-
Anns a cheud àite, Ceasnaich, a leughadair, an d’fhuair thu riamh dearbhadh spioradail air olc a pheacaidh? An robh am peacadh air a dheanamh searbh dhuit—’na eire thrium—’na thinneas cridhe? An robh thu ga aideachadh le tûirse—ga chaoidh le déuraibh aig cosan Chriosd—agus air t’rioslachadh anns an dùslach air a shon? An d’fhuair thu cridhe briste, agus brùite, tha ‘na iobairt thaitneach do’n Tighearna?
-
Ceasnaich, le mòr-chùram, am bheil beò-mhiannan spioradail an geall air Chriosd, ag oibreachadh ann a t’anam? Tha thu ‘g eisdeachd an t’soigeil, a feitheamh air meadhona ‘nan gràs, a coimhliionadh dleasdanasan spioradail; ach am bheil thu an geall air Chriosd—air a làthaireachd, agus air a bheannachadh anns gach dleasdanas? Am bheil meas ard agad air Chriosd—am bheil e ‘na neamhnuid ro-luachmhor ann ad shealladh? Agus am bheil thu toileach na h-uile nithe a reic airson coir shlainteil fhaotainn ann?
-
Ceasnaich, an e miann durachdach do chridhe bhi cuir onoir air Chriosd? An d’fhosgail thu riamh do chridhe dha? An do shuidhich thu t’aignidhean air? An e t’iarritus a bhi ‘ga ghlorachadh le ‘d ‘chorp, agus le d’ spiorad a’s leis fein? An e miann durachdach do chridhe bhi faicinn rioghachd, agus aobhar Chriosd a soirbheachadh air thalamh?—a chumbachd agus a ghlòir air am foillseachadh?—gach iomal tir a pilleadh d’a ionnsuidh, a striochdadh dha, ‘sa cuir onoir air? Am bheil thu ‘g iarraidh rioghachd Dhé an toiseach air do bhunnachd thalmhaidh féin?—agus a meas Ierusalem thar t’aoibhneas a’s àirde?
-
Ceasnaich, le mòr-chùram, am bheil gradh agad do Chriosd? Chuir Chriosd aon uair a cheisd so air Simon Peadar,—“A Shimoin, a mhic Ionais, an toigh leat mise?” A nis, ged bha Peadar ‘na pheacach, agus air a chuartachadh le iomad anmhuinn-eachd, gidheadh bha e comasach a ràdh le firinn, gu’m bu toigh leis Chriosd, gu’n robh gradh aige dha. Am bheil thusa, ‘leughadair, comasach an ni ceudna ràdh? Am bheil thu comasach a ràdh le firinn, gur toigh leat Chriosd?—gu bheil gràdh agad dha? Ceasnaicheadh gach neach againn, am bheil gràdh aige do Chriosd, agus thugadh gach neach a tha ‘g aideachadh a ghràidh so, oidheirp air a ghràdh a dhearbhadh, le bhi coimhead àitheantan.
Rev. D. M. Macdonald, F.P. Manse, Bayhead, North Uist, acknowledges, with thanks, the following donations:—For Sustentation Fund of North Uist Congregation, per Mr. D. Macdougall, Ohio, U.S.A., £2. For Building Fund—Per Murdo Matheson, Harris, 10/; per John Macdonald, missionary, Gairloch, 10/; per P. O. Rod. Maclellan, Harris, 2/6.