Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » March 1919 » Air Sochair a Chreidmhich, LE MR. EOIN UELSH

Air Sochair a Chreidmhich, LE MR. EOIN UELSH

“Tha mo chaoraich-sa ag eisdeachd ri mo ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi; Agus bheir mi a bheatha mhairneach dhoibh; agus cha sgriosar iad am feasd, ni mo a spionas neach air bith as mo lamh iad.”—EOIN x. 27, 28.

‘S E an nì mu dheireadh a rùnaich mi a leagail ris dhuibh agus bhur steidheachadh ann, agus as eugmhais nach urrainn do’r n-aoibhneas a bhi làn, agus do’r sólas a bhi mór: agus se sin, bhur buanachadh a dh’ionnsuidh na crìche, a chum agus a mheud’sa ghairm an Tighearn ar Dia a chum dóchas na glòire sin, agus a thug e a dh’ionnsuidh a chrò fein, gu’m feud iad a bhi cinnteach nach d’theid iad gu siorruidh a dhìth, ach guim faigh iad a bheatha shiorruidh; oir ’se so a h-aon do shaighde teinnteach an droch spioraidh, leis an ábhaist da bhi lotadh cridheachan mòran diubh-san a bhuneas do Chriosd, nì ’nuair a sheallas iad ri ’n anambunnachd agus an laigse fein, agus an uair a chi iad an cuid truailidheachd agus an tuiteaman iomadh-fillte fein, cia mar nach urrainn iad seasamh air so aon uair a thiom, agus an uair a dh’amhairceas iad air muinntir eile, a rinn aideachadh sgiamhach ’san diadhachd, an uair a tha iad ’gam faicinn a’ tuiteam air falbh a ris; agus an uair a thòisicheas iad air smuaineachadh ciod a dh’fheudas iadsan a chumail ’o thuiteam gu buileach air falbh, an uair a rinn muinntir eile claonadh, aig an robh gràsan ni bu mho na bha acasan, agus na’s mò na’s urrainn iadsan fhaotainn air son an ám a ta làthair, an sin tha iad air an creach’ de’n aoibhneas, agus de’n dòchas do na ghloir shiorruidh sin. Mar sin ma ta, tha e ro-fheumail air bhrur son gu’m faigheadh sibh eolas air bhrur buanachadh anns a chreideamh; uime sin co iomadh dhibh ‘sa thug Dia a dh’ionnsuidh rioghachd a Mhic fein, agus a chried maitheanas peacaidhean ann am fuil Iosa Criosd, tha e ro-fheumail air bhrur son aithne fhaotainn air nach d’theid a h-aon do a chaoraich-sa am mugha; oir bithidh so na aobhar mòr chomhfurtachd do pheacaichibh, an uair a bhios aithne ac’ gu’n dò thòisich Dia an obair mhaith sin annta, a dhaingnicheas e agus a ni e coimhlionta na ám fein, feumaidh e bhi gu’n d’thoir so mòr shòlais do chriedmhich, an uair a bhios fios aca gur e rùn agus croich an Tighearna, cha’n e mhàin an taghadh, an saoradh, agus am fireanachadh; ach mar an ceudna gur e a rùn gu’m faigheadh leanabh taghta Dhe a tha air a ghairm, gràs gu buanachadh dh’ionnsuidh na crìche. Uime sin ‘se so an ni mu dheircadh a tha rùn orm a labhairt mu thimchioll bhrur comhrag Chriosduidh; oir air dhomh a dhòl triomh na chuid eile, smuainich mi e feumail bhrur steidheachadh ann an so mar an ceudna, a chum’s gu’m feudadh sibh, leis na’s mò do shòlas, ‘ur cuairt ann an so a chuir seachad le eagal agus le ballacriath, air dhuibh fhaicinn nach ‘eil e air fhàgail ann bhrur làmhan-sa gu sibh fein a chàll. Bha Adamh air fhàgail da fein, air an aobhar sin chaill se e fein; ach cha’n’eil e mar sin maille riut-sa a ta ann an Criosd, agus a tha a’d’ leanabh do Dhia: oir thug an t-Athair thusa do na Mhac, agus tha e cumail greim dhiot le a làmh fein, agus Esan a bha toileach a bheatha fein a thabbhairt air do shon, cha leag e leat a dhòl am mugha: oir cha robh duine no bean riabh, a fhuair an creideamh tearnaich so, agus an t-aithreachas so a chum beatha, a theid gu siorruidh am mugha; agus cha robh dùine no bean riabh, a dh’eisd ri focal Iosa, agus a chreid e, a chaidh riabh a chall. ‘Nis, na’m b’aithne dhuit so, gu’m bheil e do-dheanta gu’n rachadh tu gu bràth am mugha, ciod an gairdeachas leis am feudadh tu do réis a ruith! Agus air son steidhibh gu do chumail suas an so, do bhrigh’s gu’m bheil a rùn orm bunaitean na diadhachd agus a chreidimh chriosduidh, a dh’fheumas sibh a shuidheachadh agus glùasad d’an rèir, a ghairm a ris gu’r cuimbne:

Mar, anns a cheud àite, creidamh sabhalaidh,

  1. Nuadh-bhreith.

  2. Toraidh an aithreachais, agus cleachdadh na diadhachd ann ‘ur giulan agus ann bhrur caithe-beatha gach là.

  3. A bhi ‘g innseadh na h-amalaidhean lionmhor a chuircas an diabhul anns an rathad, gu do bhacadh o bhi fàs bho chreideamh gu creideamh, an dara cuid ann do dheanamh an-dàna, no do bhacadh o bhi fàs o chreideamh gu creideamh, agus an deigh sin a bhi ag innseadh na h-amalaidhean a thilgeas e a steach gu bacadh t-aithreachas air an doigh cheudna.

Anns an àite mu dheireadh, a bhi ag innseadh dhuibh bhròcòirichean a ris, do bhrigh’s gu’m bheil a rùn orm a dhòl troimh na nìthe so a ris: uime sin, air son an àm a ta lathair, innsidh mi dhuibh ciod na bunaitean a chumas suas sibh anns an dearbhachd so, nach d’theid sibh gu siorruidh am mugha, agus gu’m bheil bhròc buanachadh co cinnteach air a rùnachadh ann an comhairle dhiomhair Dhe, ‘sa tha ‘ur taghadh, bhròc saoradh, bhròc freanachadh, agus bhròc gairm, air a chomh-dhunadh ann, a chum’s gu’n smuainich sibh air a so, nach ‘eil e air fhagail ann bhròc làmha-sa gu sibh fein a chall, nì’s mò na bha e ann bhròc lamha sibh fein a shàbhaladh; air an an aobhar sin ni mi an aithris dhuibh a nis gu h-athghearr.

Na bunaitean a chum bhròc dheanamh cinnteach gu’n dean Dia comasach sibh air buanachadh a dh’ionnsuidh na crìche; tha cuid dhuibh air an tabhairt o’n Tighearna fein, agus bho a nàdur, agus tha cuid eile air an tabhairt bho bhuaidh tiodhlaicibh Dhe a tha air an tabhairt dhuibh. Iadsan a ta air an toirt o’n Tighearn fein, ‘s iad so iad:

‘Sa cheud àite, rùn neo-chaochluideach Dha, nach urrainn neamh no talamh atharrachadh, gu’m bheil thu air do thaghadh a chum na beatha-siorruidh, mar a rùnaich Dia do ghairm, do shaoradh, agus t-fhireanachadh, agus maitheanas a thabbhairt dhuit; air an doigh cheudna, rùnaich Dia gràs a thabbhairt dhuit gu buanachadh a dh’ionnsuidh na crìche, uime sin tha Criosd ag radh, “Cha d’theid a h-aon deth mo chaoraich-se am mugha,” agus tha’n t-Abstol ag radh, “tha bunait Dhe a’ seasamh daingean.” ‘Nis cha bhiodh am bunait daingean, mur biodh am buan-mhaireanachd air a runachadh ann an comhairle Dhe.

Tha’n ath bhunait air a thabbhairt bho neo-chaochlaideachd gradh Dhe; oir iadsan a “ghràdhaich Dia ghràdhaich se iad gus a chrioch,” agus tha e fein ag radh, “le gràdh siorruidh ghràdhaich mi thu. Mar sin ma shuidhich Dia aon uair ort gràdh a chridhe, mar a ta Dia neo-chaochlaideach, mar sin a ta a ghràdh neo-chaochluideach; agus mar a ghluis a ghaol neo-chaochluideach e air tús, gu do thaghadh, ‘san ath àite gu do shaoradh, agus an deigh sin gu do ghairm agus t-fhireanachadh; mar sin tha a bhunait neo-chaochluideach air a thabbhairt bho fhirinnteachd ann a ghealladh.

‘Nis mhionnaich Dia, agus cha’n atharraich e, ni mò a mhi-naomhaicheas e a naomhachd, gu’n cuir e eagal fein ann do chridhe, a chum’s nach imich thu gu bràth uaith’. Tha e fior, gu’m bi tuiteamn gle mhor ann an clann De; ach a leithid do thuiteam ‘s nach urrainn gu bràth a bhi air ath-leasachadh a ris, cha’n’eil sin freagarach do h-aon deth chlann Dhe.

‘Nis tha’n ceithreamh bunait gu do chumail suas an so, air a thabbhairt uaith so. Ghabh am Mac thu ann a làmh fein, “An t-Athair a thug dha-san thu is mo e na na h-uile, agus cha’n’eil neach sam bith comasach air do thabbhairt a laimh an Athair,” oir gach cumhachd a ta aig, cuiridh e an gniomh a chum do dhion mu’n rachadh tu am mugha, gu labhairt mar sin, a tha a’d’ leanabh dha: uime sin tha e comasach gu do thearnadh, air doigh’s nach bi uile chumbachdan neamh agus ifrinn comasach air a thabhairt ort a dhèl am mugha.

‘Nis, ‘s iad na bunaitean eile iad so gu h-athghearr; Eadar-ghuidh a Mhic, a tha aig deas lamh an Athair agus a tha deanamh gnath eadar-ghuidhe air do shon. “Ma pheacaicheas neach air bith,” deir an t-Abstol Eoin (I Litir ii. 1). Tha Fear-tagraidh againn air neamh maille ris an Athair, eadhon Iosa Criosd.” A ris tha aonachd dò sgarraichte eadar thus agus esan; tha thus a’d’ aon bhall de’n chorp sin d’am bheil Criosd na cheann; agus cha’n’eil a h-aon deth na buill sin d’am bheil esan na cheann, a theid gu bràth am mugha.

A ris, an “Sporad a dh’fhanas maille riut gu brath”; air do Spiorad na h-uchdmhacachd agus an naomhachaidh a bhi air a chuir aon uair bho Dhia a dh’ionnsuidh duine no bean sam bith, cha bhi e gu bràth air a thabhairt uath a ris.

‘San aite mu dheireadh, “Tha tiodhlaicean agus gairmean Dhe gun aithreachas.” Tha e fior, gu’m feud na tiodhlaicean a bheir oirne seirbhis a thabhairt do Dhia le gairdeachas, a bhi air an tabhairt uait aig cuid do amaibh; ach na tiodhlaicean so as eugmhais nach urrainn thu a bhi air do thearnadh, cha bhi am brigh gu siorruidh air an tabhairt uait: uime sin feumaidh tu smuaineachadh air na bunaitean so, feumaidh tu smuaineachadh orra, agus air doigh araidh air a bhonn shònruchte so, “Tha Dia firinneach, a gheall nach d’theid a h-aon de a chaoraich-sa am mugha.” “Tha mise am aon de’ a chaoraich-san, uime sin cha leig e dhomh a dhòl am mugha. ‘Nis ma ta, co iomadh agaibh anns an do dhealraich an Tighearna riamh ann bhur cridheachan, agus d’an d’thug se riamh tiodhlac a chreidimh, agus aig am bheil an creidimh air a sheuladh le Spiorad Dhe, agus a fhuair an Spiorad Naomh a’ fosgladh an sùilean agus a leigeil dhuibh fhaicinn gu soilleir gur e gradh Dhia bunait na’n uile, cuimh-nichibh gu’m bheil bhur n-ainmean air an sgriobhadh ann an leabar na beatha, agus gun iad a bhi air an dubhadh a mach gu siorruidh; tha sibh air bhur gradhachadh gu saor; tha sibh air bhur taghadh ann an Criosd; tha sibh air bhur gairm o dhorchas gu solus miorbhuleach; tha sibh air bhur firean-achadh le creidimh ann am fùil Iosa; tha sibh air bhur naomhachadh agus air bhur glanadh o oibríb marbh a chum seirbhis a thabhairt do’n Dia bheo; agus uime sin cha d’theid sibh gu siorruidh am mugha; oir lamh sin a chreidimh, air do na Mhac aon uair greim a dheanamh oirre, cha leag e gu siorruidh as thu; agus ge do leigeadh tus as esan, gidheadh an greim a ghabh an t-Athar agus am Mac dhiot-sa leis an Spiorad cha leig e gu siorruidh thus as. Air an aobhar sin ge b’e uair a b’áill leis an diabhal do chreach’ de’ dhóchas na gloire sin, trid beachd-smuaineachadh air d’anamhunnachd agus do laigse fein, ‘an sin biodh so na bhunait dhuit ‘ga do chumail suas, tha mise aig an Athair ann a lamh, agus cha’n’eil neach ann a’s mo na esan; air an aobhar sin cha’n urrainn a h-aon sam bith mo spionadh as a lamh-san.

Chuir am Mac a Spiorad a chum greim a ghabhail diom, agus an Spiorad sin a rinn greim orm, cha leig e dhomb a dhol am mugha. “Tha tiodhlaicean agus gairmean Dhe gun aithreachas,” uime sin esan a thug dhomb creideamh, agus aithreachas, agus dóchas, agus foighidinn, agus macantas, agus fad-fhulangas, agus a chuid eile gu leir de ghrásan an Spioraid, cha ghabh se aithreachas gu’n d’thug e dhomb iad: air an aobhar sin cha bhi iad gu bráth air an tabhairt air falbh uam. Co fhad ‘sa bhios grás aige-san feumaidh mise buanachadh, oir is leòir a ghrás-san air mo shon-sa, agus tha cumhachd Dhia air a dheanamh foirfe ann am an-fhanachd-sa; uime sin cha dean mi gairdeachas ann a bheag sam bith ach ann am an-fhannachdaibh.

‘Nis gu’n deoinicheadh Dia gu’n creideadh sibh na nithe so, agus ann an creidsinn gu’m faigheadh sibh a bheath-bhith-bhuan, agus gu’n gloiricheadh sibh Dia ann a Mhac Iosa Criosd; dhas-san, maille ris an Athar, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile mholadh, urram, agus glòir, uaith so a mach agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice