AIR maduinn bheagha shamhraiddh dh’fhag mi tigh caraidd a bha chomhnuidh dlu do iochdar na Beinne mu-Thuath ann a’ mor gheleann Virginia, agus mharcaich mi do ‘n duthaich air son mo shlainte.
‘N uair a dh’fhag mi ‘chuid bu tiorail de’n fhearann mharcaich mi an cois sruthain re mhillean gun urrad a’s tigh fhaicinn. Mu-dheireadh mhothaich mi do dhuine=dubh aosda goirid do chrioich a ghlinne, agus do iochdar na beinne, ‘s e gu dian ri h-obair na chroiteig. Bha ‘cheann air liathadh le h-aos, agus chitheadh neach leis na preasaibh a bha na aghaidh agus an cromadh a bha na sblinneimibh gu ‘m fac e iomadh bliadhna, agus gu’n d’ thainig e troimh iomadh cruaidh-chas.
Bha aighear orm, an deigh cuairt co aonaranach, creutair fhaicinn ris am feudain conaltradh. Thainig mi uime-sin bhar m’ eich agus labhair mi ris mar a leanas.
“A sheann duine, tha thu ’reir coltais, a’ giulan a mhallachd a chuireadh an ceil air an duine air dha tuiteam ; a’ cosnadh t-arin le fallus do mhaladh.” “Ah ! Mhassa,” ars’ esan, ’s e tiormachadh an fhalluis bhar eudain, “cha ’n ’eil fath gearainn agum, tha iomadh beannachadh fathast ann, tha Iosa Críosd agus a shoiseul ann, agus ’s e sin na h-uile do Mhaois bochd.”
“Tha thu air do dhruideadh a mach on t-saoghail anns an ait iomalach-so, cha saoilin gu ’m biodh iomadh buaireadh agad ri cur na ’n aghaidh?”
“Ah ! Mhassa,” ars’ esan, “cia be taobh a theid mi, tha’n droch cridhe sa ga m’ leantain,” ’s e ’cur a laimhe r’a bhroilleach, “agus ’s e so an dorus air am bheil an saoghail a tighin a steach ; Tha agam ri h-urnuigh a dheanamh an aghaidh an t-saoghail gach feasgar agus maduinn, agus ri cogadh na aghaidh re an latha. Is co furasda leis an diabhol na beanntaibh-so dhireadh a’s ait air bith eile or ’s ann air sliabh tha fios agaibh a bhuair e ar Slanu’ear.”
“Mo dheadh charaid aosda,” ars’ mise, tha thu ’reir coltais, fada t-fhear cuairt a chum na ducha neamhaidh?”
“Tha dearbhadh da fhichead bliadh’ agam,” ars’ esan, “air matheas an Tighearna do m’ thaobh, agus nach gluaisear gu brath esan a chuireas a dochas anns an T-slanu’ear.”
“Ach am bheil thu uair air bith air do bhuaireadh a chum an Slanu’ear a threigsinn?”
“Tha fios agam gu’m bheil mo chridhe ro-chealgach, agus tha Satan ri faire chum seann Mhaois a thoirt a thaoibh, ach tha mo maighstir air neamh ag radh, ‘Is an le gras a ta sibh air bhuair tearnadh, tre chreidimh ; agus cha ’n ann uaibh fein ; is e tiobhlac Dhe e.’ Is e so mo dochas, esan a thoiscin an deadh obair gu’n, croichnaich se i. ’Nuair a chuireas sibh fein siol cha leig sibh le eunlaith ’n athair itheadh, no le feur agus luibheannach a mhilleadh : mar sin ’nuair a chuireas Dia an siol Maith ann an cridhe pheacaich cha leig e leis dol a’ mugha.”
“Tha thu ’g radh gu’m bheil thu air uairibh air do bhuaireadh?” Tha Mhassa, thig an diabhol an drasd’ agus a ris agus their e rium. “A Mhaois, is cruidh am Maighstir do m’ bheil thu deanamh seirbhís, tha e ’cur tinnéis agus bochdúinn agus amhghair chugad, agus tha e ’cur na cuileig a mhilleadh do chruthneachd.” Ach their mise, cha chruaidh e, oir bhuail e aig dorus mo chridhe, agus ’nuair nach leigin a stigh e, bhuail e ris, agus a ris, gus am b’ eigin domh fosgladh agus riann uaithe sin fhuair mi e na mhaighstir maith. ’Nuair a bha mo chridhe briste cheangail e suas e ; ’n nair a bha mi tinn thainig e gu taobh mo leapach, ghiulain e le m’ pheacaidhibh, cha do threig e mi ge d’ bha mi bochd, agus aosda, agus fuar-chridheach ; agus ni ’s mo na so uile, dh’ fhuilling e ’m bas air son anna Mhaois bhochd. Oh ! cha chruaidh idir am Maighstir e, cha chruaidh, cha chruaidh : ged bheireadh e uam mo bhean ’s mo chlann, ged loisgeadh e mo thigh o ’s mo cheann, ’s ged’ chradh e mi air leab euslaint, gabham an smachdachadh o’ laimh chaoimh, fathast bhiream gradh dha, agus abram gu ‘r h-ann a chum mo mhaith a rinn e uile e.”
‘Nuair a sguir e do labhairt chite na deoir a’ ruith sios le ghruidhbihb ; cha b’ urra mi gun a radh rium fein, ciod nach d’ thugain air son an leithide so do dheoir, air son a leithid do ghradh neamhaidh agus do thangealachd ‘s a tha ‘n cridh’ an duine-dhuibh aosda so?
“Am bheil eaglais agaibh ‘s an aite so?” “Tha,” ars’ esan, agus air dha an t-ait an robh i chomhtharrachadh a mach, ars’ esan, “Air uairbh, a dol do ‘n eaglais, tha mo chridhe fuar agus marbh, ach ‘n uair a thoischeas am ministeir ri dheadh shearmoin, fasaidh m’ anam subhach ; an sin is searmoin am Biobul—is searmoin a choillteach—is searmoin gach cuspair do Mhaois, agus ged bhios mo lamh anns a chrann-treabhaiddh so, b’ d’ dh m’ anam air neamh.
“Tha mi tuigsinn gu ‘m bheil Biobull agad.” Tha, ars’ esan “tha deich bhliadhna fichead o na dhionnsuidh mi leughadh agus a nis, an t-sabaid a bhios fluich tha mi fuireach aig an tigh a leughadh, a seinn cliu, agus ri h-urnuigh ; agus tha mi faireach-dunn nach ‘eil e idir ea-comasach gu ‘n d’thigeadh Iosa Críosd do sheann bhothan Mhaois bhochd.”
Bha e nis a fas gu maith anmoch, agus o bha agam ri sealltainn an deigh ni no dha eile, ghabh mi mo chead do ‘n t-seann duine, an lan dochas gu ‘n coinnicheamaid a cheile air neamh.
Dh’ fhoghlum mi na dheigh so gu ‘n robh e fior mhionaideach ann ‘bhi ‘g eisdeachd an Fhocail, agus gu ‘n robh e na eisimpleir do ‘n choi’ thional uile air son a crabhaidh, agus a choludair diadhaiddh. Air an ath shabaid chaidh mi do ‘n choimhearsnachd a dheisdeachd searmoin agus ma ‘n robh mi ach goirid a stigh co chunn’cas ach seann Mhaois na shuidhe na’ aite. Re a chuid bu sprachdaile agus bu druidhtiche do ‘n t-searmoin, bha Maois ma ‘r gum biodh ‘uile anam na ghnuis, ‘s e gu samhach a beathachadh air na geallana. ‘S an fheasgar chaidh sinn gu coinneamh urnuigh, sgus (ge d’ bha e cail-eigin an aghaidh cleachdaibh) thug mi air a mhinnistir iarradh air Maois urnuigh ‘dheanamh : ma rinn ‘s gann gun cuala mi riamh a leithid, co tla, agus co deas-chainnteach ; cha robh a bhrithra’ ro dhomhain, ach bha e co durachadh ‘s gu ‘n do leagh mo chridhe ! Bu liosdachd írosal da rireadh ‘urnuigh ; shaoileadh neach gu ‘n robh gach aon again a faireachd-ain lathaireachd an Uile-chumhachdaich. Bha a ghuth tla agus tiamhaidd mar a chridhe ; agus ‘nuair a sguir e, ‘arleam gu ‘n d’ thugain m’ fhoglum agus m’ uile shaibhreas saoghalta air son a bhi co írosal, co crabhach, agus co fagas do neamh ris an t-seann duine bhochd so.
Is i so, a leughadair sgeul aon-fhillte agus druidhteach Mhaois bhochd chrabhaich. Nach ‘eil i nochdadh cumhachd beannaichte creideamh naomha sin an Tighearn’ Iosa Críosd mar a ta e air a chur an ceil ann am focal De, agus air a leigeadh ris do ‘anam gach neach a chreideas, agus a ghluaiseas d’a reir; Nach ‘eil i nochdadh nach ‘eil speis aig Dia do phearsa seach a cheile?
Ach thoir fainear; cha leoir e gum bheil thu toilichte leis an sgeul, agus a toirt creideis d’ i, feamaidh gu’n ruig i do chaithe-beatha, faic mar dhruidh i air inntinn-san a chual an tus i agus a chraobh-sgaoil i; Ciod an drudadh a rinn i ortsa? “Theagamh gum bheil do staid ‘s a bheatha so eadar-dhealaichte o ‘staid an duine bhochd-sa, ach do thaobh lagha Dhe tha thu ceart co ciontach ri mac dubh so Africa, agus ceart co feumach air an trocair a fhuair esan, agus a bha co luachmhor na shuilibh. Ma “theich thu ‘chum didein gu greim a dheanamh air an dochas a chuireadh romhad,” cha ‘n urra’ nach do bhlais thu cuid do sholasaihb an t-soisgeil. Ma rinn thu gus a so dearmad, no dimeas air tairgse na trocair, freagrath do choguis a cheisd chudthromach so: “Cionnas a theid sinne as, ma ni sinn dimeas air slainte co mor?” Feudaidh tu bas agus uile ghloir an t-saoghail shiorruidh ‘fhuadach o t-intinn, ach tha e dearbh-chinntheach gu’m bheil am suidhichte araid am fagus a sgarras tu o’n t-saoghal. Ma dh’fhagas tu do chorp a d’ dheidh ‘s an gu lobhadh agus gu dol na uir; agus cia air bith co goalach ‘s a bha iadsan a bhios beo na d’ dheidh umad, cha ‘n fhada gus am feum iad t-adhlac a mach as an sealladh! Ach air t-anam neobhasmhor cha ‘n ‘eil cumhachd aig a Bhas: ‘s eigin dha “pilleadh a chum Dhe a thug uaithe e,” agus do reir ‘s mar ‘ghabh thusa ri trocair, no mar chuir thu cul rithe, b’adh tu sonadh no truagh fad saoghal nan saoghal.
Cia h-eadar-dhealaichte a mheasar muinntir ‘s an ath shaoghal, on mhodh air am bheil iad, air a chuid is mo, air am meas air talamh! ‘s iomadh aon (muinntir aig am bheil tuille speis do thoil na feola no ‘tha aca do Dhia) is gann a labhradh ri leithid Mhaois bhochd, gidheadh air la mor agus uamhasach a Chuntuis cia h-atharachte an sealladh, ‘nuair a chi iad e air deas-laimh a Bhreithreamh chothromaich, agus Uile-chumbachdaich, agus air fhailteachadh a steach do fhlaitheanas De, agus iad fein air an druideadh a mach, leis a bhinn so, “Imichibh uam, a luchd deanamh na h-eacorach.”
Ach cia tric, eadhon anns a bheatha so fein a ta am peacach mi-churamach na shineadh air leab’ easlaint, no theagamh, air leaba bais; agus O! cia faoin agus neo-nitheach an sin a sheallas gach ni talmhuidh: agus cia cudthromach, cudthromach na nithe a bhuineas do shiorrui’eachd!
Gu’n deonaicheadh Dia, gu’n lean gach neach a leughas an cuntas so air eifeachd creideamh Chriosd eisimpleir an duine bhochd dhiadhadh so: gu’n gabhadh iad ris an T-slanui’ear ris na ghabh esan, gu’n cuireadh iad an dochas ann, agus gun deanadh iad seirbhis dha mar ‘rinn esan. Mar sin b’adh iad sona eadhon anns an t-saoghal so fein mar bha esan, agus do thaobh na’ nithe dealrach agus gloirmhor ris am feud suil a bhi aca “an taobh thall de’n bhas agus de’n uaigh,” cha bhi iad air am mealladh.