Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » February 1919 » Air Coir a Chriosduidh

Air Coir a Chriosduidh

LE MR. EOIN UELSH.

(Air a leantuin o t. d. 292.)

‘N IS tha mi dol air m’agaidh. ‘Se’n ni mu dheireadh a their mi, innseadh dhuibh mu thimchioll bhur còirichean; uime sin tha e air a thabhairt a steach leis an Abstol Pheadar a chum iadsan a shòlasachadh a dh’onnsuidh am bheil e a’ sgiobhadh an litir so; oir an deigh dha iarraidh orra iad a dh’òl a steach do bhainne fior-ghlan an fhocail; air dhuibh gach uile ghamhluis a chuir a thaobh, agus cheilg, agus mhealltaireachd, agus fhamad, agus gach uile ana-cainnte, agus an deigh dha earralachadh orra

theachd a dh’ionnsuidh Chriosd, mar gu cloich bheo, a dhiultadh leis na h-Iudhaich, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor, ‘s ann dhuib-se mhàin, a ta creidsinn, a tha e luachmhor, ach dhoib-san a tha eus umhal, na clach-thuisliadh, agus na carraig oilbheum. ‘Nis, eagal ‘s gu’m biodh iad air am mi-mhisneachadh leis na briathra’ so, uime sin tha e a’ toirt so a steach a chum an sólasachadh, agus tha e ag radh, “Ach is ginealach taghta sibhse,” ‘se sin, ginealach gràs agus tròcair, cha’n e a mhàin gu’n d’ainmich e mach thu fein, ach mar an ceudna do shlìochd, agus uime sin is ginealach sibh a ta air ‘ur taghadh agus air bhur n-òrduchadh a chum beatha, sagairteachd rioghail, tha sibh uile na’r righre air bhur crùnadh, agus air bhur cuir fa sgoail, cha’n’eil sibh fuidh thighearnas agus fuidh thrailleachd an lagha. ‘Nis, cha’n’eil sibh fuidh dhaorsa na binne san, dean so, no bàsaichidh tu gu siorruidh; “Malluichte a ta esan nach fan anns na h-uile nithe a ta sgriobta ‘sa’n lagh a chum an deanamh.” Tha sibh a ‘nis air ‘ur fuasgladh o bhi fuidh dhaorsa agus fuidh thruaigh an lagh uamhasaich sin, air a chuir an ceill le guth ‘eagalach, a mach a teine uamhasach, o bheinn Shinai; ach a ‘nis tha agaibh guth binn o bheinn Shion, air a labhairt a beul ar Tighearn agus ar fear-pòsd fein; agus ciod e an guth a tha’n sin, “Creid, agus cha d’theid thu gu bràth am mugha:” “Thigibh am ionnsuidh-sa sibhse uile a ta saothrachadh agus fuidh throm uallaich, agus bheir mise fois dhuibh.” Mar so tha sibh n’-ur righre air bhur fuasgladh o chuibhricean a pheacaidh, agus air bhur saoradh o thrailleachd an diabhuil, agus o mhallachd an lagh, agus o chruas a mhaighstir-sgoil sin, a tha ‘gu’ cumail a steach air doigh ‘s nach dàna leibh sealtainn a mach air an dorus air son eagail an teine dbian-loisgich sin, a chum ‘s ‘nuair a rachadh nì air bith ann ‘ur cridhe dochair, gu’n robh e ullamh gu’r slugadh suas. “Sagartachd rioghail,” tha sibh n’-ur sagairtibh; air doigh ‘s nach e mhàin gu’m feud sibh a dhol a steach do’n ionad naomh sin, agus taigse ann an sin le’r làmhan féin, agus air son peacaidhean an t-sluaigh, ach mar an ceudna is sagairtean sibh, nach e mhàin a dh’fheudas a dhol a steach a dh’ionnsuidh an ionad is ro naomh, ach a dh’ionnsuidh na neamha is àirde; cha’n ann aig àmaibh suidhichte, no aon uair ‘sa bhlìadhna, ach anns gach àm na h-uile latha; cha’n ann le fuil thairbh agus ghobhair, ach le fuil luachmhor Iosa Chriosd, an t-Uan gun smal sin, a mharbhadh ‘o thùs an t-saoghail, agus a tha ‘tabhairt air falbh pèacanna an t-saoghail. Mar sin cha’n e mhàin gu’m bheil sibh n’-ur sagairtibh, ach tha sibh n’-ur n-àrd-shagairtibh, a dh’fheudas dol a steach do na flaithneas far am bheil Criosd, agus ann an sin, cha’n e a mhàin sibh féin thaisbeanadh, ach feudaidh na h-uile h-aon agaibh, da-threibh dheug Israeil a ghiùlain air bhur broillich, agus mar sin gach neach gu h-iomlain a thaisbeanadh, agus uile bhuill Iosa Criosd ann do ghàirdeanaibh am fianuis Dhé agus eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha sibh n’-ur Cinneach naomh, ‘se sin, is sibh sluagh Dhé, a dh’orduich e gu bhi naomh

mar a ta esan naomh; “Oir as-eugmhais naomhachd cha’n fhaic neach ‘sam bith an Tighearn.”

‘Nis, ciod is crioch do na so uile, a chum’s gu’n taisbeanadh sibh a mach feartan an Tì a ghairm sibh o dhorchas a chum a sholuis iongantaich féin. Ach ciod e a bhuaidh a ta aig ‘ur gairm; sith, aoibhneas, irioslachd, foighidinn, macantas, gràdh, eud, neart, agus a chuid eile gu leir do gràsan an Spioraid? oir thus a chreid ann an Criosd, agus aig am bheil e ann do chridhe tha agad-sa uile ghràsan an Spioraid maille ris; uime sin thus aig am bheil iad thoir a mach iad, agus foillsich do muinntir eile iad, oir cha’n’eil e maith an cuir fo’ fhollach. Ach, tha mi faicinn gu’m feum mi so fhagail, oir cha bhi agam ùin gu dhol troimhe mar a rùnaich mi a dheanamh. A mhàin, air son an ám a ta lathair, a bhi tabhairt dhuibh ni-éigin gu smuaineachadh air, bheir sibh fa’near gu’m bheil na còirichean de dha inbh, tha a cheud aon anns a bheatha so, an ath inbhe anns a bheatha a ta ri teachd; oir thus a chreid aon uair, tha agadsa uibhir do chòir chinnteach air na sochairean so, ‘sa tha aig an oighre is dligheach a th’anns an t-saoghal air oighreachd féin. ‘Nis, ciod iad na còirichean anns a bheatha so?

‘Sa cheud aite, cha’n e mhain gu’m bheil thu air do ghràdhachadh le Dia, ‘s air do thagadh a chum na beatha shiorruidh, air do shaoradh le fuil Iosa Criosd, agus air t-òrduchadh a chum glòir shiorruidh, ach gum bheil agad an t-shochair so mar an ceudna, aithne a bhi agad air a chuis a bhi mar sin, agus tha so dheth na’s mo luach na’n saoghal uile, co-dhiubh is ann ag itheadh no ag ól, a’d’ dhùisg, no a’d’ chodal, ag imeachd, no a’d’ shuidh, no ge be ni a tha thu deanamh, gu’m feud thu fios cinnteach a bhi agad, a chum’s gu’m feud thu a radh gu saor, Tha mise air mo gràdhachadh, tha mi air mo thaghadh a chum na beatha siorruidh, tha mi air mo shaoradh le fuil Chriosd, air mo ghairm, air m’ fhireanachadh, agus bithidh mi air mo ghlorachadh. ‘Nis, ciod an sòlas a dh’fheudas tu a bhi agad, dha’n aithne so, nach urrainn a bheag sam bith d’ainm a dhubhadh a mach a leabhar na beatha, ‘nuair a dh’fheudas tu a radh. Is mise leanabh Dhé, is mi bràthair Iosa Criosd, agus gheibh mi roinn de uile oighreachd mo bhrathair as sean; nach feud do chridhe a shòlasachadh leis na nithe so. Ciod tuille a tha agad anns a bheatha so, An ni ceudna bha air a labhairt ri Muire; “Fàilte dhuit, o thus d’an do nochdadh mòr dheadh-ghean! Tha’n Tighearn maille riut.” Feudaidh so a bhi air a radh mu thimchioll na h-uile a ta creidsinn, agus a tha air an gràdhachadh, agus Dia do ghnath maille riu; oir tha cùram àraidh aig Dia mu d’thimchioll. Tha e fior, gu bheil Dhia air a ghairm Fear-saoraidh an t-saoghal uile, do thaobh a fhreasdail tha e buadhachadh ann, agus le a chumhachd tha e’gan riaghladh; ach air mhodh sònruichte ‘se Fear-Saoraidh an taghaidh bhith-bhuain e, do bhrigh’s nach leig e le a h-aon de a chaoraich fein a dhol ‘am mugha. Ciod e tuilleadh? “Iadsan a chuireas onair ormsa

cuirid mise onair orra-san, deir Criosd, an Ti is gliocas Dhé. Mar so bunaidh onair le ceartas do chlann Dé, agus cha’n eil neach sam bith urramach ann am fianuis Dhia ach a chlann fein tha cuir urram air-san. Gleidhidh se thu mar ubhal a shùl, oir tha e ‘ga do mheas co luachmhor dha ‘sa mheasas duine sam bith cloich a shuile luachmhor dha fein. Ciod e tuilleadh? “Ma tha Dia leinn, co a dh’fheudas a bhi ‘nar n-aghaidh? Co a chuireas coire sam bith as leth pobull taghta Dhé? ‘Se Dia a dh’fhireanaicheas sinn; co is urrainn ar diteadh? ‘Se’n Tighearn mo sholus agus mo shlainte, co a chuicas eagal orm? “Gè do thuiteadh mile ri mo thaobh, agus deich mile air mo laimh dheis, gidheadh cha d’thig e am fagus dhomhsa,” Sailm xci. 7. Ciod e tuilleadh? Is òglach dha thu, agus feudadh tu a theachd gu seomar a làthaireachd an uair is àil leat; ‘seadh, is càirde dha-san thu, oir dh’innis e dhuit uile chomhairle, agus cha d’fholaich e a bheag uait-sa d’ na tha ann a chridhe fein; uime sin feudaidh tu a dhol le dànachd agus comhairle iarraidh air-san an uair chuireas ni sam bith trioblaid ort, air dhuit a bhi a’d’ mhac dha. Ciod a’s urrainn a dhol thairis air a sin? Gidheadh tha mi cuimneachadh briathra Isaiah lvi. 5. Tha esan ag radh, “bheir mi dhoibh àite agus ainm, ni’s fearr na ainm mhic agus nigheana,” (ainm siorruidh bheir mi dhoibh nach gearr as.) Agus ciod an t ainm a tha ni’s fearr. Innseam dhuit, tha ainm céile na’s fearr na ainm mac; agus tha thus a’d’ chéile dha; ‘seadh, tha thu na’s mo na bhi a’d’ chéile dha, oir is tu fheoil agus fhuil; agus an ni is mo de na h-uile, tha thu a’d’ ionmhas sònruichte dha. Ach an e so an t-iomlan? Cha’n e. Ciod e tuilleadh ma ta? Tha’n t-shochair so agam gu’m feud thu a chreidsinn gu’m bheil Dia fo cheangal (agus uime sin feudaidh tu iarradh le danachd air Dia) gu’n d’thugadh se air falbh do chridhe cloich, agus cridhe feola thabhairt dhuit. Ciod e tuilleadh fathast? Cha’n e mhàin gu’m bheil Criosd agad gu bhi dhuit na ghliocas agus na shaoirsea, agus na fhireantachd, ach mar an ceudna gu bhi dhuit na naomhachadh. Ciod e tuilleadh? ‘Nuair a thuiteas tu, thug Dia meadhoinean dhuit gu éiridh a rìs; agus ma gnàthaicheas tu iad, gheall Dia beannachd dhoibh. Ciod e tuilleadh? Thug Dia dhuit còir agus gnothuch ris na meadhonaibh so uile, a chum’s gu’n rachadh tu ga’n ionnsuidh ‘nuair a’s àill leat, feudaidh tu am focal eisdeachd, na sàcramainte a ghabhail, feudaidh tu ùrnuigh a dheanamh, agus seinn, agus beachd-smuaineachd, feudaidh tu comh-labhairt a dheanamh air an fhocal, agus feudaidh tu uile chleachdadh na diadhachd a ghnàthachadh an uair a’s àill leat, ‘seadh, tric do àmaibh tha Dia a’ tabhairt dhuit neart gu feum a dheanamh dhiubh uile, an uair a bha agadsa beag neart dhuit fein ann am feum a dheanamh dhiubh. Ciod e tuilleadh? ‘S urrainn esan do theagasg cia mar bu chóir dhuit thu fein a ghiulain, ge b’e staid anns am bi thu, co-dhiubh is ann ann an soirbheachadh no ann an amhghar. Ciod e tuilleadh? Ma tha thu a’ creidsinn, feudaidh tu iarraidh gu’m bi t-éiridh cosmhail ri éiridh na gréine,

agus d’imeachd mar dhol fodha na greine, agus feudaidh tu ùrnuigh a dheanamh air son gràs fhaotainn a chum’s gu’m fàs thu o creideamh gu creideamh, agus o neart gu neart, “gus an taisbean thu ann an làthair an Tighearna ann an Sion;” agus mar so feudaidh to iarraidh gràs air son gràs a bhi air a dhortadh a mach, agus a bhi air a mheudachadh ort. Ciod e tuilleadh? Tha’n t-shochar so agad nach imich thu gu bràth air falbh o’n Tighearn gu h-iomlain no gu buileach. Ciod e tuilleadh? Tha’n t-sochar so agad, mar a bha thu beo anns an Tighearn, mar sin gu’m faigh thu bàs anns an Tighearn; ‘an sin, an deigh crich no beatha so, giulainidh na h-ainglean t-anam, cha’n ann gu uchd Abrahàim, ach gu uchd Iosa Criost, agus gleidhidh iad dearbh dhuslach do chloich bhròite anns an uaigh, no ge b’e àite do’n talamh, no do’n uaigh, am bi e, ge do bhiodh cuid do d’ dhuslach air a sgapadh, deich do mile mìlte o chèile, fathast gleidhidh iad ann an sin iad gu la na h-ais-eiridh, agus an sin cruinnichidh iad r’a chèile iad, agus, air do’n anam ‘s do’n chorp a bhi air an aonadh r’a chèile, bithidh tu air do thogail suas anns an athair maille ris an Tighearn a dh’ionnsuidh an t-seomair, far an lean thu an t-Uan ge b’e taobh an d’theid e; an sin bithidh tu a’d’ fhear baile do’n nuadh Ierusalem sin a tha teachd a nuas o neamh o Dhia, aig am bheil glòir Dhia innte, aig am bheil a’ dealradh mar cloich ro’-luachmhor, mar chloich Iaspis, soilleir mar criostal, aig am bheil balla mòr, agus àrd; aig am bheil dà gheata dheug, agus aig an dà gheata dheug, dà aingal dheug, agus bha aig balla na caithreach dà bhunait dheug, agus annta-san ainmean dà Abstol dheug an Uain; gus tha am baile air a thogail do chloich Iaspis, agus l’ òr fior ghlan air a dheanamh sgiambach le clacha luach-mhor; agus is dà neamhnuid dheug an dà gheata dheug, tha gach aon fa’-leth do na geataibh air an deanamh do aon neamhnuid, agus is òr fior-ghlan sràidean a bhaile, mar ghloine shoilleir, agus cha’n’eil Teampull ann, oir is e’n Tighearna Dia uile chumhachdach, agus an t-Uan is teampull dha. Agus cha’n’eil feum aig a bhaile air a ghrian no air a ghealach a dhealrachadh ann; oir shoillsich glòir Dhé e, agus is e ‘n t-Uan is solus dà. Agus ghlusaidh tusa ‘na sholus, agus bheir righe an glòir agus an urram d’a ionnsuidh. Agus òlaidh tu de dh’uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a tha ‘sruthadh a mach o rìgh-chathair Dhé agus an Uain. Agus ithidh tu de chraobh na bheatha, a tha air gach taobh de’n abhuinn, agus a tha giùlan dà ghnè dheug thoraidh gach uile mhios, aig a bheil a duilleach a chum leighis na’n Cinneach. Agus cha bhi mallachd air bith ann n’s mò, ach bithidh rìgh-chathair Dhé agus an Uain innte, agus ann an sin ni thu seirbhis dha gu siorruidh tuilleadh, agus chi thu aghaidh do ghnàth, agus bithidh ainm san air clàr d’ eudainn, agus riaghaichidh tu gu siorruidh tuilleadh.” Tha iad so na’n còirichean cothromach agus na’n sochairean mòra; uime sin, thu mi a’ guidh oirbh, a muinntir ionmhuinn, smuainichibh gu tric air na còirichean so, eadhon do’n bheatha so, oir ni iad t-anam a chruth-atharrachadh

a’ chum iomhaigh glòrmhor Iosa Criost, agus ni iad thu a’ d’fhear compairt do dhearbh nàdur na diadhachd. ‘Nis, cha chan mi tuille, ach gu’n tugadh an Tighearna dhuibh creidimh gu a chreidsinn, agus gràs gus na nithe so gu leir a chomh-chuir ribh féin, a chum agus le sin gu’m bi sibh beò beatha Criost bhur Tighearna, dha-san, maille ris an Athair, agus an Spiorad Naomha, gu’n robh gach uile ghlòir, moladh, agus urram, a nis agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice