(Air a leantuin o t. d. 75.)
A LEUGHADAIR, smuainich ciod an t-ath-leasachadh bheusan a thachaireadh san t-saoghail, nan leanadh ar luchd-oibre, ar marsandan, agus ar luchd-céirde, an eiseimpleir so!
Rinn an rannsachadh so a thrèorachadh gu ni eile fhaotainn a mach. Fhuair e mach, cha-n e mhàin cò a b’urrainn leughadh, ach mar an ceudna co nach b’urrainn, agus air an son-san cheann-aich e leabhraichean litrichean (litreachaidh, spelling books), agus chuir e na leughadàirean g’ an teagasg; oir chuir e roimhe mar an ceudna nach biodh duine no giullan anns an obair aige, do nach b’aithne leughadh, as eugmhais a bhi iar an teagasg.
A bhàrr air so uile, chaith e mar bu trice leth-uair anns an fheasgar maile riutha, a’ leughadh agus a’ mineachadh nan scriobtuirean. Bha an sealladh so araon neo-chumanta, tait-neach, agus drùighteach; chomharaicheadh an seann duine a mach caibdeal, an sin leughadh iad uile an rann ceudna, gach fear ‘na chainnt fein, agus an sin bheireadh am maignstir dhoibh mineachadh aithghearr air anns a’ chainnt Russaich, a thuigeadh gach aon diù. Air an dòigh so thàinig atharrachadh cho mòr air an teaghlach ‘s a thàinig air a’ mhaighstir. An àite a bhi air a thruailleadh le obair shaoghalta air la an Tighearna, ‘s ann a bha nise a h-uile la mar la sàbaid. Bha ùrnuigh, agus moladh agus oideachas diadhaidh iar a chumail air adhart gu lathail. Bha guth àoibhneis agus buidheachais, agus molaidh, iar a chluinninn ann am pàiliuinn an ionracain.
Rè an ath dha bhliathna, cha b’ aithne dhomh duine air bith a leugh uibhir de Bhiobull ri Mr. B— agus bha a thoilintinn air uairibh cho ard ‘s gu-m faoidteadh a ràdh gu-n robh “aoibhneas aige a’ dol thar labhairt agus lan de ghloir” (i Pead. i 8). Rinn a dhiadhachd e ‘na dhuine sona. O’n àm so, chum mi sùil air fàs a dhiadhachd le teann chùram agus tlaichd. Cha bu chùis chumanta a bha ‘na iompachadh, agus is minic a rinneadh mo chridhe subhach leis na beachdan mòrdhalach agus glormhor a bha aige mu thimchioll an Tighearna Iosa Criosd. Bha e ‘na choigreach air na barailean coìstritheach a bhios aig daoibh mu phuncaibh creidimh. Tharruing e a dhiadhachd gu direach as a’ Bhiobull, agus bha e an dùil gu-m feumadh a h-uile duine smuaintean agus faireachainnean a bhi aige, cosmhuil ris mar a bha aige fein; ach air feasgar àraidh fhuair se e fein ann am mearachd. Aig dha bhi a’ siubhal dhachaidh o’n Aoradh fhollaiseach maile ri Sassonnach a bha ‘na leth. Shoichineach* (Socinian) thòisich comhradh eatorra mu dhéibhinn na searmoin. “Ciod e do bheachd oirre?” arsa mo charaid. “Mo bheachd
* Soichineach (a Socinian) aon de luchd-leannmuinn Shoichinuis (Socinus), muintir a tha ag aicheadh Diadhachd an t-Slanuighear, agus nach ‘eil a’ creidsinn teagaig na Trionaid, a’ cumail a mach nach ‘eil ach aon phearsa san Diadhachd.
oirre,” arsa an Sassonach, “cuime is e mo bheachdsa gu robh mòran tuille ’s a’ chòir mu thimchioll Chriosd innte.” Chuir so clisgeadh air. Stad e, agus ghlaodh e mach, “Tuille ’s a’ chòir mu Chriosd, a dhuine! tha thu a’ cur oillt orm. Tuille ’s a’ choir mu Chriosd, a dhuine! Is è na h-uile ni dhòmh-sa:—gliocas agus fireantachd, naomhachd agus saorsa. (1 Cor. i. 30.) Tuille ’s a’ choir mu Chriosd, cuime, seinnidh mi a chliù gu bràth.”
Air an latha màireach ghairm e ormsa dh’fheòraich an robh iad lionnhor aig an robh beachdan cho suarrach mu dhéibhinn a Shlànughear, agus thuirte mi ris, “Gu robh.” “Mo thruaighe!” arsa esan, “Gu bheil daoinn cho dall. A’ gabhail orra féin a bhi glic, rinneadh amadain diùbh. Cha-n ioghnadh ged nach ’eil iad sona.”
Tha so a’ feuchainn duinn an tobair uaignich as an robh a shonas a’ sruthadh. Thug Dia dha sòlas daingean agus deu dhòchas tre ghràs agus dh’ imich e air a shlighe a’ deanamh gàirdeachais. Cha b’ urrainn e ach a bhi sona: agus tha mi gu fior a’ creidsinn gu-m biodh criosdaidhean am bidheantas mòran nas sona na tha iad nan smuainnicheadh iad na bu mbò mu Chriosd, agus na còraichcan a tha aig Chriosd orra.
Ach ged a bha e sona gidheadh cha robh e sàthach. Theagamh gu measar so ’na bharaill an aghaidh fùinn; ach ni mi a mhineachadh. Bha e a’ creidsinn gu robh airde, agus doimhne, agus fad, agus leud, ann an gràdh, Chriosd, air nach d’ fhuair e eòlas fathast, ach air an robh e an ro gheall eòlas fhaotainn; uime sin, cosmhuil ri neach a’ ruith ann an rèis, bha e daonnan a’ dian-ruith a chum a’ chomharaidh air son na duais. Air an aobhar so bha e anabarrach dicheallach an dleasdanasaibh cràbhach, ge b’ e uair a gheibheadh e cothrom. Car uime bheag anns an t-samhradh chaoidh mi mach do’n dùthaich maille ri mo theaghlaich astar naoi mile, agus chum mi aoradh air feasgar seachduine ann an seòmear. Air aon de na h-amannaibh sin, direach mun do thòisich an t-aoradh, faicear mo charaid a’ tighinn a stigh. Thubhairt mi ris, “Tha astar fada an so dhuit ri thighinn, a charaid; tha mi an dòchas gu’n coinnich Dia riut agus gu-m beannaich e thu.” “O a mhaighstir,” fheadair esan, “Choinnich Dia, rium air an t-slighe, agus thàinig e maille rium, air chor as gu bheil mi cheana iar mo dheu phàigheadh air son tighinn.” Is ann mar so a chaith e a bheatha; ionnus aig an tigh agus uaithe, a stigh agus ri taobh an rathaid mhòir, gu robh e cosmhuil ri bhi a’ mealtainn mothachadh cunbhalach air lâthaireachd Dhè.
Is minic a smuainich mi’ an àm a bhi beachdachadh air iompachadh iongantach an duine so, gu robh ann-san iar a shamhlachadh a mach cainnn a’ bhàird.
“Fasaidh leomhuinn ’s beiste an allaidh,
Mar na h-uain gun chroin, gun dolaidh.”
Iadsan nach robh eòlach air gus o cheann beagan bhliathnachan, is deacair dhoibh a thuigsinn ciod a’ ghnè dhuine a bha ann an uair a thuirte e gu feargach rium-sa, “Am faca tu Dia riabh?”
Ach daoiné neo-dhiadhaidh d’ am b’ aithne e ‘na staid neo-iompaichte, ghabh iad iongantas anabarrach ris an atharrachadh a tháinig air. Fòghnaidh aon saimpleir dhuinn. Chaidh duine uasal àraid à Russia, a thuineachadh do Shasonn, agus phill e dhachaidh air samhradh éigin a dh’ fhaicinn a sheann chàirdean. Bha an long anns an do sheòl è iar a riaghladh le Caiptein a bhiodh ag ùrnuigh, agus a bha a’ cumail aoraidh Dhè gach latha ann an seòmar na luinge. Cha b’ urrainn an tais-dealach uasal gun a bhi làthair aig àm na h-ùrnuigh, ged nach robh e ro dhèigheil oirre; gu dearbh is minic a bha i ‘na h-aobhar cònnnsachaidh, anns am feuchadh an duine uasal ri diadhaidh-eachd a’ chaiptein a thionndadh gu neo-brigh, le gaire-fanoid. Fa dheireadh chriochnaicheadh an taisdeal (an cuan-thurus), agus chaidh an duine uasal ann am Bata-toite gu ruig baile St. Petersburgh (Petrograd).
B’ àbhaist do Mhr. B— roimh so a bhi tàillearachd dha, agus thaoghail e aige, agus labhair e mu na fasanaibh, agus mhionnaich e, etc., etc.
Uair-éigin de ‘n t-saoghail b’e so direach a’ cheart ni a thaitneadh ri mo charaid, ach a nise chaill e a thlachd d’a leithid sin de chòmhradh. Cha’n e mhàin gu robh e neo-thaitneach, ach mar an ceudna bha e oilbheumach dha. Dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhé dha, a’ teagasg dha mi-dhiadhachadh agus ana-mianna saoghailta àicheadh, agus a’ bheatha a chaitheadh gu stuaam, gu co-thromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghail agus dh’innis e so gu saor do’n duine uasal, agus thaig e caibdeal a leughadh dha, ni nach b’ urrainn e a dhiùltadh. An sin thaig e ùrnuigh a dheanamh maille ris, ni nach b’ urrainn e a dhiùltadh. Lion an sealladh so e le h-iongantas. Cha b’ urrainn dà gaireachdainn a nis. Dhriugheadh air cho mòr as gu-n do rannsaich e air son a’ chaiptein, agus gu’n d’ aithris e dha an gnothach uile, ag ràdh, “Nise tha fios agam gu bheil cinntealas ann an diadhaidheadh. Mum faca mi an Tailear Russach, bha mi am barail gu robh sibhse a’s luchd-cràbhaidh ann ‘nur cealgairibh uile gu lèir; ach cha-n urradh mi bhi sa’ bharail sin nas mò. Is eudar dhuit dol maille rium agus an duine fhaicinn.” Dh’ aontaich an caiptein ri so, agus an deigh sin dh’innis e dhomh-sa an sòlas mor a dh’ fhaich e ann an comunn an t-seann duine mhaith sin. O ciod an tròcair a tha ann, a bhi comasach air a leithid de fhianuis dhileas a thogail air son Dhé! Ciod an tròcair a bhi comasach air a leithid a dh-fhianuis a shuidheachadh ann an uchd duine neo-iompaichte! Ciod am mineachadh a tha ‘n so air an earrainn sin. Gu ma h-ann mar sin a dhealraicheas ar sòlus am fianuis dhaoine chum gu faic iad bhur den oibre, agus gu-n toir iad gloir do bhur n-Athair a ta air neamh!” (Mat. v. 16).
Mar a bha e a’ cinntinn eòlach air a Bhiobull, thréoraicheadh e a stigh do shaoghal ùr. Chaill e a thlachd de “shòlasaibh a’ pheacaidh,” ach rinn na nithean a fhuair e mach anns a’ Bhiobull a lionadh gu minic le àrd-aoibhneas. ‘Se mo bharail nach ‘eil aig
muinntir a tha eòlach air na scriobtuiribh o’n leanabaidheachd, breithneachadh sam bith, air an t-sòlas, air an ioghnadh, agus air an iongantas a bhriseas a stigh air inntinn duine a chluinneas air son a’ cheud uair rè a bheatha eachdraidh dhruighteach ar Tighearna, agus ar Slànughear. B’e so cor mo charaid. Bha e iar a bheith a ris an uair a bha e aosmhor, agus maile r’a nuadh bheith thòisich e air a’ Bhiobull a leughadh; agus thaoghail e gu minic ormsa a dh’ aithris domh nan taisbeanadh glòrmhor a fhuair e: agus an déigh an aithris, dh’ fhoighnicheadh e dhiomsa le simplidheachd leinibh bhig, “An cuala tu riabh ni air bith cho taitneach roimhe?” An seann duine gaolach! Bha e uile ùr dhàsan, agus shaol leis gu-m b’éigin da uile bhi ùr dhòmhsa mar an ceudna! Ach mo thruaigh! an coimeas ris-san bha mise cho cleachdta ris na nithibh so, ‘s gu robh’ mo chion mothachaidh gu minic a’ toirt orm criothnachadh. Och nach sona a bhitheamaid nam b’ urrainn duinn ùraireachd nan ceud fhaireachdainnean drùighteach a ghleidheadh nar n-intinnibh!
Ach cha b’e am Biobull a mhàin an leabhar as an robh e’ foghlum. Bha e ‘na sheillean spioradail. Thionail e mil o na h-uile plùran. Faic sampleir dhe sin o na leanas. Nuair a bha mi aig àm àraidh a’ searmonachadh do muinntir òga, mhòl mi dhoibh iad a thasgadh leis na briathraibh so.
“Cha-n fhaigheadh cogais chiontach sith,
Cha nìgheadh chaoichd a sal
Le fuil nan ainmhidh dh’ iobradh suas
Air altairibh o shean.
Ach thionndaidh Criosd an t-Uan o neamh
Air falbh gach uile chiont’;
Tha iobairt-san nas airde gloir,
Tha luach nas mo ‘na fhuil.”
Ghabh an seann duine sanas o so, agus dh’ ionnsuich e an laoidh; an sin thainig e far an robh mi, ag ràdh, “dh’ ionnsaich mi an laoidh.” “Ciod an laoidh?” “Cuime tha an laoidh a mhòl thu do’n muinntir òga ionnsachadh; agus smuainich mi, ma tha i maith air an son-san gu feum i bhi maith air mo shonsa mar an ceudna. An abair mi i?” “Dean, ma ‘s e do thoil e.” Mar sin thòisich e agus chaidh e air adhart gu misneachail leis a’ cheud agus leis an dara rann, ach ann an aithris an treas rainn thainig reachd ‘na ghuth, agus ann an aithris a’ cheathramh ràinn.
“Nuair shellas mi gu tric ais
Air eallach throm gach ciont’,
A ghiulaineadh leat air a’ chrann;
Ma chionta chi mi ‘n sin.”
Bhrùchd a dheòir a mach, agus cha b’ urrainn e dol air adhart na b’ fhaide. Bha so dhòmhsa ‘na shealladh tiomachail agus drùighteach: a cheann liath, a ghuth critheanach, a shùil dhall, a thuil dheur, agus eud naomh, bha iad so uile cuideachd a’ deanamh an t-seallaidh so ‘na shealladh cho taitneach ‘s air an robh mi fianuisseach riabh. Bu mhiann leam a nise gu faiceadh mo leughadair e iar a chleachadh ann an obair bheannaichte bhi
sgaoileadh mu’n cuairt firinn Dhé. Theirear gu tric gu bheil seirc a’ toiseachadh aig an tigh, ach cha-n ‘eil i a’ stad an sin. B’e so cor Mhr. B—. B’e cheud chûram a h-uile dicheall a dheanamh a chum a ghairm agus a thaghadh a dheanamh cinn-teach. A ris thainig cûram a theaghlaich: an sin thainig cûram a’ choithionail, agus an sin thainig cûram a h-uile duine air am b’ urrainn e ruigheadh. A chum gu-n ruigeadh e air an t-seòrsa mu dheireadh, chleachd se e fein glé mhòr ann an sgapadh leabhraichean beaga agus cuibhrionnau de’n Bhiobull, agus bha e ro shèolta gu ràidean a dhealbh air son an sgaoileadh mu’n cuairt.
Air làithibh àraid is gnath leis an luchd-céirde ann am baile mòr an Impire coinneachadh ann an Talla-nan-Comunn,* a chum gu-n cuireadh gach luchd-ceàirde air leth air adhart gnothaichean an Comuinn eadar-dhealaichte fein. Bu làithean fogharaidh iad so do’n t-seann duine mhàith. Là no dhà roimh choinneachadh nan Comunn, thigeadh e do mi ionnsuidh-sa ag ràdh, “Tha mi ag iarraidh beagan de leabhraibh ann an caochladh chànàinean. Tha latha mòr a’ dòl a bhi againn an diugh ann an Talla-nan-Comunn (Guildhall) agus is miann leam deu-fheum a dheanamh de’n chothrom. Thabhair dhomh uibhir ‘s a’s urrainn thu de leabhraibh air son Impireil,” (mu thuaiream Gini). An sin an uair a bhiodh an gnothach thairis, thigeadh e do m’ ionnsuidh a thoirt domh sgeil: “Obair uamhasach an dé, a mhaighstir, aig Talla-nan-Comunn.” “Ciod a bha ann?” “Ghabh cuid de mhuinntir na leabhranan agus reub siad ‘nam bloighdibh iad, ‘gan saltairt f’an cosaibh fa chomhair mo shùil. Ghabh cuid eile na leabhranan agus thilg siad ann am aodunn iad, ag ràdh, ‘Ciod an gnothach a tha agad-sa ri mo chreideamh-sa?’ Rinn cuid eile an tilgeil anns an teine: ach cha-n ‘eil mi iar mo dhi-mhisneachadh, a mhaighstir. Feuchaidh mi ris a ris aig an ath choinneamh, cha toir mi thairis am feasd. Och cha tabhair! cha-n ‘eil a h-aon dìth a bha ‘na pheacach co mòr rium fein. Agus ma b’ urrainn do’n Tighearna Iosa Crìosd e fein ioraslachadh gu greim a dheanamh air mo leithid-sa de sheann cheannairceach, agus mo chridhe atharrachadh, am bheil thu am barail gu-n caill mi mo misneach? Cha chail. Ni mi obair airson Chriosd gu latha mo bhàis!”
Nach robh so Abstolach? Bha fios aige gu robh an tròcair cheudna a chaidh bhùileachadh airson leòr fhoghainteach a thaiseachadh nan cridheachan bu chruaidhe, agus a ghlanadh nan cridheachan bu truaillidhe; air an aobhar sin cha do chaill e riabh a misneach. Gun amharus rinneadh e gu buileach ‘na fhear-cuideachaidh air son Comuinn nan Leabhranan (Tract Society), agus air son Comuinn a’ Bhiobuill (Bible Society).
Bha a chaoinmneas do m’thaobhsa mòr agus cunbhalach. Bhuilich e orm gu bunailteach gach bliadhna còta ùr mar
* Talla-nan-Comunn, Guildhall, Talla no aite far an abhaist do chomunn-aih an luchd-ceairde eadar-dhealaichte, mar tha saoir, clachairean agus tailearan, etc., coinneachadh ann an aon chuideachd mhòir a chur an comhairle ri cheile cia mar a chuireas iad rian air an gnothaichibh.
gheanmaith, agus nuair a thug e dhomh an còta deireannach labhair e na briathran comharaichte so: “So dhuit, a mbaightstir, gabh so mar chombarradh air mo ghràdh; agus cuimhniche gu bheil e ‘na Bhuaidh-shuaicheantas (trophy) air gràs Dé cho mòr ris na h-iodholaibh a chaidh a chur dhachaidh à eilean Tahiti.*”
O ciod an t-aobhneas a bhios air na h-iompachanaibh Tahiteach a’ coinneachadh ris an t-seann tàillear Russach so an làthair Righ-chathrach Dhé! ciod an t’ard-shòlas a bhios òrra le chéile a’ seinn na co-sheirm so, “Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh air cumhachd agus sacibhreas agus gliòcas, agus neart, agus uram, agus glòir, agus moladh, fhaotainn. Oir shaor e sinne do Dhia le fhuil féin, as gach treibh, agus teanga, agus sluagh, agus cinneach!” (Taisbean v. 12, 9).
Nach iomadh leasan a ghabhadh foghlum o eachdraidh ghoird an t-seann duine mhàith so!
I.—Tha aobhar misnich an so dhoibhsan a tha ag oidhirp-eachadh ri seann pheacaich a threòrachadh gu aithreachas. Peacach iompachadh o sheacharan a shlighe agus mar so anam a thearnadh o’n bhàs, agus folach a chur air mòran pheacanna, is obair mhòr sin, ach tha iomadh deacaireachd fhuathasach anns an rathad. Am faod an t-Etiopach a chraicionn a mhùthadh? An urrainn iadsan a tha cleachdta ri olc maith a dheanamh? Am bheil e comasach beusan thri fichead bliathna atharachadh gu h-iomlan, agus an seann duine a dheanamh ‘na chreutair nuadh? Och ciod an obair a tha’n so! Cò a ta foghainteach air son nan nithe so? Ris gach neach a chi na duilgheadasan so theirinn, “Glac misneach.” Faic am peacach aosda so, agus imich air d’adhart ann ad oidhirpibh, gun a bhi idir fo amharus. Cha-n urrainn thu tachairt air aon duine nas neo-chosmhùile ri fàs ‘na Chriosdaidh firinneach agus dùrachdach na bha esan aon uair. Smuainich air cruadhas agus doille a chridhe nuair a thubhairt e riumsa, “Am faca tu Dia riabh?” agus an sin amhairc air a’ teagasg a luchd-oibre, a’ cathachadh ris an t-Soichineach (Socinian), agus a’ feuchan ri ceudan iompachadh mar chòmhlath: agus an sin abair, “am bheil ni sam bith tuille ‘s cruaidh air an Tighearna?” Och cha-n ‘eil! Air an aobhair sin iarr a mach a’ mhuintir is ro mhiosa ann ad choimhearsnachd agus stiùir iad a dh’ ionnsuidh Uan Dé a tha toirt air falbh peacaidh an t-saoghail. Cuimhniche gur ann a rèir mar is miosa a tha neach sam bith a’s mò a tha dh’ fheum aige air do chòmhnadh-sa: agus mar is faide air aghaidh ann an aois am peacach, gur ann a’s mò a tha dh’ fheum aige air còmhnadh grad, gun dàil. Nam faiceadh tu duine a’ dol fodha ann an abhain, thugeadh tu ‘nam bu mhiann leat còmhnadh a dheanamh ris, gu-m b’èigin duit a dheanamh gu luath, no gu-m biodh e tuille ‘s ammoch. Is ann direach mar sin a tha cor pheacach aosmhor. Mur teàrnar a nis iad cha teàrnar a chaoi iad. Bidh iad gu h-aithghearr as an t-sealladh.
* Tahiti aon de eileanaibh Australia a chaidh iompachadh leis an t-soisgeal o iodhol-aoradh.
II.—Tha an t-atharrachadh sona a thàinig air an t-seann duine so ‘na aobhar misnich do sheann pheacaich eile gus am beannachd ceudna iarraidh.
Thà, mo sheann chàirdean, so ‘na aobhar mòr mhisnich dhuibhse, chum nach caitheadh sibh bhrù beatha na b’ fhaid mar a rinn sibh cheana, ach a nis aig an aon uair deug gun iarradh sibh tròcair. Tha ann ceann liath ‘na chrùn glòire, ma gheibhear e ann an slighe na fireantachd: ach nach uamhasach an sealladh peacach le cheann liath, mi-ullaichte air son a’ bhàis ne-ughimichte air son néamh.
B’e so aon uair cor mo sheann charaid ann an Russia; ach thréig e a pheacanna. Dhealaich e ri a chompanachaibh peacach. Thilg se e féin air tròcair Chriosd air son slainte. Bu taitneach leis dol a thaobh o’n t-saoghail agus a chridhe a dhòrtadh a mach ann an ùrnuigh an lathair an Tighearna; air an dòigh so dh’fhàs e féin sona, agus an sin shaothraich e gus na h-uile mu’n cuairt da a dheanamh sona mar an ceudna. Rinn e dearmad air nithibh naomh an uair a bha e òg, ach a nise chuir e roimhe obair a dheanamh air son Dhé an uair a dh’fhàs e aosmhor. Bha fios aige nach robh aige ach ùine ghearr gu obair a dheanamh, agus rinn e mar a b’ fhear a b’ urrainn da, agus dh’ oibrich e mòran ann am beagan ùine. Cha robh ni sam bith cosmhuil ri atharrachadh o rùn. Nuair a choinnicheadh e ri dorradasaibh ‘s ann a dheanadh iad a bhrosnachadh gu bhi na bu ghniomhaiche. “Cha-n ‘eil mi iar mo dhi-misneachadh,” theireadh e, “cha toir mi thairis a chaidh. Cha tabhair! Ni mi obair air son Chriosd gu latha mo bhàis.” Agus nach bu chòir d’a eisimpleir-san thusa mhisneachadh gu dhòl agus deanamh mar an ceudna? Ma rinn Dia tròcair airsan, nach deanadh e tròcair ortsa nan iarradh tu air sin? Ma rinn Dia esan sona, nach deanadh e sona thusa mar an ceudna, nan deanadh tu ùrnuigh ris? Ma rinn Dia esan feumail, nach deanadh e feumail thusa cuideachd nan iarradh tu sin air, agus nan gnàthaicheadh tu na meadhoinean a shònraich Dia air son maith a dheanamh? Gun teagamh dheanadh e sin, O uime sin cuir a’ chùis an dara taobh. Nuair a tha Iosa ‘gad ghairm freagair thusa. Nuair a tha Iosa ‘gad chuireadh ruith thusa d’a ionnsuidh. Nuair a tha Iosa a’ taigseadh maitheanas saor, sin thusa a mach do làmh gus a ghabhail, agus iar dhuit fhaotainn, an sin seinn gu h-àrd, “O Thighearna molaidh mi thu; ged a bha fèarg ort rium, gidheadh a nise tha do chorraich iar a’ tìonndadh air falbh agus tha thu a’ toirt co-fhurtachd dhomh. Feuch, is e Dia mo Shlùinte, cha bhi eagal orm.”
III.—Tha ceann-aobhair gasda an so air son beachd-smuain-eachaidh do luchd-cèirde òga chràbhnach.
Air maduin àraid an uair a choinnich mi e thubhairt e rium, “Tha iomaguin mhòr orm mu dhéibhinn anamanna mo chuid ghillean, innis dhomh ciod is urrainn mi dheanamh air son an anamanna.” Smuainichibh air so. Och ciod an t-atharrachadh a thigeadh air Breatuinn gu luath nam biodh a h-uile fear-ceàirde
diadhaidh innte a’ faireachdainn mar a bha an duine so. Ciod gus an do threòraich iomaguin e? Innsidh mo leabhran sin duibh. Agus is gannachunnaic mi duine riabhag an robh “faireachdainean dûrachdach,” nach d’ thàinig nithean maithse gu crich.
Tha Mata Mac Eanraic * ag radh gu-n “Toir faireachdainean drùigtheach a mach briathran dian,” agus chi sinn gu bheil so fior o chleachdadh an t-seann duine mhaith so. Agus ma rinn esan ‘na shean aois uibhir a dhealbh agus a thoirt gu crich, cia mòr a’s mò na sin a dh’fhaodas sibhse a dheanamh, a tha an tràsa ann am maduin no meadhon-latha bhur beàtha? Feuchaibh ris, seadh feuchaibh ris agus “ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, dean e le d’ uile neart,” a’ gabhail eisimpleir o rùn an t-seann duine. “Ni mi obair air son Chriosd gu latha mo bhàis.”