LE MR. EOIN UELSH.
“Na dean dhuit fein dealbh snaidhte, no coslas sam bith a dh’aon ni a tu ‘sna neamhaibh shuas, no air an talamh shios, no ‘sna h-uigsgeachaibh fuidh ‘n talamh. Na crom thu fein sos doibh, agus na dean seirbhís doibh; oir mis an Tighearn do Dhia, is Dia eudmhoir mi, a’ leantuin aingidheachd na’n athrichean air a chloinn, air an treas, agus air a cheithreamh ginealach, dhiubh-san a dh’fhuaithaicheas mi: agus a’ noch-dadh trocair do mhlittibh dhiubh-san a ghradhaicheas mi, agus a choimh-deas m’ aithntean.”—EXODUS xx. 4, 5, 6.
“Ach an lathair an Tighearn do Dhia ithidh tu iad, anns an aite a thaghas an Tighearn do Dhia, thu fein, agus do mhac, agus do nighean, agus t-oglach, agus do bhanoglach, agus an Lebhitheach a tha ‘n taobh a stigh do d’gheataibh: agus ni thu gairdeachas an lathair an Tighearn do Dhia anns gach ni ris an cuir thu do lamhan.”—DEUT. xii. 16.
THA cuimhne againn air c’aite an do sguir sinn ‘sa mhaduinn; an ni a’s mo air am bu choir dhunne meas a bhi againn, an ni ‘se lathaireachd Dhé a bhi do ghnath ann ar cridhibh, coimhead a ghraidh, a ghairdeachais, a shith, ‘eagal, agus a soluis, oir ‘sann ann an sin a tha ar sonas agus ar beatha comh-sheasamh; oir far am bheil an Tighearn, tha beatha, agus saorsa, agus solas, agus uime sin dh’ullaich an Tighearn na meadhonaibh gu léir a dh’fheudas sinne a chleachdadh ‘na aoradh fein, agus chuir e sios iad ‘na fhocal, a chum’s gu’n trèoirich iad sinn a dh’ionnsuidh a cho’chomunn shona so, agus gu’n cùm iad sinn ann am mealtuinn ‘san an sealbh air lathaireachd Dhé; ‘seadh, thug e dhuit-sa cead an gnàthachadh gu saor uile, a chum’s na bheath-sa gu’m faigheadh sinne beatha, agus leò-san gu’m biodh sinn a’ fas suas gach lá anns a bheatha sin.
Tha a cheud aon air a chuir sios anns a cheud àithn, a chuid eile anns an dara h-àithn, far an cuala sibh, nach e a mhàin gu’ bheil e na pheacadh Dia air bith eile a bhi againn, agus mar sin a chuir fuidh chrídh, ach tha e mar an ceudna na pheacadh ma chráidheas sibh e, do bhrigh ‘s nach d’thoir sibh seirbhis da do reir ‘s mar dh’áithn e dhuibh; agus uime sin tha ‘n dearbh tharcuis air na meadhoibaibh leis am bu choir dhuinn a theachd a dh’ionnsuidh comb-chomunn ri Dia, na chomhara air gu bheil agad-sa fuath dha; agus ‘se’n dearbhachd is fearr air do ghrádh-sa, cleachdadh díchiollach a dheanamh air uile mheadhonaibh aoraidhsan; agus uime sin gheall an Tighearn beannachd, cha’n ann a mháin dhoibh-san a chleachdas na meadhoinean so, ach mar an ceudna do’n treas ginealach, agus do mhiltibh a thig ‘nan deigh. Ciod am fios a th’ agam-sa, ma bha sibh a’ cleachdadh na meadhoinean bho’n uair a chuala sibh mu’n timchioll? Tha e na ni eagalach gu’m faigheadh an diabhul a leithid do dh’uaichdranachd air anama dhaoine agus mhnaibh; air doigh ‘s gu’m bheil mòran dhibh a chuala so air a mhaduinn, nach d’ rinn urrad agus smuaineachadh aon uair air o’n uair sin. Nach bi an cunntas sin air aon latha air iarraidh oirbh? O! nach dean an tòiseachadh so, ann an aideachadh, faillneachadh, mur bi sibh ach ‘n’ur luchd eisdeachd a mháin, gun a bhi ‘n’ur luchd cuir an gniomh an fhocail? Cha’n fheumadh iad a bhi co tric air an aithris na’m biodh agaibh gradh Dhia ann bhur cridheachan, agus c’ait am bheil chleachdadh agus deanamh air toil Dhé? Cha dean na h-uile searmonachadh anns an t-saoghal maith, oir ‘se a mhain deanamh an fhocail a’s urrainn a dheanamh, agus a chumail a mhain ann do chridhe. ‘Ni a b’e na meadhoinean so dh’innis mi dhuibh anns a mhaduinn, agus a nis tha mi ‘gan innseadh dhuibh a ris; tha, anns a cheud aite, an t-aoradh follaiseach ann an eisdeachd focail Dé, agus ann an gabhail na’n sacramaintean, trasgadh agus breith-buidheachas shòleimnte, agus cleachdadh foghlum. Tha cnid agaibh a tha deanamh coguis de’ na so, ach tha eagal orm nach ‘eil sibh ‘ga dheanamh le ullachadh, agus riaghailt naomh; oir ‘nuair a tha sibh a’ toirt bhur corpaibh a lathair an so, tha bhur cridheachan air falbh; agus ‘nuair a tha sibh a’ dol a steach do thigh Dhé, cha’n’eil sibh a’ tabhairt aire do’r casaibh. Ach tha mi a’ fagail an fhollais, agus a’ teachd a dh’ionnsuidh an uaigneas, ni as eugmhais nach dean an fhollais féum air bith dhuibh, air an aobhar sin, a mheud ‘s leis am b’aill beannachadh Dhé a bhi air a chuir am meud orra anns an fhocal agus anns na sacramaintibh, Tha mi guidh oirbh gu’n deanadh sibh coguis do chleachdadh aoradh Dhé. ‘Se a cheud aon de’ na meadhoibaibh diomhar so faire, agus a’ feitbeamh do ghnath os cionn bhur cridhe, a’ toirt an ro-aire nach crùb an diabhul a steach a chum bhur creach de’ na so, air a leithid do dhoigh ‘s nach urrainn thu a radh, ‘se Dia mo thlachd, mo ghairdeachas, mo ghradh, m’ eagal, m’ urram, agus mo chrùn. Tha chaithris so cho feumail, agus uime sin tha i cho tric air a h-áithneadh anns an t-soisgeil, tha e agaibh ann an soisgeil Mhata xxiv. 42, “Dean-aibh-se uime sin faire, oir cha’n’eil fhios agaibh cia an uair an d’thig bhr Tighearn.” Tha e agaibh a ris ann a Mata xxvi. 41, “Dewaibh faire agus ùrnuigh a chum’s nach tuit sibh ann am buaireadh.” Tha e agaibh ann an soisgeil Mharc xiii. 35, “Uime sin dewaibhse faire, oir cha’n’eil fhios agaibh c’uin a thig maighstir an tighe; an ann air feasgar, no air meadhon oidche, no aig gairm choileach, no anns a mhaduinn. An t-eagal air teachd dha gu h-obainn gu ‘m faigh e sibh ‘n’ur codal; agus na nithe a deirim ribhse, a deirim ris na h-uile dhaoibh, dewaibh faire.” Tha e agaibh ann Gniomh xx. 31, “Uime sin dewaibh faire a’ cuimhneachadh,” etc. Tha e agaibh ann an i Thesalonianach v. 6, 7, “Uime sin na coidileamaid mar dhaoine eile; ach dewamaid faire, agus bitheamaid stuaim. Oir an dream a choidileas, ‘sann anns an oidche a choidileas iad: agus an dream a tha air mhisg ‘sann anns an oidche a tha iad air mhisg.” Tha e agaibh ann an ceud litir Pheadar iv. 7, “Ach a ta croich na’n uile nithe am fagus: uime sin dewaibh faire chum ùrnuigh.” Tha e agaibh ann an Taisb. xvi. 15, “Feuch, ataim a’ teachd mar ghaduiche, is beannaichte esan a ni faire, agus a ghleidheas eudach, a chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.” Ciod is ciall da so, gu bheil an Tighearna co tric anns an Sgriobtuir ag àithneadh agus a’ moladh a phuing dhiadhachd so faire?
Do bhrigh as eugmhais faire, gu bheil e do-dheanta do chumail as lamhan an diabhuil, cha’n’eil e so-dheanta gur urrainn thu ùrnuigh a dheanamh do ghnàth, agus breith-buidheachas a thabhairt ‘s na h-uile nithe, agus a chuid eile do na meadhonaibh a ghnàthachadh as eugmhais faire. Ach cia lion agaibh a thainig a dh’ionnsuidh a phuing dhiadhachd so, a bhi do ghnàth a’ caithris os-cionn bhr cridheachan fein? Ach na’s roghnaichte tha sibh a’ fosgladh suas dorsan bhr cridheachan do’n diabhuil, gu theachd a steach air na h-uile cothrom, agus mar sin tha sibh a tòirt àite do na h-uile bhuaireadh a chuireas e ann bhr rathad; uime sin ‘se sin an t-aobhar gu’ bheil na h-uiread do dhoilbheachd agaibh ann an aoradh Dhe, agus gu’ bheil a sœurbhis na leithid do uallach oirbh, eadhon do bhrigh ‘s gu’n do leag sibh le’r cridhe dhol fuasgailte fad an là uile, agus nach d’rinn sibh faire thairis air bhr n-uile shlighibh.
Mar sin ma ta, na’m b’ail leibh aghairteas a dheanamh ann an diadhachd, feumaidh sibh faire dheanamh agus aire a thabhairt do’r cridheachan, oir tha’n diabhuil a’ deanamh faire do ghnàth mu’r timchioll, agus cha’n ‘eil seol air do chumail a mach a lámhan an leomhain sgriosach sin, ach le faire do ghnàth os do chionn fein; air an aobhar sin tha’n Tighearn ag radh, “dewaibh faire agus ùrnuigh, a chum ‘s nach tuit sibh ann am buaireadh.” ‘Nis, do bhrigh ‘s nach robh agaibh-se glòir Dhe agus bhr slàinte fein, mar chùram sònruichte bhr n-anama, uime sin cha d’rinn sibh faire os cionn bhr cridheachan cho cùramach ‘s bu chóir dhuibh a dheanamh; uime sin, mur biodh gràdh glòir Dhia, agus bhr slàinte fein ann an Iosa Criosd, air a chuir ann am fon bhur n-anama, cha chuireadh sibh gu bráth an suim a bhi deanamh faire agus úrnuigh a gnáth; mar so mur gluais a bheag sam bith sibh gu faire a dheanamh, deanadh grádh gloir Dhia bhur gluasad gu faire agus bhur comh-éigneachadh gu faire a dheanamh gu dírachdach, anns gach áite, agus aig gach ám, agus anns gach cuideachd. Oir tha easmhuidh na faire so ag aobharachadh mór olc, agus tha a chaithris so co neo-ghnáthaichte leibh, a mach o na h-amaibh suidhichte aoraiddh ‘sa mhadauinn agus anns an fheasgair, tha mi ‘saoilsinn gu ‘bheil sibh a’ fágail bhur cridheachan fuasgailt do’n diabhal ré an latha uile; agus air an aobhar sin chleachd sibh bhur cridheachan ri leithid do bhoile agus do leantuin air an t-saoghail agus air a thaitneasai bh: agus a nis ‘nuair a b’áill leibh a chruinneachadh suas a ris, agus a thabbhárt suas am fánuis an Tighearna, tha e na ni co doilbh oirbh a dheanamh: uime sin tha dearbhadh air bhur grádh do Dhia ann an caithris do ghnáth os-cionn bhur cridheachan fein, a chum’s nach bi aon chuid grádh Dhia air a thabbhairt uaibh le ainneart, no idir nach faigh an nathair cead crúbadh a steach. Tha mi ‘ga fhagail do’r coguisibh fein, gu rannsachadh cia co fada ‘sa tha gach neach agaibh air deireamh anns a phuing so; shaoilinn gu’n d’fhoghluim sibh leasan mór anns an diadhachd, na’m b’urrain sibh faire dheanamh thar bhur cridheachan fein ré an lá uile, agus ré na h-oidheche mar an ceudna. Cuimnichibh ciod a tha Criosd ag radh ann an Lucas, xxi. 36. “Deanaibh-se air an aobhar sin faire, a’ deanamh úrnuigh gach ám, chum gu’ measar gur airidh sibh air dol as o na nithe sin uile ta gu teachd, agus seasamh an lathair Mhic an duine.” “S beannaichte esan a ni faire agus a ghleidheas a thrusgan glan.” Agus cha’n’eil doigh air Criosd a chumail mar thrusgan umad, ach a mhain le faire. Mar sin tha mi ag radh, ge nach biodh ni’s mó air fhoghluim aig an ám so, ach an aon leasan so do chaithris agus úrnuigh do gnath, bu mhaith sin; mur biodh uair air bith, ‘san la uile, anns nach biodh tu ag radh Thighearn, am bheil thusa anns a ghniomh so? Na’m bhiodh so air fhoghluim, shaolinn mo shaothair ré an là gu maith air a chaitheadh. Agus ‘se so an t-aobhar gu’ bheil muinntir a’ deanamh co beag piseach ‘sa chreidimh-Chriosduidh, eadhon do bhrigh ‘s gu’ bheil co beag faire air a dheanhamh.
‘Nis, maille ris a chaithris so, cuir ris beachd-smuaineachadh, socraich do chridhe, agus beachdaich air do thruaighe fein, agus beachd-smuainich air fúil Chriosd a rinn do shaoradh; beachdaich air lionmhoireachd do pheacanna, agus air trócair neo-chriochnaich Dhe; beachdaich air oibre, agus air fhocalaibh, agus air a gheallaidhean, agus beachdaich air a bhagraidhean, beachdaich air a smachdaichidhean, agus beachdaich air a bhreitheanasai bh: ‘se so an chleachdadh a dh’fheumas a bhi agad ‘nuair a bhios tu ad aonar, agus ‘nuair a tha thu ann an cuideachd. Bi do ghnáth deanamh maith, no gabhail a mhaith, no a’ cuir an aghaidh an uile; uime sin na’m b’áill leat so a dheanamh, feumaidh do chridhe a bhi do ghnáth air neamh; an sin feumaidh d’armachd spioradail a bhi air a chuir umad, agus feumaidh tu seasamh fuidh armachd leis, mar-aon gu cogadh, agus gu cuir an aghaidh: an deigh sin thoir fainear do mhothachadh air trócairean Dhe, a tha air a nochdadh dhuit gach lá; agus ‘nuair a tha thu air faotinn beannachd Dhia, aon chuid ann am beachd smuaineachadh agus ann an úrnuigh, no ann am breith-buidheachais, no ann an eisdeachd an fhocail, bidh so na mheadhon gu thoir ort ath-philleadh a dh’ionnsuidh na meadhonaibh so; ‘se sin, leubhadh na’n sgiobtuiribh do d’ theaghlach ‘nuair a tha cothrom agad, an deigh sin d’úrnuigh gun sguir, do bhreith-buidheachais anns na h-uile nithe; oir bu choir do gach sochair a tha thu a’ faotaoinn o Dhia, do ghrádh dha a chomb-éigneachadh gu bi dol a’ meud, agus bu chóir da t-iartais a ghluasad suas annad, a chum a bi cuir an ceill maithreas agus caoimhneas gráidh Dhe anns gach àite a dh’ionnsuidh an d’thig thu; an deigh sin oidhearp gu a thoileachadh anns gach ni, agus eud air son gach deadh obair; an deigh sin aidmheil air do pheacanna gach lá, le casaid, agairteas, ugas diteadh ort fein, toillteanneach air a bhàs sin, agus na peacanna mu bheil thu ‘ga d’ agairt fein, agus ‘ga do dhteadh fein, feuch gu’n gabh thu gràin diubh, gu’m fuathaich, agus gu’n seachainn thu iad, agus na beachdaich orra na’s lugha na, na peacanna sin a thug Mac Dhia a nuas o fhlaitheanas, agus a thug air bás fhaotainn air do shonsa.
Ach their cuid agaibh; ‘nuair a theid mis’ a bheachd-smuaineachadh, tha mi as eugmhais aobhar co air a bheachdaicheas mi. Ach freagram thu, nach amhairc thu air do chridhe fein, agus cionnas an sin a bitheas tu as-eugmhais aobhar na’s leoir? Ach fathasd their thusa, tha mo chridhe co làn do smuain diomhain, ‘s nach nrainn domh fantuainn air beachd-smuaineachadh. Freagram thu; cha’n eil iongantas ann, air dhuit do chridhe leagail co fuasgailt, agus gu’m b’áill leat fhosgaladh do’n diabul agus do chuid buairidhean, a chum’s gu’n d’theid iad a steach; ach na’m b’áill leat do chridhe a chaithris, agus gun àite a thabhairt do smuainte seachranach, anns nach ‘eil a bheag ach buairidhean an t-sátain, agus sanuis an diabhul air an tilgeadh ann do chridhe, gu a bhi bacadh thu bhi air do chleachdadh ann an aoradh Dhe: air an aobhar sin, anns a choir sin, “cuir ann an aghaidh an diabhul, agus teichidh e uat, agus tarruing am fagus do Dhia, agus tarruingidh se am fagus dhuit-sa.” ‘Nis, cha’n abair mi tuilleadh aig an àm so, ach a bhi guidhe air Dia, de’ a thròcair neo-chriochnaich, an gràs so a dheòineachadh dhuibh, gu’n cleachd sibh meadhonaibh aoraidh Dhe, mar-aon follaiseach agus diomhar, a chum onair Iosa Criosd, agus comhfurtachd bhur n-anama fein; dha-san, maillle ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomha, gun robh gach uile mholadh, agus glòir a ‘nis agus gu siorruidh. Amen.
‘Tis great mercy to be one of Christ’s, though but one of His little ones.