsinn ann an Iosa Criosd. Dhruigh sin, sa chuid eile da shearmoin orm gu trom. Chaidh mi dhachaidh gu’m mhnaoi. Choinnich i mi aig an dorus. “A Shine,” arsa mise, “tha sinn tur ar seachran.
Tha sinn a caitheamh ar beatha mar bhruidean. Cha ‘n aithne dhuinn ni air bith, mu chreidsinn anns an Tighearna Iosa Criosd.” Bronag bhochd! thainig crithuamhain oirse, oir shaoil i gu’n robh mi air dol as mo cheill, “Ach arsa mise,” “A Shine, cha n eil mi air dol a mo cheill, ach thu thusa agus mise a ruith gu sgrios. Tha mi tuigsinn gu’n innis am Biobal dhuinn na h-uile nithe, a bhuinneas do shlainte an anama, ach cha n eil Biobal againn, agus ged a bhiodh cha b’urrainn sinn a leughadh.” “O!” arsa ise, “faodaidh sinn Biobal a cheannach, agus is urrainn ar b’alachan beag a leughadh, ‘s cha ‘n eil e uainn ach da mhile dheug a dh asdar.”
Ciod a thagam air, cuirear fios air a bhalachan, agus ceann-achar Biobal. An uair a thainig e dh’iarr sinn air toiseach aig fir thoiseach an leabhair, agus gabhail direach air adhart gu chrích. Is minic a thug sinn dha dà shuipeir g’à chumail na dhusgadh, chionn bhiodh an leughadh ga fhagail sgith agus cadalach. B’abhaist dhomh eiridh gu moch sa mhadiuinn, a dh’eisdeachd tuille do’n Bhiobal; ach theirinn rium fein, is an-iodchar dhomh mo leanabh a dhusgadh co moch; ‘san sin leiginn uair eile choduil leis. An deigh sin dh’eireadh e, agus shuidheadh a mhathair, ‘is mise le cheille, a dh’eisdeachd ra’r leanabh a leughadh focal beannuichte Dhe. Mu dheireadh dh’fhosgail Dia mo shuilean dalla, a dh’fhaicinn gu’m be Iosa Criosda cheart Slanuighear air an robh mise feumail. Och smi bha sona! Ghabh am balachan air adhart a leughadh, agus ri h-uine be toil an Tighearna suilean dalla mo mhna bochd fhosgladh mar an ceudna air chors gu’m fac’ i ann an Iosa Criosd a cheart sealladh a chunnaic mise. Bha sinn a nise nar teaghlach co sona sa bha eadar da cheann Hull. Chaidh mi n’ sin do n’ sgoil. An ceann beagan mhiosan leughainn cha mhor co math ri m’ mhac. Chuir mi romhan gu’m biodh mo thigh na thigh urnuigh; agus gu’m biodh mo dhorus fosgailte do gach neach leis am b’aill teachd, chum aoradh Dhe. Thug mi fios do’m chompanaich gu’n do thoisich mi ri gairm air ainn an Tighearna, agus ra fhoical a leughadh moch as anmoch, agus gu’m be mo mhiann iadsan a theachd.
“Thainig cuid diubh a dh’fhaotainn spors. An nuair nach deanainn focal fada a leughadh gu fileanta, dheanadh iad uile gaire fanoid; ach an sin smuainichnse agam fein, “Nise o cheann beagan Mhiosan dheanainnse gaire ris na nithean sin, ach, ma dh’fhosglas Dia an suileansa, mar a dh’fhosgail e mo shuileansa, cha dean iad gaire tuille riu.” Ri h-uine, theann cuid diubhsan ri fas smuainteachail, ach chuir ol, agus droch cuid-eachd moran bacadh orra; gidheadh bhuanach aon fhearr diubh díleas agus seasmhach gus an la ‘n diugh.”
A nis a leughadair, dh’innis mi dhuit sgeul an Drumair. Dh’fhaodadh esan a radh le firinn, “air aon ni tha fhios agam, air dhomh bhi dall gu bheil mi nis a faicinn.” Chunnaic e gu’m b’u duine ciontach, neo-ghlan, cailte e fein—gu’n robh e air seachran o Dhia, agus a ruith gu sgrios. Chunnaic e so, agus glac uamhann e, agus dh’iarra e teicheadh on fheirg ri teachd. Ach chunnaic e fos, gu’m be Criosd a cheart Slanuighear air an robh feum aigesan:—gu’n robh feartan eifeachdach na bhas a chum a pheacaidhsan a ghlananadh air falbh, ‘chum a dheanamh reidh ri Dia—agus a chum seilbh a thoirt da air gloir shiorruidh. Chunnaic e so uile anns a Bhiobal. Chreid e ‘n fhianan a thug Dia mu thimchioll a Mhic. Bha e sona. Fhuair e fois da anam ann an teachd a dh’ionnsuidh Criosd. Air ball rinneadh a thigh na thigh urnuigh, dh’aidich e Criosd an lathair dhaoine; dh’iarra e peacaidh eile a philleadh gu Dia; agus ghiulain e fanoid le macantas. Feuch an so buaidh grais! A chairid, an d’thainig caochladh cosmhuil ri so air aghaidh annadsa? Ma thainig, thoirt a ghloir do Dhia a rinn trocair ort. Mar’d thainig, tha thu fathast neo-iompaichte, agus cuimhnich gu bheil e scriobhta, “Mur beirear duine ris cha ‘n urrainn e dol a steach do Riogh-achd Dhe.”
Bu mhat don Drumair gun do ghabh e comhairle a mhinstear. S’iom a h’aon a ghabhadh mar leisgeal nach b’urrainn e leughadh, agus a theireadh, air an aobhar sin, nach deanamh ann Biobal stath sam bith dha. Ach bha ‘n Drumair da rireadh mu’n chuis. Thuig e gu’n robh slainte anna neo-chriochnach luachmhor dha. Cha b’urrainn e fois a ghabhail na inntinn, gus an cluinneadh e, air a shon fein, ciod a dh’fhoillsich Dia anns na scriobtuirean mu thimchioll creidimh anns an Tighearna Iosa Criosd. An nuair a bhios daoine da rireadh mu chuis sam bith, s’ann as iongantach a cheannsaicheas iad gach deacaireachd a chum ruigheachd air am miann. Fhuair an Drumair buaidh air gach deacaireachd. Le buanachadh gu dicheallach ‘sgu foighidneach a’g iarraidh, fhuair e an ni sin a mhiannaich e; agus annsan bha firinn Criosd air a coilionadh, Lucas xi. 9, “Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh agus gheibh sibh; buailibh an dorus agus fosgailear dhuibh.” A leughadair, Am bheil Biobal agad? Ma tha, Ciod am feum a ta thu deanamh dheth? Am bheil thu ga rannsachadh le dicheall agus curam, chum eolas fhaotainn air slighe na slainte? Na’m bheil thu leigeal da luidhe seachad gun fheum sam bith a dheanamh dheth? O thoirt aire, nach eirich am Biobal na fhianuis ad aghaidh anns a bheitheanas chum do dhiteadh, mar neach a rinn dímeas air Slainte Dhe.
Tha ‘m Biobal neo-chriochnach luachmhor. Anns a Bhiobal tha soisgeul glormhor an De bheannuichte—an sgeul aoibhinn air gradh agus trocair Dhe, do shaoghal caillte, air fhoillseachadh. Tha ‘n soisgeul so na dheadh sgeul mhor aoibhneis do ‘n uile shluagh (Lucas ii. 10). Rinn an t-aingéal aithnichte an soisgeul so, anns na briathra a leanas, “Rugadh dhuibh an diubh Slanuighear ann an Cathair Dhaibhidh, neach is e Criosd an Tighearna” (Lucas ii. 11). Se suim an deadh Sgeil, “gur e Iosa an Criosd Mac Dhe” (Eoin xx. 31).—Gu’n “d’fhuing Criosd aon uair airson peacaidh, am firean airson nan neo-fhirean, chum gu’n d’ thugadh e sinne gu Dia” (1 Pead. iii. 18).—Gu’n do “bhasaich Criosd air son nan daoine neo-dhiadhaidh” (Rom. v. 6).—Gu’n “d’ thugadh thairis e airson ar ciontaidh, agus gu’n do thogadh suas a ris e airson ar fireanachadh” (Rom. iv. 25).—Gun do “chuir Dia na shuidhe air a dheas-laimh fein e anns na neamhaidh” (Eph. i. 20).—Gu’n “d’ thugadh dhasan gach uile chumhachd air neamh agus air talamh” (Matt. xxviii. 15). Agus uime sin, gu’m bheil Criosd, “comasach air an droing sin uile thig a dh’ionnsuidh Dhe tridsan, a shlanuchadh gus a chuid as faide” (Heb. vii. 25).—Agus “gu’m faigh gach neach a chreideas ann, maitheanas na’m peacadh, sa bheatha Shiorruidh trid ainm-san.” (Gniomh x. 43; Eoin iii. 16.) So brigh agus suim an deadh Sgeil mhor, aoibhneis, a ta’m Biobhal a foillseachadh do pheacaidh. A Chairidh, an do chreid thusa an Sgeul so? Ma chreid, thuig thu gu’n robh do pheacadh neo-chriochnach mor, agus fuathar an sealladh Dhe? Chionn ma chreid thu ‘n soisgeul; chreid tha gu’n do bhasaich Criosd Mac Dhe airson do pheacaidh. A nis mu bhasaich Criosd—aon naomha Dhe—esan nach d’rinn riamh eucoir—esan a bha neo-chriochnach inbheach, uasal, agus oirdheir, airson do pheacaidh sa, feumaidh gun robh do pheacadh na olc neo-chriochnach mor, graineal, agus fuathar an sealladh Dhe, agus toillteanach air peanas teine shiorruidh. O smuainich air so le cùram. Ma chreid thusa ‘n soisgeul, thuig thu tomhas eiginn do ghradh iongantach Dhe do pheacaidh chaillte. “Is gradh Dia.” “An so ta gradh, cha’n e gu’n do ghradhaich sinne Dia, ach gu’n do ghradhaich esan sinne, agus gu’n do chuir e a Mhac fein gu bhi na iobairt-reitch airson ar peacaidh”—”a chum gu’m bitheamaid beo tridsan” (1 Eoin iv. 10). “Tha Dia a’ moladh a ghraidh fein duinne, do bhrigh an uair a bha sinn fathast ‘nar peacachaibh gu’n d’fhuilg Criosd bas air arson” (Rom. v. 8). “Oir is ann mar sinn a ghradhaich Dia an saoghal, gu’n d’ thug e aon-ghin Mhic fein, chum’s ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach ga’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” “An ti a chreideas ann, cha ditear e: ach an ti nach creid, tha e air dhiteadh cheana, chionn nach do chreid e an ainm aoin-ghin Mhic Dhe” (Eoin iii. 16, 18).