Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1918 » January 1918 » Air Iomadh Puing Dhiadhachd. Le Mr. Eoin Uelsh

Air Iomadh Puing Dhiadhachd. Le Mr. Eoin Uelsh

“Oir a ta gradh Chriosd ‘gar comh-eigneachadh, air dhuinne breithneachadh mar so, mar fhuair a h-aon bas air son na’n uile, gu’n robh na h-uile marbh: Agus gu’n d’fhuair e bas air son na’n uile, chum iadsan a ta beo, nach biodh iad a so suas beo dhoibh fein, ach dhasan a dh’fhuing am bas air an son, agus a dh’eirich a ris.”—2 COR. v. 14, 15.

A CHUM ‘s gu’n tuig sibh so na’s fearr, tha e ag innseadh roimh so, gu ‘bheil ám a bheath na bhásachadh gach la, agus gu’n robh e fuidh iomadh crois agus trioblaid air son aobhar Chriosd, agus tha e ag innseadh na’n sólasan a chum suas e fuidh na h-uallaichibh so do thrioblaidibh anns a bheatha so, nach ‘eil ach air son tiota’, agus gu’n aobhraich iad dhuinne trom chud-throm gloir a ta ni’s ro-ana-bharrach agus sior mhaireannach; agus uime sin cha d’ amhairc e air na nithe a ta r’am faicinn, air dha fhaicsinn nach robh iad ach aimsireil, ach dh’amhairc e air na nithe nach’eil ri’m faicinn’, ach a tha air am faicsinn a mhàin le stùil a chreidimh, “a faicinn gu’m bheil iad siorruidh.” An deigh sin tha e ag innseadh an ní air am bheil fhios aige, ‘nuair a bhios an corp so aigesan, a tha e a’ gairm tigh talamhaidh a phailliuin, air a sgaoleadh as a chèile; gu’m bheil e gus na’s fearr fhaotainn na aite, “eadhon, aitreamh o Dhia, ‘se sin, tigh nach do thogadh le láthan, siorruidh anns na neamhaibh.” Agus a chum so a dhearbhadh, tha e tcirt a steach cinnteachas uinn o ughdar a bheatha, an neach is e Dia, “an tì mar an ceudna a thug dha-san geall daighnich an Spioraid,” agus air a sin tha e a’ suidheachadh. Na dheigh sin tha e ag innseadh “nach robh e an so ach na choigreach, agus as láthair o’n Tighearn”; uime sin gu’m bu roghnaichte leis atharrachadh as a chorp agus a bhi a chomhnuidh maille ris an Tighearn; agus tha e ag innseadh, nach’eil ach aon ni air a’ bheil e an geall, a ni a b’e so, “co-dhiubh bu bheatha no bu bhàs dha, no co dhiubh a bha e aig a bhaile no o’na bhaile, gu’m biodh e taitneach do’n Tighearn,” agus gu’n deanadh e a dhichioll air a thoileachadh anns gach ni. Ann an sin tha e ag innseadh an t-aobhar air son an robh e an geall air so a mhàin; oir, a deir esan, “Feumaidh sinn uile taisbeanadh fa’chomhar caithir bhreitheanais Chriosd,” far am bi gach ni air a dheanamh follaiseach, ma’s maith, no ma’s olc e, a chum’s gu faigh gach neach a ni a rinn e ‘sa cholainn, co-dhiubh is maith no olc e.”

An deigh sin tha e ag radh, air dhuinne fhios a bhi againn air uamhas an Tighearn, tha sinn a’ cuir impidh air daoine. Oir, nach fheum an là sin a bhi uamhasach, ‘nuair a bhitheas na neamba agus an talamh gu léir air an cuir na’n teine, agus ‘nuair a chrathar na beanntaibh, agus a chriothnaicheas an talamh, agus a reubas na creagan. Air dhuinne, tha e ag ràdh, fhios a bhi againn air “uamhas an Tighearn, tha sinne cuir impidh air daoine”; ‘se sin tha sinn ‘gan deanamh cinnteach as an latha uamhasach sin, agus tha sinn a’ cuir impidh orra bhi deanamh nithe a tha taitneach do Dnia a nis, ann an laithibh an cuairt; agus tha e gabhail Dhia, agus an coguisibh féin mar fhianuis, gu’n robh esan firinneach ann an sin a dheanamh. Agus air ‘eagal ‘s gu feudadh cuid a smuaineachadh gu’n deach e thar criochan a ghairm, agus gu’n robh e as a chiall; uime sin tha e a’ coinneachadh so, anns na briathraibh so, agus tha e ag radh, oir ma tha sinne a dh’eabhuidh ceill, ‘sann do Dhia, agus ma tha ‘ar ciall againn, ‘sann duibhse; agus ‘an sin tha e air teachd a dh’ionnsuidh so a leubh mi dhuibh, agus ni mi a mhineachadh dhuibh, “Tha gaol Chriosd ‘gar comh-eigneachadh; ‘se sin, tha e ‘ga mo cheangal le leithid do cheangal, air doigh ‘s nach dàna leam ach mo dhichioll a dheanamh air a bhi taitneach do Dhia, agus impidh a chuir air na h-uile duine ‘san t-saoghal (co fhada ‘sa ruigeas mo ghairm), iad féin ullachadh air son latha mòir sin a bhreitheanais, oir bithidh e na là uamhasach dhoibh-san nach bi ann an tomhas-eigin air an ullachadh air a shon. An deigh sin tha e ag innseadh dhoibh, ciod e an gaol a bha ann an so a rinn air an doigh so a chomh-eigneachadh; do bhrigh, ‘deir esan, gu’m bheil sinn a’ breithneachadh, ma fhuair a h-aon bàs air son na h-uile, an sin gu’n robh na h-uile marbh. Mar gu’n abradh e, B’e so gràdh Chriosd dhuinne, gu’n do bhàsaich e air ar son, agus tha dearbhachd agam gu’m bheil a bhas-san làn fheagarach air son mo shaoradh-sa an làthair caithir bhreitheanais Dhia, mar gu’m bàsaichinn-sa, agus gu’n giùlainn an mallachd mi féin, mar gu’m biodh mo cheann féin air a sgathadh dhiom, agus mar sin feudaidh tusa bhi, a tha creidsinn anns a Mhac, feudaidh tusa bhi cinnteach gu’n robh a mhallachd air a giùlain air do shonsa, agus nach teid thu gu bràth a mugh, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh agad; feudaidh tu a bhi co chinnteach agus ge d’ bu tu féin an duine a ghiùlaineadh ‘i, agus a bheireadh ùmhlachd do’n Athair a dh’ionnsuidh dearbh bhàs a chroinne-cheusaidh; uime sin tha feum agaibh a bhi ag ùrnuigh air son creidimh, do bhrigh ‘s gur e a mhain an aon neamhnuid a tha anns an t-saoghal; oir ni e comasach thu a bhi beo gu maith ann an so, agus gloir shiorruidh fhaotainn an deigh so. Agus bhàsaich e air son na’n uile. C’ar son a fhuair e bàs air son na’n uile? C’ar son a fhuair e bàs air do shonsa? Ciod a thug a nios o neamh e? Ciod a rinn a thàirneadh ris a chrann? Ciod a thug a mach fuil a chridhe? Ciod e ach do pheacaidhean-sa agus peacaidhean an taghaidh bhith-bhuan!

‘Nis, ciod e ris am bheil e scealtainn air a shon uat-sa? Ciod e a tha e ag iarraidh o do laimh-sa air son fògradh na’n tri bliadhna deug-thar-fhichead sin o’ neamh air do sgàth-sa? ‘Se so an ni a tha e ag iarraidh, do bhrigh ‘s gu’m bheil do pheacaidhean-sa air am maitheach dhuit, agus do bhrigh ‘s nach ‘eil d’teathd dhuit-sa, agus do bhrigh ‘s gu’m bi thu beo gu siorruidh, oir tha e mar sin dhuit-sa a tha creidsinn na’n geallaidhean. Air faicinn ma ta gu’m bheil a chuis mar sin, ‘s e croich na h-uile dheth so nach bi sibh-se beo dhuibh fein, agus a chuid eile do bhrur beatha nach caith sibh e air bhrur brù agus air bhrur druim, ach air son Iosa Criosda, air tuis a bhàsaich air do shon, agus a nis a tha air eiridh a ris; ‘s e so a chrioch, nach leibh fein sibh fein na’s faide, ach na tha romhaibh deth bhrur beatha, gu’m bi sibh beo a chum a ghloir-san a bhàsaich air bhrur son, agus a dh’eirich a ris, agus a thug a steach maille ris earrann dibh; agus an earrann is fearr dibh a chum na neamhaibh maille ris fein. An deigh sin tha e ag radh, “‘o so suas cha’n aithne dhuinne aon duine a reir na feola,” etc. Mar gu’n canadh e, ‘se so mo bhreith, ‘nis cha bhi meas agam tuille dhiom fein, no do dhuine sam bith a reir na feola, ni h-eadh, cha bhi air son Chriosd fein, do reir na’n còirichean feolmhoir a bha aige mar a thainig e mach o ghineil Dhaibhidh, agus thainig e a dh’ionnsaidh a rioghachd, agus mar a shuidh e air a righ-chaithir; ach ‘s aithne dhomh e mar a tha e na Mhac do Dhia, agus na Righ air a chrùnadh ‘s na flaithneasas. Agus an deigh sin tha e ag radh, “‘uime sin, ma tha neach sam bith ann an Criosd, is creutair nuadh e.” C’ar son? “Do bhrigh ‘s gu’n deachaidh na seann nithe seach, agus gu’n d’ rinneadh na h-uile nithe nuadh.” Cionnas a tha sin a’ tachairt? O’n latha ‘san do dhoirteadh fhuil, tha neamh, agus talamh, agus gach ni a tha annta air teachd gu a bhi nuadh, agus tha iad uile a’ feitheamh air son latha an saorsa fa-dheoigh. ‘Nis, a’ faicinn gu’m bheil gach uile chreutair a’ fàs nuadh, is cuibhidh dhuit-sa a tha ann an Criosd a bhi ad chreutair nuadh. An uiread so air son mineachadh na’m briathran.

‘Nis, tha dà ni a tha sibh gu a thabbhàirt fainear: ‘Se a cheud nì, an doigh anns am bu chòir duibh a bhi beò; ‘se’n t-ath nì, na h-aobhairean a chum bhrù glùasad suas gu a bhi beò air an doigh sin, agus tha iad agaibh mar aon air an cuir sios ann an so, an doigh anns am bu chòir duibh a bhi beò, cha’n ann duibh féin gu bhrù mianaibh fein a riarachadh, ach a chum a bhi beò do Chriosd agus seirbhis a thabbhàirt dha-san. ‘Se’n t-aobhar gu’r glùasad a chum a bhi beò air an doigh so, anns a cheud aite, “Do bhrigh ‘s gu’m féum sibh uile taisbeanadh ann an lathair caithir bhreitheanais Chriosd; agus uime sin bu chòir duibh uile a bhi ‘deanamh maith, oir da reir ‘s mar bhitheas ‘ur saothair, eadhon mar sin bithidh bhrù duais; mar a thubhàir Daniel xii. 3, “Agus dealraidh iadsan a ta glic mar shoilleireachd na’n speur: agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fireantachd mar na reultanfad saoghail na’n saoghail.” A ris, “gheibh gach duine do reir ‘s mar a rinn e anns a chorp, co dhiubh is maith, no oic e, uime sin bu chòir dhuinne ar dichioll a dheanamh gu’m bi sinn taitneach do Dhia, agus mar sin suim a bhi againn do’n là sin; oir esan ag nach bi suim do’n là sin cha bhi e gu brath air ullachadh air a shon.

‘Se’n ath aobhar, gràdh Chriosd a rinn e a dhoirteadh a mach ort, agus a dhoirt e mach air do chridhe leis an Spiorad Naomh. Ach cha mhothaich thus an gràdh so mur breithnich thu, agus mur bhi dearbhachd agad ann do chridhe, gu bheil bàs a Mhic co eifeachdach dhuit-sa agus ge do bhàsaicheadh tus am bàs sin thu féin, agus gu’ bheil umhlachd Chriosd do’n Athair a chum bàis a chroinne-cheus, air a dheanamh dhuit-sa mar t-umhlachdsa an t-aon ni is ge do b’urrainn thusa dheanamh thu fein, a chum ‘s gu’m biodh agad fior chòir gun teageamh air uile gheallaidhean na slainte air a deanamh ann an Criosd; agus air uile thoill-tinneas; agus feumaidh tu a chreidsinn nach ‘eil diteadh dhuit-sa, do bhrigh ‘s gu bheil thu ann an Criosd.

Ach gu ath-philltinn, c’ionnas bu choir dhuibhse bhi beò? ‘Nis, am b’ail leibh fhios a bhi agaibh air a so, tha féum agaibh uile air fios a bhi agaibh air, oir bithidh sibh uile air bhrù deanamh aithnichte am fianuis Dhé, agus bithidh bhrù coguisibh gu leir air an tarruing a mach lomnochd agus rùisgte ann an lathair caithir a bhreitheanais; ‘an sin cha bhi sibhse a bha beò gu cothromach air bhrù cuir fuidh nàire, oir èiridh sibh a chum aisèiribh na beatha; ach èiridh na h-aingidh a chum aisèiridh an d’tidh. Am b’ail leibh aithne a bhi agaibh, ma ta, cia mar a bhiodh sibh beò gu maith, agus a chuireadh sibh onair air Dia anns an t-saoghail so, a chum ‘s gu faigh sibh a bheath shiorruidh an deigh so? Dh’innis mi dhuibh iad a cheana, agus fathast b’ail leam gu’n cuimhnicheadh sibh iad.

Sa chéud àite, Feumaidh sibh a bhi air ‘ur “lionadh le eòlas air a thoil anns an uile ghliocas agus thuisge spioradail”; agus uime sin tha feum agaibh air a bhi ag ùrnuigh air son an Spioraid, a theagaisgeas sibh ’s na h-uile nithe. ’Se sin a cheud ni.

’San dara h-aite, Feumaidh tu gràdh Dhé a chumail do ghnàth ann do chridhe, agus ni so ullamh thu anns gach uile nithe.

’San treas aite, Feumaidh sibh ùmhlachd a thoirt do Dhia anns an olc tha e toirmeasg a sheachnadh, agus ann an deanamh a mhaith a tha e ag àitneadh dhuibh.

’Nis, a chum do chomhnadh, feumaidh tu cridhe onaireach agus treibhdhireach a bhi agad; oir tha thu ad’ Chriosduidh iomlain ma tha do chridhe treibhdhireach, agus cha’n’eil iomlaineachd eile a tha Dia ag iarraidh ort anns a bheatha so.

’Sa cheithreamh aite, Feumaidh tu a bhi diciollach ann an seirbhis Dhé, feumaidh tu thu féin a chuir fa’leth air son seirbhis Dhé, agus feumaidh tu thoirt fa’near, nach robh thu air son crioch sam bith eile air do chuir a dh’ionnsuidh an t-saoighail, ach air son seirbhis a thabbhairt da.

Chuala sibh mu’n “duine dhichiollach gu’n dean e saoibhreas; ach gu’ bheil an leisgein a’ miannachadh, agus anam eas-bhuidheach”; uime sin cha’n fhaod sibh suidh sios ann an so, feumaidh sibh a bhi do ghnàth a’ ruith, ge do bhiodh tu air do thogail suas a dh’ionnsuidh an treas neamh agus ge do chluinneadh tu briathraibh do-labhairt nach b’urradh do dhuine sam bith a labhairt, mar a rinn Pòl; gidheadh cha’n fhaod thu suidh sios ann an sin, ach feumaidh tu a dhol air t-aghaidh agus do réis a ruith le foighidin gus an ruig thu dh’ionnsuidh a chomharaidh.

’Sa chuigeamh aite. Feumaidh sibh buan-mhaireanachd a bhi agaibh; agus uime sin feumaidh sibh cuing Chriosd a ghabhail air bhur guailibh, agus feumaidh sibh a rádh, smuainicheadh muinntir eile an ni as àill ieo, smuainichidh mise do chuing milis do m’anam; agus gu ma fada gu’n robh e uamsa a shaòilsinn e a bhi na uallach dhomh, an oidhear p a thabbart oir do thoileachadh anns gach ni, ach ge do ’s maith a dh’fhaodainn innseadh duibh, o fhocal féin, cia mar bu chòir dhuibh Dia a thoileachadh, ach as-eugmhais creidimh agus cleachdaimh cha dean m’innseadh air maith air bith dhuibh.

Ann an aite mu dheireamh, Feumaidh sibh macantachd cridhe, agus irioslachd intinn a bhi agaibh, a chum ’s gu’m bi focal Dhé na lagh duibh a chum smuaineachadh air a latha agus a dh’oidheche. Tha mòran agaibh, ’nuair a tha sibh a’ luidh sios, agus ag eiridh suas, cha’n’eil fhios agam am bheil uiread agaibh agus smuain gu a smuaineachadh leibh féin, Ciod e so a tha mi a’ deanamh? Am bheil e còrdadh ri toil Dhé? ’Bheil agam-sa barrant air a shon o fhocal De? Ma ta, tha feum agam air sealltainn ris an fhocal, a chum ’s gu’n dean mi e a mbàin na riaghailt do mo bheath ré an la gu h-iomlain; uime sin feumaidh sibh deadh air thabbhairt, “air eagal ’s gu’m bi ann an aon neach agaibh droch cridhe gus an Dia bheò a thrèigsinn; agus air dhuinn a bhi air ar saoradh o laimbean ar naimhde, gu’n deanadh sinn seirbhis dha as eugmhais eagail.” ‘Nis, air son riaghailte dha na so, feumaidh sinn na h-aithntean a thuisinn; oir ‘se sin an t-aon rathad gu seirbhis a thabbhairt dà, eadhon aithntean a choimhead. Tha cuid agaibh a’ saoilsinn gu’ bheil sibh a’ tabbhairt seirbhis maith na’s leoir do Dhia ma nì sibh ùrnuigh ris ‘sa mhaduinn agus mu fheasgair; saoilidh cuid e na’s leoir ma gheibh iad ni-eigin do bhròn air son am peacaidhean rè an laithean uile; tha cuid ‘ga sha oilsinn na’s leoir ma gheibh iad deoir aig àm air bith. Ach cha’n iad na nithe so gu lèir an diadhachd sin a bheir oirbh dealradh a mach mar na reultaibh fad saoghal na’n saoghal; ach feumaidh sibh speis a bhi agaibh do aithntibh uile, mar a bha aig Daibhidh, o’na cheud aon gus an aon mu dheireadh: agus ann an sin, anns a.

Cheud àithne biodh e na smuainte dhuit, ‘S tusa, O Thighearn, mo Dhia, a thug o ifrinn mi, agus o dhaorsa a pheacaidh, agus o thràilleachd an t-sàtain; uime sin cha bhi agam-sa Dia eile thuilte ortsa.

‘Se so an t-seirbhis a tha e aig iarraidh, is gloir so, a rádh, is tu mo Dhia, agus thug thu mi o ifrinn, agus tha agad siorrruidheachd do dh’aoibhneas air ullachadh air mò shon ann am flaithcanas; air an aobhar sin, air mo shon-sa dheth, cha roghnaich mi Dia sam bith eile ach thusa na d’aoanar, agus cha bhi a h-aon sam bith eile agam a thuilte ortsa; agus ‘se so mo thlachd a mhàin eolas a bhi agam ort, gu umhlachd a thabbhairt dhuit, gu t-eagail a bhi orm, gu do ghràdhachadh, a chum m’anan a lionadh leat, gu mo chridhe a shuidheachadh ort, gu imeachd ann ad’ fhianuis, agus bithidh tu na h-uile anns na h-uile dhomh. Air falbh leis na h-uile gairdeachas agus toilintinn ach a mhàin sin a tha agam anns an Tighearn mo Dhia, agus uime sin cha bhi a h-aon agam ach esan.

Mar sin amheircibh ‘nuair is àill leibh, cha’n fhaigh a h-aon eile an t-aite ann mo chridhe. ‘Nis, ‘nuair a gheibh thu so cha’n fheud thu stad ann an sin, feumaidh tu a dhòl air t-ghaidh a dh’ionnsuidh.

An dara h-aithn, agus ann an sin their thn, Thighearna, tha fios agam gu’ bheil thu ad’ Dhia treun, cumhachdach, agus eudmboir, agus is aill leat gu’n d’thugainnsa umhlachd do t-aithntibh; uime sin gradhaichidh mis thu agus coimheadaidh mi t-aithntibh, a chum’s gu’ faigh mi trocair gus na miltibh ginealach.

Tha fhios agam gu’m bu choir dhomh a bhi ag ùrnuigh gun sguir; Tha fhios agam gu’m bu choir dhomh a bhi taingeil ’sna h-uile nithe, agus gu’m bu choir dhomh mo bheul a lionadh le d’ mholadh; Tha fhios agam gu’m bu choir dhomh a bhi a’ labhairt umad ri muinntir eile; Tha fhios agam gu’m bu choir dhomh mo shlighibh aideachadh dhuit, agus gu’m bu choir dhomh t-fhirinn aideachadh do na h-uile a chuireas ann an teagamh i; agus tha fios agam gur e’n t-aoradh a tha thu ag iarraidh, aoradh a thabbhairt duit ann an spiorad agus ann am firinn; air an aobhar sin, ‘san àite is faisge dhuit fein bithidh aig t-aoradh-sa àite ann mo chridhe. ‘Nis, cha’n fhaod thu stad ann an so idir, ach feumaidh tu a dhòl troimh gach pong ‘san lagh, gus am feum thu a radh maillé ri Daibhidh, Salm cxix. 97, “O Thighearna, cia ionmhuinn leam do lagh!” Salm xix. 10, “Tha iad na’s milse dhomh na mhil, ‘seadh na mbil a shileas as na ciribh meala. Agus cha bhi so do-dheanta dhuit, air gheibh thu iad so uile tre chreidimh; uime sin, sin a mach do lamh a dhionnsuidh na fola sin, agus gheibh thu an spiorad milis sin air a chuir a nios ad’ ionnsuidh, a dh’fhosgaileas na laghan so uile agus a sgiobhas iad air do chridhe.”

An deigh sin rach a dh’ionnsuidh an treas àithne, agus abair, ‘Thighearn, tha d’ainm luachmhoir agus ionmhuinn leamsa; tha d’ainm glormhoir ann mo shealladh; uime sin, ann mo ghairm ‘s ann mo ghiulain, ‘se so an t-aon ni air am bi m’n geall, d’ainm beannaichte a chuir an ceill; air a leithid do dhoigh, agus co-dhíu a dh’itheas no dh’olas mi, gu’n saothraich mi a chum oidheirp a dheanamh air mo Dhia a ghloireachadh, nach bi ainn beannaichte air eus-onaireachadh, aon chuid leam féin no le muinntir eile, co fhad ‘sa ‘s urrainn domh am bacadh; agus cuidichidh mi co fhad ‘sa ta am chomas, a chum gu’m bi eagal roimh ainn Dhe agus urram air a thabhairt dha leis na h-uile.

Cha teid mi aig an àm so na’s faide na, na tri aithnteán so, agus bu choir dhuit a bhi air do stiureadh leo gach là, agusannt-san bu choir dhuit an Tighearn fhaicinn do ghnàth, agus a chuir fa ‘chomhar do shuilean, a chum ‘s gur e aoradh a mhàin do thlachd gach aon là, agus gur e ainn agus a ghloir an t-aon chrioch a bhitheas agad ann ad’ uile chaith-beatha agus chòmh-radh.

‘Nis, na’m b’ail leibh so a dheanamh, bheireadh so oirbh deairadh a mach mar lòchranaiabh soluis do’n t-saoghal, a chum’s air dhoibh a bhi ‘faicinn ‘ur deadh oibre, gu’n d’thugadh iad glòir do Dhia. O ciod a ghloir a bheireadh so do Dhia, agus ciod e an t-aobhneas do-labhairt agus an t-sith a bheireadh e do t’anam féin! Bu choir do d’chaith-beatha a bhi air neamh: ann an sin bhiodh beannachadh Dhé air a mhèudachadh ort féin agus air do shliochd ad’ dheidh, ann an sin bhiodh aoradh Dhe furras dhuit, agus bu choir do chuing Chriosd a bhi dhuit na cuing bu mhilse a ghiulain thu riamh, agus cha bu choir do bhuir saothair ann an seirbhís Dhia a bhi doilghiosach duibh.

‘Nis, an dean sibh so a muinntir ionmhuinn, agus tha mis a’ tabhairt dearbhaichd dhuibh, gu’ faigh sibh a mach le’r fiosrachadh féin nach ‘eil e na ni diomhan seirbhis a thoirt do’n Tighearn. Gu’n deònaicheadh Dia dhuibh so a dheanamh, air sgàth Chriosd. Dhà-san maillé ris an Athair, agus an Spiorad Naomh gu’n robh gach uile ghloir gu saoghal na’n saoghal. Amen.

THE times are such that it is almost impossible for a man to go to heaven without getting a nickname by the way. But it is better to go to heaven with a nickname, than to go to hell without one.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice