LE MR. EOIN UELSH.
(Continued from page 27.)
A CH tha mi fàgail so, agus a’ teachd a dh’ionnsuidh na’m briathraibh a bha air an leughadh, far a bheil e ag innseadh na crìche air son na chuir an Tighearn a leithid do bheannachd co mòr a dh’ionnsuidh Israeil, an ni a b’e so, “Gu’n d’thugadh e dhuinn, air dhuinn a bhi air a saoradh o làimh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhis dha as eugmhais eaghail.” ‘Said na naimhde so, an diabhul, am peacadh, ifrinn, am bàs, ann uaigh, agus a chuid eile gu leir: ‘an sin tha e air a radh gu bheil aca làmhan a tha dheanamh greim air cridheachan an dream a ta aca na’m priosanaich, agus sin co teann’s nach urrainn do dhaoine no do dh’ainglibh fhuasgladh; oir ‘se ceartas Dhe a tha ‘dheanamh greim teann air cridhe agus anam an duine, agus tha an ceartas sin ag radh, bithidh mis air mo riarachadh ort gu saoghal na’n saoghail ann an corruich shioruidh; ach ‘nuair a thig fuil Iosa, their i, a pheacaich, fuasglaidh mis thu, agus theid thu as saor, “Imich ann an sìth, tha do pheacanna air am mhaitheadh dhuit, na peacaich na’s mo.” Ciod e ma’seadh is crioch do d’shaoradh. “A chum’s gu’n d’thugadh tu seirbhis da as eugmhais eaghail,” beachdaich an so, as eugmhais saoraidh cha bhi serbhis air a thabbhairt do Dhia, agus thus’ a tha air do shaoradh agus air d’fhuasgladh o ifrinn, ch’an iarr thu na’s mò na seirbhis do mhaigstir, agus a bhi mar sheirbhiseach tuarasdail maille ris a mhac a ruith air falbh, agus seirbhis a thabbhairt da as eugmhais eagail; oir cha ruig thu leas eagal a bhi ort le eagal tràilleil; agus uime sin tha Daibhidh ‘g radh, Sailm xxvii. 1, “Is e an Tighearna mo sholus, agus mo shlainte: co chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha: co chuireas geilt orm?” Agus mar a ta ‘n t-Abstol ag radh, Romh. viii. 31, “Ma tha Dia leinn, co a d’fheudas a bhi nar n-agaidh? ‘Se Criosd a dh’fhireanaicheas. Co a’s urrainn ar diteadh?” Co chuireas coire sam bith a leth daoine taghta Dhé? An dean an t-Athar e? Cha dean; oir thug e fhuil luachmhor féin mar eiric air son ar peacanna. An dean na h-ainglean e? Cha dean; oir tha iad air an deanamh rèidh ruinn tridsan a rinn reid ris féin na h-uile niithe air neamh agus air an talamh. An dean na naoimh e? Cha dean; oir tha iad na’m braithre dhuinn ann an Criosd, agus air an saoradh leis an luach cheudna o’n truaighe cheudna. An dean an diabhul e? Cha dean; oir cha’n’eil ann deth ach fear brath fuidh chuibhreach, meirleach air an cheangal suas, namhaid lomnochd. An dean mo choguis fein e? Cha dean; oir labhair Dia sith ri do choguis. An dean a muinntir threigte e? Cha dean; oir bithidh iad air an deanamh balbh, agus cha’n fhaigh iad cead focal a labhairt air an son fein, ach bithidh iad air an tilgeadh do dh’isfrinn, agus air dhoibh a bhi air an ceangal eadar làmhan agus chosaibh, bithidh iad air an tilgeadh a dh’ionnsuidh dorchadas iomalach, far a’ bheil guil agus giasgain fhiaclan. Mar sin cha ruig thu a leas eagal a bhi ort seirbhis a thabbhirt do Dhia, oir cha’n’eil aobhar eagail ann. An deigh tha e ag radh, “Ré uile laithibh ar beatha.” Se so àm ar seirbhis, agus an deigh so bithidh àm ar rioghachadh. An cuir thus dail ann do sheirbhis gus am bhi thu tinn, no air do thilgeadh ann am priosan, no gus an tig thu gu seann aois, air leabaiddh do bháis, agus an deigh sin dùil a bhi agad a dhol do na flaithenas? Ni-headh, ni-headh, tha ne a iongantas ma gheibh thu cead a radh, Dhia dean tròcair orm, ma chuireas tu dàil ann do sbeirbhis do Dhia gu do sheann aois. Thubhairt Balaam, “O gu faiginn-sa bàs an fhairean!” ach do bhrigh ‘s nach robh esan riamh beò beath an fhirean, uime sin bhásaich e gu truagh. Air an aobhar sin bu chóir duibh tòiseachadh ri seirbhis a thabbhirt do Dhia ann an tiom, agus bu chóir duibh buanachadh agus mairsinn air agaidh, na’m b-áil leibh an duaís agus an crùn a shealbhachadh, eadhon a dh’ionnsuidh crich bhrù bheatha; agus their mi tuilleadh ruit, ni do sheirbhis air talamh do chruin a mheudachadh air neamh; uime sine cha bhu chóir e bhi na dhragh do neach sam bith agaibh seirbhis a thoirt do Dhia, oir cha d’thoir a h-aon agaibh seirbhis dha ann an diomhanus, agus cha bu chóir do dh’aon agaidh fannachadh no fas sgith ann a bhi tabhairt seirbhis do Dhia, ge’ do bhiodh sibh beò co fada ri Metusala; agus uime sin bu choir duibh laithean buan a mheas na ni luachmboir; oir tha e mar sin, no cha chuireadh Dia riamh e steach ann am measg a chuid eile do gheallaidean mar bheannachd; bu chóir do’ na so a thabbhirt ort gun fhaduigh-eachd a bhi ort gu bràth; oir na h-uile là a dh’eireas tu, bu chóir dhuit a radh, beannaichte gu’n robh mo Tighearn gu’n d’fhuair mi ‘n lá so air a dheónachadh dhomh a chum seirbhis a thoirt dhuit ann. Tha Daibhidh ag radh, “gu cinnteach leannaidh maith agus tròcair mi uile laithean mo bheatha, agus cómhnachidh mi ann an tigh an Tighearnfad mo laithean.” Mar sin ‘smaith do’n duine no do na bhean sin a gheibh moran laithibh a chum seirbhis a thabbhirt do ‘n Tighearn. ‘Nis tha fios agam, thus a tha ad leanabh do Dhia, bithidh saoradh na’s luachmhoire dhuit-sa, na gu smuainicheadh tu e ro mhor seirbhis a thabbhirt do Dhia uile laithean do bheaiha air a shon; cha smuainich, their thu, tha e ro-bheag a bhi toirt seirbhis do’n Tighearn le’m uile chridhe, uile laithean mo bheatha, air son an tioldaic do labhairt sin mo shaoradh; agus uime sin cha chuir thus ann do chridhe sos ámana iomchuidh a chum seirbhis a thabhairt do Dhia annta. Mar sin ma ta, tha’n dá ni so agam gu labhairt umpa.
Air tus, gu bheil thu ceangailte seirbhis a thabhairt do Dhia uile laithean do bheatha; agus cha’n’eil ann an sin ach ni beag; oir ciod e bhur beatha ach mar spál figheadair, air dhi a bhi stigh aig an aon cheann gu bheil i mach aig a cheann eile? Agus ciod e sin uin ghoirid a thabhairt do Dhia gu seirbhis a thabhairt da, a chum cudthrom siorruidh do gloir fhaotainn.
‘Se’n ath phuing, Co anns am bu choir dhuiinn seirbhis a thabhairt do Dhia gach aon là, agus cia mar a dh’imicheas sibh ‘na lathair ann am fireantachd agus ann an naomhachd, agus ‘nuair a dh’eireas tu gach maduinn, gu’m feud thu a bhi ann am fianuis Dé rè an là uile dh’ionnsuidh na h-oidche. Tha’n t-Abstol ag radh, “biod bhur caitheath air neamh,” agus ‘sann mar sin bu choir dha bhi. ‘Nis, ‘siad so an dá ni a tha agam ri innseadh dhuibh,
‘Sa cheud áite, gu’m bu chóir dhuibh seirbhis a thoirt do Dhia uile laithean bhur beatha as eugmhais’ eagail. ‘San ath aite, cia mar a gheibh sibh cridhe gu seirbhis a thabhairt da ann an treibhdhireas na h-uile là, agus ciod an doigh an giùlain thu thu féin ‘sa mhaduinn an deigh dhuit dúsgadh, agus fad an là ann do ghairm, agus ‘nuair a tha thu ad aonar, agus ‘nuair a tha thu ann an cuideachd, agus ‘nuair a luidheas tu sos anns an oidch, a chum’s gu’m feud thu sith a bhi agad ann do choguis, a chum’s gu’n luidh thu sos air a leithidh do dhoigh ‘s, mar nach bitteadh tu gu eiridh gu bràth tuille, no mar gu’m biodh Criosd gu theachd anns na neulaibh mu’n tig a mhaduinn. Ach tha mi fàgail na nithe so gus an ath àm, agus tha mi aig earbsa na bha air a labhairt ri gras Dhe ann an cridhe gach aon agaibh trid a Mhic, Iosa Criosd: dha-san gu’n robh na h-uile moladh uaith so a mach agus gu siorruidh. Amen.