LE MR. EOIN UELSH.
(Air a leantuinn o t. d. 93.)
‘S AN aite mu dheireadh, ‘se so am feum, air uair a ta bhinn air a toirt a mach; an deigh sin theid thu air d’aghaidh air do thurus le lán siuil, agus mar sin ruithidh tu a dh’ionnsuidh do Thighearn: gidheadh cha’n e so an ceum a’s àirde, ach tha’n creidimh a’ dol air aghairt; oir cha’n’eil thu fathas’d toilichte, ge do tha thu a’ faicsinn d’ainm air a chuir suas ann an leabhar na beatha, an ni a ta ann an Criosd a’ teachd a nuas a dh’ionnsuidh d’anam, air doigh ‘s gu’n abair thu, O fhuil, thig agus lion cridhe falamb, tha ocras agus tairt orm air do shon, thig, thig a chum mo shàsachadh. Ann an sin tha’n creidimh ‘ga thabhairt a’ nuas a dh’ionnsuidh d’anam; ‘an sin an uair a gheibh thu e, their e cha d’thoir mi dhuit ach blasad agus dearbhadh dhiom, agus bheir e dhuit fàinne le neamhnuidibh luachmhor innte, gu bhi na comharadh dhuit; air an aobhar sin feumaidh tu faduidheachd a bhi ort air son ám mo theachd, do bhrigh ‘s gu’m feum thu a dhol suas gu neamh maile rium. Dh’innis mi dhuibh uait sin, gu’n d’thoir creidimh ort a dhol le t-uallach, agus a chuir air-san; bheir e ort a dhol le ‘anam ocrach agus tartmhor, a chum esan itheadh agus ol; bheir e ort a dhol le anam lomnochd, gu esan a chuir umad. Tha creidimh air a mhìneachadh anns an litir a chum na’n Fabhrach xi. 1, “Is e creidimh brigh na’n nithe ri ‘m bheil dochas, dearbhadh na’n nithe nach faicear.” Anns a Ghreugais (UPOSTASIS), tha e a’ ciallachadh tri nithe:
‘Sa cheud áite, tha e na bhuaait air nach ‘eil thu cuir ni na’s lugha na sàbhaladh siorruidh d’anam; mar so tha an creid’mhach a’ faicinn diteadh, ach cha’n’eil e faicinn saoradh anns an lagh, ach anns an t-soisgeil tha e a’ cluinntinn nach d’thig an creid’mhach gu siorruidh a chum diteadh; gabhaidh creidimh an sin greim air d’anam, agus their e ris, tha thu caillte gu siorruidh suthainn ma ‘se ‘s nach creid thu. Tha’n cridhe a’ freagairt, air a so tha mise a’ leagail mo shàbhaladh, eadhon air cinnteachas a gheallaidh so. ‘An sin tha’n creidimh a’ freagairt, agus ag radh, Is dàna leam glòir Dhia a chuir an geall nach d’theid thusa gu siorruidh a chall.
‘S an ath aite, bheir creidimh thu a dh’ionnsuidh na h-ifrinn, agus bheir e ifrinn air lâthair dhuit; bheir e thu a dh’ionnsuidh na flaithanas, agus bheir e air lâthair dhuit e; bheir e thu a dh’ionnsuidh comhairle roimh-òrduichte Dhia, agus bheir e air lâthair dhuit i. Cha tilg an creidimh gu bràth thu dheth fhocal De; tha am focal ag radh, Thusa fein, bha thu air do ghràdh-achadh bho an uile bhith-bhuantachd; tha’n creidimh ag radh, tha mi a creidsinn. Tha mi a’ faicinn gu’m bheil am focal ag radh, gu’m bheil an creid’mhach air fhireanachadh; agus tha’n creidimh ag ragh, tha mi a’ creidsinn gu’m bheil am focal ag radh,
tha crùn glòir air a thasgaidh suas air son a pheacaich bhochd. Tha an creidimh ag radh, tha mi ‘faicsinn sin, agus feithidh mi gu foighidneach ris; bheir creidimh thu dh’ionnsuidh dearbh theachd Chriosd anns ann fheoil, agus bheir e air lâthair dhuit e. Nì creidimh tuilleadh air do shon; oir ni e, air tus, do bhunait cinnteach; (2) Bheir e nithe siorruidh air lâthair; (3) Bheir e ort seasamh, agus do chois a shuidheachadh mar dhuiine fo’ armachd ann an aghaidh uile thulite grabhan Dhia a’d’ aghaidh féin; mar so bheir e ort seasamh, oir is e an sgiath e a mhuchas uile shaighde teinteach an droch spioraid. Tha agad an clogaid sin a sheasas ri urchair a chanain, ge do theireadh tu, “Chuir an Tighearn suas mi mar chomhara’ air son a shaighde”; ge do theireadh tu maile ri Daibhidh (Salm xii. 1), “Threig an Tighearn mi,” agus ge do chanadh tu maile ri Heman an t-Esrach (Salm lxxxviii. 15), “Tha mi a’ fulang uamhasan Dhe ‘o m’ òige ‘nuas”; gidheadh bheir creidimh ort seasamh ann an aghaidh so gu léir, oir their e riut, gu’m bheil gaol Dhia neo-chaochluideach, “ge do mharbhadh tu mi, fathast cuiridh mi mo dhòchas annad”; oir feudaidh cathan laidir a bhi aig duine a tha’ creidsinn, agus feumaidh e “dead chath a chuir” oir séididh na gaothan, agus buailidh na tuilte air an tigh, agus feumaidh an creidimh a chumail suas; a thuilleadh air so, tha’n creidimh air a ghairm, “Dearbhadh na’n nithe nach faicear,” is e teisteas agus dearbh-chinnte ar n-oighreachd; Tha agam-sa an fhuil sin air a seuladh suas dhombh, tha agam an Spiorad an taobh a stigh dhombh, air an aobhar sin tha fios agam gu’m buin an oighreachd so dhombh-sa; mar air son an ùghdar, tha e soilleir gu’m bheil e air a thabhairt dhuit gu saor a bhi creidsinn, mar sin is tiodhlac Dhe a ta ann. Tha Dia a’ fosgladh cridhe Lidia, agus tha i a’ creidsinn. ‘Se creidimh obair Dhia, amharc suas ris-san an tì is e ùghdar agus fear criocnaich ar creidimh. Chreid e agus uime sin labhair e. Mar so se’n Spiorad, a tha air a chuir ‘o’n Athair agus ‘o na Mhac, a ta ag oibreachadh a chreidimh: ‘Se so an ni a tha a tabhairt air duine creidsinn. Their thusa, na’m biodh creidimh agad nach biodh tu gu bràth ann an teagamh, ach nuair a sheallas tu riut féin, agus a dh’ionndraineas tu cumhachd a chreidimh, tha thu an sin fa’ theagamh: ach cha bu chòir dhuit a bhi mar sin, ach bu choir dhuit amharc suas gu neamh, oir tha e cho do-dheanta dhuit creidsinn is a tha e dhuit sùlean na’n dall fhosgaladh; oir cha’n’eil cumhachd so a chreidimh air taobh steach comas nàduir; oir bha e na dhiomhaireachd do na dearbh ainglibh, gus an robh e air fhoillseachadh anns an t-soisgeil trid creidimh, deir an t-abstol, “an ni a tha do réir oibreachadh Dhia a thog suas Iosa o na mairbh gu beatha”; mar sin feumaidh an cumhachd ceudna sin cumhachd a chreidimh oibreachadh annad-sa. Their an lagh. “Dean, agus bithidh tu beò”; ach cha toir e dhuit gu bràth cumhachd gu dheanamh: ach their an soisgeil, “creid, agus bithidh tu beò,” agus leis an anail cheudna tha e
a’ tarruing a nuas gairdean Dhia a dh’ionnsuidh d’anam, agus a’ tabhairt dhuit cumhachd gu creidsinn. ‘San ath aite, tha’n lagh aig iarraidh foirfeachd; ach cha’n’eil an soisgeil aig iarraidh na’s mò na creidimh ann an cridhe treibhireach, a’ creidsinn ann am firinn, ge do bhiodh e air a mheasgadh le teagamh, agus ge d’ fhaodadh ifrinn a bhi ann an oisinn do d’ chridhe, mar a ta an t-abstol ag radh (Romh. vii. 24), “Co a shaoras mi o chorp a bhàis so?” B’e so a thruaighe: ach cha do reic se e fein do na pheacadh; air an aobhar sin thubhairt e, nach b’aill leis a dheanamh. Ciod e tuilleadh? Tha’n soisgeil a’ teachd a nuas a dh’ionnsuidh do laigse, air doigh as ge nach biodh agad ach lion fo smuid agus ge nach biodh agad ach iarrtas dhùrachdach gu creidsinn, agus ge nach biodh agad tuille’ ach gur urrainn thu urnuigh a dheanamh air son creidimh, ‘an sin ma ta tha agad comhfurtachd cheudna a chreid’mhich.
‘Nis theid mi air m’aghaidh. Tha trì chomharan aig a chreidimh, (1) Cinnteachas air a ghealladh. (2) Buan-mhaireanachd. (3) Beatha Chriosd a’ gabhail còmhnuidh anns a chridhe. Gu’m bheil cinnteachas aige, cha ruig mi leas a dhearbhadh; oir is urrainn creidimh do dheanamh cinnteach, agus tha e ‘ga do dheanamh cinnteach, ach a mháin do phàirt ath-nuadhaichte, tha e a mháin a’ deanamh lagh t-intinn cinnteach, agus lagh do bhuill cinnteach; tha e a’ deanamh Iacob cinnteach, agus cha’n e Esau; oir cha do mheas esan na’s mò de’n ghealladh na mias bhrochain; oir tha Esau an taobh a stigh dhiot, leis am b’aill a thoirt ort nach measadh tu na’s mo de’ na ghealladh na mias bhrochain; ach tha earrann an taobh a steach dhiot a tha ‘ga do dheanamh cosmhail ris a cheannaiche, a fhuair neamhnuid, air doigh ‘s gu’n deachaidh e ‘s gu’n do reic se na bha aige uile air a shon; air doigh ‘s nach urrainn do dhuine sam bith innseadh ciod an aoibhneas do-labbhairt a bhios ann an cridhe a chreidmhich; air a chinnteachas so tha’n cath a’ teachd, an deidh tuiteam agus mi-chùram sonraichte. ‘Nis ciod e bunait an dearbhachd so? Ma tha thu a’d’ fhiar chreid’mhach, ‘s urrainn thu reusan innseadh dhomh air son gu’m bheil thu a’ creidsinn, ‘s urrainn thu aobhar a thabbhairt dhomh air son do dhochas, agus is urrainn thu innseadh dhomh ciod iad na nithe is urrainn do chreach dheth do dhóchas, agus d’acair a thabbhairt air falbh, feudaidh e bhith ann an ám na ciuneas nach gabh thu mòr chùram air son acair do do lòng, ach bu chòir dhuit fios a bhi agad gu’m bheil storm a’ teachd, air an aobhar sin bu chòir dhuit do lòng a dheanamh cinnteach le cúird agus le acraichean. ‘Se sin do thearuin-teachd.
-
Anns a cheud àite, Tha mi a’ leigeil mo thaic air neart neo-chaochluideach Dhe. Tha esan firinneach a thug an gealladh.
-
Tha agad cumhachd Dhia. Thug Abraham gloir do Dhia, oir chreid e, “Gu’n robh esan thug an gealladh comasach air a choimhlionadh.”
-
Tha teistas sgiobhte Dhia agad, nach urrainn a bhi air
atharrachadh; leis an dà ni neo-chaochluideach so feudaidh tu comhfhurtachd làidir a bhi agad.
-
Tha mi ag amharc ri fuil Chriosd, ri ‘riioslaichd, ri a ghloir-eachadh; air an aobhar sin tha so a’ comh-dhùnadh, cha’n urrainn dhomh a bhi air mo dhealachadh o Chriosd, na’s mò na’s urrainn esan a bhi dealaichte ri m’fhuil agus m’fheoil-sa; cha’n fheud mi a dhol do dh’ifrin; na’s mò na’s urrainn do Chriosd a dhol do dh’ifrin; agus ni mò is urrainn mi a bha air m’fhógradh o neamh, na’s mo na’s urrainn Criosd a bhi air a tharruing a mach a flaithheanas.
-
Tha agad tiomnadh Chriosd, riarachte le fhuil; tha tuille’ agad, tha agad seulaichean an righ ann am baisteadh agus ann an suipeir an Tighearn’. Ciod e tuille?
“Tha triuair air neamh a tha a’ tabhairt fianuis, an Spiorad,” ‘se sin, uile ghràsan agus chomharan an Spioraid, a thug Dia dhuit, gu h-araidh, creidimh, gràdh, foighidinn, agus a chuid eile gu leir. ‘San ath aite, “an tuigse”; ‘se sin glanadh a chridhe a bha aon uair salach.
‘San treas àite, “An fhuil,” se sin, an comhfhurtachd uile agus an t-sòlas a fhuaire thu ann an Criosd, agus a bhuaidh a mhothaich thu a’ sruthadh a mach agus a teachd uath-san. Thuilleair a sin, cha’n fhailnich an creideamh so gu bràth thu, cha chail thu gu brath e, ge do bhiodh e fo sgàil air son tamul le neoil. ‘Nis, do bhrigh ‘s nach ‘eil aig na h-uile an tomhas ceudna do chreidimh, innseam-sa dhuibh an tomhas as lugha a dh’fheumas sibh a bhi agaibh. Am bheil fhios agaibh ciod e? Is e cridhe briste, agus an t-ocras ‘san tart sin ann an anam do nach dana comh-chuir, agus gidheadh do nach dàna tilgeadh air falbh; agus do nach dàna Aithair a ghairm do Dhia, agus fathasadh do nach dàna radh an aghaidh sin; ach nach ‘eil mothuchadh air gradh Dhia, agus fathasadh do nach dàna gabhail ri smuain ann an aghaidh sin. ‘Se so an tomhas a’s lugha do chreidimh. ‘Nis, fathasadh bithidh aig a chreidimh is treise agus aig a chreidimh is laige an cuid gleachdan fein deth, oir ni Dia gleachd agus stri riut gu d’fhaotainn deth do chasaibh; agus bithidh gleachd a chreidimh air leithid do dhoigh is gu’n saoil leanabh Dhia nach ‘eil leud sràbh fodair eadar e agus diteadh; agus their e, tha mi faicinn gnuis Dhia ann am searg’am aghaidh, tha mi faicsinn ifrin fosgailt’ gu mo shlugadh suas, tha mi faicsinn na diabhlann ullamh gu mo shlugadh suas, ciod a ni mi?
(Ri leantuin.)
Acknowledgment.—Trinitarian Bible Society, 7 Bury Street, London, W.C.I, 18th June, 1919.—DEAR SIR,—Will you kindly convey to the Synod of the Free Presbyterian Church of Scotland the best thanks of my Committee for the generous gift of £20 for the circulation of Scriptures among the Jews.—With Christian greetings, yours sincerely, F. CECIL LOVELY, Secretary.
ALEXANDER MACGILLIVRAY, Esq.,
General Treasurer, Free Presbyterian Church of Scotland.