Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1918 » August 1918 » Air Zomadh Puing Dhiadhachd

Air Zomadh Puing Dhiadhachd

LE MR. EOIN UELSH.

“Gu’n d’thugadh e dhuinn, air bhi dhuinn air ar saoradh o lamh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhís da as eugmhais eagail, ann an naomhachd agus ’am fireantachd ’na lathair fein, uile laithean ar beatha.”—LUCAS i. 74, 75.

BHA dá ni a d’fhag sinn gun chríochnachadh aig an ám mu dheiradh, b’ea a h-aon diubh, gu’m bu chòir do uile laithibh ar beatha a bhi na seirbhís dha-san, a rinn bhur saoradh a mach a ifrinn, agus a shaor sibh a lamh bhur naimhde.

B’ea an aon eile, ciod an doigh anns am bu chòir do uile laithean bhur beatha a bhi air an caitheamh (cofad ’sa tha e so-dheanta) agus air an cuir seachad, a chum’s gu’m bi sìth air a gleidheadh eadar Dia agus bhur n-anama’. A chum na criche so leughaidh mi cuid do earrainnidh do’n sgriobtuir a chum bhur daighneachadh, agus a thabhairt dhuibh ni-eigin do sholus ann an so. An t’áite sin do’n Sgriobtuir, ann an Lucas, i. 74. Chuala sibh e anns a mhaduinn, agus ann a fhosgalach suas, chuala sibh gu’m feum saoradh a bhi ann, mu’n urrainn sibh seirbhís air bith a dheanamh do Dhia; oir thus nach ’eil air d’fhoghlum agus air do theagasg ann an diomhaireachd do shaoraidh, agus thus nach ’eil ann an tombaseigin, a’ faotainn do chridhe air fuasgaladh, agus fuil Chriosd a’ glanadh do chridhe, cha’n urainn thu gu bràth seirbhís a thabhairt do Dhia as eugmhais eagail mar bu chòir dhuit a dheanamh; uime sin sibhse leis am b’áill bhur cridheachan a bhi air an daighneachadh ann an seirbhís Dhe, feumaidh sibh smuaineachadh gu tric air a so, gu’n do shaor fuil a Mhic ’ur n-anama o ifrinn, bho na bhàs, agus bho cheartas De; oir co fhada ’sa bhios tu cuir an teagamh, co fhad ’sa tha thu a’ seasamh eadar an dá ni so, co-dhiubh is e Criosd do Shlanuighear no nach e, cha’n urrainn thu soirbheachadh ’san diadhachd, agus mar sin cha mhair do shòlas na’s faide na mhaireas do bheachd agus do mhothachadh; uime sin tha cuimhne agam gu’m bheil e air a radh, “uime sin seasaibh gu daighean anns an t-saorsa leis an d’ rinn Criosd saor sibh, bi.’sa buinaiteach anns a chreidimh.”

Mar so na’n oidhearpaicheadh tu seirbhís a thoirt do Dhia as eugmhais eagail, ghleidheadh tu do ghnàth creidamh anns an Tighearn Iosa; agus dóchas na slainte ann a fhuilsan; oir co luath ’sa leigeas tu bunait do chreidimh a dhòl air falbh, ann an sin cha’n’eil agad mlsneach gu seirbhís a thabhairt do’n Tighearn do Dhia. Chuala sibh so a cheana, agus tha nis a’ leantuin, cia fhada bu chòir do’n t-seirbhís so a bhi? Fad uile laithean bhur beatha, agus gidheadh cha’n’eil iad lionnhoir; agus ge’ do bhiodh iad lionnhoir, fathast, ciod e iad ann an luigheachd air son beatha shiorruidh? Cha do ghairm Iacob a sheann ois fada ach na’n teirc do laithean, agus olc. Dh’innis mi dhuibh anns a mhaduinn,

nach bu chòir dhuibh dàil a chuir ann an seirbhis Dhe gu crich bhrù laithean; ach gu’m bu chòir duibh a radh maillle ri Daibhidh, “Thighearn teagaig dhomh mo laithean àireamh, a chum ‘s gu’n suidhich mi mo chridhe air gliocas;” agus ‘se so an t-aon ghliocas, rè uile laithean do bheatha gu’n suidhich thu do chridhe a chum seirbhis a thabbhàirt do’n Tighearn do Dhia. Na’m biodh neach sam bith agaibh gu dol air turus air gnòthach chudthromach a bha agaibh ‘san lamh, cha saoileadh sibh e na chùis bheag aon là chall air an t-slighe; eadhon mar sin tha chùis ann an so; ann an so tha bhrù turus air gnòthach co cudthromach ri sàbhaladh agus diteadh; uime sin bu chòir duibh a mheas na chùis mhòir aon là a chall air an turus so. Tha mòran an dùil gu’m faigh iad àm na’s cothromaiche an deigh so gu seirbhis a thabbhàirt do Dhia, uime sin feudaidh mi an là so a chuir seachad mar is àill leam fein; ach tha iad air am mealladh, oir is leoir do gach là a ghnothaichean fein; uime sin c’ar son a chuireadh sibh dàil gus am m’aireach anns an ni bu chòir a bhi deanta an diugh, air dhuibh fhaicinn gu’m bheil na’s leoir aig an là m’aireach ri dheanamh air a shon fein? Gu dearbh tha mi ‘faicinn gu’m bheil clann an t-saoghail so ‘na’n ginealach féin na’s glice na clann an t-soluis; do bhrigh ‘s gu’m bheil iad a gabhail cunntais de’ dh’obair gach là, agus a sealltuinn ciod e a rinn iad, agus ciod a tha aca ri dheanamh; ach cha’n’eil sinn co glic a tha leagaile aon là a theachd agus le là eile a dhòl air falbh. Mar sin, tha mi ag radh, cha bu chòir dhuibh aoradh Dhia a thilgeadh seachad gu là na Sàbaid, no laithibh sòlaimte, ach bu chòir duibh aoradh a thabbhàirt do Dhia na h-uile là, ach bu chòir duibh cunntas a ghabhail deth obair gach là, agus gun na h-uile a thilgeadh ann an aon dùn cuideachd.

‘Nis, tha sinn uile fad air deireadh ann an so, uime sin tha mi guidhe oirbh gu’n daighnich sibh bhrù cridheachan na’s mò agus ‘s na mò anns an fhirin so, gu’m bheil sibh fuidh cheangal seirbhis a thabbhàirt do Dhia uile laithean bhrù beatha, ann an naomhachd agus ann am fireantachd; cha bu chòir dhuibh a bhi mi-naomh na fhanuis ann an uair sa’m bith do’n là no do’n oidche; ‘se sin, bu chòir dhuit do chridhe agus du bheath a thoirt air lathair na h-uile là egus na h-uile h-oidche, agus anns gach uair de’n là, oir cha bhi chùis gu bràth gu maith maillle riut gus am bi e mar sin.

Agus ciod is aobhar gu’ bheil thu co mi-churamach a chum seirbhis a thabbhàirt do Dhia, agus gu glòir a thabbhàirt da ionnsuidh, agus sòlas do d’ anam féin gach aon là? Ciod e? Ach do bhrigh ‘s nach ‘eil thu cuimhneachadh gu’ bheil thu ann am fianuis Dhé na h-uile là, agus anns gach uair do’n là, Ciod a dheanadh sibh, na’m biodh sibh na h-uile là am fianuis daoinne cumhachdach? Agus ge do bhiodh sibh ann am fianuis a phrionnsa na h-uile là, nach faiceadh am prionns’ na nithe a bha sibh a’ deanamh na fhanuis na h-uile là? ‘Nis, smuainichidh sibh so cruaidh r’a dheanamh, a chuimhneachadh gu’ bheil Dia

do ghnàth fa’r coinneamh agus gu’ bheil e do ghnàth ag amharc air bhur smuainte, bhur briathraibh agus bhur gniombradh; ach nach cuir sibh a chuis gu dearbhadh, agus gheibh sibh a chuing sin socrach, agus an t-uallach sin eutrom; oir aon là air a chaitheadh fuidh chuing Chriosd, ‘se sin, ‘nuair a ni thu do dhichioll rè an là uile gu Dia a thoileachadh ‘sna h-uile nithe, agus coguis mhaith a choimhead a thaobh Dhia agus dhaoine, ge nach d’rinn thu an nì fuidh ‘n robh thu ceangailte a dheanamh; gidheadh air do’n là so a bhi air a chaitheadh do Dhia, bithidh e milis agus taitneach dhuit. ‘Nis, Leughaidh mi earran eile de’n Sgriobtuir, Eabh. iii. 11, “Ionnas gu’n d’thug mi mo mhionnan am fheirg, nach teid iad a steach do mo shuaimhneas”; anns an t-seathamh earrann tha e aig iarraidh, “dànachd, agus gairdeachas an dòchais a chumail gu daingean gus a chrioch.” Agus a chum impidh a chuirorra so a dheanamh, tha e tabhairt a steach earail an Spioraid Naoimh, ag radh, “An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruaidhichibh bhur cridhe.” Agus an deigh sin tha e tabhairt a stigh eiseimplair an athraichean anns an fhasach, a chaill am muinghin, agus gairdeachas an dochais, ‘nuair a bhuair iad Dia, agus a dhearbh iad e, ge do chunnaic iad oibre re da fhichead bliadhna; agus ris tha e ag innseadh ciod a thainig dheth na sin, sin r’a radh, “Gu’n robh diomb aig an Tighearn ris a ghinealach sin, agus thubhairt e, tha iad a ghnath air seachran ‘nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighibh-sa, uime sin mhionnaich mi am fhearg, nach teid iad a steach do m’ shuaimhneas”; ‘se sin, cha teid iad gu bràth a steach a dh’ionnsuidh m’fhois; an sin tha e a’ cuir earail fein ris, anns an 12 rann, ag ràdh, “Thugaibh an aire, a bhraithre (oir na’m faiceadh neach sam bith agaibh long air an fhairge dol am mugha air carraig fa’ chomhar bhur suilean, nach d’thoireadh sibhse an aire nach rachadh sibh am mugha mar an ceudna): eadhon mar sin ann an so, d’ eagal aig àm air bith, cha’n e mhàin gach là, ach air am sam bith air an là; tha fios agam gu’m bi e cruaidh air neach sam bith agaibh, a bha ‘nar coigrich do Dhia o chian fhada, aire thabbhairt duibh fein gach aon là, agus anns gach uair ‘san là, do bhrigh ‘s nach robh agaibh riama eolas air a so; ach fathast nach gabh sibh eòlas air, agus na bithidh na’s mo ‘nur coigrich do bheatha Dhe, agus cha shaoil sibh doilbh e, mur bi ann an aon neach agaibh droch cridhe; beachdaichidh sibh a ni ‘sa mar so, Thighearn, nach feud mi aig am air bith droch cridhe a bhi agam, ‘seadh, cha ‘n fhaod: fathast, tha so na chuing shocrach agus furas r’a ghiulain: agus ciod am buannachd no’n taitneas a bhios agad ‘sa pheacadh, ‘nuair a mhothaicheas tu breitheanas Dhia ort fein? Agus ‘nuair a tha do chridhe gu h-olc, ciod a’s urrainn dhuit a dheanamh ach peacadh, oir theid teangan, agus làmhan, agus gach ni dhe’n seol. Ma bhios droch cridhe ann an neach sam bith agaibh, deir esan, feudaidh e mile a phuiseanachadh, ‘nuair a tha iad air an cuir ann an cuideachd no ann an companas maille ri mi-threibbhdhireas, oir an sin tha’n

droch cridhe a’ teachd, ge b’e uair a leigeas tu as do ghreim do Chriosd, agus do’n ghealladh, tha’n sin an diabhul a’ teachd ‘nan àite. ‘Nis, tha mi a’ ceadachadh nach fhaigh thu Criosd do ghnàth, ach gidheadh feudaidh tu an gealladh a bhi agad do ghnàth ann do chridhe, gun dealachadh ris an Dia bheò. C’ar son, cha’n urrainn a bheag sam bith do chridhe a chumail air Dia ach creideamh, agus ‘nuair a chailleas tu creideamh, ‘an sin tha thu aig imeachd air falbh o’n Dia bheò, agus ‘an sin falbhaidh do bheath agus do mhothachadh. Nach faic sibhs a’ nis ciod e is creidimh criosduidh ann, eadhon aire a thabhairt do’r beatha anns gach uile am, nach imich sibh air falbh o Dhia. An saoil thus’, an e an creidimh criosduidh a bhi cumail uairean agus amaibh sònraichte ann an aoradh Dhia? Cha’n e, thus a tha air do cheannach le fuil Iosa, tha thu ceangail’ aire thabhairt do d’ chridhe rè uile laithibh do bheatha.

(Rì leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice