Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1917 » February 1917 » Israel air an Slanachadh leis an Nathair Umha

Israel air an Slanachadh leis an Nathair Umha

“Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhé, agus an aghaidh Mhaois, C’ar son a thug sibh a nios sinn as an Eiphit, gu b’as fhaghail san fhásach? oir cha’n ‘eil aran, no uisge ann, agus tha ar n-anam a’ gabhail gràin do’n aran eutrom so. Agus chuir an Tighearna na thraichean loisgeach am measg an t-sluaigh; agus lot iad an sluagh, agus fhuair mòr slhuagh do Israel b’as. Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsuidh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearn, agus a’t’ aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gu’n toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dean dhuit féin nathair loisgeach, agus cuir i air crann; agus tarlaidh, gach neach a lotar, an uair a dh’amhairceas e oirre, gu mair a beò. Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus tharladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gu’n d’amhairc e air an nathair umha, gu’n d’shan e beò.”— AIREAMH xxi. 5-10.

IS e so an cunntas a ta air a thoirt dhuinn ann am focal Dhé mu mhiorbbuill chomharaichte na nathrach umha: agus cha’n’eil sinn air ar fagail ‘san dorcha do thaobh an èolas a dh’fheudas sinn a tharruing o’n sgeul. Tha sinn air teagasg anns an Tiomnadh Nuaidh mu na breitheanasan aimsireil le Dia air na h-Iudhaich air son an ceannairc, gu’n “do thachair na nithe so uile dhoibhsan mar eisimpleirbh: agus sgiobhadh iad chum teagasg dhuinne.” Agus tha’n t-Abstol a dearbhadh aon d’a chomhairlean le bhi combarrachadh ris a cheart ni so: “Agus na buaireamaide mar a bhuair cuid diubhsan, agus a sgriosadh iad le na thraichibh nimhe. Agus na deanaibh-sa gearan, mar a rinn cuid diubh-san gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair” (I Cor. x. 9, 10).

Ach tha seallaidh eile fathast ‘sam bheil barandas againn gu beachdachadh air a cheann-teagasg so, agus ann an doigh son-ruichte mu’m feud e bhi air a ràdh, dian-smuaineachadh araichd a ghiulan do gach aon dhinn. Anns a chomh luadar a bh’ aig ar Tighearna Iosa Criosd ri Nicodemus, air a chuir sios an Eoin iii. caib.; tha e cuir an ceill gu robh an nathair umha na sambladh air fein, mar air a thogail suas air a chrann-chéusaichd air son slàinte peacaiiche caillte. Beachd-smuainicheamaid air pàirt do na nithe àraichd ‘san feud sinn cosambladh a tharruing eadar an sgàile agus an neach a bh’air a chiallachadh leis, eadar a am fa’lais agus a bhrigh.

I.—Bha’n nathair umha na leighis sàr-fheumail.

I.—Bha’n nathair umha na leighis sàr-fheumail, oir bha lot na nathrach-bàsmhor, agus mu’n d’orduich Dia am meadhon so do’n saorsinn, “fhuair mor-shluagh do Israel bàs.” Nach robh sinn ullamh gu bàs fhajghinn ‘nur a thug gàirdean Criosd slàinte? Nach robh sinn a’ dol sios do’n t-slochd, ‘nur a “fhuair Dia an eiric so?” Air dhuinn bhi buailteach do dhiomb’ an uile-chumhachdaich fhulang gu sioruidh, mur b’e gu’n d’thainig am Fear-Saoraichd gràsmhor so “a dh’arraichd agus a thearnadh an ni sin a bha caillte.” An so gu deimhin feudaichd sinn an ràdh sin a chleachdadh “Is e cruaidh-chàs an duine cothrom Dhia.”

II.—Bha i na cungaidh-leighis air a h-ulluchadh le Dia.

II.—Bha i na cungaidh-leighis air a h-ulluchadh le Dia. Cha robh a’ m Maois ach am fear frithealaichd. Agus do thaobh slighe na slàinte air ulluchadh an Iosa Criosd air son duine caillte, nach fhead sinn a ràdh, “Co aig an robh fios intinn an Tighearna, no co bu chomhairleach dha?” Ciod an gliocas, ach na tha gabhail comhnuidh an Iehobhah, a b’urrainn slighe fhajghinn a mach anns an coinnicheadh tròcair agus firinn an slàinte an duine, “anns am biodh Dia cothromach, agus a’ firinneachadh an ti a chreideas ann an Iosa.”

III.—Cha robh ach aon ìoc-shlàint air son a champa uile.

III.—Cha robh ach aon ìoc-shlàint air son a champa uile. Bha e na dhoigh leigheas freagarrach agus uil’fhoghainteach; ach dh’feumadh iadsan a bh’air an lotadh gu geur, agus iadsan a dh’fhuingh beagan a réir coimeis, amharc ris an neach cheudna air son leighis. Direach mar sin “cha’n’eil ainn air bith eile fo neamh,” ach ainn Iosa, “air a thoirt am meag dhaoinne, tre am feud sinn bhi air ar tearnadh, agus cha’n’eil slàinte ann an neach air bith eile.” Cha’n’eil ach aon doigh sàbhaladh dhoibhsan a ta ann an coimeis math, agus air son a pheacaich a’s mo. Tha Iosa “comasach air an dream a thig a dh’ionnsuidh Dhe trid-san a thearnadh gu h-iomlan,” agus as eugmhais-san cha’n’eil slàinte air son neach air bith.

IV.—Bha’ chungaidh-leighis so neo-fhailneach.

IV.—Bha’ chungaidh-leighis so neo-fhailneach—”Agus tharladh na’n lotadh nathair duine sam bith, ‘nuair a dh’amhairceadh e air an nathair umha, dh’fhanadh e beò.”—Co a sheall air Iosa riamh gunfhaighinn “comasach gu tearnadh?”—Co e am peacach a “dh’earb as, agus air an robh nàire?”—Cha robb a h-aon; oir tha e sgrìobhta, “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n d’thug e ‘aon-ghin Mhic fein, chum as ge b’e neach a chreideas ann nach sgrìosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.”

V.—Bha na h-Israelich leònta air an leighis le bhi ag amharc air an nathair umha.

V.—Bha na h-Israelich leònta air an leighis le bhi ag amharc air an nathair umha.—Agus tha peacach air an sàbhaladh, cha’n ann le oibrbh air bith ac’ fein, ach le bhi creidsinn anns an Tighearn’ Iosa Criisd.—’Se a’ chuireadh gràsmhor “Seallaibh riumsa, agus bithibh air bhur tearnadh; uile iomalla na tal-mhainn.—Feuch Uan Dhe, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Tha slàinte air a gealladh “do’n ti nach dean obair, ach a ta creidsinn anns an Ti a dh’fhireanaicheas an duine mi-dhiadhaidh, measar a chreidimh mar fhireantachd” (Rom. iv. 5). Dh’ullaich Dia leis a so air son tearuinteachd a chreidmhich, gidheadh cha d’fhag e rùm air bith dha chum uaill a dheanamh. Tha bhuanachd uile aig peacach; feumaidh a ghloir uile a bhi aig Dia.—A Leughadair ghràdach, leig leam feòrach dhiot, Am bheil so toirt oibheum dhuit?—Am bheil teagasg na slàinte tre Iosa, agus sin le creidimh ann, tuille is simplidh agus iriosal air do shon?—Am bheil do chridhe a deanamh ceannairc aig smuain a bhi faighinn tròcair agus tiodhlac saor “gun airdiod, agus gun luach?”—O na bithibh a cogadh an aghaidh bhur tròcairean fein. Na leigibh le clach-chinn na h-oisinn priseil so bhi dhuibh na “clach-thuislidh agus carraig oibheim,” ach an àite sin deanaibh gairdeachas a chionn gu’n d’ullaich Dia slighe slàinte cho glòrmhor dha fein, agus cho do-labhairt beannaicht dhunne.

VI.—Bha’n nathair umha air a togail suas air crann anns a champa.

VI.—Bha’n nathair umha air a togail suas air crann anns a champa, chum gu’m biodh a chungaidh-leighis an taobh a stigh ruigheachd na h-uile neach.—Mar so bha’ Iosa air a thogail suas air a chrann-cheusaidh, agus a ta e fathast air fhoillseachadh ann an t-soisgeul searmonichte do na h-uile creutair. (Marc. xvi. 16.) Dh’fheudadh nach biodh tuigse comh-ionnan soilleir do’n nathair umha aig na h-uile aon ann an campa Israel; gidheadh, fhuair-eadh i na leighis eifeachdach leis na h-uile aon a dh’amhairc g’a h’ionnsuidh, ged a dh’fheudadh astar agus nithe eile an leirsinn a dheanamh neo-shoilleir.—Tha’n creidimh is anfhann, ma tha Criisd aige air son a chuspair, gu do-mheas luachmhor. Beann-aichte gu robh Dia, cha’n e ar creidimh cion-fath cliutach ar slàinte, ach na tha ar creidimh a faotainn agus air am bheil e ag earbsa, eadhon fireantachd neo-thruailidh agus reite neo-chrioch-nach an Tighearn Iosa Criisd. Air a sgàthsan tha Dia air a dheanamh reidh ri peacach. Tha sinn air an n-aonadh ann a Mhac gràdach. (Eph. i. 6.) Ach gu’n d’thoir sinn gloir de Dhia agus gu’m buanaich sinn chum na crìche, tha feum againn a ghlaodhach do ghnàth, “A Thighearn, meudaich ar creideamh.”

VII.—Ann an cor Israelach air a lot.

VII.—Ann an cor Israelach air a lot, dh’fheumadh a shealltainn ris an nathair umha bhi gu h-ealamh. Bha moille uamhasach cunnartach. Agus ciod a their sinn riubhsan, air dhoibh rabhadh fhaighinn gu teichidh o’n fheirg a ta gu teachd, gus an dòchas air a chuir fa’n comhair anns an t-soisgeul, a labhras mu “am ni’s cothromaiche?” O cealgaireachd a pheacaidh! Is maith a dh’fheudas Fear Sgrùdaidh spioradaibh cridhe an duine a ràdh gu bheil e “cealgach thar na h-uile nithe, agus aingidh.” Ciod! Am bheil cuing chraichteach a pheacadh agus Shàtain co mianach is gu bheil iad neo-thoileach a bhi air an saoradh uatha? Am bheil e tuille’s luath dhoibh a bhi air am beannachadh? C’arson uime sin, a tha iad ag ràdh, a’màireach, ‘nuair a ta Dia ag ràdh, “An diugh, ma chluinneas sibh mo ghuth, na cruaidhichibh bhr cridhe.” Iarraibh an Tighearn an feadh a ta e r’a fhaotainn”; air eagal gu’mionnaich e ‘na fheirg, “cha teid iad a steach dom’ shuaimhneis.”

VIII.—Cha robh meadhon leigheis air bith eile air son Israel-aich a bha air a lotadh an dara uair.

VIII.—Cha robh meadhon leigheis air bith eile air son Israel-aich a bha air a lotadh an dara uair, ach na thug lasachadh dha an toiseach.

An do pheacaich gin air bith agus an do thuit e’n eusontas on a b’aithne dha an fhirinn? Pheacaich sinn uile a bhràithribh. Gu’n d’thoir an Tighearn dhuinn mothuchadh ni’s doimhne do’r n-eusontais, agus gu’n d’thoir e oirnn, aithreachas a dheanamh agus gràin a gabbail dhinn fein ann an duslach agus an luathre, oir, gu deimhin tha e na ni olc agus searbh Dia a threigisinn. Ach na leigibh leinn tuiteam ann an eu-dochas.—”Tha dochas aig Israel a thaobh an ni so.”—”Ma pheacaichess neach air bith tha fear-tagraidh againn maile ris an Athair, Iosa Criosd am firean.”—”Is esan an iobairt-reitich air son ar peacanna.”—Leigeadh leinn ath-philleadh gus an leighas so, agus chi sinn gu bheil “fhuil-san fathast a glanadh o gach uile peacadh.”

Dh’fheudadh nithe àraidh eile a bhi air an ainmeachadh sam b’urradh dhuinn slàinte Chriosd leanachd suas ‘sa chunntais air a thoirt dhuinn do’n t samhladh riochdmhor so; ach, theagamh, gu’m bi e ni’s tarbhaiche dhuiinn a chuis a thoirt ni’s fhaigse dhuinn fein, agus beachd-smuaineachadh air an steigh-teagasg le càradh pearsanta do’r cor fein. Leig leam uime sin, a Leugh-adair ghràdhaich, fharaid, Am bheil thu faireachdainn an lot? Am bheil fhios agad gu bheil thu air do lotadh, agus gu’r e bàs a leanas. No gu labhairt ni’s soilleir; Am bheil thu faireachdainn gu bheil thu a’d’ pheacach, a’d’ chiontach do lagh Dhia fior agus naomh, agus gu bheil thu air son d’eusontais buailteach do’n bhinn uamhasaich do sgrios sioruidh ‘san àite sin far nach d’thig dochas a chaoi dh, “far nach bàsaich a chnuimh, a’s nach teid an teine as?” Cia uamhasach a dh’fheumadh cuis Israelaich a bhi a dh’fhanadh, neo-fhaireachail d’a chunnart, am feadh bha nimh na nathrach caitheamh a bhuill; ach is eagallaich gu mor do staid, ma tha thu aineolach do’d chor mar pheacach, agus do’n ditidh do’m bheil thu buailteach le t-easumhlachd. “An t-anam a chiontaicheas, gheibh e bas.” Cha’n’eil dearbhadh peacaidh a treorachadh a pheacach gu trocair, ach is tric tha e na mheadhon gu trocair a chliuthachadh do’n pheacach.

Leig leam a nis fheorachadh ni’s fhaide, An aithne dhuit an ioc-shlaint? An d’fhuair thu slainte agus sabbhaladh do t-anam ciontach agus leonta ann an eiric uil’-fhoghainteach an Tighearn’ Iosa Criosd? An d’ionnsuich thu le fiosrachadh ciod is ciall do na fochlai bh priseil sin, “Le a bhuillibhsan tha sinn air ar tearnadh?” An do threig thu na h-uile bun-earbsa fallsa, agus an do theich thu chum didean do’n dochas air a chuir romhad ‘san t-soisgeul, an dochas maith so nach cuirear gu naire? An e Criosd agus a shlaint na h-uile ris am bheil thus’ ag amhairc, air son teammunn o fheirg toilltinneach, air son deadh-ghean an lathair Dhia, agus air son na beatha maireannaich? Agus am bheil an gràdh so gad’ cho-eiginneachadh “chum thu fein a thoirt dhasan, mar dhream a ta beò e na marbhaibh, agus do bhuill ‘nan armaibh fireantachd do Dhia?”

‘Nan diultadh aon air bith do na h-Israelaich leònta an doigh leighis so, air a dhealbh le gliocais Dhia, agus air a shuidheachadh le a throcair air son an slainte agus an sàbhaladh—dh’fheumadh e bhi gu’m b’e am bàs buil cinnteach dhoibh e—agus feùdar a ràdh umpasan nach gabh ri teachdaireachd na tròcair, air a chur sios anns an t-soisgeul gu bheil iad a cur an lamh-sgriobhaidh ri barrandas am bàis fein, agus “gur e am binn orra fein nach airidh iad air a’ bheatha mhaireannaich.” Tha e na ni eagallach tàir a dheanamh air mòralachd—teicheadh fathast air son didean g’a tròcair, o bhuaidean uamhasach an Dia a’s àirde: ach cha’n’eil teammunn air bith air fhagail acasan, eadhon ann am foirfe diadhachd, a pheacaicheas an aghaidh a throcair, le bhi diultadh an aon amar tre’n urradh dha a mhain ruith a dh’ionnsuidh na’n ciontach. Tha so gu deimhin ‘na pheacadh an aghaidh na h-iocshlaint. Arson an leithidibh “cha’n fhagar ach dùil eagallach ri breitheanas, agus farg thèinnteach, a sgriosas na h-eascairdean; oir cionnus a theid sinne as, ma ni sinn dìmeas air slainte co mor?”

Beannaichte gu robh Dia, cha deach a bhinn fathast a thoirt a mach oirnn. Tha guth tròcair fathast a seirm ‘nar cluasaibh—”Tha àite falamh ann fathast—Ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.—Eisdibh agus mairidh bhur n-anam beò.—Creidibh ‘san Tighearn Iosa Criosd, agus bithidh sibh air bhur sàbhaladh.”

Bha eifeachd an teagaig so gu bitheanta soilleir, ach theagamh nach robh e ann an seòl ni’s comharrachte no ann an cuis ciontaich a bh’air a chrochadh an Duneidin an 1785. Mu thri seachdanan roimh àm a chrochadh, chaidh duin’ uasal g’a fhaicinn, agus fhuair se e ann an sàruchadh inntinn mu’n doigh anns an sealbaichidh e fabhar Dhia. Dh’innis e dha gu’m faca na h-uiread e, agus sheòl iad e bhi saoithreachadh le Dia chum ‘sgu’m faigheadh e tròcair; ag aithneadh cleachdaidhean eagsamhuil nach robh do dh’eifeachd maith air bith fathast; oir ged’ a bha e toileach ni air bith a dheanamh, gidheadh fhuair e a dheuchainnean uile neo-eifeachdach chum sith a thabbhairt d’a inntinn thrioblaidich. Leig an duin’ uasal fhaicinn dha, o fhocal Dhe, gu’n robh an obair a dh’fhirean-aicheas a mi-dhiadhaidh air a criochnachadh cheana le Iosa Criosd, agus gu bheil Dia lan-toilichte ann, a dh’fhoillsich e gu h-iomlan le a thogail suas o na marbhaibh; agus dh’iarr e air a smuaineachadh, gu robh e comb-ionnan faoin, agus ciontaich, a dh’fheuchainn obair a dheanadh a bha criochaichte gu foirfe le Mac Dhe, no a dh’fheuchainn le ni air bith a b’urradh dha fein a dheanamh, Iehobbah a dheanamh reidh, do bhrigh gu bheil e deadh-thoilichte cheana anns na ‘rinn an Slànuighear. Leig e fhaicinn dha an rathad, anns am bheil na ciontaich air an cuir fo smuain anns an obair chriochaichte so, le “bhi creidsinn ann an Dia dh’fhirean-aicheas an duine mi-dhiadhaidh”; agus mhinich e gu sonruicht folaibh Criosd air an steigteagaig chudthromach so, “Agus mar a thog Maois suas an nathair san fhàsach, is ann mar sin is eigin do Mhac an duine bhi air a thogail suas, chum as ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha mhaireannach aige.” Leig e fhaicinn dha gu bheil gach aon ‘nan luchdbrisdh air lagh Dhe; gu robh esan fein, mu’n robh e air a dhteadh le lagh dhaoine, fo a mhallachadh eagallach; agus gu robh an ioc-shlaint uile-chumbachdach freagarrach do gach uile sheorsa pheacach, a chionn gu’n d’thainig Iosa Criosd chum bàs fhaotainn air son na cinn fheadhna; Chomharaich e mach aig an aon am iomad samhladh do a leithid a fhuair tròcair, mar, am boirionnach a bha na peacach (Luc. viii. 37, gus an deireadh), Zaccheus (Luc. xix. 1, 11), an gaduiche air a chroich (Luc. xxiii. 39, 44), na h-Iudhaich (Gniomh ii. 44), na Corintiannaich (1 Cor. vi. 11), fear-coimhead a phriosan aig Philippi (Gniomh xvi. 23, 35), agus Pòl (1 Tim. i. 15, 16).

Dhealruich a ghnuis am feadh a bha e fathast a labhairt; mu’n d’fhag se e, dhinnis e dha gu’n b’urradh dha a muinghin a shuidheadachadh anns na bh’air a chuir roimhe; Agus an ath-latha fhuair se e sona agus aoibhneach, a cuir a dhòchas ann an obair criochaicht’ Iosa. Beagan laithean an deigh sin chunncas e le dthis pearsa, d’an d’innis e gu’m faca na h-uiread e, agus gu’n do chomharaich feadhon dhiubh mach rathad air son faighinn gu Dia, le bhi’gurnuigh a silidh deuraibh, le bhi deanamh a dhichioll gu Criosd a ghabhail: Agus thug iad misnich dha buannachadh ann an leithid so do ghniomharan, agus thubhairt iad, gu’m faigheadh e anns an doigh so sith ri Dia, agus gu faigheadh e fagus dha. Dh’fheuch e na h-uile meadhon a chomharaich iad mach, chum ‘sgu’m faigheadh e sith, “ach” thubhairt a “dh’fheudadh iad co maith iarraidh orm am bior-greasaidh iarunn so itheadh, oir fhuair mi mi fein fathast co fad o Dha agus a shith sa bha mi riama: agus ‘nan d’fhan mi ‘san rathad so, chriocnaicheadh e an eu-dochas, agus an call mo reuson.” Ach bha e taitneach do Dia gu’n d’thainig duin’ uasal g’am ionnsuidh, agus ‘nur a dh’innis mi dha ciod a bha mi deanamh, agus an amhgar anns an robh mi, dh’innis e dhomb nach b’urradh dhomb sólas air bith fhaighinn san doigh sin, oir chriocnaich Criosd air a chrann-cheusaidh an obair sin a mhàin a ‘burradh mo shàbhaladh; agus gu’m faighinn sith ri Dia, agus nach b’urradh dhomh fhaighinn ach le so a chreidsinn. Chomhbarraich e mach earrearrannan de’n Sgriobtuir, agus dh’iarr e orm aire a thoirt do na tha focal De a foillseachadh, agus na h-uile ni a ta na aghaidh a dhiultadh. Agus a nis bheachd-smuainich mi air na nithe sin, agus fhuair mi iad direach mar a dh’aithris e iad; Tha mi faicinn, gur ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n d’thug e ‘aon-ghin Mhic fein, chum as g’ b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige: Agus o na chreid mi so, tha mi gu tur air matharrachadh; tha mi sona nis, ‘surradh dhomh teachd am fagus do Dhia a nis; ‘surradh dhomh ùrnuigh a dheanamid ris le taitneas; tha mo chridhe eutrom a nis, oir tha mi faireachdainn an uallach sin a shaoil leam a chuireadh fuidhe mi air a thoir air falbh gu siorruidh; tha na h-uile ni ùr dhomh, tha mi cuir seachad na h-oidhche gu socrach, agus gu deimhin cha’n urradh dhomh innsidh dhuit a’ modh a ta mi mothachainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice