Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » April 1920 » Cha’n’eil Diteadh do Phobull Tagata Dhe. LE MR. EOIN UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdainn mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am priosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605

Cha’n’eil Diteadh do Phobull Tagata Dhe. LE MR. EOIN UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdainn mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am priosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605

“Air an aobhair sin cha’n’eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criost, a tha glusad cha’n ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criost, mise o lagh a pheacaidh agus a bhais. Oir an ni nach robh an comas do’n lagh a dheanamh, do bhrigh gu’n robh e anmhunn tre’n fheoil, aig cuir a Mhic fein do Dhia an coslas feola peacaidh, agus na iobairt air son peacaidh, dhit e am peacaidh ‘san fheoil.”—ROMH. viii. 1, 2, 3.

DO bhrigh anns a Chaibideil so, gu’m bheil suim ghoirid do gach comhfurtachd agus sòlas air am bheil feum aig a pheacach sgìth (ann an laithibh a chuaire) gu a chumail suas, a chum’s gu’n seas e daingean ‘san droch latha, agus do bhrigh’s nach ‘eil sinn cinnteach cia co fhada ‘sa mhaireas là na’n gràs; uime sin, tha dochas agam gur ann o’n Tighearn’ a tha ‘so, dha’n aithne na h’uilè nithe orduchadh, agus a threoirich mise an so, gu’m bheil a mhiann orm na sòlasan a tha air an cuir sios anns a chaibideil so fhosgladh suas dhuibh, a chum ‘s nach bi sibh as-eugmhais a bheag sam bith gu bhr giùlan a mach le gairdeachas agus sòlas, gu bhur réis a ruith a dh’ionnsuidh na rioghachd ud. Fagaidh mi e do’n Tighearn’ e a dh’oibreachadh anns gach neach agaibh, le fhirinn fein, mar a thollicheas e fein; agus, ann an simplidheachd, mar is urrainn mi, fosgaileadh mi so dhuibh anns an tomhas solais sin a thoileachas Dia a bhuileachadh orm a chum bhr comh-fhurtachd.

‘Nis, a chum’s gur ann is fearr a thugheas sibh so, labhraidh mi ni-eigin air na caibideilibh air thoiseach air a so. Dh’innis e an so ann a litir a sgriobh e a dh’ionnsuidh na’n naoimh anns an Roimh, dh’innis e dhuiinn (tha mi ag radh) tri nithe. ‘Se a cheud ni, gu’m bheil gach uile fheoil, mar-aon Iudhaich is Cinnich, fuidh dhiteadh do thaobh nàduir; agus gu’m bheil an saoghal uile air an druideadh a steach fuidh mhi-creidimh; agus gu’m bheil fearg Dhé air fhoillseachadh o neamh ann an aghaidh na h-uile mi-dhiadhachd; agus nach ruig feòil sam bith a leas sealltuinn airson fireanteachd, beatha, no slainte tre’n lagh. Se so a cheud ni.

‘Se’n ath ni so—tha e ag innseadh dhoibh nach ‘eil rathad fuidh neamh air son peacach, a ta na luidh fuidh fhearg Dhé, agus buailteach do dhiteadh, nach ‘eil rathad eile air a shon gu faotainn a mach as, ach a mhàin gu ruith a mach as fein, agus a dh’ionnsuidh fola Mhic Dhe, agus a chridhe a chuir na luidhe anns an fhuil sin, agus a chreidsinn gu’m bheil maitheanas peacanna agus beatha shiorruidh air a cheannach dha trid na fola sin. Oir tha Dia fireanachadh na h-uile peacach a ta creidsinn. Air an aobhar sin tha e ag radh, Romh. v. 9. “Agus air dhuiinn a bhi air bhr fireanachadh trid fhuil-san bithidh sinn air bhr saoradh o fhearg trid-san.” Agus tha e ag innseadh an sin, rann 12, “Mar a thainig peacadh a steach do’n t-saoghal trid aon duine, agus b’as tre’n pheacadh, rann 18. Agus mar trid aon chionta a thainig breitheanas air na h-uile dhaoinibh chum ditidh, is amhuil sin mar an ceudna trid fhireantachd, aon thainig an saor thiodhlac air na h-uile dhaoinibh chum fireanachadh,” rann 19. “Agus mar trid eusumhlachd aon duine a rinneadh mòran na’m peacaich, is amhuil sin trid umhlachd aon duine a nithear mòran nam fireanaibh.”

‘San treas àite, tha e ag innseadh, na h-uile aig am bheil creideamh ann am Mac Dhe, na h-uile fhuair maitheanas na fhuil, agus na h-uile a ta air an deanamh reidh ri Dia gu saor tre Chriosd, gu’m bheil iad so uile, air am fireanachadh tre chreidimh, agus air an naomhachadh trid gràs, agus tha bas Chriosd eifeachdach gu peacadh a mharbhadh annta, air a leithid do dhoigh’s nach rioghaich e ann nan cuirp bhasmhor-san: agus tha ais-eiridh Chriosd air a dheanamh eifeachdach annta-san, a chum firinnteachd agus beatha nuadh oibreachadh annta, a chum agus mar a thug iad roimh sin am buill mar innealaibh neo-fhireantachd a chum peacaiddh, a nis gu’n toir siad iad fein do Dhia, agus am buill mar armaibh fireantachd a chum a thoileachadh ‘s na h-uile nithe. Ach ‘sann an so a ta’n eadar-dhealachadh, tha ar fireanachadh trid gràs iomlan, eadhon anns a bheatha so, ach a ta air naomhachadh neo-iomlan.

Air an aobhar sin air a so tha dà ni a’ tachairt do na h-uile Criosduidh; ‘se a h-aon diubh so, an uair a dh’amhairceas e air Fear-saoraiddh iomlan, ‘an sin tha sith aige a tha air dol thar gach uile thuigse, agus tha comas dol a steach gu saor aige d’a ionnsuidh, a chum dol a dh’ionnsuidh caithir na’n gràs an uair a’s àill leis, a chum trocair agus gràs fhaotainn ann an àm na feum, agus tha aige gàirdeachas do-labhairt anns an Tighearn Iosa. ‘Se’n aon eile so, an uair a sheallas e ris fein, agus a chi e gu’m bheil e fathast fuidh dhaorsa, agus gu’m bheil e air a thoirt ann am braighdeanas mar thràill, air doigh’s nach faigh e cead na nithe a b’àill leis a dheanamh, ach gu’m bheil e air a chomh-éigneachadh gus na nithe nach b’àill leis a dheanamh; agus tha so a’ toirt air glaodhaich a mach, Romh. vii. 24. “O an duine truagh a ta mi ann co a shaoras mi o chorpa bhàis so?” Mar sin an uair a sheallas e air an dara h-aon, sin r’a radh, air fhireanachadh trid creidimh anns an Tighearn Iosa, an sin tha aige sòlas gu leoir; ach an uair a dh’amhairceas e air an aon eile, agus a chi e gu’m bheil e gach là tabhairt oibheum do’n Dia is ro-ionmhuinne, agus do’n Athair is ro-thròcairiche a bha riabh ann, an sin tha aige bròn agus doilghios ‘na chridhe, agus tha fadaid air air son latha a chaochlaidh agus a bhi maille ris an Tighearn.

‘Nis an uair a rinn e so anns na seachd caibideilbh air thoiseach, tha e a nis ag innseadh anns a chaibideil so, staid shona an duine a ta air fhireanachadh le creidimh, agus air a naomhachadh trid gràs; agus ‘se so e, “Cha’n’eil diteadh sam bith dhoibh-san.” Agus do bhrigh’s gu’m bheil dà ni a tha bacadh dearbh leanabh taghta Dhe o a lan chomhfurtachd fhaotainn anns an t-saoghal so; ‘se a h-aon diubh am peacadh a tha gabhail comhnaidh ann, an truailldheachd ghin sin maille ris an d’thaing e a dh’ionnsuidh an t-saoghal; ‘se’n aon eile, na croisean agus na trioblaidean iomadh-filte a tha ‘ga leantuin anns a bheatha so, agus a tha air an cuir air a dhruim, agus do bhrigh’s gu’m bheil an dithis so ‘ga chreach deth mhòr chomh-furtachd, oir an uair a sheallas e ris fein, tha e a’ faicinn corp peacaidh an taobh a steach dha; agus an uair a sheallas e air a dhruim, tha e a’ faicinn iomadh crois agus amhghar air an cuir air, nach ‘eil e comasach air a ghiùlan as-eugmhais neart sonruichte, agus uime sin cha’n’eil iomadh uair aige air son a bhi deanamh gàirdeachas annta, do bhrigh an dà bhuaireadh so leis am bheil leanabh Dhe do ghnath air a chuartachadh; uime sin an Spiorad Naomh’ a tha air comhaire dhiomhair Dhia (oir tha e a’ rannsachadh nithe doimhne Dhe, agus is aithne dha smuainte do chridhe, agus ciod iad mi-mhisneachdhean leanai bh Dhe), uime sin tha e ‘an so a’ tabhairt comhfurtachd na’s leoir do gach aon diubh, agus tha e a’ frithealadh dhoibh solas na’s leoir gu’n cumail suas ann an aghaidh na’m buairidhean so mar-aon. Oir ge do tha thus a’d’ pheacach truagh, air do reic fodh’ na pheacadh, agus air do threorachadh a’d’ chiomach mar thràill, agus ge do tha iomadh crois agus trioblaid air an cuir air do dhruim, gidheadh cha’n’eil diteadh dhuit, agus tha so na chomhfurtachd na’s leoir dhuit. Mar sin do bhrigh’s gu’m bheil dà ni a’ cuir trioblaid air leanabh Dhe, agus a tha ‘ga bhacadh ann a bhi ruith a reis le gàirdeachas, sin ri radh, uallach a chuid peacanna, agus uallach croisean agus trioblaidean; uime sin tha e ag ullachadh comhfhurtachd freagarrach ann an aghaidhsan mar-aon. Aon diubh so tha e a’ deanamh o thoiseach a chaibideil gus an rann 18, an aon eile o’n rann 18, gus an 31 rann; ‘an sin tha e a’ comh-dhunadh na h-uile le deasboireachd sholasach, far am bheil e a’ dearbhadh, nach buadh-aich a bheag sam bith ann an aghaidh leanaibh Dhe; “oir cha bhi ni ‘sam bith comasach air an sgaradh o ghaol Dhia ann an Iosa Criosd.”

‘Nis, ciod an sòlas a dh’fheudas tusa a bhi agad a tha ann an Criosd! oir ge do tha agad corp peacaidh an taobh a stigh dhiot, fathast feudaidh tu buidheachas a thabhairt do Dhia, “ann a’d’ inntinn gu’m bheil thu a tabhairt seirbhis do lagh Dhe, ach ann ad’ fheoil do lagh a pheacaidh, agus nach ‘eil diteadh dhuit.” Agus ge do tha thu làn do trioblaidean, chroisean, agus amhghairean, gidheadh cha’n’eil uile thrioblaidean an àm so ta làthair fuighair air son a bhi air an coimhneas ris a ghloir a dh’fhoillsichear dhuit air aon latha. Mar sin, a pheacaich bhochd, ciod uime a tha thu fodha mhi-mhisneach agus lag-chridheach, ann an cuid air son an uile a tha’n taobh stigh dhiot, agus ann an cuid air son na’n croisean agus na’n amhghairean a tha air do ghuailibh; oir ma tha Dia air do thaobh, co dha’n dàna bhi ad’ aghaidh? “Co chuireas coire sam bith as leth pobull taghta Dhia?” Ma dh’fhireanaicneas Dia thu, co a dhiteas tu? Cha bhi do pheacanna gu brath comasach air do dhiteadh. Agus air son croisbh agus trioblaidibh, “Co a sgaras tu o ghradh Dhe a ta ann an Criosd Iosa? An dean trioblad no amhghar,” etc. Anns na nithe so uile tha sinn tuille a’s n-ar luchd-buaidh. ‘An sin tha e ag innseadh a dhearbhadh fein anns an dà earrann mu dheireadh; “Oir tha dearbhadh agam, nach dean aon chuid bàs no beatha, uachdranachda’ no cumhachda,” etc. Mar sin ‘se so suim a chaibideil so.

‘Nis a chum’s gu’n smuainich sibh air, tha da ni ann a tha tabhairt mi-mhisneach dhuit-sa a tha na do leanabh do Dhia. ‘Se aon diubh, an truaillidheachd ghin sin a tha’n taobh stigh dhuit, a tha air fhàgail gu do chumail ann an cleachdadh, air eagal ‘s gu’m fàsadh tu lundach agus diomhan; ‘se’n aon eile, na croisean agus na trioblaiden iomadh-fillte a tha Dia cuir air do dhruim gu do chumail sios, air eagal ‘s gu’m biodh do chridhe air atadh agus air a shéideadh suas le àrdan.

‘Nis ann an aghaidh an dithis so araon tha Spiorad Dhe a’ frithealadh comhfhurtachd na’s leoir dhoibh mar-aon. Mar air son a cheud aon; cha dean do pheacanna do dhiteadh; mar air son an aon eile, tha glòir sgiamhach gu bhi air fhoillseachadh air aon là dhuit, na’m faiceadh tu e, smuainicheadh tu nach ‘eil uile thrioblaidean na beatha so airidh gu bhi air an coimeas ris a chudthrom shiorruidh sin do ghloir a tha air a thaigsidh suas air do shon air neamh. Uime sin air faicinn gu’m bheil an Tighearn maille riut, agus air faicinn nach bi uile chroisean an t-soaghail comasach air do sgaradh o ghrádh Dhe a ta ann an Iosa Criosd; uime sin tha aobhar comhfhurtachd na’s leoir agad.

(Ri leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice