CIOD e an nì bu chòir a bhi ionmhuinn leibh ach a bheatha-shiorruidh so? Oir ge do choisneadh sibh an saoghal uile, agus gu’n cailleadh sibh bhur n-anama fein, bheiream-sa cinnte dhuibh gu’m biodh bhur buannachd gle bheag. ‘Nis, ann an ám bhur beatha an so, ciod e air am bu chòir dhuibh a bhi ag amharc, ach air an dà shiorruidheadh so, air siorruidheadh do ghàirdeachas, agus air siorruidheadh do phian: tha sibh a’faicinn aobhairean air son sin ann an so, tha e air a mhionnachadh leis an Ti gur e fein an fhirinn, agus a thainig a mach o uchd an Athair, agus tha e air a radh leis an Ti nach deanadh bhur mealladh, oir mur biodh e mar sin, dh’innseadh e dhuibh e; leis an Ti, gu’m bheil fhocal na spiorad agus na bheatha; oir aige-san tha briathra’ na beatha-bhith-bhuan, mhionnaich e ann an so, agus tha aithne mhaith aig a Mhac ciod a ta ann an inntinn an Athair, oir bha e air comhairle Dhia o’n toiseach, agus bha e ann an uchd an Athair, agus esan a tha cuir onair air an Athair cha bhreugnaich agus cha bhris e a mhionnan; agus do bhrigh ‘s nach deanadh na bu lugha an cosnadh gu impidh a bhi air a chuir oirbh, na a mhionnan, air an aobhar sin tha Mac an Dia shiorruidh a’ mionnachadh; ciod a tha e a’ mionnachadh? “Gu deimhin an ti a dh’eisdeas ri m’ fhocal-sa (‘smaith a nì sibh focal De eisdeachd, oir as eugmhais eisdeachd, cha’n’eil creideamh; sibh-se a tha teachd a dh’eisdeachd, measaidh sibh an ùin so gu maith air a chaitheamh a tha sibh a’ fantuinn ‘san Eaglais, an uair a bhios sibh air bhur gabhail a steach do na neamhaibh, agus a bhios sibh ann an sin gu siorruidh suthainn), agus a’ creidsinn anns an Ti a chuir uath mi,” thus a tha cluinntinn agus a’ creidsinn fhocal-san (tha thu ag creidsinn ughdar an fhocail) tha a bheatha shiorruidh agad, tha siorruidheadh do shith agus do ghàirdeachas air tóiseachadh na ‘anam aig nach bi croich gu bràth, agus cha d’ thig e a chum ditidh; tha e air dol thairis o bhàs gu beatha, tha e air dol thairis air druim a bhàis, agus rinn se e na chlach-staidhre gu neamh, agus tha e air teachd gu bhi air taobh stigh comhar’an agus crochan na beatha bith-bhuan, esan a chreideas gheibh e neamh nuadh agus talamh nuadh, agus gabhaidh e comhnuidh ann am pàillinn Dhe gu siorruidh suthainn: agus mur creid sibh, tha farg Dhia a’ gabhail comhnuidh oirbh gu siorruidh, agus tha sibh air bhur diteadh a cheana (Eoin iii. 17).
Dh’innis mi dhuibh cia mar a rannsaicheas sibh aithreachas neo-chealghach. ‘Nis, b’àill leam innseadh dhuibh, ma tha fior-chreideamh tearnaiddh agaibh, agus tha e gle fheumail air bhur son eolas fhaotainn air; oir thus a tha as eugmhas creidimh, cha’n’eil a bheag eadar thu agus ifrinn ach snaithean caol do bheatha. Dh’innis mi dhuibh mu thimchioll aithreachas, co air bith aig am bheil aithreachas ann am firinn air toiseachadh ‘nan anaimibh, gu’m bheil creideamh aca; air an aobhar sin gairmibh na nithe so a dh’ionnsuidh bhur cuimhne mu’n do labhair mi mu thimchioll aithreachas; fagaidh mi iad aig bhur cuimhne fein, cha’n aithris mi iad. ‘Nis, tha ceithir nithe leis an aithnich sibh, co-dhuibh a tha fior chreideamh agaibh no nach ‘eil.
-
‘Sa cheud àite, aithnichidh sibh fior chreidimh leis an doigh air an d’oibrich Dia e ann bhur cridheachan.
-
Ma bha sibh air bhur seuladh le Spiorad a gheallaidh, bithidh aithne agaibh air bhur creidimh le seulaibh no le comharan a chreideamh.
-
Gheibh sibh eolas air fior chreidimh leis a chomhrag, oir tha aig a chreidimh comhrag agus cath air aonadh ris. Tha’n t-Abstol ag radh, “chog mi an deadh chomhrag, choimhead mi an creid-eamh, chriochnaich mi mo thus.”
‘San aite mu dheireadh uile, bithidh eolas agaibh air a chreidimh leis a chleachdadh a tha ‘ga leantuin. ‘Nis, ma tha creidimh agaibh, agus oibrichean ann bhur cridheachan, feudaidh sibh gairdeachas a dheanamh ma ta; oir tha Criosd ag radh, “Gu’m bheil bhur n-ainmean sgriobhta ann an leabhar na beatha”; feudaidh tu gairdeachas a dheanamh thus a tha air taobh steach gaoil Dhia; thus aig am bheil creidimh, tha thu air taobh steach a ghaoil; feudaidh tu gairdeachas a dheanamh thus a tha air taobh stigh an taghaidh, an t-saoraiddh, agus a ghairm, agus an naomhachaidh, agus a bhuanachaidh. ‘Nis, thus aig am bheil creidimh, tha na nithe so uile agad, agus tha thu ‘gan creidsinn gu leir ann do chridhe; uime sin feudaidh tu gairdeachas a dheanamh. ‘Nis, mar air son na’n comharan, agus ma fhuair sibh riamh fior chreidimh, ‘sann air an doigh so; tha mi a’ ceadachadh, gu’m bheil cuid ‘ga fhaotainn na’s mo shoilleire; agus cuid eile na’s mo dhoireche; feudaidh cuid an là ainmeachadh maillle ri Sacheus; Lucas xv. 5, air doigh’s gu’m feud iad a radh, “An diugh tha slainte air teachd a dh’ionnsuidh mo chridhe.” Tha cuid ‘ga fhaotainn gu furas, cosmhail ri Lidia. Gniomh xvi. 14, “Aig an robh a cridhe air fhosgaladh ann an tiotadh le searmon Phoil; agus tha dream eile ‘ga fhaotainn na’s dhoilbhe, agus tha iad na’s fhaide ann an teachd d’a ionnsuidh, cosmhail ri Pol, Gniomh ix. 4, “Air a thilgeadh air an talamh, agus air a threoireachadh air làmh a dh’ionnsuidh baile, agus a bha rè trì laithean dall, agus ni mò a dh’ith no dh’òl e, ach ag ùrnugh ré na h-ùin sin uile,” gus an d’thainig Ananias d’a ionnsuidh, agus gu’n do shearmonaich e an Soisgeil, agus an d’fhuair e creidimh agus solas. ‘Nis, ma’s urrainn thu a chuimh-neachadh an là glormhor sin anns an robh thu air do lotadh agus air do cheangal suas a ris, agus anns am facadh tu gu soilleir gu’n robh thu ann an dorchadas fad laithean do bheatha roimh sin, ach gu’n d’thainig solus o neamh agus gu’n do dhealraich e ann do chridhe, air doigh ‘s gu’m facadh tu gu’n robh thu a’d’ luidhe air d’eabradh ann a’d’ fhuil, agus ann do thruaillidheachd, agus gu’n robh thu air do bhioradh ann do chridhe, agus gu’n d’eigh thu a mach, “A dhaoine agus a bhraithre, ciod a ni mi gu bhi air mo thearnadh? Agus an sin gu’n d’thainig sgeul aoibhneach a dh’ionnsuidh t-anam air a leithid do là. Bu choir dhuit an là sin a chumail air chuimhne; oir cumaidh righre air chuimhne latha am breith. ‘S urrainn cuid innseadh cia mòr an im-cheist leis an deach iad a dh’ionnsuidh caithir na’n gras, agus cia co fad ‘sa bha iad air an cumail mu’m b’urrainn iad creideamh agus sólas fhaotainn; air an aobhar sin amhaircibh air oibreachadh a chreidimh ann bhur cridheachan, amhairc, ma smuainich thu air àm t-ain-eolais ‘san uin a chaidh seachad na ni caillte, agus amhairc na’n b’aill leat a bhi an geall air an tiom a shaoradh, agus na’n d’thugadh tu deich mile saoghail (na’m biodh iad agad) do neach sam bith a leigeadh ris dhuit an robh trócair air do shon-sa ann am fùil Iosa. ‘Nis, cha’n’eil na h-uile dhaoine faotainn creidimh anns an aon tomhas: ach a chum ‘s gu’n tuig sibh, ma fhuair sibh e ann an tomhas sam bith, bheir sibh fainear, gu’m bheil tri cheuman creidimh ann, tha’n inbhe is laige, an inbhe is meadhonaich, agus an inbhe is treise do chreidimh ann. ‘Nis, an creideamh is laige a dh’fheumas a bhi aig neach sam bith agaibh, ‘se so e, tha e a’ faicsinn a dhiteadh, tha e a’ faicinn nach ‘eil a bheag air a shon-sa ach fearg, mur bi e air eididh le fireantachd Chriosd, tha e a’ faicinn gu’m bheil an fhuil comasach air a chorrnich e chiuneachadh, agus an teine sin a mhùchadh; cha’n’eil e aig iarradh tuillidh ach a bhi air a thumadh anns an fhuil sin; agus na’m b’aill leibh fheoireach dheth, Ciod e iarrtais shònruichte? Fhreagaireadh e sibh, tha m’iarraits a dh’ionnsuidh na fola ud, agus gu bhi aig an Tighearn ud, agus e bhi agam ann mo ghairdeanaibh, agus air son m’anam a bhi air a ghlanadh anns an tobair sin; ach fathasd cha’n urrainn mi fhaotainn, agus gidheadh feithidh mi air m’aghaidh; agus ge nach d’fhuair mi an làn-dearbhachd, gidheadh is e mo Thighearn e, agus cha leig mi steach a chaochala do bheachd; agus ge do tha mi as eugmhais am fior chomhfhurtair, cha ghabh mi ri neach eile na rùm no na àite. Thus aig am bheil an uibhir so, tha agad-sa fior chreidimh; agus ‘se so a chuilc bhruite a chrathas na h-uile gaoth, agus fathasd nach ‘eil air a briseadh, agus cosmhail ris an lion fuidh chaol smùid no an t-asgart fuidh dheataich, a chuireadh beagan uisge as, gidheadh cha mhùch se e (Isaiah xlii. 3). ‘Se so fior chreidimh, agus cha’n urrainn thus aig am bheil e a dhòl am mugha; oir cha’n an tomhas do chreidimh a ni do thearnadh, ach esan air am bheil an creideamh a’ deanamh greim.
Tha mi ag aontachadh nach bi sith no fois, agad gu bràth ann do choguis, gus an ruig thu air an làn tomhas sin do chreideamh, air an làn-dearbhachd sin; a dh’ionnsuidh a ghairdeachas aoibhinn so, an uair a ta thu air do thoileachadh no air do dheanamh aoibhinn anns an treas flaithanas; air an aobhar sin ge nach urrainn thu bhi toilichte leis an tomhas is lugha agus is laige, tha sin na chomhara gu’m bheil do chreidimh firinneach, ma tha thu a’ saothrachadh na’s mo agus na’s mo gu a dheanamh cinnteach; gidheadh tha’n tomhas air lâthair na fhiar chreidimh.
‘Nis, do bhrigh’s gu’m bheil nithe mòr an earbsa ris, uime sin daingnichidh mi dhuibh e leis an Sgriobtuir. An urrainn a h-aon sam bith a bhi beannaichte as eugmhais creidimh? (Sailm xxxii. i.) Uaith so, tha Daibhidh ag radh, “Is beannaichte an neach d’an do mbhaitheadh eusaontas.” An urrainn a h-aon sam bith am peacanna bhi air am maitheadh dhoibh ach iadsan a tha creidsinn? Agus tha Criosd ag radh, Mata v. 6, “Is beannaichte an dream air am bheil ocros agus tart an deigh firinneachd”; tha thus a tha ocrach agus iotmhor beannaichte, agus air an aobhar sin feumaidh tu fior chreidimh a bhi agad, ge nach ‘eil thus ‘ga fhaicinn: oir tha e furas impidh a chuir ortsa a tha làn do na ghairdeachas neamhaidh so, agus de na Spiorad Naomh; mar a bha Stephen (Gniomh. vii. 55). Tha mi ag radh, ‘an sin gu’m bheil e furas impidh a chuir ort gu’m bheil creidimh agad, do bhrigh’s gu’m bheil thu ‘ga mhothachadh an taobh a stigh dhiot; ach an uair a tha ocra agus tart ort, agus a tha thu a’ mothachadh do chridhe falamh agus as-eugmhais na h-uile gràs, an uair a tha t-anam air seargadh as eugmhais fuil Chriosd, tha e doilbh aig an am sin impidh a chuir ort creidsinn; gidheadh ma tha an t-ocras agus an tart so ort, tha thu beannaichte. C’ar son? Do bhrigh’s gu’n sasaichear thu. Cha’n e tomhas do chreidimh a ni do thearnadh. C’ar son? Tha boinne do dh’uisge na uisge co cinnteach ris a chuan mhòr. Mar sin tha creidimh beag na fhiar chreidimh co cinnteach ris a chreidimh is mò, ge d’ nach ‘eil co laidir; mar a ta leanabh de’ ochd laithibh a dh’aois na dhuine co cinnteach ri neach a tha tri fichead bliadhna; tha sràd do theine na theime co cinnteach ri lasair mhòr; tha duine tinn co cinnteach beo ri duine slan, ge nach ‘eil a bheatha cho solasach dha; mar sin cha’n e tomhas do chreidimh a ni do shàbhaladh; ‘se an fhuil air am bheil do chreidimh a’ deanamh greim a tha ga do shàbhaladh, mar a ni lamh lag an leinibh a ta cuir na spàin ri bheul a’ bheathachadh, co maith agus a ni gairdean an duine is treise; oir cha’n e an làmh a tha ‘ga do bheathachadh, ge do tha i a’ cuir a bhiadh ann do bheul, ach ‘se am biadh a tha air a ghiulan a dh’ionnsuidh an stamac a tha ‘ga do bheathachadh; cha’n e an làmh a tha ‘ga do chòmhdaich, ge ‘d is i a tha ‘cuir d’eudach umad; ach an t-eudach fein a tha ‘ga d’ eideadh; cha’n e an fhàinne-dìr a tha cuir stad air an fhuil, ach an neamhnuid a tha anns an fhàinne; mar sin cha’n e do chreidimh (ge do tha e luachmhor) a leighiseas do chuid lotan, ach Criosd an neamhnuid luachmhor, air a chuir an taobh do dh’fhàinne do chreidimh. Mar sin ma’s urrainn thusa greim a ghabhail de’ Chriosd ciod sam bith co lag, cha leig e leat a dhòl am mugha.
Na h-uile a sheall ris an nathair umha, ge air bith co fad as, bha iad air an leigheas de’ ghath an nathair theinntich; gidheadh cha’n fhaca na h-uile co-ionnan soilleir, oir bha cuid fagus do lamh, agus cuid eile fad ‘as; ‘nis dh’fheumadh gu’m faiceadh an dream a bha fagus do lamh na’s mò shoilleire na iad-san a bha fad as, gidheadh, bha iad-san a bha fad as air an leigheas a cheart co luath de’n ghath, an uair a dh’ambairc iad air an nathair umha, ris an dream a bha fagus do lamh; oir cha b’e an sealltainn a rinn an slanachadh, ach esan air an robh an nathair na samhladh (agus aig an am sin a chreid gu’n robh e gu theachd). Mar sin ma ‘s urrainn thusa amharc air Criosd ge air bith co ional, ‘s urrainn esan gath do choguis a thabbhairt air falbh ma chreideas tusa; gidheadh biodh fhios agad, ‘s urrainn do’n lamh a’s laige tiodhlac a ghabhail co maith ris an lamh a’s treise. ‘Se Criosd a ghibht, agus feudaidh creidimh lag greim a ghabhail deth, co maith ‘sa dh’fheudas creidimh laidir; agus is leatsa Criosd an uair a ta creidimh lag agad, co cinnteach ‘s as leat e an uair a tha thu air teachd a dh’onnsuibh a ghairdeachais bhuaadhach so trid neart a chreidimh. Mar sin sòlasaichibh sibh fein le beachd smuaineachadh air na nithe so. Amen.