Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1918 » October 1918 » Air Iomadh Puing Dhiadhachd

Air Iomadh Puing Dhiadhachd

LE MR. EOIN UELSH.

“Gu’n d’thugadh e dhuinn, air bhi dhuinn air ar saoradh o lamh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhís da as eugmhaís eagail, ann an naomhachd agus am fireantachd ’na lathair fein, uile laithean ar beatha.”—LUCAS i. 74, 75.

THA fios agaibh ciod a bha dheigh-lamh, sin r’a rádh, ciod an doigh anns am bu chòir dhuibh bhur beatha a chaitheadh ann a bhi deanamh tol Dhe; ach tha eagal orm gu’m bi mòran ag rádh na’n cridhe, ged nach ’eil iad ’ga labhairt le’m beòil, tha e na ni diomhain seirbhís a thabhairt do Dhia. Agus rinn gach anam air son a mhòir chuid, cumhuan ri ifrinn agus ris a bhàs, agus tha iad a’ smuaineachadh gu’m bheil an Tighearn co fada as uatha, is nach urrainn e am faicinn. Tha mi guidh air Dia trócair a dheanamh oirbh, agus bhur coguisean a dhùsgadh, a chum’s gu’m bi e air a dhearbhadh oirbh, gu’m bheil là teachd anns am bhi bhur n-anam lomnochd air an nochdadh an lathair caithir bhreitheanais Dhia; ach a chum bhur teagasg ’sa’ phuing so, leugaidh mi dhuibh cuid do dh’àitean de’n Sgriobtuir; agus air tús, Cen. xvii.

“Agus ’nuair a bha Abraham ceithir-fichead agus naoibliadhna-deug a dh’aois, a dh’fhoillsich an Tighearn e fein dà, agus thubhairt e ris, Is mis an Dia uile-chumhachdach; gluais thus’ a’m’ fhanuis agus bhi treibhdhireach.” Bha Abraham air teachd air aghaidh gu maith ann an aois ’nuair a fhuair e an àithn so, eadhon ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug; uime sin ged nach biodh agad ach aon bhliadhna gu bhi beò, tha e maith air do shon gu’n éisd thu ri guth an Tighearn, Is mis’an Dia uile-chumhachdach, gluais thus am fhanuis, gidheadh cha do ghluais e co direach is bu chòir da; air an aobhar sin tha’n Tighearn a’ teachd ’nuas o neamh, agus a tabhairt àithn dha gluasad ’na lathair uile laithean a bheatha; agus air eagal ’s g’um feudadh daoine so a smuaineachadh ro mhor uile laithean am beatha thabhairt seachadh ann a bhi gluasad an lathair Dhia, mar gu’m biodh so na nì do-dheanta do dhaoine dheanamh; uime sin tha’n Tighearn ag rádh, Tha mise uile-chumhachdach, air dhoigh agus ’nuair a sheallas tus air d’uireasbhuidhean fein, gu’m faigh thu annam-sa ge b’e ni a tha dh’fheum ort.

An e gliocas, urram, saibhreas, laithean buan, fireantachd, no ni sam bith a tha uat a b’áill leat fhaghlail ’san t-saoghal so, no anns an t-saoghal ri teachd? Gheibh thu e anns an Tighearn a tha’n so ma ghluaiseas tu ’na láthair. Tha’n imeachd air a shamhlaichadh ri duine a tha dol air aghairt air turus, agus aig am bheil a shùil suidhicht’air an àite aig am b’áill leis a bhi. ’An sin ma ta bu chóir dha na so sinne fhoghllum, ré ar beatha gu léir, ann am briathraibh, slighibh, agus ann ar n-uile smuainte’ agus ghniomhairibh, bu chòir dhuinn ar cridheachan a thogail suas ri

neamh, amharc suas ris-san a tha ag amharc an nuas ortsas; agus bheir so ortsas amharc ort fein, agus d’uilé dheanadais a stiureadh gu ceart. Thuilleadh air a so, tha e ag radh, ma bhitheas tu dreach. Tha cridhe an duine fiar a thaobh nàduir, agus cha’n urrainn a bheag sam bith a dheanamh dreach agus cómhnard, ach a bhi ag imeachd ann an làthair Dhia agus a bhi ag amharc air an Tighearn do ghnàth. ‘Nis, tha’n treibhdhireas agus an t-ionrcas so na ni mòr, agus feudaidh so mòr ghàirdeachas a thabhairt dhuit, ‘nuair a dh’fheudas tu a radh, tha so ann am chridhe, anns na h-uile nì gu’m b’aillean Dia a thoileachadh. ‘Nis tha’n gealladh a’ leantainn anns an ath earrann, “agus bithidh mo choimh-cheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi gu mòr thu.” Mar so tha agaibh geallaidhean cothromach, agus còirichean oirdhearc, agus mòr shochairean a bhuneas dhuibhse a tha ‘g imeachd ann an làthair Dhia, agus a tha treibhdhireach ann an cridhe, agus ann a fhianuis-san. Agus air eagal’s gu’m feudaidh sibh so a smuaineachadh do dheanta gu imeachd ann an làthair Dhe, feudaidh sibh a shamhail fhaicinn ann an Enoch, Gen. v. 14. Oir tha e air a radh, “Ghluais Enoch maillè ri Dia, agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e.” Agus bhuannaich na naoimh roimhe gu so, agus tha gràs Dhe comasach gu thabhairt air duine a dheanamh, agus ruigsinn da ionnsuidh; oir Dia, a thug dhuit a thiodhlac a’s mò, a Mhac fein, cia mò mhòr a tha e comasach air na h-uile nithe thabhairt dhuit maillè ris? Tha’n t-Abstol mar an ceudna, ag innseadh mu imeachd fein, ag radh, “Ach so tha mi ‘g aideachadh dhuit, gur ann do réir na slighe ris an abair iadsan saobh-chreidimh, a tha mis’ aig aoradh do Dhia m’athraichibh, a’ creidsinn na h-uile ni a ta sgiobhta anns an làgh agus anns na Fàidhean. Mar so tha mis ag aoradh do Dhia m’athraichean”; ach cionnas, deir esan, “A’ creidsinn na h-uile ni ta sgiobhta anns an làgh agus anns na fàidh’éan?” Oir cha bhi aoradh air a thabhairt do Dhia as eugmhais creidimh. Thubhairt mi roimhe, feumaidh bhuir creidimh ruigsinn a dh’ionnsuidh na h-uile nithe a ta sgiobhta anns an làgh agus anns an t-Soisgeil; oir mur bi ‘ar-aon na geallaidhean agus na bagraidhean air an creidsinn, cha bhi imeachd an làthair Dhe ann, uime sin bu chòir do’r creidimh a bhi cho farsuinn ri focal Dhia; tha thu fo cheangal gu a chreidsinn, gu’m bheil Dia fo cheangal a lagh a sgiobhadh ann do chridhe; mar tha thusa fo cheangal maitheanas do pheacanna a chreidsinn, mar sin tha thu fo cheangal uile gheallaidhean Dhia a chreidsinn; ciod air bith co farsuinn ‘sa tha iad; uime sin, ‘seadh, ‘nuair a leughas sibh focal De, no ‘nuair a dh’éisdeas sibh e, bu chòir duibh a leughadh agus éisdeachd le creidimh; gluais ann am làthair-sa, deir an Tighearn. Tha sibh a’ faicinn ciod e an caith’beath bu chòir dhuibh a bhi agaibh, eadhon àrd urram le creideamh agus dòchas ann ad’ anam agus ann do choguis ann am mòrachd neo-chriochnuichte an Dia shiorruidh, agus le oidhear nach truail thu do choguis ann a bheag sam bith; thoir fainear nach bi do choguis gu bràth a’

t’aghaidh, aon chuid ann do dhleasdanas do Dhia, no ann do dhleasdanas do dhuine. Tha’n t-Abstol, air dha bhi labhairt mu thimchioll a ghiùlain fein, agus giulain athraichean, ag radh, “Agus a’ nis tha mi a’m’ sheasamh agus air mo chasaid as leth dòchas a gheallaich a rinneadh le Dia do’r n-atraichean, a chum am bheil dùil aig ar dà-threubh-dheug-ne teachd, a’ deanamh seirbhis do Dhia, a là agus a dh’oidhche do ghnàth,” Gniomh xxvi. 6, 7. Beachdaich, bhà iad a’ toirt seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidche; tha sibh a’ faicinn ciod a ta air iarraidh oirbh, eadhon an ni ceudna rinn iadsan; cha’n e mirean is earrainnean do dhiadhachd an t-seirbhis do gnàth a tha Dia ag agair oirbh, agus a thug na naoimh dha ‘san àm a chaidh seachad—Oh! cia tearc a thug an cridhe gu h-iomlan fathasd a chum séirbhis a thabbhairt do, ghnàth do Dhia, gu seirbhis a thoirt do Dhia a là agus a dh’oidhche mar-aon; tha mòran an dùil gu’n dean ni beag seirbhis a thabbhairt do Dhia, ged nach faigh e an cridhe gu h-iomlan; ach tha’n Tighearn ag radh le Solamh, “Mo mhac, thoir dhomhsa do chridhe,” (Gnàth. xxii. 26). Agus ged ‘s beag as fhiach an cridhe, gidheadh is e na h-uile a tha’n Tighearn ag iarraidh ort. Mo mhac a deir esan, is mi t-Athair, agus is tusa mo mhac, agus thug mis’ beatha agus solus dhuit, agus na h-uile ni ta agad tha e agad uamsa, agus sholair mis air do shon oighreachd air neamh; agus a nis, air son na h-uile ni a rinn mi dhuit cha’n’eil mi ag iarraidh na’s mo ort na gu’n tabhair thu dhomhsa do chridhe, agus bheir mis dhuit-sa toillintinn ann mo shlighibh; oir fasaich do shùilean, agus d’uile bhuill, sgith ann an uine ghearr do sheirbhis Dhe mur d’toir thu do chridhe do Dhia; agus uime sin tha e ag radh anns an 17, “na gabhadh do chridhe farmad ri peacachaibh, ach bi ann an eagal an Tighearn rè an là uile,” oir mu bi cha’n’eil e so-dheanta gu’m bi do chridhe air a chumail ann an òrdugh ceart, agus air an aobbar sin ann an àite eile tha e ag radh, “leis na h-uile dhichioll gleidh do chridhe.” Bu chòir do na h-àitean so de’n sgiobtuir a bhi air an cumail ann ar cuimhne fad an là, “leis na h-uile dhichioll gleidh do chridhe, oir ‘sann uaith a tha sruthan na beatha.” ‘Se’n cridhe tobar na beatha, agus ma bhios e truaillich bithidh na sruthan gu leir truaillich mar an ceudna: agus goird an deigh sin tha e ag radh, “Cothromaich ceum an do chois, agus bitheadh do shlighibh gu leir ann an deagh òrdugh.” Cha bu chòir dhuit-sa a Chriosduidh, ceum a dheanamh, nach bitheadh tu a’ sealltuinn c’ait’ am bheil thu dol, agus bu chòir dhuit fheoireach de do chridhe, ciod e an rathad tha’n so air am bheil mi? Co dhiubh is ann air an rathad fharsuing gu sgrios, no air an t-slighe chumbann a tha treorachadh gu beatha? Oir gu deimhin is cumhann an t-slighe a tha treoreachadh a chum beatha shiorruidh, agus uime sin bu chòir a bhi sealltainn do ghnàth ris an t-slighe; air an aobhar sin tha e ag radh, “cothromaich ceumanna do chois.” ‘Nis, ciod an t-soathair a b’ail leat a chaitheadh air giulan Chriosduidh? Agus tha e uile gu maith air a chaitheadh ma ‘se ‘s gu’n tabhair

thu fainear cia daor ‘sa chosd e, agus thus a ta ann an Criosd, saoilidh tu an uin a bha air a caitheadh ann an diomhanas ro fhada, agus gu’n robh thu ro fhada ann an tòiseachadh ri seirbhís a thabhairt do Dhia. “Cothromaich ceumanna do chois,” ‘se sin na tiondraidh a dh’ionnsuidh na laimhe deis no na laimhe clith’, ach coimhead do chos o’n olc.

‘Nis, ‘san aite mu dheireadh, “Mo mhac, coimhead aitheantan t-Athar, agus na treig teagasg do mhàthar, ceangail iad do ghnàth air do chridhe, agus cuir iad mu thimchioll do mbuineil”; ‘se sin biodh iad mar shlabhraidh gu do sgeadachadh. ‘Nis, ciod a bhuanachd a bhios agad le so? Treoraichidh se thu ‘nuair a dh’imiceas tu, feithidh se riut ‘nuair a choidileas tu, agus ‘nuair a dhùisgeas tu bithidh se maillle riut; ‘se sin, toisich do thurus leis, agus cha’n fhag e gu bràth thu gus am bi thu aig croich do thuruis; ni e faire air do shon ‘nuair a tha thu ad chodail, agus bithidh tu do ghnàth fuidh dhìdean caoimhneil ré na h-oidhche; agus ‘nuair a dhùisgeas tu ‘sa mhaduinn, bithidh e ullamh gu do chomhairleachadh cia mar a chaitheas tu an là gu léir. ‘Nis, na’m b’ail leat so a dheanamh, ciod an t-aobhneas agus an sòlas a bhiodh agaibh, ciod an t-sìth ann bhr coguisibh mar-aon maillle ri Dia agus duine, agus ciod an imeachd shuillbhir, agus ciod a bheatha thaitneach a dh’fheudadh tu a bhi agad? Ach tha mi fàgail so. Tha sibh a’ faicinn gu’m bheil an gnè chaith’ beatha so air àithneadh dhuibh, agus a chum’s gu’m bi sibh na’s ro-chomasaich air so a dheanamh:

‘Sa cheud ait, bu chòir duibh bhr peacaidhean a chuimhneachadh gach là, a chum bhr cumail fuidh, agus bhr n-irioslachadh; air an aobhar sin feuchaibh nach at bhr cridheachan le àrdan.

‘San dara h-àite, Feumaidh sibh a bhi sinedadh suas bhr lamh a dh’ionnsuidh Criosd, agus a bhi do ghnàth ag itheadh do ‘fhéoil, agus ag òl do dh’fhuil gach là; agus ni beachdsmuaineachadh air do pheacaidhean, agus air an staid thruagh anns am bheil thu trid a pheacaidh, do chomh-èigneachadh gu na ‘s mo do mheas a bhi agad air fuil Criosd.

‘San treas aite, Faic gur ann ann an Criosd a ghreimicheas tu ri bith mòralachd ghloirmhoir neo-chriochnaichte na diadhachd, a chum’s gu’m bi d’ imeachd maillle ri Dia; oir gheibh thu e ann an Criosd, agus co fhad sa dh’fhanas tu ann-san, fanaidh esan annad-sa; agus ma chreideas tu ann, thig esan agus an t-Athair agus gabhaidh iad comhnuidh maillle riut.

A ris biodh eagal Dhia ann do cridhe do ghnath, oir is e ‘n t-eagal so tìs a ghliocais, agus bheir an t-eagal so ort thu fein a chuir fo armachd ann an aghaidh gach uile bhuaireadh, air doigh’s nach téid a bheag a steach a dh’ionnsuidh do chridhe a chuireas cràdh air an Tighearn agus “guidhidh tu air nigheana Ierusalem, nach dùisg iad t-aon ghaol,” a tha ann do ghlaicaibh, gus an àill leis fein.

A ris, ‘nuair a bhios tu a dh’eaibhuidh air, bheir so ort éiridh

as do leabaidd g’a iarraidh; agus gu’m bi thu ullamh gu thoileachadh anns gach uile dheadh obair, agus coguis ghlan a bhi agad a thaobh Dhia agus a thaobh dhaoine.

A ris, bheirr so ni eile ad’ ionnsuidh; ‘se sin, a thabbhairt ort amharc le gairdeachas air uile chreutairean Dhia le stiúl a chreidimh; agus uile shochairean a ghabbail ‘o làimh le breithbuidheachais; an sin chi thu feum air àithn ar Tighearn, “Deanaibh faire agus urnuigh do ghnàth.” Mar sin leigidh tu sios an soitheach a dh’ionnsuidh an tobair, agus bithidh tu do ghnàth a’ tarruing a mach as gràs air son gràis.

‘Nis, na’m b’ail leat so dheanamh, bheireadh e ort ann ad uile ròidibh do stiúl a bhi air Dia, chum’s ‘nuair a luidheas tu sios, gu’n gabh thu cuntas sònruichte mu t-uile shlighibh air an latha chaidh seachad, agus ‘nuair a dh’eireas tu gu’n deasaich thu thu fein air son seirbhis Dhe rè an la sin uile; agus bheirr so ort gur ann is lugh a bhios agad ri dheanamh aig àm do bhais, do reir’s mar a chuimhnicheas tu gu’n cuir thu suas cuntas air saothair gach aon là do Dhia mu’n teid thu idir a dh’ionnsuidh do leabaidd; uime sin ‘sann is lugha bhios agad ri dheanamh a nis. Ma gheibh thu maitheanas, mu’n luidh thu sios, deth gach peacadh a rinn thu fad an là; ‘an sin feudaidd tu dùbhlán an diabhuil, na h-ifrinn, na h-uaighe, agus a bhàis, agus ceartais Dhe a thabbhairt, oir cha’n urrainn iad a bheag a chuir as do leth, a’ faicinn gu beil d’éiric air a phaigheadh, agus fhuair thus maitheanas troimh ‘n fhuil sin, air a sgrìobhadh leis an Spiorad Naomh. ‘Nis, gu’n deonicheadh an Tighearn so dhuibh air sgàth Chriosd; dha-san, maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile ghloir a nis agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice