A NNS a chaibidil so, tha Nicodémus neach a bha na aon de luchd riaghlaidh na’n Iudhach, a’ teachd a dh’fhaicinn ar Tighearn, duine, mar a tha e cosmhail, nach robh as eugmhais tuigse anns an lagh, ach a bha gle aineolach mu thimchioll diomhaireachd na slainte. Tha e gu mòr ri thuireadh, mu thimchioll daoiné foghluimte agus tuigs-seach, aig an teid an tuigse gle fhad anns an lagh, agus ann an cùisibh eile mu thimchioll nithe na beatha so, gidheadh ann an gnothach na slàinte nach ‘eil ach mar naoidheanaibh. B’ail le Nicodémus a theachd a dh’ionnsuidh ar Tighearna, ach tha chuis a’ nochdadh nach b’ail leis gu’m biodh e air fhoillseachadh, air an aobhar sin tha e a’ teachd d’a ionnsuidh anns an oidich. Tha e fa’ eagal air son Chriosd aideachadh gu follaiseach dha’n t-saoghal, eagal ‘s gu’m fuilingeadh e call nithe eile; air dha bhi air òrduchadh le lagh, “Na’n aidicheadh duine sam bith Criosd, gu’m biodh e air a thilgeadh a mach as an t-sionagog.” Ach ciod sam bith eagal a bha air, tha ar Tighearn, a chaidh mu’n cuairt do ghnáth a’ deanamh maith, a’ gabhail an cothrom air labhairt ris mu thimchioll diomhaireachd mhoir na slàinte, agus tha e ag innseadh dha, anns an treas rann, “Mur beirear duine a ris nach urrainn e rioghachd Dhe fhaicinn.” Tha Nicodémus a’ leagail ris a mhoir aineolas air an nuadh-bhreith, agus tha e a’ feoireach ceist do Criosd, “C’ionnus is urrainn duine a bhi air a bhreith a ris an uair a ta e aosda? An urrainn e dol a steach an dara h-uair do bhroinn a mháthair, agus a bhi air a bhreith?” Tha Iosa a’ freagairt a cheist, agus ag innseadh dha gu’n robh an nuadh-bhreith de’ nàdur eile, sin ri a radh, “gu’m feum e bhi air a bhreith bho uisge agus bho na Spiorad”; agus tha e ag innseadh dha a thuilleadh air a sin, nach ‘eil an nuadh-breith so faicsinn-each cosmhail ri breith nàdurach, ach, ris mar a ta ghaoth a’ seideadh far an áill leatha, agus nach urrainn sinne innseadh cia as a ta i a’ teachd, no c’aite a tha i a’ dol; gur ann mar sin a tha gach neach a ta air a bhreith ‘o na Spiorad. Anns an 12 rann tha Iosa ‘ga chronachadh air son a mhi-chreideamh, agus aig innseadh dha, gu’m b’e a ghnothach-sa chum an t-saoghail gu a bheatha leagail sios air son pheacach, rann 14. “Mar a thog Maois suas an nathar anns an fhásach, gur ann mar sin a dh’fheumas Mac an duine a bhi air a thogail suas, a chum’s ge b’e a chreideas ann nach biodh iad air an sgrios, ach gu’m biodh a bheatha shiorruidh aige.” Agus ann am briathraibh ar steidh-theagaig, tha e ag innseadh an t-aobhar air son so uile, sin ri a radh, an grádh a bha aig Dia an t-Athair do shaoghal taghta-Agus, mo chairde ionmhuinn, ‘se so a h-aon deth na h-iongan-taisibh is mó a dh’fhoillsicheadh riamh anns an t-saoghal so o’s ional, “Sann mar so a ghrádhaich Dia an saoghal, gu’n d’thug e aon ghin Mhic fein.” Is esan an tiodhlac a’s mó a bha riamh air a thabhairt aon chuid do dhaoine no do dh’anglibh. Ciod iad gach tiodhlac eile, ann an coimeas ris an tiodhlac mhór so?
-
Air tús, Anns na briathraibh fein, tha againn am fear tabhairt, Dia an t-Athair.
-
Aobhar an tiodhlaic, ‘sann mar so a ghrádhaich Dia an saoghal gu’n d’thug e.
-
An tiodhlaic fein, “Aon ghin Mhic.” Cha robh aig Dia an t-Athair tiodhlac na bu mhò na aon ghin Mhic, a bha na luidh ann a uechd o shiorruidheadh, agus Mac nach d’thug riamh oilbheum da, ach an ti a b’e a thlachd do ghná; gidheadh air son a ghráidh a bha aige do’n t-saoghal thaghta, dhealaich e ris air son tamul, a chum’s gu’n coimhlionadh e plana no dealbh mhor na sláinte agus a ghráidh neo-chriochnach air son peacaich de’ na chinneadh dhaoine. Uaith so feudaidh sinn fhaicinn ciod e toradh a ghráidh so uile, “Chum ‘s ge b’e neach a chreideas anns a Mhac, nach rachadh a sgrios, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.”
(1) ‘Sa cheud aite, Ma ta, O! pheacaich, feumaidh tu a chreidsinn gur e Iosa Criosd aon ghin Mhic siorruidh Dhia, air eideadh ann ar nàdur-ne, agus gur an trid buaidh e bhi na Dhia co maith is tha e na dhuine, a tha bheatha shiorruidh so gu bhi air a faotainn.
(2) Feumaidh tu a chreidsinn gu’n do bhásaich e air do shon fein, gu’n d’ eirich e a ris air do shon, gu’n robh e air irioslachadh air do shon, agus air a ghloireachadh air do shon-sa; fathasd air son so uile bithidh dorchadas; mar dhuine ann am priosan, aig nach ‘eil ach solus mar troimh tholl tora air am bheil a ghrian a’ dealradh, agus tha e fa’ dheoidh a’ faicinn dearsadh na greine, agus fathasd cha’n’eil ach dorchadas mu thimchioll air gach taobh; eadhon mar sin tha chùis ann an so, tha creidimh a’ leigeil ris dhuit solus grian na h-ionracais a’ cuir sgàil air d’anam, agus fathasd cha’n’eil a bheag ach dorchadas an taobh a stigh dhiot. Anns an ath aite, Tha aont agus teisteas mu’n t-solus sin, tha thu a’ faicinn, a’ ceadachadh, agus tha meas agad air an t-solus sin, oir is e an neamhnuidh luachmhor e a tha thu ag iarraidh.
Agus (3), Tha breitheanas agus caithir bhreitheanais air chuir suas ann a’d’ anam, far am bheil breitheamh, pàirtidh, orduchadh, agus cuis-lagha, agus maitheanas air a thabbhairt. ‘Se am breitheamh Criosd; ‘se an reubalt ciontach d’anam fein, far am bheil breitheamh, cuislagha, dicreut, ‘s iad an luchd-casaid an lagh, an diabhl, agus do choguis aingidh fein, agus ceartas Dhia; do chiont, reubalt o bhroinn do mhàthair, no o’n toiseach. ‘Nis, ‘se creidimh t-fhear-tagraidh; tha e a’ freagradh, tha mi ag aontachadh ri sin uile, ach tha agam na’s leòir ann an Criosd gu ‘ur freagairt gu leir; ‘an sin air an dion so, tha a bhinn so a’ teachd a steach, an ni is e so, “Esan a ta creidsinn anns a Mhac cha d’theid e gu siarruidh am mugha.” Tha do choguis a’ freagradh, “Tha mi a creidsinn anns a Mhac.” Tha an lagh agus an soisgeil a’ tabhairt a mach a chomh-dhunaidh so: “uime sin cha d’theid thusa gu siarruidh am mugha.”
(Rì leanuinn.)
AH! Why are men so eager in their lifetime to receive their good things? Why are they not rather careful to secure an interest in the kingdom of heaven, which would never be taken from them, but afford them a portion to make them happy through the ages of eternity? If you desire honour, there you may have the highest honour, which will last when the world’s honours are laid in the dust; if riches, heaven will yield you a treasure; and, there are pleasures for evermore. Oh, be not despisers of the pleasant land, neither judge yourselves unworthy of eternal life; close with Christ, as He is offered to you in the Gospel, and you shall inherit all things. Walk in the way of holiness, and it will lead you to the kingdom. Fight against sin and Satan, and you shall receive the crown. Forsake the world, and the doors of heaven will be opened to receive you.—Thomas Boston.
We regret that, owing to the length of the Synod Report, we have to leave out the Annual Financial Tabular Statements and other items this month.