THA’N Tighearn ann an so anns a ghàradh, agus tha e fuidh fhalus fola, fuidh uallach trom fearg Dhia air son ‘ar peacanna; agus uime sin tha e a’ dol a dh’urnuigh a chum, ‘s gu’n faigheadh e lasachadh le sin; ach ‘nuair a thainig e dh’ionnsuidh a dheiscioibuil, fhuair e na’n codal iad. Bha so na mhi-mhisneach mhoir dha; uime sin tha e a’ cronachadh Pheadar air ainn, agus an deigh sin a’ tabhairt àithne shonruichte do gach aon diubh, gu’n deanadh iad faire agus urnuigh mus tuiteadh iad ann am buaireadh; agus an deigh sin tha e ‘toirt an t-aobhair, ag radh, “Tha’n spiorad toileach ach tha’n fheoil anmbunn.” ‘Nis a chum bhrur cuir ann an cuimhne air na nithe sin a bha gu h-aithghearr air an teagasg dhuibh roimh so: ‘se so iad, gur e an ni sonruichte bu chòir dhuibh a bhi agaibh air bhrur n-aire, sàbhaladh agus a bheath bhith-bhuan. ‘Se ‘n doigh gu so fhaotainn da rathad, tha aon diubh tre chreidimh, a’ tabhairt ort greim a dheanamh air Mac Dhe, ann a bhi aig itheadh fheoil agus ag òl fhuil, agus a bhi deanamh feum deth a bhàs gus am peacadh a mharbhadh annad, agus deth aiseiridh a chum d’ ath-bheoth-achadh agus do dhugadh suas: an rathad eile le ‘do ghiulain Criosduidh, agus do bheath naomh; oir “as eugmhais naomhachd cha’n fhaic a h-aon sam bith an Tighearn.” Mar so feumaidh gach neach a chreideas am peacadh a thilgeadh uatha, feumaidh sibh oibre na dorchadais a thilgeadh uaibh, agus feumaidh sibh armachd an t-soluis a chuir umaibh; feumaidh sibh teicheadh o’n olc, agus a’ maith a dheanamh; agus mar sin feumaidh sibh àithne fhaotainn air ciod e an t-olc, agus ciod e a ni ‘ta maith. Mar sin feumaidh sibh ‘ur cridheachan a bhi air an cuir ac deach ordugh, agus feumaidh àmhlachd a bhi air a thabhairt do uile aitheantaibh Dhe, aig gach àm, agus anns gach cuideachd; feumaidh ionracas agus treibhdhíreas cridhe a bhi ann an aoradh Dhe; feumaidh dichioll a bhi ann an obair Dhe, oir cha’n fhaigh an seirbhiseach leisg a bheag sam bith; feumaidh buanmhairean-achd a bhi ann gus a chrioch, air neo-caillidh sibh bhrur duais; feumaidh macantas cridhe, agus irioslachd inntinn a bhi ann, air-neo cha’n urrainn sibh cuing Chriosd a ghabhail oirbh, ni mo a bhios i gu bràth taitneach agus furras dhuibh; uime sin feumaidh meas a bhi agaibh air uile aitheantaibh Dhe ann a lagh fein.
Teagaigsidh a cheud àithn dhuibh Dia amhàin a bhi agaibh ‘n’ur cridhe, agus gun a h-aon sam bith eile.
Teagaigsidh an dara àithn dhuibh meas a bhi agaibh air gach uile earrann de aoradh.
Teagaigsidh an treas àithn dhuibh cionnas a ghloraicheas sibh Dia ‘n’ur n-uile shlighibh, agus a bheir sibh urram do ‘ainm os-cionn gach ni eile fuidh neamh.
Teagaigsidh an ceathramh àithn dhuibh an t-sàbaid a choimhead naomh, agus a coisrigeadh mar là urramach do’n Tighearn, agus an la sin a chaitheadh gu h-iomlan o mhaduinn gu feasgair ann an seirbhis Dhe.
Teagaigsidh an cuigeamh àithn dhuibh bhr dleasdanais doibh-san a tha ann an aird-inbhe agus ann an inbhe ional, ciod an t-urram agus an t-umhlachd a tha dligheach do’n dara h-aon, agus ciod e an gràdh agus an cùram a bhuineas duibh a thoirt do’n aon eile.
Teagaigsidh an seathamh àithn dhuibh gach uile ghamhlas agus fharmaid a sheachnad, gach uile strì agus choinsachadh, agus o chroin no bho mhurt do choimhearsnaich.
Teagaigsidh an seachdamh àithn dhuibh gach uile smuainte salach a sheachnad, agus gach uile chomhradh neoghlain agus mi-mhodhail, agus teicheadh o gach uile gine ana-miannaibh truaillich na feola.
Teagaigsidh an t-ochdamh àithn dhuibh a bhi air bhr faicill o shannt, agus o mheadhonaibh mi-laghail a chum bhr saoibhreas fhaotainn, no ‘ur teachd-an-tir a chosnad.
Toirmisgidh an naodhamh àithn dhuibh breugan a dheanamh, no fianuis bhreug a thogail ann an aghaidh bhr coimhearsnaich.
Agus teagaigsidh an deicheamh àithn dhuibh a bhi air bhr faicill ‘o dhroch smuain a smuaineachadh ann an aghaidh bhr coimhearsnaich.
‘Nis b’iad an dá fhirinn mu dheireamh a chuala sibh, iad so.
Air tús, feumaidh sibh a bhi beo tre chreideamh; oir aithreachas, leasachadh beatha, a bhi beo gu fireanta, gu stuaime, agus gu h-ionraic, agus a bhi beo tre chreidimh is aon ni e: oir esan a ta beo tre chreidimh, tha e beo gu diadhaidh, gu stuaime, agus gu h-ionraic: esan a tha beo tre chreidimh, tha e ‘deanamh aithreachas agus ag ath-leasachadh a bheath, do bhrigh ‘s nach urrainn a h-aon na nithe so a dheanamh ach esan a tha beo tre chreidimh. ‘Se Criosd a dh’fheumas bhr cridhe a reubadh, agus bhr cridhe cloich a thoirt air falbh, agus cridhe feola ‘thabhairt dhuibh; ‘se Criosd a dh’fheumas ‘ur cridhibh a dheanamh glan, agus ‘se Criosd a dh’fheumas a thoirt oirbh toraid iomchuidh an ath-leasachaidh-beatha a ghiulain, agus cha’n urrainn sibh Criosd a chumail ach tre chreidimh, uime sin cumaibh greim deth troimh chreidimh, oir cha’n ‘eil lán-toileachadh air bhr son ach tre chreidimh.
B’e ‘n ni fa ‘dheireamh bhr caith-beatha Chriosduidh, an ni a tha tabhart mòr ghloir do Dhia; oir tha esan air onaireachadh ‘nuair a dhealraicheas bhr solus am fianuis dhaoine, agus ‘nuair a ghloiricheas iadsan Dia air son bhr deadh oibre, do bhrigh ‘s gu’m bheil iad a’ faicsinn Iosa sgiobhta air bhr cridheachan, agus iomhaidh Dhe air a tharruing air bhr n-anama, agus mar sin tha ainm Dhe air a labhairt gu maith uime; ach ann an aghaidh sin, thus a tha beo gu h-ain-diadhaidh agus gu h-eas-ionraic, tha thus a’ toirt toibheum do ainm Dhe, agus tha thu ceusadh a ris an Tighearn Iosa, ma dh’aidich thu aon uair an creidimh-criosduidh, agus tha thu a’ meas na fola sin a bha comasach air do ghlanadh o do pheacanna, na ni mi-naomh! Uime sin bu chòir duibh deadh aire a thabhairt duibh fein cia mar a chaitheas sibh uile laithibh bhur beatha Chriosduidh; oir feumaidh cunntas a bhi air a deanamh agus air a thabhairt a steach, air son uile thiom ‘ur beatha, cionnas a bha e air a chaitheam ann an seirbhis agus ann an aoradh Dhe. ‘Nis, ‘siad so na nithe a chuala sibh.
‘Nis, na nithe a tha ri bhi air an labhairt, thug Dia dhuit iad na fhocal, a chum do neartachadh agus do mhisneachadh a chum a bhi beò a leithid do bheatha naomh agus Chriosduidh, air doigh ‘s ma ghnathaicheas tu iad, gu’m feud thu a bhi beò gu diadhaidh agus gu sona an so, agus do chrioch a bhi glormhoir agus a bheatha shiorruidh faotuinn an deigh so.
‘San dara h-àite, Tha mi gu innseadh dhuibh, air mhodh shònruichte, cionnus bu chòir dhuibh na h-uile là a chleachdadh, air doigh agus ‘nuair a thig an oidche, gu’m feud thu a ràdh, Thighearn, cha bhi eagal orm ge do thigeadh tu anns na neulaibh mu’n tig a mhaduinn; agus ‘nuair a dh’eireas tu sa mhaduinn. gu’m feud thu a ràdh, A Thighearn, cha’n’eil ‘eagal orm ge de thigeadh tu anns na neulaibh mu’n tig an oidich, oir tha mise ullamh; oir tha so feumail air ‘ur son, aithne a bhi agaibh cionnus bu chòir dhuibh a bhi ag imeachd ann am fianuis Dhé, agus an rathad gu a thoileachadh anns gach ni; tha e féumail, tha mi ag ràdh riutsa, a bhlais air milseachd agus air maitheas Dhé, agus air aoibhneas na’m flaitheanais, agus air cumhachdaibh an t-saoghail ri teachd, agus dhuit-sa a tha sealtainn air son crùn glòir shiorruidh.
An treas ni a tha mi gu innseadh dhuibh ‘se so e, ‘leagail fhaicinn duibh ciod iad na rùntean sonruichte a tha aig an diabhal a chum ‘ur mealladh, an dara cuid a chum oic a dheanamh, no am maith fhagail gun deanamh.
‘San aite fa ‘dheireamh, tha rùn orm a leagail fhaicinn agus a thabhairt duibh co iad ag am bheil creidimh, ciod sam bith co lag, agus ciod iad na còirichean glormhoir agus na sochairean a thug Dia dhuitsa tha creidsinn, anns am feud thu gairdeachas a dheanamh, air dhuit fhios a bhi agad gu’m bun iad dhuit féin. Innsidh mi dhuit iad a ris.
‘Sa cheud aite. Tha mi gus na meadhonaibh innseadh dhuit, ma ‘se agus gu’n cleachd thu iad gu’m bi agad rathad reidh, agus dorus fosgailt a chum dol do neamh, far am faigh thu oighreachd sgiamhach agus cuibhrinn thaitneach.
‘San dara aite, Tha mi gu innseadh cionnus a ghluaiseas sibh air bhur n-aghaidh rè an là gu h-iomlain, agus rè na h-oidche gu teachd na maduinn; an deigh sin ‘nuair a thig aon-chuid maduinn no feasgair gu’m bi i aoibhneach agus di-bheatha dhuibhse.
‘San treas aite, Tha mi gu innseadh dhuibh ciod iad rùinteann an diabhail, leis an gnàthach leis bhrù tálaid gu olc, no gu bhrù cumail air ais o mhaith. Agus anns an àite fa’dheirnamh, Tha mi gu labhairt air na còirichean glòrmoir so agus na sochairean iongantach a bhuineas do chlann Dé, mar a ta iad air an cuir sios anns an fhocal.
‘Nis, mar air son a cheud ni, Ciod iad na meadhonaibh a dh’òrduich Dia do gach neach d’a mhuiintir féin a chleachdamh, a chum le sin gu’n tigeadh iad a dh’ionnsuidh a rioghachd? Oir chuir e gàradh mu’n rathad agus dh’fhosgail e dorus, agus rinn e slighe a threoicheas tu gu neo-choireach a dh’ionnsuidh na rioghachd sin, ma bhuanaicheas tu ann. Tha iomadh a’ rùnachadh Dia a thoileachadh, agus a bhi aig imeachd ‘na shlighibh; ach do brigh ‘s nach aithne dhoibh na meadhonaibh a chum so a choimhliionadh, uime sin tha iad air an tilgeadh a dh’ionnsuidh an leithid do amharusaibh, cha’n’eil fios aca ciod a na iad.
Ach Ciod iad na mheadhonaibh so a dh’òrduich Dia dhuibh a gnàthachadh anns an t-saoighal so, co fhadh ‘sa tha sibh air choigreach ann an so agus as làthair o’n Tighearn? Oir ‘nuair a thig sibh d’a ionnsuidh féin, cha bi feum agaibh orra, Innseam dhuibh, gu’m bheil cuid dhuibh air an cleachdadh gu gnàthaichte, agus aig amaibh gnàthaichte; agus tha cuid eilè a tha sònruichte, agus a tha air an cleachdadh aig amaibh sònruichte. A ris, na meadhonaibh gnàthaichte so, tha cuidh dhuibh air an cleachdadh aig aoradh folaiseach Dhé; mar aig eisdeachd an fhocal, agus gabhail na Sàcrament, mar am baisteadh agus Suipeir an Tighearn. Tha eagal orm nach robh aig mòrn agaibh riamh fathast mòr shòlais ann bhrù baisteadh, do bhrigh ‘s nach d’thug sibh fainear gu’m bheil e air òrduchadh le Dia a chum a bhi na mheadhon neartachaidh agus dàighneachaidh ann an geallaidhean na slàinte air an deanamh dhuibh ann an Criosd, agus air an seulachadh suas dhuibh le fhuil, air a chiallachadh leis an uisge ann an Sàcramaint a bhaistidh. A ris, tha eagal orm nach robh cleachdadh Suipeir an Tighearn’ a chum buannachd dhuibh, do bhrigh easbhuidh an ullachaidh naomh roimhe an t-seirbhis, agus a chrioch naomh ann an deanamh na seirbhis, agus an rùn naomh sin an deigh na seirbhis chèudna dheanamh. Eadhon mar sin, tha mi ag radh, ann an eisdeachd an fhocal, chuala mòran agaibh e gu h-an-dàna agus neo-ullamhaichte, as-eugmhais a bhi tabhairt aire do ‘ur cosaibh ‘nuair a tha sibh a ‘col a steach do thigh Dhé; tha mòran ann an droch uidheam aig àm na h-eisdeachd, agus is teirc iad a tha rùnachadh a dheanamh a ni a tha’m focal ag àithneadh. Ach n’am biodh am facal so air a chleachdadh le urram aig orduaighean Dhé, gheibheadh sibh beannachadh anna; agus na ‘n tigeadh sibh agus focal Dhé a chluinninn le urram, a smuaineachadh gu bheil sibh ann an làthaireachd an Tighearn, dheanadh so mòr fheum dhuibh. ‘Nis, a thuilte air na meadhonaibh follaiseach so, feumaidh sibh meadhonaibh uaigneach a chleachdadh mar an ceudna, air-neo cha’n urrainn aoradh Dhé a bhi air a choimhead ann an treibhdhíreas. Na meadhonaibh uaigneach so, bu choir duibh ar-aon an aithneachadh agus an cleachdadh gu dichiolach.
‘Se a cheud aon Faire, agus tha e ann an so air àithneadh, “Deanaibh faire agus ùrnuigh a chum’s nach tuit sibh ann am buaireadh.” Feumaidh sibh faire a dheanamh do ghnàth, agus sùil a bhi agaibh ri ‘ur n-oibre uile, a chum’s gu’m bi iad freagarrach do lagh Dhé agus anntsan nach d’thèid thu a thaobh aon-chuid a dh’ionnsuidh na làimh deas no na làimh clì.
‘San dara h-aite, Feumaidh sibh ùrnuigh a dheanamh, agus sin do ghnàth, mar a ta ‘n t-Abstol ag àithneadh.
‘San treas àite, Feumaidh sibh am beachd-smuaineachadh naomh sin a bha aig naoimh Dhia a bhi agaibh air a lagh gu h-iomlair, air uile thocal agus air uile ghniomhradh, co fhada ‘sa ‘surrainn sibh an cuimhneachadh.
‘Sa cheathreamh àite, Feumaidh sibh uile armachd Dhé a chuir umaibh, agus an caitheamh; crìoslaichibh bhr leasraidh le firinn, cuiribh umaibh uchd-èididh na fireantachd, cuiribh ullachadh soisgeil na sith mar bhrògan air bhr casaibh, cuiribh clogaid na slainte air bhr cinn; agus, thar na h-uile nithe, glacaibh do’r n-ionnsuidh sgiath a chreidinn, a chum’s gu’m mìch sibh uile shaighde teinteach an droch spioraid; agus claidheamh an spioraid, a’ ni ‘se focal Dhé.
‘Sa chuigeadh àite, Comharaichibh mothachadh air gaol iongantach Dhé air oibreachadh ar-aon oirbh féin agus air muinntir eile, do thaobh bhr n-annhunnachd, agus do thaobh gràs Dhé ‘g’ur cumail suas. ‘Nis, thulle air so, tha aidichidhean uaigneach, buidheachais uaigneach, comhlabhairt uaigneach, agus co’ chomunn uaigneach maille ris na naoimh. ‘Nis, na’m biodh iad so uile air an gnàthachadh, gheibheadh sibh gnàthachadh na’m meadhonaibh so a’ deanamh suas Criosduigh sgiamhach. Ach tha mi fagail na nithe so, so a mhain tha mi guidh oirbh, “deanaibh faire agus ùrnuigh a chum’s nach tuit sibh ann am buaireadh”; oir cha’n’eil a bheag a ghleidheas sibh o bhuaireadh ach faire dhichiolach, air a comb-cheangal ri ùrnuigh, agus a bhi a’ tabhairt aire do d’ùile shlighibh, mar aon ann am focal, smuain, agus gniomh, nach imich iad air falbh o’ lagh Dhé; maille ri comb-labhairt mhilis agus comb-chomainn maille ris an Tighearn do Dhia, ann an cuir suas t-iarrais a dh’ionnsuidh an Athair, agus a Mhic trid an Spiorad: dha’n robh na h-uile clìù, onair, agus gloir, uath so a mach agus gu siorruidh. Amen.
It was the priest’s office in the time of the law, to keep the fire in the sanctuary from going out; and it is the office of our Lord Jesus, as He is our High Priest, our Head, our Husband, our Mediator, for to blow up that heavenly fire that He hath kindled in any of our souls.—T. Brooks.