Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1917 » July 1917 » Daibhidh Ros, Eildeir, Dornoch

Daibhidh Ros, Eildeir, Dornoch

(Air a leantuin o t. d. 70.)

OIR is cuimhne leinn am feasgair a chaochail Aonghas, Daibhidh, dall, gun leus fradharc.—An deigh dhuinn corp Aonghais a chuir air doigh, bha mise dol a chuir Daibhidh dhachaidh d’a thigh fein, agus ‘nuair a shuidh sinn anns a charbaid cuideachd, thionndaidh Daibhidh agus thubhairt e “A well,” tha e nis air falbh, agus fear eile d’a bhreitheachadh cha’n aithne dhomhsa an diugh ‘an Catimh. Tha tri fichead bliadhna a’ dh’fhior eolas agams’ air, oir is ann a thri fichead bliadhna an àmsa a phos brathair-mo-mhathair piuthar Aonghais. An oidhche sin cheangail mise agus Aonghas ri chèile; agus ged a bhiodh e air eigheachd, air a cnoc a b’airde an Catimh, a ni bu mhiosa a thainig eadar mise agus Aonghas, bho’n àm sin gus a so, cha leigeadh fear seach fear againn a leas a’ cheann a chromadh le nàire air a’ shon. Rinn an Cruithear dhomhsa gun d’thug e dhomh beagan tuilleadh foighdin na bha aig Aonghas, agus, uair ‘sam bith a shaoillinn gu robh Aonghas a’ dol tuilleadh is fada, cha bhiodh agam ach a radh, “Tha fios agad nach ‘eil muinntir ach a feitheamh ri sgiopag ort.” Stadadh Aonghas air ball.

Cha teid an sealladh a chunnaic mi an la sin as mo chuimhne gu bràth. ‘S ann air Diluain, coinneamh urnuigh mhiosail a bh’ann. Air la na Sabaid roimhe sin, an deigh na seirbhis a bhi seachad, thubhairt mise ri Daibhidh gu robh eagal orm, mar a d’ reitheadmaid a dh’ amhairc Aonghais air an la mairreach, nam bitheadmaid beo, nach faiceamaid tuilleadh anns a’ cholunnn e. Thubhairt Daibhidh air ball gun robh e toileach sinn a dhol a dh’ amhairc Aonghais an deigh na coinneamh air an la mairreach. Dh’ falbh an dithis againn ma chairteal bho dhà uair.

Cha bu luathe a chaidh sinn a stigh do’n t-seomair ‘s an robh Aonghas na luidhe, na chite gu soilleir gu robh an anail gu falbh. Bha’n t-seann Chriosduidh na shinidh, a dha shuil duinte, gun e ‘toirt aire co rachad a mach no steach. Threòrich mise Daibhidh a steach do’n t-seomair. Chaidh bean Aonghais suas gu ‘cheann, agus thubhairt i “Bheil sibh a’ cluinntinn”; do’n d’thug Aonghas am freagrath, ‘s e ‘deanamh da leth air an fhacail aig giorrad na h-anail, “De sin.” Fhreagair a bhean, “So Daibhidh Ros air tighinn a choimhid oirbh.” Fhreagair Aonghas, “An gil’ uasal, an d’thainig e,” agus thòisich Daibhidh ri slobadh a chinn, ag radh, “A ghile bhochd, gun ullaicheadh an cruithear thu air son an turas a tha romhad.” Cha robh Aonghas comasach air dad tuilleadh a bhruidhinn a dheanamh, ach cha robh neach a chitheadh e a’ gluasad a shlinneanan, nach fhaodadh a thoirt fainear gu robh anam sona a bhith faighinn a’ bheannachaidh dheireannach air an talamh bho bhèul Dhaibhidh.

Cha robh mac Aonghais agus a mbathair a saoilisinn gu robh e idir cho dlùth air a chrich ‘s a bha sinne ‘saolisinn, agus, air do greim bidhe a bhi deas ann an tigh a’ mhic, a bha dlùth air laimh, thug iad air Daibhidh agus ormsa taobh na leapadh fhagail, gus an ùraicheamaid ‘ur boghaigean leis a’ bhiadh. Thug sinn air Daibhidh beannachd iarraidh air na tròcairean, agus, an deigh beannachd iarraidh air a’ bhiadh, bhris e mach air an doigh so “An cuspair ‘tha dlùth dhuiinn, agus air an robh sinn fada eolach, gun ullaicheadh tu gu sgiopailt e agus gun togadh tu leat dhachaidh e.” Cha robh am beannachd ach beag seachad, ‘nuair a thainig glaodh ruinne ‘o bhean Aonghais gu robh e gu bhi mach. Ruith mise sios, agus ‘nuair a rainig mi, gun chrith gun ghluasad, bha Aonghas a’ tilgeil na h-anail. Chuir e mach oiteag da uair de anal, is bha ‘n t-anam air falbh. So mar a dhealaich Aonghas Moraidh agus Daibhidh Ros ri cheile air an talamh, agus nach fhaod sinn a radh, mar a thubhairt Daibhidh ma Ionatan “Chaidh do ghràdh dhomhsa thairis air gradh nam ban.”

‘S ann air ann t-slighe ‘dol dachaidh am-feasgair sin a thainig Daibhidh thairis air breithneachadh Aonghais. “Nuair a bha’n duine uasal sin againne na mhinistear Maighstir Seòras Kennedy, cha robh e fhein comasach air searmonachadh fad ùine mhòr, agus ‘s e luchd-coireachd a bhiodh againn, fear ùir a tighinn gach Sabaid mar bu tric. Bhiodh Aonghas a mach ‘na aite gach uile Sabaid. Dh’èiseadh e gu ro-gheur ris a’ cheud urnuigh, agus na faigheadh e ni sam bith anns an urnuigh a dheanadh aithnichte gu robh gràs aig an duine, dh’èisdeadh e gu math ‘s gu ro-mhath ris an t-searmon a thigeadh as a deigh; ach mur a fhaigheadh e dad anns an urnuigh, phaisgeadh e ‘bhreàcan ma ‘cheann ‘s cha leigeadh e air gu de bha’n duine ‘g radh, agus is ainmig a fhuair mise iomrall e riamh na bhreithneachadh.”

Ach gu ‘bhi tilleadh a nis a dh’ionnsuidh Dhaibhidh fhein, dh’ainmich sinn gun robh e comhla ri brathair-a-mhathair ann an athchosnaich. Bha aig an àm chéudna ann a’ sgire Rògart teachdair urramach do’m ainm Alasdair Macleoid, a bha greis dhe bheatha, agus a bha air a chleachdadh gu saoibhir leis an Tighearn gu bhi tionndadh pheacaich bho sheachrain an cridhe gu eolas na firinn, an an Uig, Leodhas. Bha ceangal mòr aig Daibhidh ris mar aon do’n d’thug an Tighearn an àithne “Beathaich mo chaoraich”; agus mar bu tric, air maduinn na Sabaid, dh’fhagadh Daibhidh Athchosnaich air son Baile-Phùir, gus a faigheadh e lòn da anam bho bheul Mhaighstir Alasdair. Mar a theireadh e fhein “Cha b’ ann a’ deanamh tàire air minstear na sgrì againn fhein a bha mi, ach cha b’urrainn mi ga leasachadh. Cha do dh’fhairich mi riamh sgios, ged a bha astar math agam ri choiseachadh.”

Cha robh Daibhidh na dhuine a bheireadh inntinn do na h-uile neach, agus bha cuid, gu h-àraidh ann a’ laithean òige, a chuireadh air gu robh a gruamach. Cha b’ ann gruamach a bha e, ach, comhla ri gràs Dhe, bhuilicheadh air leis moran do ghliocas nadurra, agus, gun a bhi toirt masladh do mhuinntir eile, tha sinne a smuaineachadh gun d’thainig e cho teann, no na bu teinne, na neach a chunnaic sinne n’ur la, air àithne an t-Slanuighear d’a dheisciobluibh “Bithibh seolta mar na nath-raichean is neo-chronail mar na colmain.” Ged nach còir a bhi ‘toirt breith a reir coslais, tha sinne a’ saoilisinn nach robh neach a chitheadh aodainn flathail nach fhaodadh aithneachadh gur e bh’an a so seanair a dh’fhaodadh seasamh fa chomhair righrean; agus cha bhiodh neach leth-uair ‘na chomuinn ‘nuair a thugheadh e gur e bh’ ann neach a bheireadh a mach as a’ stòras nithean nuagh agus sean.

Bha e min-eolach air daoinn agus mnathan urramach, a bha lionmhor anns an duthaich ann a’ laithean òige, agus ghleidh e mòran dhe’n comhradh, agus dhe’n cantanais dhiomhair, a dh’ innseadh e fhein gu doigheil agus gu h-òrdail gach uair a bhiodh feumail. Cha robh ni a dh’ eiridh suas nach robh ni aig Daibhidh bho na h-aithrichean diadhaidh gu solus a chur air a chùis. Bha duine àraidh air an d’thug sinn iomradh, ann a bhi ‘g innseadh mu dheidhinn Aonghais Mhoraidh, b’e sin Seumas Macmhathoin, a bha ann an Clais-nan-cnàmh. Bha mor-cheangal aig Daibhidh ris, agus is iomadh ni luachmhor a dh’innis e dhuinne mu dheidhinn, ach dheanadh e’n cunntas a tharruing a mach tuilleadh is fada iomradh a thosrt air na h-uile ni.

Aig àm nan òrduighean anns na sgireachdan timchioll, bhiodh Seumas agus Daibhidh air an cuir gu tric do’n aon sheomair. Cha ‘n fhanadh Seumas fad’ ann an leabaiddh, oir bu ghnàth leis a’ chuid bu mho de ‘n oidche a chaitheamh an dara cuid na shineadh no air a ghluinibh air beulthaobh an Tighearn. Bha iad aon uair ‘s an aon sheomair ann am baile Dhoisbidh, agus mar a theireadh Daibhidh, “Bha boghaig fhallain agamsa, agus choidlinn gu suaimhneach.” Cha b’ ann mar sin a dh’eirich do Sheumas. ‘S gann a dhùnadh e a shùilean ‘nuair a bhiodh e air a chasan. Bha ‘n teaghlach anns an robh iad gu math air an doigh anns an t-saoghail, agus bha gu leòir do phlangaidean bàna air an cur air an uachdair anns an leabaiddh. ‘Nuair a dhùisg Daibhidh ro shoilleireachadh an là, cha robh cnàmh do Sheumas aige. Sheall e tiomchioll an t-seomair, agus ‘s ann a chunnaic se e air a’ bheul-fodha air a bhrat aig beulthaobh an aite-theine. Dh’eirich e agus Sgaoil e dà phlangaid air corp lomnochd Sheumais, agus mar a theireadh e fhein, “Cha robh neach anns a choinneamh-urnuigh mhaidne cho beo agus cho blàth ri Seumas.”

Bha iad oidch’ eile cuideachd aig an ordugh shamhraidh ann an tigh Aonghais Ghre, a bh’ ann a’ Sgire-Luirg. Mar a b’abhaist, chuireadh Aonghas agus Daibhidh cuideachd do’n aon leabaiddh. “Choidil mi fhein mar a b’abhaist,” arsa Daibhidh, “ach, aig glasadh an là shamhraidh, dhuisg mi, agus cha robh sgeul air Seumas. Thug mi stuil timchioll an t-seomair, ach cha robh e ‘n sin. Dh’eirich mi agus thug mi suil aig ceann an tighe, agus ‘s ann a chunnaic mi Seumas ‘na ghurraban anns na bruachan a bha ‘o’s cionn an tighe. Phill mi stigh agus thug mi leam ultach de na brait, a bh’ aig na cairdean a thainig a dh’ ionnsuidh an ðrdugh, agus sgaoil mi air a choluiinn chaomh iad, air eagal gum biodh e fuar, ‘s nuair a chaidh sinn do ‘n choinneamh-urnuigh, bha Seumas cho beo ‘s cho geanail ri uiseig.” ‘S ann mar so a bha Daibhidh na bhanaltrum do Sheumas, agus Seumas na chuideachadh do Dhaibhidh.

E. M’Q.
(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice