LE MR. EOIN UELSH.
(Air a leantuininn o t. d. 157.)
‘N IS a chum creidimh fhaotainn, feumaidh air tús, eolas air leth a bhi agad air do thruailidheadh ghin o’n leth a stigh, agus nach ‘eil a bheag air do shon do thaobh nádur ach d’teadh gun seachnad, agus nach ‘eil thu freagrach air son a bheag sam bith ach a bhi a’d’ chonnadh air son teine na h-ifrinne; agus feumaidh tu aithne a bhi agad gu’m bheil thu a’ giulain mu’n cuairt maille riut, na nithe sin a dh’fheumas a bhi na’n d’teadh dhuit, agus feumaidh tu fhios a bhi agad gu’m bheil thu toilltinn-each air farg agus mallachd Dhia. (2) Feumaidh tu aithne fhaotainn air saoradh no leigheas air a shon, an ni ‘se a mhàin fuil Mac Dhe; agus mur faigh thu mach rathad leigheis air son do thruaighe (‘sann is miśd thu fhaotainn air do thruaighe); agus ‘se eolas air do thruaighe a cheud cheum gu grás; ach an uair a gheibh thu eolas air do thruaighe, ‘an sin feumaidh tu eolas fhaotainn air an leigheas. (3) Feumaidh tu eolas fhaotainn nach ‘eil rathad a chum slainte ach trid creidsinn ann an aon ghin Mhic Dhe; oir ‘se creidimh an lamh a tha deanamh greim air Criosd, agus a tha ‘ga chuir ri lota t-anam, agus mar sin leighisidh se e. (4) Feumaidh tu eolas fhaotainn gu’m feum thu a ghabhail a’d’ ionnsuidh mar do chuid fein, no cha dean e feum air bith dhuit; oir ciod a bhuannachd a bhios ann dhuit-sa, fhios a bhi agad air Fear-Saoraidh bhi ann, mur bhi eolas agad air e bhi na Fhear-saoraidh dhuit fein; agus ciod am maith a bhios ann dhuit-sa aithne a bhi agad air gu’n do bhàsaich Criosd air son peacaich, mur faigh thu aithne air gu’n d’fhuair e bas eadhon air do shon fein? Mar so ‘se a cheud cheum do chreidimh grasmhor creidimh air doghruinn piantaibh ann an ifrin, air gu’m bi guth Dhia mar leómhan beucach, slait iaruinn, uallach trom, ‘ga do bhruthadh sios.
-
An uair a chi thu gu’m bheil thu a’d’ sheasamh air a bhruaich, their thu, ciod a ni mi? Am bheil sud air ullachadh air mo shon-sa? An d’theid mi air m’ais gu mo bheath a ris? Cha’n urra’ mi, oir cha dean mi ach peacachadh na’s mó agus na’s mò, agus corruich Dhia a mheudachadh; cha dana leam a dhol air m’aghaidh, d’eagal is gu’m bi mi air mo sgriés anns an teine ud! Cha’n’eil fhios agam ciod a ni mi, seasaidh mi mar a tha mi, agus feithidh mi a dh’fhaicinn ciod an ni an Tighearna rium, feithidh mi air deadh thoil an Tigearn.
-
Tòisichidh tu air cuimhneachadh, agus maothaichidh do chridhe, agus brisidh fhòidean cruaidh; ‘an sin their thu, Thighearn, an àill leat solas eiginn a’ labhairt ri m’anam bochd, tha fadail orm air son a bhi air mo dheanamh rèidh riut, ‘nis bithidh d’fhuil ionmhuinn leam; cha’n ‘eil mi ag iarraidh tuilleadh ‘san t-saoighal so, ach boisgeadh do d’ghnùis ionmhuinn, agus d’aghaidh ghaol dealradh air m’anam.
-
Rùnaichidh tu nach d’theid thu gu bràth air t-ais gu do sheann ròidean, do bhrigh’s gu’n do mheall iad thu, air an aobhar sin their thu, tha mi a’ gealltuinn, ann an làthair Dhe, ma shineas e mach an t-slàit oir rioghail do m’ionnsuidh; gabhaidh mi mo chunnart; agus mo bhasaicheas mi, básaichidh mi ag ùrnuigh agus ma theid mi am mugha, racham am mugha, oir amhaireidh mi do ghnath riut, ge do thilgeadh tu mi sios do dh’fhrinn, agus ge do mharbhadh tu mi, gidheadh cuiridh mi mo dhòchas annad.
-
Bithidh tart agus ocrais ort, nach dean a bheag sam bith do shàsachadh ach feoil Chriosd, agus cha’n urrainn a bheag sam bith do thart a chasg ach fuil Chriosd a mhain. Cha dean na h-uile ni air thalamh do shàsachadh agus am faigh thu Criosd ann an gairdeanaibh d’anam, gus am bi thu cinnteach as.
-
Measaidh tu cho mòr mu shláinte, is gu’n guidh thu do gach uile pheacadh, agus do dh’uile thaitneasaibh slan leo; agus cha toir thu do Thighearn air son deich mile saoghail; agus cha chaill thu fhabhair, gu a shith agus a ghàirdeachas a chall, a tha agad ann a lathaireachd, air son na h-uile toil-inntinn e tha fuidh neamh. Fadheoidh tha do ghloir agus do shith a’ teachd a steach; ‘an sin fa’ dheireadh tha Dia a’ tabhairt dhuit a bhi creidsinn, an uair a their e, thig, a pheacaich bhochd, nach bi thus as m’eugmhais-sa, thig am’ ionnsuidh, gheibh thu mi, is duilich leam fantuinn uait; tha thu sgith agus air fannachadh le uallach do chuid peacaidhean, bheir mise ath-bheothachadh agus fois dhuit, cha leig mi leat a dhol am mugha. An sin their an Tighearn, tha thu lomnochd; thig a’m’ionnsuidh, agus cuiridh mise trusgan ort. An sin their an t-anam, agus thubhairt thu, “Is beannaichte iadsan a tha ri bròn.” A Thighearn, bu toileach a dheanainn-sa bròn na’m b’urra mi. Thubhairt thu, “Is beannaichte iadsan air am bheil ocrais agus tart an deidh fireantachd.” A Thighearn, bu toileach a b’ail leam ocrais agus tart a bhi orm, is toileach a b’ail leam mir dheth t-fheoil fhaotainn, agus deoch dheth t-fhuil; agus bu toileach a b’ail leam creidsinn na’m bu dana leam agus na’m faicinn coslach sam bith no comharadh air do ghràdh dhomh. Shaoil le Iacob nach faiceadh e gu bràth a mhac Ioseph, agus an uair a dh’innis a mhic dha gu’n robh e beo cha b’urrainn da an creidsinn; an uair a dh’innis iad dha, ‘an so tha na carbaidean a chuir e a’d’ionnsuidh, ‘an sin tha e smuaineachadh, co as a thainig iad so? O! an nis tha fhios agam gu’m bheil mo mhac beo. Eadhon mar sin tha chùis leatsa a tha a’d’ chreid’mhach; aig a cheud am tha thu a’ saoilisinn gu’m bheil thu cailte, agus gu’m bheil na h-uile solus agus beatha air dol air falbh, agus tha thu a’ saoilisinn nach ‘eil e so-dheanta gur urrainn thu a bhi air do thearnadh, gur h-urrainn do pheacach co mor riutsa maitheanas fhaotainn. Ach an uair a gheibh thu comharadh air bith o’n Tighearn, agus a chi thu coslas air bith do a lathaireachd, ann an sin tha thu a’ creidsinn agus a’ deanamh greim air a ghealladh a th’air a dheanamh dhuit ann am fùil Chriosd. Mar sin amhairc air na meadhonaibh, agus ma bhuin Dia riamh air a leithid sin do dhoigh ri t-anam ann an tomhas air bith fior, an sin feudaidh tu a bhi aoibhneach; oir tha agad-sa siol an fhiar chreidimh thearnaidh air a chuir annad, agus feudaidh tu a bhi cinnteach nach fag an Tighearn gu bràth thu, ni mo a leigeas e leat a bhi caillte. Amen.