Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » June 1919 » Air Tearuinteachd a Chreidmhich

Air Tearuinteachd a Chreidmhich

LE MR. EOIN UELSH.

“A chuilc bhruite cha bhris e, agus an lion d’am bheil caol smuid cha mhuch e.”—ISAIAH xlii. 3.

FOSGAILIDH mi suas an steidh theagaig dhuibh. So a chrioch air son am bheil an teistea so air a thabhairt a steach, a bhi dearbhadh gur e an duine so Iosa, Mac na h-oighe Muire, a dh’oibrich miobhuilean, agus a leighis gach gnè ghalar, agus iadsan uile ‘thainig d’a ionnsuidh ge air bith co lag ‘sa bha an creidimh, ghabh se riu, agus cha b’aill leis an cuir air falbh a ris as-eugmhais sòlas; tha e dearbhta, tha mi ‘g radh, gur esan am Fear-saoraidh roimh-aithnichte agus mu’n d’innseadh roimh làmh, agus am fàidh mòr sin a bha gu theachd; agus tha’n t-àite so air a thabhairt a steach an so gu fianuis a thabhairt, gu’m biodh esan, mu’m bheil an t-Athar a labhairt, na leithid-do dhuine, aig am biodh an leithid so agus an leithid sud do chomharan; gur e an duine, tha mi g’ radh, air am bheil na comharan so air am faotainn slànuighear an t-saoghail; agus ann am measg an chuid eile de’ na comharan, ‘se so a h-aon diubh, gu’m bi e co tròcair-each agus co macanta, “is nach bris e a chuilc bhruite, agus nach mùch e an lìon de’ am bi an deatach.” ‘Nis, bha aig Iosa Mhac Mhuire a leithid do thròcair agus do mhacantas, nach robh aig duine riamh a bha roimhe no ‘na dhéidh: uime sin feumaidh e bhi gur esan an Slànuighear.

Tha mi ‘nis air teachd a dh’ionnsuidh na’m briathraibh; am b’aill leibh eolas a bhi agaibh air-san is e an Slànuighear? Tha’n t-Athar ‘ga chomharrachadh a mach air an doigh so, ag radh, “Feuch mo sheirbhiseach”; agus tha esan a’ teachd mar sheirbhiseach, agus mar Uan macanta. Tha e’olas maith agam, mu’n Uan Iosa Crìosd, esan is e ceann agus maighstir an tigh, gu’n robh ‘irioslachd agus a sheirbhis air a leithid sin do dhoigh. Ciod e an irioslachd bu choir a bhi aca-san do’m bu choir a bhi na’n seirbhisich, agus gidheadh b’aill leo-san a theachd mar Thighearn-aibh agus mar Mhoraraibh? ‘Seadh, tha mis’ a leagail leo, ach tha lan fhios agam nach ‘eil iad na’n òglaich do Dhia. Iosa, is esan m’oglach-sa, deir an t-Athar, tha so na sholas mor, an gràdh a tha aig a Mhac air bhur son, ann an coimh-lionadh agus ann an deanamh iomlain bhur saoradh, tha e deanta mar dheadh sheirbhis do’n Athair, agus tha’n t-Athair làn-thoilichte leis an t-seirbhis sin; “m’aon thaghta,” bha e air a thaghadh agus air a thoirt a mach as an aon sliocht as an d’thainig sibhse. M’aon ghaoil, tha’n t-Athair ‘ga ghradhachadh gu mor, agus tha uile ghràdh an Athair anns a Mhac, cha’n’eil gràdh aige ach sin a tha aige anns a Mhac; ma ‘seadh, cha’n urrainn thus’ a bhi air do ghràdhachadh mur ‘eil thu anns a Mhac; “anns am bheil tlachd aig m’anam.” Is ni eile so ma ta a bhi air an gràdhachadh, thubhairt e le guth o neamh, “Tha m’anam lan thoilichte leis”; mar gu’n canadh e, cha’n e a mhàin gu’n do ghradhaich mi esan, ach ghradhaich mi mar an ceudna an t-anam a tha air a sgeadachadh leis: is maith do’n anam a ta air fhaotainn ann-san, oir tha m’anam làn-thoilichte leo air a sgàth-sa, do bhrigh ‘s nach ‘eil mi ag amharc air aon chuid firionn no boirionn ach do reir ‘s mar a tha iad na’m buill air an aonadh ri a chorp-san. “Cuiridh mi mo Spiorad ann”; ‘se sin, “bithidh e air ungadh le oladh an aoibhneis os-ceann a chompanaich,” agus lìonar e leis an Spiorad thar tomhas: “Foillsichidh e breitheanas do na cinnich” ‘se sin, bheir E breith air na fineachan, agus bheir e solus dhoibh-san a tha na’n suidhe ann an dorchas: cha dean e stri agus cha tog e iolach, agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.” (Ann an so tha leasan agaibh-se aig am bheil bhur guth air a chluinntinn tric air na sràidean; cha’n’eil sibhse cosmhail ri Criosd an t-Uan sin gun lochd nach do labhair focal àrd anns na sràidean), “a chuilc bhrùite cha bhris e”: ‘se sin an cridhe a tha air a bhriseadh le bròn agus doilgios air son easbhachd dearbhachd air gaol Dhia—tha an t-Athair ann a Mhac Iosa Criosd—’se sin, tha e air a bhualadh ann an soitheach pronnaidh le bruthadair iarainn, air son easbhuidh an aonachd ionmhuinn sin ris an Tighearn Iosa, an ti a ta mhàin na bheatha, na sholus, agus na shaorsa. Tha’n cridhe briste na chuilc, agus tha e air a chrathadh; gidheadh tha freumh aige, agus tha greim teann aig a fhréamhaibh. Mar sin tha’n cridhe briste as eugmhais solais, tha e gun chomhfhurtachd, tha e as eugmhais fois agus aoibhneas, oir na’m biodh gairdeachas aige cha b’fhada gus am biodh e air a leigheas, oir is e lot an anam a bhi as eugmhais an Tighearn; air an aobhar sin tha’n Eaglais ag eigheach a mach, “Dh’imich mo ghràdh air falbh, uime sin tha mi tinn le gràdh”; ach an uair a thig e ris, agus a ghabhas e i do sheomar a làthaireachd, agus a dh’ionnsuidh a sheileir-fhìon, far am bheil i air a h-ath-bheothachadh le còrnaibh fìon’, agus le ùbhlan na taitneas, agus mar sin tha i air a leigheas; mar sin tha do chridhe an ceangal ri freumh, eadhon an uair a tha e air a lotadh air son a bhi dh’easbhuidh d’fhear-pòsda, agus do cheann, an Tighearn Iosa; tha thu a’d’ chuilc, agus tha freumh agad, agus tha thu eadhon air do shuidheachadh air fein, ge nach ‘eil thusa ‘ga bhreithneachadh, no ‘ga mhothachadh. ‘Nis, cha’n e mhain nach dean e do spionadh suas as do fhréamhaibh, ach cha dean e uiread agus gu’m bris e a chuilc bhrùite, cha bhris e thu a’d’ bhloighdibh, ach cumaidh e suas thu leis an iarrtas sin ‘na dhéidh fein; gidheadh cha bhi fois agad-sa gus am faigh thu e a ris, agus gus am faic thu gu’m bheil thu air do fhréamhachadh agus air do shuidheachadh gu daingeann ann-san. Tha cuilc bhrùite gu h-ealamh air a briseadh; mar sin an t-anam a tha air seargadh as eugmhais ath-bheothachaidh a tobar na’n uisgeachan beò, tha fios aig Dia gur beag an ní a bhriseadh e na dhà chuid; ‘se cridhe brist’ an ní is an-fhann a tha anns an t-saoghal, agus tha fios aig an Tighearn air a so, agus fathast cha bhris se e. Tha so na mhòir chomhfhurtachd. ‘Nis, am bheil neach air bith ann an so aig am bheil anam a’ tuireadh air son a bhi as eugmhais làthaireachd Dhé, agus leis am b’aobhinn a shireadh, agus a tha leantainn ‘na dhéidh le deuraibh, mar a rinn na h-Israellich? Agus am bheil neach air bith agaibh ag ràdh, “Thighearna, c’uime am bheil thu a’ dol air falbh?” Theid ar solus, ar beatha, ar saorsa, air falbh, an uair a dh’imicheas tusa agus a theid thu air falbh; uime sin pill, a “Thighearn, d’ar n-ionnsuidh, agus na folaich do ghnùis ‘uainn.” Am bheil neach air bith agaibh ‘ga leantainn le cridhe briste, agus a’g’ eigheach ris, fuirich, a Thighearna? Ma tha sibh a’ deanamh mar sin, ma ta ann an sin tha bhur sòlas, tha’n t-Athair a’ comharrachadh a mach dhuibh Tighearn Iosa a tha cho tròcaireach is nach bris e cuilc bhrùite. An uiread so air son a cheud chomharadh.

’San dara h’áite; “An lìon d’am bheil caol smùid cha mhuch e, lìon, no asgart, far am bheil sràd do theine ann, agus sràd aig nach ‘eil aon chuid solus no teas, ach a mhàin a tha fa’ dheataich, agus a’ cuir a mach smùid, cha mhuch e ní beag sam bith a chuireadh as e, ach cha leig e leis a bhi air a chuir as; eadhon mar sin, far am bheil sràd bheag do chreidimh agus do ghràdh, agus am beothachadh is anamhuinne, ma ‘se is gu’m bheil e ann do chridhe, ge nach d’thugadh e dhuit solus gu sealtainn ri gaol Dhia, agus gu amharc air do thaghadh, do shaoradh, do ghairm, agus d’fhireanachadh, do naomhachadh, agus do ghlòir gun chrioch, a mhàin gu’m bheil e fa’ smuid; ‘se so frithealadh d’ Fhear-saoraidh a’d’ thimchioll, nach cuir as an ní beag a tha air tòiseachadh ann do chridhe; mar sin cum thusa do ghreim leis an tomhas a’s lugha do chreidimh, ge nach biodh ann na’s mo na bhi a’ feitheamh le foighidinn, gus an seid an Tighearn air an t-sràd a tha na luidhe am folach ann do chridhe, fasaidh an dearbh shrad sin fein gu bhi na lasair mu dheireadh, agus gheibh thu uile uilt d’anam air am fuasgaladh, agus uile chruas do chridhe air a leaghadh, “gus an d’thoir e a mach breitheanas chum buaidh.” Ciod i a bhreitheanas a tha’n so, an uair a shuidheas am breitheamh sìos, agus a bhios na h-uile phàirtidhean air an gairm, agus iad uile air an èisdeachd, an deigh sin tha a bhinn air a tabhairt a mach, agus tha a phàirtidh a ta air a saoradh a’ faotainn a bhuaidh: eadhon mar sin cha bhi a chuilc bhrùite air a briseadh, no an lìon fa’ chaol smuid air a mhùchadh, gus am faigh thus’ a bhuaidh os-ceann na h-ifrinn’ agus a bhàis, os-ceann a pheacaidh agus an t-sàtain, os-ceann do naimhde uile, agus gus am bhi thu air do thabhairt a dh’ionnsuidh na caithream so, a bheir ort a ràdh, co dha’n dàna m’anam-sa dhìteadh air son an do bhàsaich Mac Dhé, agus a tha ‘nis air éiridh agus air dol suas gu neamh, agus a tha tagair air mo shon, ag ràdh ris an Athair, thoir maitheanas do’n anam ud air son an do bhàsaich mise? Ann an sin tha’n creideamh agus an làn-dearbhachd sin air gràdh Dhé dhuit fein a’ teachd, an ni is e an ceum a’s àirde do chreidimh; agus bheir so ort a ràdh, ‘Nis tha “dearbhachd agam, nach bi aon-chuid, bàs, no beatha, no ainglibh, no uachdranachdaibh, no cumhachdaibh, no nithe air làthair, no nithe ri teachd, no àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air mise a sgaradh o ghràdh Iosa Crìosd mo Thighearna.” ’Nis, ma ta am b’áill leat aithne fhaotainn air do Shlànuihear, ciod an neach a ta e ann, a leithid do neach nach bris a chuilc bhrùite, agus nach mùch e an lìon a ta fa’ dheataich.

’Nis, feith thusa am air an àm, anns am faigh thu an làn-dearbhachd so, gu’m bheil do shaoradh air a chuir an céill agus a bhinn air a tabhairt a mach, gur esan do Thighearn, agus gur leis-san thusa, uime sin bunaidh thusa do na geallaidhean, do bhrigh’s gu’n do bhàsaich e air do shon, agus cha’n fhàg e gu bràth thu, agus air aon là bithidh tu air do chuir ann an sealbh sìth’chail air a ghlòir sin anns na flaitheanas (ris nach ’eil agad aig an àm so ach sùil ris agus dòchas) gu fantuinn ann gu sìorruidh. ’Nis a’ cheist bu chòir duibh uile a bhi oirbh, agus an ni bu chòir dhuibh fheòraich uile, ’se so e, Co-dhiubh is e Crìosd t-Fhear-saoraidh-sa, do Shlànuihear-sa no nach e? Oir ma’s leat-sa e, feudaidh tu, le dànachd, a theachd a steach a dh’ionnsuidh na rìgh-chathair ann an làthair an Athair, agus tagair air son gach gealladh a rinneadh dhuit ann an Crìosd: agus mur leis-san thu, cha dàna dhuit a theachd ’na fhianuis. ’Nis bithidh iomadh teagamh an so, a thilgeas an sàtan a steach gu do bhacadh a chum’s nach co-chuir thu Crìosd ri d’anam fein; ’se a h-aon so, tha t-anam as eugmhais gach uile shòlais. ’Nis, far am bheil Crìosd, tha sòlas na’s leoir ’an sin. ’Se’n aon eile, far am bheil creidimh, feumaidh e bhi gu’m bheil dòchas buadhach ’ga leantainn; ach cha’n ’eil mise a’ mothachadh a bheag do na nithe so ann mo chridhe fein, air an aobhar sin cionnas is leam-sa Crìosd, no cionnas is urrainn mi a chomh-chuir rium fein? Ann an so tha am freagairt, Tha’n t-Athair a’ toirt dhuit am bunait so gu do chreidimh a thogail air, dean thu fein cinnteach, gu’m bheil e na Shlànuihear cho tròcaireach, ’s nach “bris e cuilc bhrùite, agus nach mùch e lìon deth am bi deataich.” Comharrach ma ta, ma tha thu faicinn do chridhe air a bhriseadh agus air a lotadh, air son gu’m bheil do Thighearn air falbh uait, agus gu’n d’thug thusa aobhar dha air son e dhol air falbh, agus gu’m bheil thu brònach air son nach urrainn thu a chomh-chuir, agus gu’m bheil sràd do ghaol air fhàgail an a’d’ anam, ge nach biodh e na’s mo na so, gu’n éireadh tu agus gu’n iarradh tu e ge b’e àite anns am feudadh tu fhaotainn, agus nach gabh thu fois gus am faigh thu e, tha’n uiread so agad. Ann an sin ma ta, cluinn an t-Athair a labhairt mu’n dream aig am bheil creidimh lag, “Cha bhris e a chuilc bhrùite, cha mhùch e an lìon de am bi an deatach, gus an d’thoir e mach breitheanas a chum buaidh.” Comharraich san ath àite, an t’anam leòinte, agus an cridhe briste, ge do tha e air a bhruthadh, gidheadh tha aige freumh ann an Crìosd, agus cha dean e do spìonadh suas-as do fhréimh, cha dean e gu bràth do bhriseadh, agus am bheil agad ach lìon fa’ smùid, cha mhùch e sin, agus cha’n fhàg e gu bràth thu “gus an d’thoir e mach breitheanas a chum buaidh:” buaidh a bheir a leithid do shìth choguis ‘sa bheir ort caithream a dheanamh thar do naimhde gu léir. Tha sibh a’ faicinn gu’m bi an Tighearn toilichte le nì beag, agus do nì beag ni esan nì mòr. Bu chòir do na so ‘ur misneachadh gu theachd d’a ionnsuidh.

Beachdaich, 3, Mar nach bris e a chuile bhruite, mar sin cha leig e leis an diabhul a bhriseadh le a chuid innleachdaibh, ni mo a b’aill leat féin a briseadh le do mhi-chreidamh; agus mar air son an lìon fuidh smùid, bi air t-fhaicill nach dean an sàtan a mhùchadh le a buaireidhean iomadh fillte, agus bi air t-fhaicill nach d’thoir e leis uisge salach gu dhoirteadh air do chridhe a chum a mhùchadh. Air an aobhar sin cum thu féin o dà anabarra; ‘se h-aon diubh, coimhid thu fein o eas-chreideamh, agus faicibh nach bi “droch cridhe eas-creideach ann an neach sam bith agaibh, gu imeachd air falbh o’n Dia bheò;” agus bi air t-fhaicill nach tràigh thu an gealladh aig àm air bith, ach cum do ghnàth do chridhe fòghailte le a bhi creidsinn. Fàgaidh an t-eas-chreidimh do làmhan falamh dheth-san a rinn na neamhaibh agus an talamh, agus dheth-san a thug a làmhan gu bhi air an ceangal air do shon; mar sin ge nach bi ann na’s mò na cridhe brist’ agus iarrtais gu creidsinn, ge nach biodh agad riamh mothachadh air gairm èisdeachdach, ach ni’s mò mòr an uair a tha thu air do ghairm, tha e na’s leoir a chum do mhisneachadh gu theachd a dh’ionnsuidh Dia cho tròcaireach, do bhrigh ‘s gu’m bheil còir agad air; oir an uair a bha sibh air bhur breith bha sibh air taobh steach a choimhcheangail, dh’iarr e oirbh a bhi air bhur baisteadh, agus, ann bhur baisteadh, gheall e, agus cheangail se e féin gu bhi na Dhia dhuibh, agus bhur peacanna a mhaitheadh; agus cheangail sibhse sibh fein gu creidsinn. Cuimhnichibh, gu’n robh iad-san a bha na’n geugan nàdurra air an gearradh dheth trid an eas-chreidimh. – Thusa a tha air do bhreith air taobh stigh a choimhcheangail, agus a tha air do shuidheachadh ann an Crìosd, tha thusa a’d’ sheasamh anns an stoc; an gearr thusa ma ta thu fein dheth le mi-chreidimh? Bi air t-fhaicill roimh na sin, seas gu daingean, air do fhréamhachadh agus air do shuidheachadh ann-san, agus na gabh fois gu bràth gus am faigh thu, thu fein air do dhaingneachadh agus air do shuidheachadh air a charraig, a chum’s nach faigh geatan na h-ifrinn buaidh ort. Cuimhnich, thusa nach ‘eil a creidsinn tha thu ag àicheadh tròcair Dhia, tha thu ag àicheadh a cheartas, tha thu ag àicheadh fhìrinn, agus mar sin tha thu ag àicheadh Dhia fein; bha mi-chreideamh Iudais thar a cheilg; oir bha’n fhuil sin comasach air a theàrnadh, na’n robh e air ruith d’a h-ionnsuidh, agus tròcair a thagradh. Mar sin do na h-uile peacadh is urrainn thu a chuir an gniomh gu bràth, ‘se’n t-eas-chreidimh a’s mò: air an aobhar sin creid, ge nach biodh mothachadh agad, agus ge do biodh dòchas os-ceann dòchas agad, ge nach biodh tu a’ faicinn ach beag cosmhalachd, agus glòirichidh tu Dia agus teàrnaidh tu t-anam fein. Dha-san gu’n robh glòir gu sìorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice