Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1918 » December 1918 » Air Somadh Puing Dhíadhachd. Le Mr. Eon Uelsh. “Uime sin bu mhiann leinn teachd do ’ur n-ionnsuidh (eadhon leamsa Pol), uair no dha : ach bhac Satan sinn.”—I TESA. ii. 18.

Air Somadh Puing Dhíadhachd. Le Mr. Eon Uelsh. “Uime sin bu mhiann leinn teachd do ’ur n-ionnsuidh (eadhon leamsa Pol), uair no dha : ach bhac Satan sinn.”—I TESA. ii. 18.

THA so na ni dulich ri chreidsinn leis an t-saoghail, gur urrainn do sháta leanabh Dhe a cheangal eadar lámhan agus chosan, agus a bhacadh o dhol a dh’ionnsuidh an àite do’m bu mhiann leis a dhol, no gu aoradh Dhe ; gidheadh chi sibh ann an so gu’n do bhac e an t-Abstol do’m b’áithne toil De ; agus uime sin, am b’áill leat fhios fhaotainn air a so, ’nuair a bheir Dia dhuit gairm, agus dorus fosgailte gus an ni sin a dheanamh a dh’áithn Dia dhuit, is e Sátan a tha ’bacadh ; agus mar a bhacas e thu o na mhaith a dheanamh, mar sin meallaidh e thu gus an olc a dheanamh, mar a mheall e Daibhidh gus an t-slugh áireamh ; mar sin tha e ar-aon a’ bacadh a mhaith bu choir a dheanamh, agus ’gad’ bhrosnachadh gus an olc a dheanamh nach bu choir a dheanamh. Air an aobhar sin cuimhnich nach ’eil an lámh, an teangaidh, an cridhe, gu bráth air am bacadh o mhaith a dheanamh, no air am mealladh gu olc a dheanamh, ach leis an t-sátan. Bu choir dhuibh smuaineachadh air a so ma ta, nach e mhain gu bheil agaibh ri gleachd ri fuil agus feoil, ach ann an aghaidh uachdranachdaibh agus cumbachdaibh, agus ann an aghaidh riaghlaírith an t-saoghail so, prionsa dorchadais an t-saoghail so, agus ’an aghaidh aingidheachd spioradail ann an ionadaibh árd, uime sin tha feum agaibh air uile armachd Dhe a ghlacadh do’r n-ionnsuidh, a chum’s gu’m bi sibh comasach air cuir ’na aghaidh ’san droch la. Ach, mo thuaigne ! Dh’falbh so leis a mhóir-chuid do dhaoinne agus do mhnaithibh ann ar lá, oir tha iad a’ toirt aite do’n diabhlul do’m fiosrachadh agus gu toileach. Mar a bhac e’n t-Abstol a theachd a dh’ionnsuidh na’n Tesalónianach, mar sin, air an tomhas creidimh a tha agad air láthair, is esan a tha toirt ort nach’eil thu a’ fás o chreideamh gu creideamh, agus ’nuair a gheibh t-aignidhean mi-riaghailteach lámh an uachdar ort ; is esan a tha ’ga dheanamh : uime sin a chum am buaireadh so a sheachnad, bu choir duibh aidmheil bhur creidimh a chumail do gnath daighean a dh’ionnsuidh na criche; agus air an aobhar sin tha Peadar ag radh, “Tha’n diabhlul ar n-eas-cairid a’ dol mu’n cuairt mar lèomhan beucach a’ sreadh co a dh’fheudas e a mhealladh; cuiribhse’ na aghaidh, air dhuibh a bhi seasmhach ‘sa chreidimh.” Mar an ceudna, Seumas i. 5, Tha e ag radh, “Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhuidh gliocas, iarradh e o Dhia e, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dean maoidheamh; agus bheirear dha e. Ach iarradh e le creidimh, gun bhi fuidh amharus sam bith; oir an ti a ta fuidh amharus, is cosmhail e ri tònn na faire a a sheidir le gaoith, agus a tha air a luasgadh a null agus a nall. Oir na saoileadh an duine sin gu’m faigh e nì air bith o’n Tighearn.” ‘Se so a cheud ni.

2. Cum an greim ‘nuair a gheibh thu e, agus cuimhnich, nach ann o nàduir a tha e ach o ghràs, oir cha d’araich e riamh ann do chridhe, agus ma dhuiseasas Dia do choguis, agus gu’m mothachd ‘s gu’m faic thu uamhas a chorruich, an sin ma ta feudaidh tu a radh is tiomhlaic o Dhia a bhi creidsinn. Air an aobhar sin na creachadh e gu bràth thu dheth do chreideamh, ach bi thus laidir agus neo-ghluasadach, agus bunaitheach anns a chreidimh; oir tha fios aige, ‘nuair a tha do chreideamh air falbh, gu’m bheil do ghradh air falbh mar an ceudna; “oir bithidh am firean beò tre chreidimh.” Bi air t-fhaicill o na bhuaireadh eile so mar an ceudna, ‘nuair a gheibh thu creidimh agus comhfhurtachd anns an fhuil sin, an sin feuch nach tuit thu ad’ chodul, agus gu’m fas thu mi-chùramach an deigh sin, mar a rinn an Eaglais ann an leabhar na’n Dain, a bha na codal, ach a cridhe na dhuisg, agus fathasad cha’n eirreadh i o a leabaiddh a dh’fhosgladh an doruis da, air an aobhar sin chaidh e air falbh. Mar sin ‘se so innleachd an diabhuil, a dh’fheuchainn am faigh e thu ann an dùsail, a chum ‘s gu’n creach e thu dheth lathaireachd do Thighearn, agus deth comhfhurtachd mhoir, uime sin guidheam oirbh bithibh air bhur faicill o mhi-chùram ‘an deigh dhuibh comhfhurtachd fhaotainn.

3. Fas o chreidimh gu creidimh, agus o neart gu neart, co fad sa’tha thu anns a bheath so, agus do ghnath gus an taisbean thu an láthair an Tighearn ann an Sion.

Tha sibh a’ faicinn nach dean an aon tràth bithidh an gnothach dhuibh an còmhnuidh, ach gu’m feum sibh biadh fhaotainn gach là ma bhitheas sibh ‘n’ur slàinte, eadhon mar sin, cha dean aon trath do fheòil Chriosd, agus aon deoch do dh’fhuil, agus aon chomh-chuir de’n a ghealladh, cha dean so dó riarachadh, ach feumaidh plast an deigh plast a bhi air a chuir, mar a chi sibh ann an neach a tha air a lotadh gu marbhthach, eadhon mar sin cha’n e aon chomh-chuir do ghealladh na slainte a leighiseas lotan t-anam-sa, ach feumaidh an comh-chuir a bhi air ath-nuadhachadh gach là. Cha’n’eil fhios agam am bheil feum aig neach air bith agaibh air an teagasg so, ach feumaidh mìs’ a bhi ‘ga innseadh dhuibh do ghnath. Anns a bhacadh so ort o na mhaith, feuchaidh e ma’s urrainn e do chumail o bheachd-smuaineachadh, gach là air Dia a thoileachadh ‘sna h-uile nithe, agus aig cuid do dh’uaribh tha e faotainn buaidh gu h-iongantach ann an so ; eadhon air cloinn ionmhuinn Dhe, oir cha’n’eil fos aig mòran gu’m bheil a leithid do dh’éigin na luidh orra, an dchioll a dheanamh gu Dia thoileachadh ‘sna h-uile nithe gach aon là, agus ma ‘s aithne dhoibh e, tha iad a’ rùnachadh a dheanamh ; agus ma tha iad a’ rùnachadh, gidheadh tha iad gach là faotainn mi-mhiscinean agus mòr amlaidhean anns an t-slighe. ‘Nis, do bhrigh ‘s gu’m bheil mòran agaibh, tha mi saoilisinn, na’m biodh sibh air bhuir cuir air bhuir leabaiddh, agus cuuntas a thabhairt as ur caith bèatha anns an uin a chaidh seachad ; tha mi ‘g rath, gu’m bheil mi ‘am beachd nach ‘eil moran gniomhran, briathran, no smuaintean, a bheireadh dhuibh comh-fhurtachd ann ‘ur beatha gu h-iomlann, oir cha d’thoir a bheag sòlas ad’ ionnsuidh ach a mheud ‘s d’an toir do choguis fianuis gu’n d’rinn thu iad a chum onair Dhia ; uime sin tha feum agaibh uile a bhi ag ullachadh ann an tìom, a chum a’s ge b’e àm a thig sibh gu cleachdadh meadhoibh, no gu cuideachd sam bith, gu’m feud sibh an comharadh so fhàgail maille riu, Bithibh-se na’r fianuis an sud agus ‘an so, gu’n d’iarr mis’ an Tighearn, agus gu’n d’fhuair mi ann an so e. Ach tha eagal orm gu’m bheil mòran agaibh an uair a thig àm a chunntaidh gu’n tog gach àite fianuis, nach b’e so riamh rùn ‘ur cridhe Dia a ghloireachadh ge b’e àite gus an d’thaing sibh, ma ‘seadh, air a chuid a’s lugha, togaiddh na h’àitean so uile fianuis ‘n ‘ur n-aghaiddh, mu thiom air a chall agus air a mhi-bhuileachadh, nach urrainn a bhi air aisig air ais a ris. Air an aobhar sin, biodh gach neach agaibh beo, mar a b’ailt leibh bhuir coguisean a bhi saor ann an lathair Dhia agus dhuine, agus mar a b’ailt leibh gach àite anns an robh sibh riamh, fianuis a thogail gu’n d’iarr sibh an Tighearn ann an treibhdhreasa bhuir cridhe.

‘Nis, tha dà ni mu’n robh mi a labhairt ribh ; agus, a cheud nì, Gu’n cuireadh sibh sibh fein fo armachd ann an aghaidh na’m buairidhean so air an tairgse dhuibh leis an diabhlul, a chum bhuir mealladh gu peacadh a dheanamh, oir tha feum agaibh a bhi air bhuir faicill o’n nathair chuileheartach sin, a chrubas a steach gu sàmhach, agus a bheir lot marbhtach dhuibh mu’n toir sibh idir an aire dhuibh fein. An urrainn do dhuine sam bith imeachd ‘san teine as-eugmha is a bhi air a logadh ? Eadhon mar sin, an urrainn do dhuine sam bith imeachd ann ‘an ana-miann na feola as-eugmha is a bhi air ribeadh leis ? ‘Siad na nithe air am bu chòir duibh smuaineachadh gus a pheacadh a mharbhadh, iad so :

‘Sa cheud àite, Smuanaich air gràdh siorruidh agus neo-chriochnaichte Dhe ann an leithid do thomhas, ‘s gu’m blàthaich e do chridh le mothachadh air ; agus troimh na ghràdh sin, smuainich air cia mar a thaisbean se e fein, air tùs ann do ghràdhachadh, ann do thaghadh ann an Criosd.

2. Ann an cuir a Mhic fein gu do shaoradh le fhuil luachmhor fein.

3. Ann do dheanamh a’d’ dhuine no a’d’ bhean, do reir iomhaigh Dhe.

4. Ann thus a ghairm, agus leigeil do cho liugha básachadh ann an cuid peacaidhean.

5. Ann a t-fhireanachadh gu saor, agus ann am maithdeadh dhuit co tric peacanna co mòr; agus, anns a chroich, smuainich air a ghloir gun chroich sin a dh’ullaich e air do shon anns na flaithanas, agus a bhios air fhoillseachadh aig aon là. Uime sin, am bheil thu air do bhuaireadh gu fearg, gu farmad, gu an-earbsa, agus dearmad air na meadhoinibh, an sin cuimhnich air doimhne neo-chroichnaichte gradh Dhia a’d’ thimchioll, agus deanadh e do chomh-eigneachadh gu do chumail air ais bho pheacadh.

6. ‘Nuair a tha thu air do bhuaireadh, smuainich gu’m bheil thu do ghnath ann an lathair Dia uile leirsinneach; agus tha i na ban-striopach thruailidh a chuireas adhaltranas an gniomh ann an sealladh a fear-posda. Mar sin ciod e a tha thus a’ deanamh ‘nuair a tha thu a’ peacachadh? Tha thus ann an fianuis Chriosd t-fhear-posd do ghnath, agus tha thu air an dearbh shlighe a dh’ionnsuidh caithir bheitheanas a cheartais. Gu peacachadh ‘na aghaidh fa’ chomhair a ghnùis, agus a ‘nis anns an dearbh shlighe ‘nuair a ta am maoir ‘ga d’ threoireachadh a dh’ionnsuidh na dearbh chroich, co nach abradh, gu’m bheil an duine sin na shloighear truailidh a ghoideas ‘nuair a tha e dol a dh’ionnsuidh na croich.

7. ‘Nuair a tha thu air do bhuaireadh, smuainich airsan ris am bheil agad r’a dheanamh, eadhon ri Dia ceart agus geur-theann, a dh’agair am peacadh air a leithid do dhoigh ann a Mhac fein, ‘s nach do sguir e riamh gus an do mhúch fuil Chriosd lasraichean a chorruch, oir cha do shàsaich uile phiantaibh a cheartas, gus an robh fuil a chridhe air a thileadh anns an teine. Mar so ma ta seall ciod a rinn am peacadh; thilg am peacadh na h-ainglean (as eugmbais a bhi air an aisig a ris) a mach a flaithanas; thilg e Adamh a mach a pàrais no a garadh Edin gun e fein, no a h-aon do shliochd, a theachd an sin tuillidh, bhàth am peacadh an seann saoghal, bha Sodom agus Gomorah air an losgadh le teine agus pronasc air son peacaidh; agus air son a pheacaidh sgriosadh Ierusalem dá uair; uime sin ciod am feum a ni e dhuibh ‘ur peacanna fholach ‘an so? Cuimhnichibh air lá sin an fhoillsichidh, ‘nuair a bhitheas na h-uile ni air fhoillseachadh, agus a bhitheas sibh uile air ‘ur tabhairt lomnochd mar a thainig sibh a broinn bhur m àthair fa’ chòmhair caithir bheitheanas Dhia, far am feum thu cuntas a thoirt seachadh as gach focal diomhain a tha thu labhairt; uime sin armaichibh sibh fein ann an aghaidh an diabhuil le leithid so agus an leithid sud do bheachd-smuaineachaibh, oir tha e innleachdach, agus bheir e ort a chreidsinn gu’m bheil Dia tròcaireach; ach an uair gheibh e thu ann a rib, their ‘e an sin, cha’n eil trócair air do shon. Air an aobhar sin tha toillintinn a pheacaidh air falbh, agus tha uaill a pheacaidh air dol air falbh, ach cha’n eil gath a pheacaidh co luath air dol seachad, oir tha iomadh nithe aige gu do mhi-mhisneachadh ann an deanamh an nì a ta math.

‘Sa cheud àite, Their e, tha leithid do mheall truaillidheachd an taobh a stigh dhiot, agus gu’m bheil e do-dheanta dhuit faotainn a dh’ionnsuidh a chaith’beath Chriosduidh so; uime sin, gu thu fein armachadh ann an aghaidh so, cuimhnich gur e oibir an Tighearn agus glóir Dhia a tha thus ag iarraidh, agus gu’m bheil e’n urra ri ghloir fein nach leig e le onair a dhol sios.

(2) Cuimhnich nach ‘eil dìteadh sam bith dhoibh-san a tha ann an Crìosd, nach ‘eil a’ glùasad a reir na feola ach do reir an Spiorad, uime sin feudaiddh tu bhi cinnteach nach cuir do pheacaidhean gu bràth bacadh ort.

‘San àite fa’ dheireadh, Ge nach bi ann ach toil gu seirbhís a thabhair do Dhia, gidheadh tha e air a ghabhail leis-san; agus an grainne is lugha do threibhdhireas a th’ann do chridhe, tha e ‘ga cheadachadh, do bhrigh ‘s nach e d’obir-sa th’ann, ach oibir fein, agus oibir a Mhic, uime sin tha e a gabhail ris, agus a ni beag a thairgeas tu gabhaidh esan ris.

An ath ni, Do bhrigh ‘s gu’n toir an sátan ort a chuir an teagamh, nach robh do shligne riann ceart; air an aobhar sin cuimhnich gu’m bheil thu a’ dol air d’aghaiddh co fada ‘s a tha thu a’ fuathachadh an ni a tha ‘ga do bhacadh ‘san t-slighe, agus co fad ‘sa tha thu air d’rioslachadh gach là, agus co fhada ‘sa tha thu a cuir na’s mo agus na’s mo do mheas air fuil Chriosd; ‘an sin tha thu do ghnàth a’ dol air d’aghaiddh co fad ‘sa tha thu ag fhoghluim an leasoin so. Gur e an fhuil a mháin is urrainn do thabhairt gu neamh, agus gur e grás a threoiricheas tu air d’aghaidh.

‘San àite mu-dheireadh, Cuimhnich, ge’ do tha do naomhachadh neo-iomlain, gidheadh gu’m bheil d’fhireanachadh iomlain, agus tha e deanamh so air tìs a chum a ghloir fein, a chum agus mar is mò a chi thus’ do ghnàth do d’laigse fein, gur ann a’s mò a tha Dia a’ soilleireachadh do d’choguis, gur e cumhachd Dhia a dh’fheumas do thoirt air d’aghaidh; agus a thuilleadh air a so uile, na’m faigheadh tu do naomhachadh uile aig an aon àm, shuidheadh tu sios air; uime sin bheir an Tighearn dhuit gràs as ur gach là, a chum agus mar sin gu’n gluais thusa suas do thaingealachd gach aon là, agus a chum na crìch’ gu’m biodh do chridhe air iroslachadh do ghnàth, agus gu do chumail ann an cleachdadh na h-ùrnuigh, agus ann an cleachdadh a chuid eile do na meadhoibh. Cha b’ail leis an Tighearn na Canaich uile thilgeadh a mach còmhlà’, ach b’ail leis gu’m fanadh cuid diubh ann an sin, d’eagal ‘s gn’m biodh an tir air a lionadh le fiadh-bheathaichean; agus bha so na b’fhear air son na’n Israeleich no ge do bhiodh iad air an tilgeadh a mach aig an aon àm. Mar sin cha tilg an Tighearn a mach do chuid naimhde uile, agus do pheacanna uile aig an aon àm agus ann an tiotadh, ach leigidh e le cuid fantuinn annad, gu bhi na’n co-iomadh bior agus droighionn ann do thaobh, gu do ghlusad air d’aghaidh a chum Chanaan neamhaidh iarraidh, eadhon rioghachd na flaitheanais. Gu’n deoinicheadh Dia gu’n deanadh sibh uile a bhuannachd so deth bhur buairidhean, na dearbh innilean chogaidh a chleachdas an sátan ‘n’ur n-aghaidh, gu’n tionndaidh sinn iad a dh’ionnsuidh a bhronn fein. A ris, gu’n deoinicheadh Dia so air ‘sgáth a Mhic Iosa Críosd, dhá-san maillé ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile ghloir uath so a mach agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice