By the late Mrs. D. Campbell, Skye.
O SHLANAIGHIR nam beannachd!
Na fag mise an drasd.
Gu’n teid mi thar an amhainn,
Far am bi mi slàn.
Ged tha an amhainn ‘na h-uamhas
Le tonnan uaibhreach ard,
‘S minig a thug Thu buaidh.
Nuair a b’ uaibhreach bhiodh an sàl.
Nuair a sheall mi air a chladach,
‘S mise bha ‘sa chàs.
Gur e bh’ agam anns an t-sealladh,
Mo bheatha chuir ‘san dail.
Ach thainig ni ‘na mo shealladh
Dealaithe bho mar bha.
Nach cuireadh an cuan am folach
Na bha annamsa an tamh.
Ach chonnich ruimsa feasgar sona
Thug mi as an t-sas,
Gun bhi lathair ach an t-anam,
‘Sgaol bho Fear mo ghraidh.
Sud am focal ‘san robh an eifeachd
Air a sheulachadh le gràs,
Nuair a labhair Thu le d’ bheul e,
Chaidh na h-Eiphitieh nan tamh.
Nuair a shaoil mi gu’n do dh’ eug iad,
Is nach eireadh iad gu bràth.
‘Sann a chual mi iad ag éigheach
Nach robh eifeachd ‘na do bhas.
Nuair a shaoil mi air mo chluasaig
Bhi gu suaimeach agus slàn
‘Sann a chuala mi an n’uir sin,
Beuchaich ‘s fuaim nan tonnan ard.
Nuair a thainig an tonn le uamhas
‘Us a bhuail e air mo shàil
Thug e mach gu druim a chuain mi
Far nach deanain grund no snamh.
Nuair bha mi air mo luasgadh,
Air a’ chuan ‘s mi fad bho thraigh,
C’ aite an nis am bheil a’ chluasag,
Air an d’ fhuair mi iomadh tamh?
Tonn bu truime a bhuiu riadh rium,
Ann a riaghladh beatha na bàs,
‘Se an toibheum rinn mo phianadh,
Air an Dia d’ an d’ thug mi gradh.
Nuair a labhradh iad a mach iad,
Gure mise bhiod ‘sa chàs,
Chuireadh iad mi ‘na mo chabhaig,
Mar an lasair ri mo shail.
‘S iomadh la bha mi ial
Ged nach innsinn e do chàch
Nuair a sheallain oirre na miltean
‘S mi nam shineadh aig an sàil.
‘S iomadh ni a dh’ fbag mi ciurte
Anns a’ ghruid a’ gabhail tamh.
Cha mhor nach d’ rinn mi co-dhunadh,
Gu’n do dhuilt Thu dhomh do lamh.
‘S iomadh la bha mi teagamhach,
‘S gun a bheag agam ri radh,
Ach mar gu bithinn air oir creige,
No air sgeir mu ‘m biodh an làn.
‘Se Do chlann-sa clann a’ bhroin,
Nuair nach bi an dochus lan,
Cha chuir iad an lamh nam pòca,
‘S ann tha ‘n stòr aca gu h-ard.
‘S mise dhuraichdeadh mo grádh Dhuit
Cha b’e pairt de ach gu leor,
Ach cha n’ urrainn mi bhi dana,
Tha mo ghraínlaichd cho mòr.
Cha ‘n e airgoid ‘s cha’n e òr
Th’ anns a stòr tha gu h-ard
Cha bhuin na nithean sin dhomh-sa,
Ach mar sheolair mi le d’ ghras.
‘S Cha ‘n eil anam ann an sàs,
Le do ghras mu bheir Thu beo.
Nach eil agad focal failte
‘S bheir Thu dha e mar le poig.
‘S ged tha mi ‘na mo chrionaich
B’e mo mhiann a bhi na bh’fhearr
Ach tha mo smuaintean cho diombain
‘S nach cuir rian orra ach do ghras.
‘S iomadh lá bha ma doilich,
Is mi ullamh gus a radh,
Nach biodh a h-aon cho dubh rium.
Ach an Uilebheist a mhain.
‘S minie choinnich Thu ri m’anam.
Mar gu’n tionndaidhinn mo lamh,
‘S bhiodh a’ mhionaid sin cho cùraidh
Ris na h-ubhlan do mo chail.
‘S ged a gheibhinn tomhas slainte,
Le fabhar an tìr nam beo,
Bh’fhearr leam bhi air mo leabaoidh
Nam b’e sin bhiodh chum Do ghloir.
Sud am bas san robh an eiseachd,
Nuair a dh’ eirich Thu an aird,
Gun spot’ chuir air do naombachd,
Gu àr saoradh bho gach plaigh.
WORDS are but the body, the garment, the outside of prayer; sighs are nearer the heart work. A dumb beggar getteth an alms at Christ’s gate, even by making signs, when his tongue can not plead for him; and the rather because he is dumb. Tears have a tongue and grammar and language that our Father knoweth.—
Samuel Rutherford.