(Continued from vol. xxii., page 422.)
‘AN sin, ‘s an àite mu dheireadh, an companas agus an comh-chomunn sin maille ris na naoimh ann bhur meag fein, ann an earalachadh, an sòlasachadh, ann an cronachadh, agus ann an geurachadh a chéile, air doigh ‘s gu’m feud thu thabbhairt air dearbh bheul an dream a bha maille riut do bheannachadh ‘nuair a tha iad air imeachd air falbh uait. Bheireadh na nithe so aoidheachd do na bheath spioradail ann bhur meag fein; an deigh sin aidichibh bhur peacana’, cuiribh sibh fein fa’ chomhar caithir-bhreitheanais Dhe, agus an sin deanaibh sibh fein a chasaid, agairt, agus a diteadh, a chum’s gu’n d’thoir Dia a ta firinneach, maithneas duibh; agus an sin bithibh taigneil ‘s na h-uile nithe, agus na leigibh do thiodhlacaibh Dhe a dhol gu bràth as bhur n-inntinn; ‘siad so na meadhoinean a tha air an òrduchadh le Dia; ni ma ghnàthaicheas sibh iad, gu’m bheil mi cinnteach as gu’m faigh sibh beannachadh ann an aonadh uile ri cheile, agus ann a bhi deanamh diadhachd na thurus duibh, “a chum’s gu’n teid sibh o neart gu neart, gus an taisbeanear sibh an lathair an Tighearn ann an Sion.” An urrainn e bhi air innseadh ciod iad na beannachdan a bhiodh air an toirt dhuibh, na’n imicheadh sibh gu treibhdhireach ann am fianuis Dhe, agus gu’m biodh sibh beo a leithid do chaith’-beath naomh agus do ghiulain Criosduidh, mar a chuala sibh anns a cheud àithn, agus sin a bha air innseadh dhuibh anns an dara h-àithn. “Is Dia eudmhoir mi a’ leantuinn aingidheachd na’n aithrichean air a chloinn, air an treas agus air a cheithreamh ginealach dhiubh-san a dh’fhuaith-aicheas mi; agus a nochdadh trócair,” cha’n e mhàin dhuit fein, ach gus a “mhile ginealach ri teachd a’d’ dheigh,” na’m biodh an saoghal gu mairsinn co fada. Ach fathast feoirichidh sibh, nach ‘eil tuille r’a dheanamh? ‘Seadh, tha tuilleadh fathast, Feumaidh air tus a bhi air a shuidheachadh bunait creidimh air Mac Dhia, agus creideamh air uile fhirinnibh an lagh agus an t-Soisgeil, ann a gheallaidhean agus ann a bhagraidhean, agus ann a thròcairibh agus an a bhreitheanasaiibh. ‘Nis air a nithe so feumaidh tu do nuadh-bhreith a thogail, agus an deigh sin do naomhachadh agus glaine do chridhe; agus an sin thugadh e mach na toraidhean so do dh’aithreachas agus do leasachadh beatha, mar a’ seachnad an uile, agus a’ deanamh a mhaith. ‘Nis, siad so na cuidichidhean agus na meadhoinean a tha’ir an òrduchadh le Dia gu do chuir air aghairt ann an rathad do thearnaiddh, agus a chum rioghachd neamh, mar a theagaig mi dhuibh iad a cheana; ach tha a leithid do mhi-chreidamh air a dhoirteadh ann an cridheachan dhaoine agus mbathan o thuiteam Adhaime, air doigh ‘s nach creid iad firinn Dhe; agus tha leithid do dh’aomadh annta gu iodhal-aoraidh agus eas-umhlachd, air doigh ‘s nach urrainn doibh iad fein a striochdadh do chuing Criosd: agus than t-sùil nàdurach ag amharc air na nithe so gu fann, agus a smuaineachadh do ghnà, nach ‘eil feum a bhi air a dheanamh dhuibh ach na chuideachadh lag gu sinne a thabbhirt a dh’ionnsuidh rioghachd neamh. Ach tha mise ag radh riut, nach ‘eil a chúis mar sin; oir tha neart na meadhonaibh so air dhoibh feum a bhi air a dheanamh dhuibh le creideamh, na’s treise na dearbh chumbachd na’n ainglibh, na uile shluagh na cruinne-cé, uime sin ‘se na tha gu bhi air innseadh dhuibh, gu’m feum sibh an t-eòlas so a chleachdadh na h-uile là. Bha mi aig ionnsachadh dhuibh an t-eòlas so air diadhachd, eadhon a leithid do dh’eòlas is nach ‘eil gu bhi air fhaotainn anns an t-saoghail so; a leithid do eòlas is gu’m bheil an t-Abstol a’ meas na h-uile ni mar aolach ann an coimeas ris an eòlas so, ni nach ‘eil a bheag sam bith eile ach eolas ro-oidheirc Chriosd; eòlas luachmhor d’a rìreadh, oir tha e toirt barrachd air gach eòlas eile ‘s urrainn a bhi air a dhealbh. Agus ciod e an t-eòlas a tha’n so? Eadhon eòlas gu’r teagasg cionnas a philleas sibh a dh’ionnsuidh Dhe, agus a shàbhalas sibh bhrur n-anama’ fein, agus cia mar a ghloireacheas sibh Dia anns an t-saoghail so, agus cia mar gheibh sibh gloir gun chrioch anns an t-saoghail ri teachd, cia mar a bhios sibh beo gu maith an so, agus a gheibh sibh beath bhith-bhuan an deigh so. Nach ‘eil so na eòlas ro-óirdheirc? ‘Nis, cia mar a chuireas sibh an cleachdadh e, ‘s beannaichte sibh, ma’s aithne dhuibh na nithe so, agus ma ni sibh iad. ‘Nis, mar air son an deanamh, mar air son cleachdadh Chriosduidh ré uile chürsa do bheatha, cuiridh tu umad Chriosd, agus giùlainidh tu e maillle riut do ghnàth ge b’e àite an dh’theid thu, co-dhiu’ a bhios tu aig an tigh, no san achadh, anns a bhaile, no ‘san eaglais, no ann do ghairm; agus an uair a tha do lamhan air a lionadh le saothrachadh, cia a mar bhitheas tu a’ deanamh gairdeachas maillle ris na h-ainglibh, agus do chridhe air neamh far a’ bheil Chriosd do cheann.
‘Se sin a phuing a tha gu bhi air a theagasg dhuibh aig ann am so, uime sin thugaibh-se breith co-dhiubh a ba feum agaibh air a so no nach robh; agus a chum’s gu’m bhiodh aig a so ni-eigin do chudthrom leibh, leagaidh mi dhuibh fhaicinn mar a ta e air a chuir sios anns na bhriathraibh so. Dh’innis mi dhuibh riomhe ciall an fhaidheadaireachd so, agus b’e so e, breith-buidheachas do Dha air son tioclac mhoir ar saoraidh air a co’lionadh le Chriosd, agus aidmheil a chrioch air son a’ bheil sinn air ar saoradh. Ach tha mi air teachd a dh’ionnsuidh na’m briathraibh, “Beannuichte gu’n robh an Tighearn Dia Israeil.” be sin a cheud ni air labhair an duine balbh sin an deigh do theanga’ bhi air a fuasgaladh, agus e bhi air a lionadh leis an Spioradh Naomh, “Beannuichte gu’n robh Dia,” Ciod e bu steigh dha na so? “An t-slainte sin.” ‘Seadh, na’m biodh fios aig duine ciod e a bhi maillle ris an duine shaibhir air a phiannadh ann an teine na h-ifrinn gu saoghail na’n saoghail; agus an deigh sin a bhir air innseadh dha mu Shlanuighear agus Fear-saoraidh a bhi air a chuir a dh’ionnsuidh an t-saoghail, theireadh e, o iochdar a chridhe, “Beannuichte gu’ robb an Tighearn Dia Israeil,” ‘Nis, cha’n ‘eil a h-aon agaibh-se nach bu choir a bhi taigneil do Dhia, air son naigheachd aobhneach na slainte a th’air a taigse dhuibh anns an t’Soisgeil, an t-aon ni ‘s ge do bhiodh sibh n’ur luidhe ann an ifrinn ‘o chionn chuig mìle bliadhna, mar a ta Càin a tha nis faisg air cúig mìle bliadhna. C’ar son? Do bhrigh ‘s gu feudadh an Tighearn a leagail leatsa tuiteam ‘sa cheart àm ‘san thuit esan, agus anns a pheacadh cheadna anns do thuit esan, oir tha aghaibh-se, an dearbh shiol ceudna do pheacadh annaibh ‘sa bh’ann-san; “Do bhrigh ‘s gu’n d’fhiosraich agus gu’n do shaor e a phobul fein;” ‘se sin a mhàin is aobhar d’a ghairdeachas, agus ‘se sin is aobhar d’a bhuidheachas, fiosrachadh agus saoradh a shluagh. Bha aobhar aige gairdeachas a dheanamh agus a bhi taigneil air son gu’n d’fhuaire a chomas labhairt a ris; ach cha’n eil e a’ meas a bheag d’en a sin ann an coimeas ri sàbhaladh, ni mò a bha’n dara h-aon gu a bhi air a choimeas ris an aon eile.
(Ri leantuin.)