Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » May 1920 » Cha’n’eil Diteadh do Phobull Tagata Dhe. LE MR. EOIN UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdainn mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am priosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605

Cha’n’eil Diteadh do Phobull Tagata Dhe. LE MR. EOIN UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdainn mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am priosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605

“Air an aobhair sin cha’n’eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd, a tha glusad cha’n ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, mise o lagh a pheacaidh agus a bhais. Oir an ni nach robh an comas do’n lagh a dheanamh, do bhrigh gu’n robh e anmhunn tre’n fheoil, aig cuir a Mhic fein do Dhia an coslas feola peacaidh, agus na iobairt air son peacaidh, dhit e am peacadh ‘san fheoil.”—ROMH. viii. 1, 2, 3.

(Air a leantuinn bho April o t. d. 380.)

A CH a nis gu a theachd a chum so air doigh sònrucht’, ‘sa cheud àite, tha’n solas fein air a chuir sios ann an so. 2. An dream d’am bun e, sin ri radh dhoibh-san a ta ann an Iosa Criosd, nach ‘eil aig imeachd do reir na feola, ach do reir an Spioraid. 3. Is e so steidh a chomhfurtachd sin gu a dheanamh dearbhta do d’anam, gu’m bheil e cinnteach agus fior; agus tha sin air a chuir sios anns an 2, 3, agus an 4 rainn. Is e an t-aobhar so, cha bhi an duine no a bhean sin gu siorruidh air an diteadh a tha air an saoradh o lagh a pheacaidh agus a bhàis, le Spiorad na beatha; ach thusa a tha ann an Iosa Criosd tha thu air do shaoradh o lagh a pheacaidh agus a bhàis: air an aobhar sin cha bhi thu gu siorruidh air do dhiteadh. ‘Nis b’áill leam gu’m beachdaicheadh sibh air so, oir tha togail sgiambach gu bhi air a thogail air a bhunait so, eadhon comhfurtachd d’anam, dòchas na beatha siorruidh, agus lán dearbhachd na slainte. An duine no a bhean sin, a tha ann an Criosd, feudaidh iad a dhol gu h-aobhneach gu’n leábaidh, ‘seadh, feudaidh tu a’ dhol gu h-aobhneach a dh’ionnsuidh na h-uaighe, agus is aoibhneach a dh’fheudas tu am bás a ghabhail ann do ghlacaibh, agus is aoibhneach a dh’fheudas tu do spiorad a thabhairt suas, air dhuit fios a bhi agad nach d’theid do spiorad gu bràth maille ris na spioradaibh caillte, agus a chum duibhre an dorchadais; ach gu’n d’theid e a dh’ionnsuidh gloir shiorraidh. Air an aobhar sin, tha mi ag radh, feumaidh an steidh a bhi cinnteach air am feum a leithid do chomhfurtachd a bhi air a thogail. Ciod a’ bheireadh peacach bochd a chum eolas fhaotainn gu’n robh e air a shaoradh le leithid do dh’fhuil luachmhor, a tha comasach gu saoradh deich mile saoghal, na’m biodh na h-uiread sin ann. Nach b’áill leat-sa gu’m bu tu an ceannaich a reic’ na’m bheil agad uile chum an aon sólas so a cheannach, gu’m biodh fios agad gur e rùn Dhia nach d’theid thu gu bràth am muga, agus nach ‘eil diteadh air do shon. Am b’áill leat a bhi cinnteach dheth so, ‘se so am bunait ma ta a dh’fheumas tu a shuidheachadh, cha d’theid iad-san a tha air an saoradh o lagh a pheacaidh agus a bhàis gu bràth am muga; ach thusa a ta ann an Criosd, agus a tha air d’fhireanachadh tre chreidimh, agus nach ‘eil aig imeachd a reir na feòla, ach a reir an Spioraid, tha thu air do shaoradh o lagh a pheacaidh agus a bhàis; air an aobhar sin cha teid thu gu siorruidh am mugha, oir cha’n ‘eil diteadh sa’m bith dhuit-sa. Ach fathast cha ghabh do choguis fois ann an so; oir is e tomhas mòr a chuireas coguis peacach bochd air a thilgeadh sios a teagamh, do bhrigh’s gu’m bheil e faicinn gur e fearg shiorruidh ris am bheil aig r’a dheanamh. ‘Nis, ma ta, gu do dhaingneachadh ann an so, tha e ag innseadh’ dhuit mu’n aobhar anns an 3 rann, mar gu’n canadh e; ‘se an t-aobhar air son nach d’theid na h-uile, a ta air an saoradh o lagh a pheacaidh agus a bhais le Spiorad Iosa, gu siorruidh am mugha, no nach ‘eil diteadh air bith dhoibh-san, ‘se eadhon so e, do bhrigh’s gu’n robh Criosd Mac Dhe, ann an cosmhail feola peacach, air a dhiteadh air son peacaidh ‘san fheoil. Nis cha’n urrainn ceartas Dhé diteadh dà uair air son aon chiont, air an aobhar sin, cha’n urrainn do chruas ceartais Dhe bualadh ortsa tha ann an Iosa Criosd. A ris, cha’n urrainn do chruas ceartais Dhia esan a dhiteadh a choimhlion an lagh; ach thusa tha ann an Iosa Criosd, agus nach ‘eil aig imeachd do reir na feòla, ach do reir an Spiorad, choimhlion thu an lagh. Uime sin cha’n urrainn cruas ceartais Dhe thus a dhiteadh a tha ann an Iosa Criosd. Ach cionnas a choimhlion thu an lagh? Freagram, an ni a rinn Criosd anns an fheoil tha e air a mheas dhuit-sa a tha air d’fhireanachadh trid creidimh; ach rinn Criosd anns an fheoil an lagh a choimhlionadh: air an aobhar sin, tha coimhlionadh an lagh le Criosd air a mheas dhuit-sa. An uiread so air son ciall a bhuinnn theagaig.

‘Nis, thig sinn air ar n-ais a ris, agus mu’n d’thig sinn a dh’ionnsuidh na’m briathran, comharrachibh an earbsadh, agus c’ia mar a ta so an crochadh air na nithe a tha air an radh roimh’ anns a chaibideil roimh’ na so. Thug sealladh air a thruaighe air gu’n d’éigh e mach ann an deireadh an t-seachdamh caibideil, “O, an duine truagh a ta mi ann, co a shaoras mi o chorpa pheacaidh so!” Bha fadal air, air son neach air bith anns an t-saoghail, no ann an aite air bith eile, a dheanadh a shaoradh o a thruaighe; gidheadh anns a chrioch tha e a’ gabhail solas da fein, agus ag radh, “Tha mi ‘tabhart buidheachas do’ mo Dhia trid Iosa Criosd ar Tighearna”; an sin, “Tha mis leis an inntinn a’ deanamh seirbhis do lagh Dhè, ach leis an fheoil do lagh a pheacaidh.” ‘Nis, ann an so tha e a’ cuir ris an steidh air am bheil a chomhfhurtachd aig éirigh; ‘Se sin, “Cha’n ‘eil diteadh dhoibh-san a tha ann an Iosa Criosd. Comharrachibh so, guidheam oirbb, cha’ d’thor sealladh air do thruaighe gu brath sòlas dhuit, mur bi (maille ris an t-sealladh) aithne agad nach ‘eil diteadh air bith dhuitse, do bhrigh’s gu’ bheil thu ann an Criosd Iosa. Uime sin, ma dhùisgeas Dia bhur coguisibh, agus ma sgaioileas e bann an lagh, agus gu’n leugh e bhur diteadh, agus gu’n leig e dhuibh bhur binn fein a chluinntinn, mur faigh sibh an sòlas so, nach ‘eil diteadh air bith dhuibhse, bheir sealladh air bhur truaighe aon-chuid oirbh a bhi ann an an-earbsa’, no air dhuit thu fein fhaicinn ann an eadòchas ath-leasachaidh, ruithidh tu air d’aghaidh ann am peacadh na’s fhaide na rinn thu riámh roimhe; uime sin, a mbuinntir ionmhuinn, ‘nuair a dhuisgear sibh, cumaibh bhuir suilean air Dia, agus air an Eadar-mheadhonair Iosa Críosd, agus mur coisinn thu an taobh stigh do’n roinn-bhrrat, agus a dh’ionnsuidh caithir na’n grás, fathast seall air t-ais ri Getsemane, agus an sin faic an Tighearn’ fuidh fhallas fola anns a gharadh, air do sgáth-sa, air doigh ‘s nuair a chi thu sealladh air do pheacanna, a tha ullamh gu teine dian-loisgeach a thoirt a nuas ort, agus ‘nuair a chi thu gu’n d’rinn na dearbh pheacanna so féin Mac Dhé dubhach, agus anam brónach eadhon gu bás; ‘an sin feudaidh tu a radh, is duine truagh mi, ach fathasd, buidheachas do Dhia, tha mi ‘tòirt seirbhís do Dhia ann am inntinn; air an aobhar sin, cha’n ‘eil diteadh air bith dhomh-sa. Tha mi a’ ceadachadh gu’m bheil sealladh air do pheacanna gle fheumail dhuit, agus uime sin thug Dia dhuit da shuil gu amharc orra so ar-aon, a chum’s nach cumadh tu aig ám sam bith a h-aon de dè shuilean dheth do thrauighe, d’eagal ‘s gu’n atadh do chridhe, agus gu’n cumadh tu an t-suil eile an comhnuidh air trocair Dhia, agus gu’m bitheadh tu taingeil air son an dara h-aon, ach brónach air son an aon eile.

(Ré leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice