“THE Synod expresses its unqualified disapproval of the use of Unfermented Wine and the individual Communion Cup in the Sacrament of the Lord’s Supper, and desires that the congregations of this Church steadfastly adhere to the usages at present observed in the Church in the administration of the Lord’s Supper, and discontinue the new usages referred to above, and elsewhere adopted.
“(1) In regard to the matter of the wine, we consider that unfermented wine is not, in the sense of the institution, wine at all. There is no reasonable ground to call in question that it was fermented wine our Lord made use of at the first Supper, just as there is no reasonable ground to call in question that it was fermented wine that was ordinarily used at the Passover.
“(2) As touching the cup, the use of the individual cup seems to destroy the idea of communion, that is, the communion of the
Lord’s people with one another. At the institution of the Supper one cup only was used, through which the idea of communion was perfectly realised. And if it so be that, in the practice of the Church in Scotland, ordinarily more than one cup has been used, that feature has existed only because the communicants were too many for one cup to suffice, and in the passing of the cup from one to another the idea of communion has been retained. The contention that the individual cup serves the interests of health is groundless, and an idea to which we can attach no significance.”
Daibhidh Ros, Eildeir, Dornoch.
(Air a leantuin o t. d. 161.)
THUG sinne còir is ceithir bliadhna anns an sgrì anns an robh Daibhidh Ros a’ fuireachd. Bha, gun teagamh, ‘ur gairm g’ur toirt gu tric air falbh bho’n dachaidh, ach ‘s gann seachduinn a bhitheamaid aig an tigh na choinnicheamaid Daibhidh. ‘S e an ni bha ‘n uachdair an comhnuidh aige, ciamar a bha aobhar Chriosd a’ soirbheachadh. Cha robh teachdair anns an eaglais nach bu mbath leis cluinntinn, mun deidhinn, agus a’ faighneachd an comhnuidh an robh dad dhe’n dige a tighinn fo churam: mar a theireadh e fhein, “Mar a tig muinntir eile fo churam, cha ‘n ‘Thad’ a bhitheas duine dhe na seobhranan bochda laga air a’ fagail.”
Ged a chaidh brathair—a—mhathair a thoirt air falbh, bha taobh aige ‘riamh ri Athchosnaich, agus bha e dha mar thigh-samhraidh. ‘Nuair a gheibheadh e’n t-Sabaid seachad, thogadh e air gu Athchosnaich, agus an deigh dha fradharc a shùl agus neart a chas a chall, ged a b’e càrn a bhiodh a falbh a dh’iarraidh mhònad, dh’fheumadh Daibhidh falbh comhla ris. Cha robh eagal sam bith ann ro eich, agus uair no dha fhuair e leagadh le droch luchd-iomain; ach cho shaoileadh Daibhidh ni dheth. Thog e air aon turus aig àm an òrdugh shamhraidh ann an sgire Ràord, agus an deigh beagan ùine a chuir seachad ann an Athchosnaich, bha e air so gu faigheadh e chun an òrdugh. Bha e na shuidh air tulachan, agus air dha ‘bhi ‘g eiridh, luidh a chas fodha agus thainig cuideam a bhoghaig orra ‘ga ciurradh gu goirt. Cha do shaoil e fein mòran dhe, ach an uair a shealladh ri chois, chunn’cas gu robh i air at ‘s i dubh-ghorm; agus aig aois (oir bha e aig an àm sin thar ceithir ficheadh ‘s a deich), chomhairlich lighiche dhoibh a chuir do’n leabaiddh agus a chumail innte car seachduinn co dhiu. Mar so chail e aig an àm sin an òrdugh ann a Raord, agus air dhuinne a bhi ‘g a thoirt dachaidh, ‘s ann a dh’innis e cho dullich ‘s a bha e, oir thubhairt e, “‘S e’ spot anns an robh an òrdugh agaibh a’ cheud spot do thalamh Dhe anns an deach mise a chuir air mo chois gu follaiseach gu labhairt ris an fhacail, agus bha deidh mhòr agam gu ruiginn e aon uair eile; agus fhuair e a mhiann a shàsuchadh, oir air an ath shamhraidh, bha e air chomas a bhi lathair.
Thugadh a phiuthar bh’uaithe leis a’ bhàs, iomadh bliadhna mun d’thainig a’ chrioch air fhein. Bha bana-charaid-aige a tha posda ri ogha do Sheumas MacMhatheoin, a bha ann an Badininish. Thug Daibhidh iad so comhla ris fhein, agus bha iad nan comhfurtach mhòr dha. Bha a’ bhean laidir gus a’ h-uile comhnadh a dheanamh ris agus threòiricheadh an duine e ‘ghnàth do’n eaglais. Bha nàbaidh aca aig an robh each is uidheam-ghiùlan, agus ‘nuair a chaill Daibhidh cothrom a chas, fhrithealach an duine so air mar mbac dha fhein. ‘S an uair a bhithinnsa a’ tighinn a nuas bho ‘s cionn na h-eaglais ‘s a’ chithinn an each bàn, dh’fhaodainn a bhi cinnteach gu robh Daibhidh gu bhi anns an eaglais.
Ann a’ bliadhna naoidh-ceud-deug agus a tri, rinn sluagh a cheimhthionail tional ‘nam measg fhein, air son tiodhlac a thoirt da. Cha b’ e gu robh e ann an uireasbhuidh, ach bha iad air son a thaisbeanadh nach robh iad ann an an-fhios air na comainean bho robh iad da. Cha robh fhios sam bith aig Daibhidh gu robh an tional so ‘ga dheanamh, gus an deach a shineadh dha. ‘Se an rathad anns ‘na chuir iad an tiodhlac, ciste shnaoisean airgioc, agus a’ chuid eile ann an sobhrainean. An t-airgioc chur e do’n tigh-thasgaidh, agus a’ chiste-shnaoisean chleachd e gach la. Bliadhnaichean mun do chaochail e, mun deachaidh an eaglais a chaidh a chuir suas a shaoradh bho na fiachan a bh’orra, air dhuinne a bhi ‘comhradh ri cheile aon la, thubhairt e, “Nan iarradh sibh air a’ choimhthional, no na h-uile neach a b’urrainn a bhi mach oidhche Diciadain ‘s a tighinn, gu robh ni àraidh agaibh ri innse dhoibh, ach na na tigibh thairis air a’ ni gus an bi a choinneamh seachad.” Agus ann a sin dh’innis e gu de bha e air son a’ dheanamh. “Cha’n’eil an solus,” thubhairt e, “gle mhath anns a chubaid, agus ged nach fhaic mise solus, bhithinn air son gun d’ reitheadh da lamp a chuir te air gach taobh de ‘n a chubaid. Agus a ris nan deanadh an coimhthional cuig-nota-deug a chruinneachadh, tha ‘n airgioc a thug iad fhein dhomhsa bho chionn bliadhnaichean na luidhe anns an tigh-thasgaidh, agus ‘nuair a reitheadh na h-uile ni cuideachd, shaoradh e sinn bho na h-uile fiach a th’ oirnn mar choimhthional. ‘S ann mar so a bha. Chaidh a’ choinneamh a ghairm, agus an oidhche sin fhein chaidh a chruinneachadh na shaor an coimhthional bho na h-uile uallaich a bha orra, agus chaidh an da lamp a chuir suas. Seallaidh so do mhuinntr a’ ghne duine a bha ann an Daibhidh Ròs, gu robh curam air do na nithean a bhuineadh do dh’ aobhar an Tighearna agus do ‘shluagh gu durachach. Tha cuid ann a chanas moran ‘s a ni beagan, ach ‘s ann a dheanadh Daibhidh moran is chanadh e beagan. ‘Nuair a chaidh an ullachadh a dheanamh leis an Stàid do shean daoine is do sheana mhnathan, chuir Daibhidh a’ cheud da shuim a fhuair e a chumail suas aobhar an Tighearn, agus a cheud tional àraidh a bh’ air a dheanamh, thug Daibhidh seachad a’ chaismeachd anns an eaglais gun robh e’n dochas gum biodh e air aithneachadh air
an tional air son aobhar an Tighearn gu robh a leithid so a dh’ullachadh air a dheanamh dhoibh.
Bha suidheachadh na rioghachd a cur dragh mor air; agus mar a bha e ‘faicinn an t-sluaigh a cur an cùl ri facal an Tighearna, agus air an togail ris na h-uile diomhanas, bha sin na aobhar bron dna, mar a theireadh e fhein, “Iad air an ceangal nam priosanaich aig an fheòl.” Bha sinn aon la ag innse dha mu dheidhinn ni a bh’ anns a phaipeir-naigheachd mu thimchioll boirionnach a bha ri posadh ann an Sasuinn, a bha ‘g iarraidh nach biodh na briathran sin idir air an ainmeachadh anns an t-searmoin-phosaidh aice “a bhi umhail.” “O direach,” arsa Daibhidh, “tha sibh a cuir ‘nam chuimhne ni a chuala mi mu dheidhinn seoladair, nach robh ‘faighinn air aghairt gle mhath le ‘mhnaoi. Chaidh iad chun a’ mhinistear feuch an deanadh e cordadh eatorra. Thòisich am ministear air earalachadh an t-seoladair gu feumadh e ‘bhi caoinmhneil ris a mhnaoi, gum b’ i an soitheach a b’annhhuinne. Bha ‘n t-seoladair ag eisdeachd, agus mu dheireadh thubhairt e, ‘Ma ‘s i an soitheach is annhhuinne, giulaineadh i ni ‘s lugha a sheòl.’ Tha mi dhe’n a’ bheachd,” arsa Daibhidh, “na’m b’e mise a bhiadh a dol ‘ga gabhail, ‘s i diultadh a bhi umhail, gum leiginn leatha seoladh roimpe.”
Gu bhi nochdadh mar a bha focal aige gu bhi coinneachadh ris na h-uile ni, ‘nuair a chitheadh e muinntir a bhiadh a’ gabhail tuilleadh ‘s a chòir do dheoch laidir, chuala sinn e ‘g radh gu robh iad a cuir na chuimhne stòraidh a chual’ e air tuathanach àraidh a thainig bh’air a’ Ghalldachd agus a ghabh tuathanas air cùl Dhornaich. Dh’ ionnsaich an duine Gaidhlig bhriste. Bha e na chleachadh aig an àm sin gum biodh iad a’ toirt urachadh, mar a theireadh iad fhein, do na buanaichean. Air la àraidh bha Maighstir Bog (b’ e sin ainm an tuathanaich) ag ullachadh an t’raichidh, agus an deigh dha an ni a chuir air doigh, dh’fhag e an soitheach a bh’ aige, ris an canadh iad an “server,” a muigh air bonn na h-uineig. Co a thainig an rathad ach an eun ris an can iad ann an Catimh Robin-an-t-sneachd (brù-dheargan). Shaoil leis gur e uisge a bh’ anns an t-server. Bhog e ‘cheann ann ann: bhog e ‘n darna h-uair e; is ‘nuair a thainig Maighstir Bog bha an Robin ‘s a chasan bho ‘s a chionn. Sheall Maighstir Bog air, agus thubhairt e, “A, Robin bochd, tha’n stuth sin tuilleadh is laidir air son an ceann lag agaibhse; ach do bhrigh nach fhaca mise a’ mhisg a’ riamh roimhe oirbhse, bheir mise fior thoigh oirbhse gus a’ fuaraich sibh.” “Tha moran,” arsa Daibhidh, “coltach ris an Robin bhochd, nach ‘eil a’ gabhail a stigh gu bheil an stuth tuilleadh is laidir air son na cinn lag acasan.”
Ni eile a bhiodh e ag aithris gu tric bho Mhaighstir Domhnullach a bha ann an Buneilidh. Nuair a chluinneadh e muinntir ag argamaid, thigeadh e ‘mach leis na briathran sin, “Seal the vision.” Bha e ag innse gur ann air oideche is Maighstir Domhnullach comhla ri ministearan eile, a labhair na briathran sin ris. Cha d’thug e geill dhoibh a’ cheud uair a lathair iad ris, agus an
dara h-uair a labhair iad, fhuair e cronachadh geur ‘na spiorad agus dh’fhag e a’ chuideachd.
Cha d’ reitheadh Daibhidh an ceann dleasnas uair sam bith anns a’ Bheurla. Cha b’ann do bhrigh nach robh Beurla gu leoir aige, oir an uair a bhiodh e labhairt ri muinntir anns a’ chainnt sin shaoileadh muinntir nach robh Gaidhlig aige. Ach bha e a gabhail a stigh gur ann le urram agus le eagal diadhaidh a bhuineas e do pheacach tighinn an lathair an Tighearna, agus ge b’ e co a chleachdadh danachd. Cha Daibhidh Ros e. Tha cuimhn’ againn a bhi la a’ gearan ris mu chleachdaidhean na h-inntinn fheolmhor, ‘s cho ceangailte ‘s a bha i ris an talamh. Thog Daibhidh a cheann agus thubhairt e, “Cha’n’eil mart na gamhainn agam, cha’n’eil caora na gabhair agam, cha’n’eil cearc na tunnag agam, is gidheadh tha ‘n inntinn fheolmhor agam cho ceangailte ris an talamh ‘s ged a bhiodh na h-uile aon diu agam.” Ach ‘s beag a shaoileadh muinntir eile gum biodh dragh aig Daibhidh Ros dhe leithid sin; ach bha cuid a’ Chruithear ann, is far a’ bheil a chuidsan bithidh ann inntinn fheolmhor na leon dha.
Cha’n’eil e tuilleadh ‘s a choir dhuninn a rachd gur e duine bu ghlice anns na h-uile rathad a chunnaic sinne ‘na ‘ur la. Nuair a chitheadh e gum biodh neach a fas mi-fheumail air son aobhar Dhe air an talamh, thagradh e gu durachach gum biodh e air ullachadh agus air a thoirt dachaoidh do’n árdaich mun d’thubhairt Criosda, “Ann an tigh m’ Athair-sa tha iomadh aite comhnuidh: mur biodh e mar sin dh’ innsinn-sa dhuibh; tha mi ‘dol a dh’ ullachadh aite dhuibh.” Dh’ fhaodamaid barrachd is aonan ainmeachadh mun do labhair e rium air an doigh so: “Cha bu choir a bhi ‘g iarraidh gum biodh e air fhagail; ‘s iomadh failligeadh tha coimhcheangailte ri sean-aois, is bhiodh e na b’ fhear gum biodh e air a thogail air falbh.” Bha aon mu’m biodh e a labhairt mar sin mar a bha Seumas Moraidh a bha ann an Raord, agus mar an ceudna Aonghas Ghre a bh’ ann an Luig, dithis ris an robh ceangal mor aige, is mar a theireadh e fhein, “Nuair a chaidh an toirt air falbh, dh’fhag iad bearna mhor nan deigh.” Ann an coimhcheangal ris a so, bhiodh e ag innse comhradh a bha eadar Alasdair Gearr agus cuid eile dhe na càirdean. Bha Alasdair is iad fhein ag imeachd cuideachd, agus air an t-slighe thionndaidh Alasdair agus thubhairt e riu mar so, “Fhearaibh, tha sibhse ag gearan air an la anns a’ bheil sibh fhein beo, agus air na Criosduidhean a th’ ann ‘na ‘ur la; ach nam biodh sibh beo anns an ginealach a thig n’ur deigh, chanadh sibh gum biodh an ceann ‘s na gualainn aig Criosduidhean a’ ghinealaich so thairis orra. Agus an ginealach an deigh sin, cha’n’eil mise a’ radh nach bi iad ann anns am bith gràs Dhe, ach bithidh iad cho lag ann an cronachadh a’ pheacaidh agus ann a’ fianuiseachadh air taobh Chriosda agus gur ann a tha mi ‘gan còtachadh ris na siolanan a bhiodh aig an tuathanach an deigh na curachd m’am biodh e ann an teagamh co ac’ a chuireadh e anns an talamh iad no nach cuireadh air eagal nach fhàsadh
iad.” “Agus,” arsa Daibhidh, “’s e sin an ginealach truagh a rug oirne.” Tha iad ann, agus tha mise ag creidsinn gu bheil eagal Dhe annta, ach gus an airde gus a’ bheil aingidheach air tighinn, tha iad nan “seohhranan” bochda, laga, gun chomas cuir an agaidh an uile a tha tighinn a steach mar thuil.
Mar a bha e ’tighinn gu deireadh a laithean bha e da rireadh solaimte a bhi ’g a fhaicinn air a threòireachadh a stigh air dorus na h-eaglais, ’s nuair a gheibheadh e greim air ceann nan aitean-suidhe, theireadh e ri fhear-iùil, “Ni mi fhein an gnothuich an ais.” Is minic a bha sinn ’g a amharc ag coiseachd suas a chum na cùbaid, a cheann, maol, geal, gun chomhdach air, air a chromadh, ’s e dòrtadh a mach a chridhe ag radh, “A ghaoil naomh, nach bi thusa ’so an diugh. O ghaoil, dean trocair oirnn.” Leanadh e mar sin gus mar bu tric a chuireadh am maoir-eaglais e na shuidhe ’na àite. Ach cha ’n fhanadh e fada an sin; nuair a chluinneadh e an salm ’ga thoirt a mach, bhiodh esan shuas ri taobh an fhir-sheinn, air eagal gun cailleadh e facal. Feumadh mise a’ radh gum b’ e mo charaid ’s m’ fhear-iùil e, oir theagsgadh e mi gu cairdeil gu tric ag radh, “Na faigheadh sibh a bhi beantail ri na coguisean aca, ’s e a b’fhear na bhi dusgadh an nadur. ’Nuair a dhuisgear an nadur, cha ’n eisd iad ri ni sam bith.” Bhiodh a bhriathran mar ola thlà a bheireadh taiseachadh air a’ chridhe, agus a bheireadh buaidh air an nadur.
Bho’n a b’ aithne dhuiinn’ e, bha, mar a their iad, na daoine a fagail na ceisde gus an cuireadh Daibhidh a mach i. Cha bhiodh e na chabhaig ag eiridh. Bhiodh clos air a’ choimhthionail car mionaid no dha; ann a sin chite Daibhidh ’ga ghluaasad fhein, agus e ag urnuigh gum biodh an Ti a bha riaghladh a cur rian air thein agus air a mhuinntir a bha gu labhairt ris an fhacail. Le sin dh’eireadh e, a cheann crom agus a bhreacan air a ghualainn, agus theireadh e, “Bho’n tha mi faicinn nach ’eil duine sam bith ag eiridh gu toirt seachad an fhacail cha’n’eil mi air son a bhi cur seachad an la.” Am feadh ’s a bha Aonghas Moraidh beo, ’nuair a chitheadh e Daibhibh ag eiridh, chluinte e ag radh, “A ghil’ uasal, gum beannaioheadh an Cruithear thu.” Mor bu tric, fhad ’s a bha ’fhradharc aig Daibhidh, dh’innseadh e a chaibdeil agus an rann ann an robh ’cheisd, agus mar an ceudna, ’s tric a chuala sinn’ e ’g radh, “Tha coir is tri-fichead bladhnà bho chuala mise an toiseach na briathran so air an toirt a mach mar cheisd”; is dh’ innseadh e ann a sin an neach, a thug a mach a’ cheisd, is theireach e, “Och, och, ’s an-coitach mise ris na daoine a bha’n a sin.” ’S minic, mar an ceudna, a chuala sinn’ e ’g radh, mar a thubhairt Thabhaidh Munro ri Dr. Aird. Bha’n Doctair aon uair a gearan air cho gann ’s a bha iad a fas a labhradh da rireadh ri ceisd, agus gur ann a bha eagal air gum feumadh iad an la a thoirt thairis. “A well,” ars’ an duine le Dia, “am fad ’s a gheibh sibhse aon a bheir a mach am facal, agus aon a labhras ris, na d’ thugaibh thairis la na ceisd.” An deigh dha beagan fhacail a chanail mar so mu shuidheachadh an la agus an staid
iosail anns an robh aobhair Dhe air an talamh, theireadh e ris a cheann-iuil a bha gu fosladh na ceisde, “Biodh sibhse ga roinn mar a chi sibh fein iomchuidh.” Anns na bliadhnachean mu dheireadh, bhite gu tric a toirt air fhein labhairt ris an fhaicil a bheireadh e mach, agus cha robh neach sam bith aig an robh an ni bu lugha do bheireadh neachadh, nach fhaodadh fhaicinn gur e bha ‘n an Daibhidh Ros prionns’ ann an Israeil ‘s nach b’e leanaiabh, oir, mar a thubhairt sinn roimhe, bhuilich an Cruithear air tomhas thar mhòran do ghliocas nadurra, cho math ri mor ghràsan.
Anns an àm anns an robh Righ Seoras an Cuigibh a dol chun an righ-caithreach, bha e cur mor dhragh air, agus a cosg iomadh urnuigh dha, ‘nuair a bha iad a dol a dh’ atharrachadh am mionnan-crùnaidh, agus an uair a chaidh atharrachadh, thubhairt e “S iomadh bliadhna do shonas agus di shith a mheal an rioghachd so bho’n a chaidh am mionnan-Pròstanaich a chuir ri cheile, agus cha’n’eil e furasd a chreidsinn gum meal i an t-sith ceudna fad iomadh bliadhna an deigh so; ach tha mise taingeil gur ann a teannadh ri deireadh mo thuruis a tha mi.” S tric a theireadh e ruinn, “S mo tha mheas aig daoin’ an àite se air an talamh na th’ aca air gnothuichean na siorruidheachd. Cha’n’eil fhios agam c’ait an seallainn an diugh air son neach air an iarrainn tighinn air aghairt gu bòrd an Tighearna; ach tha neach no dha ann, ‘s nan tigeadh iad fhein air an aghaidh, cha ghabhainns’ orm an cumail air an ais.”
Ann an coinneamhan an t-Seiseim bha e na lòchran lasarach. Bha foighdin mhòr aige, bha mogh aige, agus bha e dileas ann an tigh Dhe. Cha bhiodh e air a chuir a null no nall le dàimhean feòlmbhor, ged a dh’fhaodadh gu robh leithid sin air a chuir as a leth fhein agus a leth Aonghas Mhoraidh ann an laithean roimhe sin. Bho’n a b’ aithne dhuinn’ e, dh’fhoghlum sinn bho Dhaibhidh gun d’fhuair e teagasg anns an ni sin nach do dhi-chuimbnich e gu la a bhàis, agus a thug dha a thuigsinn gu robh aobhar an Tighearna na bu luachmhor na ni sam bith a bhuineadh do’n an fheòl. A thaobh a mhoigh, bha ait aige bho na daoine a b’airde a bh’ anns an t-siorrachd, agus cha ghabhadh a bheag orra a radh nach e duine glic agus ceart a bh’ ann. Ged nach cordadh, mar a theireadh iad, a dhiadhachd riu, gidheadh dh’aidicheadh iad gum a mbath leo a bhi coltach ris—gur e duine iongantach a bh’ ann. Bha càirdean aige, a bha deanamh aithniche gun robh iad a cur luach air, ann an iomadh àite, agus ann an coinneamhcheangal ris a sin faodaidh sinn innseadh ni a b’ abhaist dha fhein a bhi tighinn thairis air gu tric mu dheidhinn duin’ urramach a b’ aithne dha. Nuair a bhiodh e air falbh aig na h-orduighean, agus a thigeadh e dhachaidh, bhiodh cuid dhe na càirdean a feòraich dhe na thachair e ri dad ris na cheangal e as ùir bho ‘n a dh’ fhalbh e. Fhreagradh an duine. “A well, cha do thachair mi ri dad bho ‘n a dh’ fhalbh mi gun leiginn an snaoisean as bho eadar mo chorragan air an son,”—a ciallachadh leis a sin nach do thachair ri moran ris an do rinn anam mòr-aobhneas. E. M’Q.