Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » September 1919 » Air Gaol Siorruidh Dhia, Etc

Air Gaol Siorruidh Dhia, Etc

LE MR. Eoin UELSH.

(Air a leantuinm o t. d. 125.)

‘N IS chuireadh ni beag mi leis a bhruthaich; agus gidheadh anns a ghleachd so tha thu air do chumail suas le cumhachd diomhair o Dhia, oir tha e gleachd ann a’d’ aghaidh le aon lamh, agus ‘ga do chumail suas leis an lamh eile, ach suidhichidh an creid’mheach a chasan mar a dh’fhaodas e, agus bithidh dòchas aige os ceann dochais, agus creididh se thar a mhothachadh, agus mar sin tha e faotainn a bhuaidh, agus a’ faotainn lamh-an-uachdar fa’ dheoidh; agus an uair a tha e air faotainn na buaidh, tha e faotainn aoibhneas do-labhairt, air doigh ‘s gu’n glaodh e mach, “A bháis, c’ait am bheil do ghath? Ifrinn, c’aitse am bheil do bhuaidh? Dhiabhuil, c’aitse am bheil thus? ‘Nis ciod a’s urrainn thu a radh ann am aghaidh? ‘Nis tha dearbhachd agam nach bi ni sam bith comasach air mo sgaradh o ghràdh Dhia ann an Iosa Criosd mo Shlanuighear.” Mar sin tha fhàs fein aig a chreidimh, agus air cuid do amaibh a sheargaidhean fein; mar a chi sibh na craobhan ‘san t-sàmhradh fuidh dhuileag agus fuidh bhlath, agus fo thoradh, ach anns a gheamhradh tha iad, mar gu’m biodh iad marbh; eadhon mar sin, giùlainidh creidimh aig cuid do amaibh toradh, agus bithidh beatha aige, agus aig amaibh eile cha ghiùlain e a bheag; ach creidimh aon uair air a thabhairt cha’n urrainn e gu bràth a bhi air thabhairt air falbh, oir cha’n urrainn an tinne so do shlainte a bhi air a briseadh; “Iadsan a ghairm e, roimh-orduich e; agus iadsan a roimh-orduich e, rinn e an uchdmhachdachadh, agus iadsan a dh’uchdmhachdaich e, dh’fhireanaich e, agus iadsan a dh’fhireanaich e, glòirichidh e iad mar an ceudna.” Mar sin tha dearbhachd agad nach bi an tinne no an t-slabhraidh sin gu bràth air a briseadh.

‘Se’n treas buaidh air a chreidimh, gu’m bheil e beothail; oir tha creideamh marbh ann a tha air iomradh leis an Abstol Seumas; ach tha am fior chreid’mheach beo trid creidimh, agus gabhaidh e do ghnàth greim air Criosd. Mar sin, ma tha Criosd annadsa, bheir e ort a bhi beo; agus mur d’fhuair thu riamh beatha uaith-san, cha do chreid thu riamh. Bheir creidimh thu dh’ionnsuidh a chrann-cheus, agus ni e do pheacaidhean a thàirneadh ris a chrann-cheus, agus cuiridh se thu anns an uaigh maille ris; togaidh creidimh thu as an uaigh a ris, agus leis a chumhachd cheudna leis an do thog se e fein o na mairbh gu beatha, togaidh se thus o bhàs gu beatha, agus suidhichidh se do chridhe air neamh maille ris fein, agus trid beatha Chriosd tha thusa beo. Mar sin tha aig a chreidimh beatha maille ris, agus tha beatha ‘chreidimh a’ comh-sheasamh anns na h-ochd puincean so:—

  1. Tha e a’ labhairt sith do-labhairt a tha air dol thar na h-uile tuigse, agus tha’n t-sith so a’ cuir faire air do chridhe mu’n cuairt, air doigh ‘s nach ‘eil uile chumbhachdan na h-ifrinne eomasach air do chreach dheth, ‘an sin imichidh tu le muinghinn agus le dánachd, air dhuit do chridhe a bhi anns na neamhaibh; do bhrigh ‘s gu’m bheil thu air do dheanamh réidh ri Dia, agus tha do shíth air a daingneachadh dhuit agus air a seuladh.

  2. O’n t-síth so fosgailidh na geataichean dhuit air neamh, agus their thu, is maith dhomhsa cha’n’eil mi am choigreach anns na flaithéaaas, air dhomh síth a bhi agam ri Dia trid ar Tigearn Iosa Críosd.

  3. Tha gairdeachas do-labbháirt ann, air doigh ‘s gur urrainn do pheacach a dhol troimh mhile ifrinn a chum dol a dh’ionnsuidh na gloire sin anns na flaithéanas, a dh’ionnsuidh a chrúin sin a chuir e roimhe.

  4. Tha creideamh a’ tabháirt gràdh leis, oir tha e deanamh feadan òir troimh chliathaich reubta Iosa Críosd, agus a’ toirt a nuas aimbnaichean gaoil ort fein; ‘an sin eiridh do ghràdh-sa dha-san, agus cha’n’eil thu ag iarraidh sòlas na’s mò, ach comas fhaotainn gu Dia a ghrádhachadh, agns a bhi seirm a chliu uile laithean do bheatha.

  5. Dochas agus dùil a tha tabháirt ort do cheann a thogail suas, a dhruideadh an taobh a stigh do rioghachd neimhe; agus ann an sin tha thu a’ faicinn crun glòir air a thaigidh suas air do shon, air son am bheil thu a’ feitheamh gu foighidneach, agus ris am bheil dòchas agad gu’n sealbhaich thu e fa’ dheireadh.

  6. Tha thu a’ faicinn Chríosd co ionmhuinn leat, air doigh ‘s gu’m meas thu na h-uile ni mar shalachar agus mar aolach, a chum’s gu’n coisinn thu e, agus measaidh tu na h-uile ni mar chall a chum’s gu’m buannaich thu e.

  7. Cha’n’eil thu ag iarraidh tuille ach eolas air Críosd, agus esan air a cheusadh.

  8. Agus anns an aite mu dheireadh, bheir e ort do chuideachd a threigsinn, air doigh ‘s gu’n abair thu, tha mo thlachd uile maille ris nan naoimh. Bheir so ort a bhi iarrituinneach gu’m biodh na h-uile neach mar a ta thu fein, agus ni thu ùrnuigh air an son-san nach fhac thu riamh. Bheir e ort do ghràdh a sgaoleadh a dh’ionnsuidh nan uile naoimh air an talamh, agus ruigidh do ghràdh a dh’ionnsuidh na’n dearbh naoimh air neamh, agus tha faduidheachd ort air son a bhi maille riu; agus tha fios agad, gur e companas agus comh-chomuinn na’n naoimh beatha do chreidimh, agus is ann an sin a tha do gháirdeachas ‘an so os iosal a’ comh-sheasamh. Bheir an creidimh beo so ort gu’n tabhair thu a mach oibre beó; ‘an sin bithidh beatha ann a’d’ ùrnuighean, an sin bithidh a leithid do thlachd agad ann am focal Dhe, air doigh ‘s gur urrainn thu beachd-smuaineachadh air a là agus a dh’oidhche; ‘an sin ann do ghairm ni thu d’oibre gu suilbhir agus gu toileach, do bhrigh ‘s gu’n do shuidhich Dia thu ann, agus tha thus ‘ga dheanamh gu dichiollach, do bhrigh ‘s gu’m bheil do chridhe anns na flaithéanas, agus gu’m bheil fhios agad gu’m bheil e taitneach do Dhia; agus gu’m bheil e ‘ga cheadachadh, do bhrigh ‘s gu’m bheil e deanta ann an creidimh, feumaidh e Dia a thoileachadh.

‘Nis, tha dithis chompanaich aig a chreidimh, gràdh, agus dòchas; agus tha creidimh a’ lionadh d’anam le gràdh Dhia, agus dòchas na glòir sin; agus tha gradh a leigeil fhaicinn dhuit gaol Dhia dhuit fein. Tha creidimh a’ tabhairt truacantachd no innigh tròcair Dhia ort; agus tha gràdh à’ tabhairt ortsa do ghràdh fein agus do thruas a sgaoileadh air a naoimh-san. Tha creidimh ag iarraidh ort creidsinn, agus gu’m faic thu nithe mòra, agus earbsa ag rath, tha mi a’ creidsinn, agus tha dochas agam gu’m faic mi an ni nach faca suil riamh, agus nach cuala cluais riamh, no nach d’thaing riamh ann an cridhe duine, bithidh iad gu soilleir air am foillseachadh air aon là, mar a tha dòchas agam. ‘Nis, tha e ‘leantuin a cheud inbhe agus an doigh ‘s am bheil Dia aig oibreachadh creidimh ann an anamaibh dhaoine agus mhnathan. (2) Sochairean a chreidimh. Ma thairgeas duine tiodhlac dhuit, ciod e an ni as lugha dh’fhaodas tu a dheanamh no ghabhail as a lamh, mar sin an uair a tha Dia a’ sinedadh a mach a bheannachdan a’d’ ionnsuidh, nach faod thus an gabhail as a làmh.

‘Nis cha’n e do chreidimh a tha faotainn na’m beannachdan so dhuit, ach ‘se an neamhnuid luachmhor a ta anns an fhàinne òir a ta cuir stad air an fhuil, agus cha’n e an fhainne féin; uime sin tha sochairean a chreidimh a’ teachd o an neamhnuid air am bheil e a’ deanamh greim; agus tha greim a bhi air a dheanamh air Criosd, tre chreidimh, aig oibreachadh na’n nithe so uile. Tha naoi no deich do chaochlaidh sochairean a tha creidimh a’ tabhairt ad’ ionnsuidh. ‘Sa cheud àite tha e ‘ga d’ spionadh a’ mach a nadur, agus ‘ga do shuidheachadh ann an Iosa Criosd craobh na beatha; an sin tha thu a’ faotainn nàdur nuadh, oir tha thu air do dheanamh ad’ aon ri Criosd; mar sin tha thu a’ cuir cùl ri stoc breòit Adhaimh, agus tha thu a’ gabhail còir air gineil a’s fearr; tha thu a’ cuir an aghaidh do ghliocais féin, agus foghlumaidh tu do ghliocas ‘o Dhia; cuiridh tu an aghaidh do thuigse agus do reusan féin, agus cha thuig thu a bheag sam bith ach sin a dh’iarraas focal Dé ort a thuisinn. (2) ‘Nuair a shuidhicheas e thu anu an Criosd, tha e ga d’ dheanamh ad’ mhac do Dhia; oir is e Criosd is aon Mhac, agus oighre na’n uile nithe. Már sin tridsan tha thus air d’uchdmhachdachadh gu a bhi ad’ oighre air-san, agus maill ris air beatha shiorruidh; agus cha bheag an tiodhlac a ta’n so, thus a bha ad’ mhac an sgrios, a dheanamh, ad’ mhac do Dhia, agus ad’ oighre air na h-uile nithe maill ris. (3) Tha e a’ tabhairt maitheanas ann ad’ uile pheacana, mar-aon gin agus gniomh, roimh dhuit a bhi air do ghairm: agus an deigh do ghairm, tha e a’ faotainn dhuit maitheanas ann do dhroch cainnt, no ad’ dhroch gniomhradh no do dhroch smuainte, ge air bith co mor, no ge air bith co lionmhor. (4) Tha creidimh a’ fireanachadh. Tha e a’ leigeil fhaicinn gu’m bheil thu lomnochd, agus tha e a’ tabhairt ort trusganan fireantachd agus neochiontas Iosa Criosd a chuir umad; agus, air dhuit a bhi air do chomhdach leis-san, tha thu air t-fhireanachadh am fianuis Dhia, agus air do mheas co fireanta is ge nach peacaicheadh tu riabh. (5) Fosglaidh se dorus nèamh dhuit, agus their thu, theid mi a dh’ionnsuidh seòmar mo Thighearn’, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus gabhaidh mi fois fuidh sgiathaibh m’ Fhear-saoraidh; tha fios agam nach àicheadh e a bheag dhomh a dh’iarra mi ann an ainn a Mhic, anns am bheil e iàn toilichte. (6) ‘Nuair a thrèoiricheas e a steach ann an sin thu, tha thu a’ faicinn do chridhe truaillidh, an sin their an creidimh riut, rach a steach a dh’ionnsuidh na fola ud, agus glanaidh si e, ge do bhiodh d’ anam co dearg ris an sgàrlaid, fathast tha e comasach air do dheanamh geal mar an sneachd.’ Cunuil, Tha mi salach agus gràinil, cha dàna leam mò làmhan a chuir air. Their e riut, feumaidh tu greim a dheanamh air, oir thainig e a shireadh agus a thearnadh pheacach. (7) Bheir creidimh a mhuinighin so dhuit, nach feud mis’ a bhi saor ann an ùrnuigh ri Dia, air dhomh fhaicinn gu’m bheil e air teachd gu a bhi na Athair dhomh ann an Criosd, bithidh dànachd agam a nis a chum dol ga ionnsuidh, do bhrigh ‘s gu’m bheil mi air mo dheanamh rèidh ris; roimhe so bha mi am nàmhaid da, agus cha bu dàna leam a theachd am fagus dà, ach a nis rinn e mi am chairid da. (8) Ni creidimh na h-uile nithe so-dheanta dhuit, oir cha’n’eil ni sam bith do-dheanta do na chreid’mheach. O! ciod e an ni nach dean creidimh? Thearuinn creideamh Noah agus a theaghlach anns an Airc, an uair a bha an saoghal gu leir air am bathadh, sgoilt creidimh an fhairge ruadh, agus bhàth e Pharaoh agus fheadh gu leir; dhruid agus dhùin creidimh suas na neamha air doigh ‘s nach robh uisg ann iè thrì bliadhna agus shea miosan; agus dh’fhosgail creidimh iad a ris; agus, ann an aon fhoical, bheir e ort gu’n coimhlion thu an rádh sin, cha bhi agam comh-chomunn ri oibre neo-tharbhach na dorchadais, cha’n’eil tlachd agam ann an nithe an t-saoghail so, cha’n’eil mi a’ gabhail toilinntinn anns na nithe so a tha os iosal; tha mo chaith’-beatha agus m’iarrais air neamh; tha m’ionnhas anns na neamhaibh, tha mo bheatha, mo ghloir, agus mo chruin anns na neamhaibh.

(Ri leantuin.)

Not all the waters of the deluge, which drowned a guilty world, declared Jehovah’s hatred of sin as fearfully as one drop of the blood that was shed upon the Cross.—W. White.

Sound Pamphlets.

Two Sermons by the late Rev. Lachlan Mackenzie, price 2d., postage, $\frac{1}{2}$ d. extra; to be had from the Editor of the F.P. Magazine. “The Irish Trouble: Its Cause and Cure,” by M. J. F. M’Carthy, price 2d., postage, $\frac{1}{2}$ d.; to be had from the Protestant Truth Society, 3 and 4 St. Paul’s Churchyard, London, E.C. 4.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice