Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » June 1920 » Cha’n’eil Diteadh do Phobull Taghta Dhe. LE MR. Eoin UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdann mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am prìosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605. “Air an aobhair sin cha’n’eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd, a tha glùasad cha’n ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, mise o lagh a pheacaidh agus a bhais. Oir an ni nach robh an comas do’n lagh a dheanamh, do bhrigh gu’n robh e amhunn tre’n fheoil, aig cuir a Mhic fein do Dhia an coslas feola peacach, agus na iobairt air son peacaidh, dhit e am peacadh ‘san fheoil.”—ROMH. viii. 1, 2, 3

Cha’n’eil Diteadh do Phobull Taghta Dhe. LE MR. Eoin UELSH. Searmoin a rinneadh ann an Ayr Seachdann mu’n do chuireadh Mr. Uelsh ann am prìosan, air Di-mairt, an Seathadh-là-deug do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh ‘sa Bhliadhna 1605. “Air an aobhair sin cha’n’eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann an Iosa Criosd, a tha glùasad cha’n ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, mise o lagh a pheacaidh agus a bhais. Oir an ni nach robh an comas do’n lagh a dheanamh, do bhrigh gu’n robh e amhunn tre’n fheoil, aig cuir a Mhic fein do Dhia an coslas feola peacach, agus na iobairt air son peacaidh, dhit e am peacadh ‘san fheoil.”—ROMH. viii. 1, 2, 3

(Air a leantuin o t. d. 30.)

A MHAIIRC air do thruaighe, ach amhairc, mar an ceudna, an taobh a stigh do’n bhrat-roinn, agus faic Mac Dhé a shaor thu o do thruaighe; an sin is milis a bhios do chomhfhurtachd a dh’eireas leis an t-sealladh so. ‘An sin their thu, O, Athair ionmhuinn, ciod a dh’iocas mi dhuit, a chuir do mhac fein gu bàs fhaotainn air mo shon? O, Fhear-shaoraidh mhillis agus ionmhuinn, ciod a dh’iocas mi dhuit-sa, air son gu’n d’thainig thu gu toileach gu básachadh air mo shon? O, a Chomhfhurtair ionmhuinn, ciod a dh’iocas mi dhuit-sa a thug an sgeula aoibhneach so a’m ionnsuidh o neamh! Mar sin, ni so air tús iriosal thu, agus ni e sòlasach thu mar an ceudna.

‘San ath àite, a ris, comharrach mu’n d’tbig mi a dh’ionnsuidh na’m briathraibh. Tha è ag radh, “Bheiream buidheachas do m’ Dhia trid Iosa Criosd ar Tighearn; uime sin tha mise fein a’ tabhairt seirbhis do Dhia ann a m’inntinn, ach ann a m’fheoil do lagh a pheacaidh.” ‘Siad so briathra’ a chaibideil mu dheireadh.

Comharrach ann an so, mur biodh fhios agad gu’m bheil thu air do shaoradh o thruaighe, agus nach bi thu gu bràth air do dhíteadh ann an ifrinn, ann an sealladh air do thruaighe cha tog thu gu bràth suas do chridhe gu radh, “Tha mi tabhairt buidheachas do mo Dhia, trid Iosa Criosd mo Thighearn;” c’ar son? Do bhrigh co fada ‘sa bhitheas dorchadas na h-ifrinn a’ comhdachadh do shùilean, air doigh ‘s nach ‘eil thu a’ faicinn do staid bhrònach do thaobh naduir, feudaidh e bhi gu’n dean do sòlasan aimsireil, agus d’ùraichidhean do bhiadh agus do dheoch, do chridhe a thogail suas, agus a thabhairt ort a radh, air son an àm sin, buidheachas do Dhia; agus am fear iùil a tha thu a’ leantainn; ach gabh mise peacach at ta ann an slabhraidhean, agus air mo cheangal ann an cuibhrichean an t-sàtain, agus a tha ullamh gu bhi air mo thilgeadh do dh’ifrinn: mur faigh e an sòlas so air a thabhairt dà, nach ‘eil diteadh air bith dha-san, cha’n abair e gu bràth, buidheachas do Dhia, o a chridhe, air son ni sam bith anns an t-saoghail so. Ach gabh an sòlas so, agus dean a chomh-chuir riut fein ‘nuair a tha thu anns a chor so, feudaidh tu a radh, ‘Thighearn, ‘se so am peacach a’s mò a ghiùlan an talamh riabh; gidheadh, Tha mi tabhairt buidheachas do Dhia tha’n sòlas so agam, ma tha fios agam gur peacach mòr mi, ‘sann as mo shoilleir’ a thaisbeanas tròcair Dhia ann an tròcair a dheanamh orm; agus bheir so ort a radh, abradh daoiné eile na’s àill leo, ach their mise, gu’n d’fhuair mi an tròcair a’s mò a fhuair duine no bean riabh, agus uime sin, tha ma toirt buidheachas do Dhia trid Iosa Criosd mo Thighearn’.

Ach a nis (feudaidh e bhi) gu’m feoraich thu, co-dhiubh a dh’fheudas mise a radh, cha’n eil dìteadh air bith dhomh-sa; oir tha fios agam nach bi mi gu brath air mo dìteadh. Innsidh mi dhuit co-dhiubh a dh’fheudas tu a radh no nach fheud; ach mu’n d’thig mi ‘ga ionnsuidh. Comharrach so. Co iomadh dhuibh ‘sa fhuair riabh an comhfhurtachd so, ‘saithne dhuibh-se gu’m bheil dà ni a chuir riabh bacadh oirbh ann an Dia a mholadh? ‘se a h-aon diubh, an daorsainn anns am bheil sibh nach leigeadh dhuibh idir Dia a mholadh cho cridheil ‘sa b’àill leibh a dheanamh, na’m biodh a chùis leibh air a chaochala’ do dhoigh; uime sin ionnsuich an leasan so, ma bhuineas an comhfhurtachd so dhuit, nach’eil dìteadh sam bith dhuit ge d’ bu tu am peacach bu truaighe anns an t-saoghail uile, na deanadh gu brath sealladh air do thruaighe, do theangaidh a cheangal suas o bhi moladh Dhia, no do bhacadh o a radh, buidheachas do Dhia ann an Iosa Criosd. Agus tha fhios agam gu’m bheil mòran agaibh air am bacadh o bhi moladh Dhia, do bhrigh’s nach d’fhuair sibh fathast bhur cridheacha’ air am fuasgladh; agus uime sin tha thu smuaineachadh nach urrainn thu Dia a mholadh. Ach tha mise ag radh, gu’m bu leòir leat so gu’m bheil fhios agad nach’eil dìteadh air bith dhuit, agus nach tig thu gu bràth a dh’ionnsuidh duibhre an dòrchadais, ge do bhiodh agad co iomadh truaighe air do dhruim ‘sa bha aig duine riabh, biodh so na ‘s leoir (Tha mi ‘g radh) gu’m feud thu a radh, Is maith dhomhsa, tha fhios agam nach’eil dìteadh sam bith dhomh. ‘Nis, gu’n robh Dia tròcaireach dhomhsa agus dhuibh-se mar-aon; oir ‘nuair a fhuair sinn an t-saorsa so, a thairgse dhuinn air iomadh àm; gidheadh cheangail ar peacanna an taobh a stigh dhuinn suas ar cridheachan, air doigh’s nach b’urrainn duinn a radh, buidheachas do Dhia air son so, uime sin bha sinn cronail do Dhia agus cronail do’r n-anama féin. Tha cuimhne agam gu’m bheil e air iarraidh air na beann-taibh gairdeachas a dheanamh, do bhrigh’s gu’n do shaor an Tighearn a shluagh fein; cia mò mhòr ma ta bu chòir dhuinne sinn fein gairdeachas a dheanamh mu’n t-saorsa sin, a tha ‘nar luchd compàirt di? O gu’m b’athne dhuibh ciod e sin a bhi air ‘ur saoradh o ifrinn agus o dìteadh! Oir an sin bu chòir duibh éigheachd ri uile chreutairean Dhia bhur cuideachadh ann an Dia a mholadh, air son sochair do-labhairt bhur saoraidh.

Ach a nis tha mi a’ teachd a dh’ionnsuidh na’m briathran tha mi ag radh, tha e ann an so a comh-chuir ris aobhar a chomhfurtachd anns na briathran so, Nis, ma ta, “cha’n’eil diteadh do’n dream a tha ann an Iosa Criisd.” ‘Se so aobhar a shólaís: Ciod a nis? Am bheil fhios agaibh ciod is ciall do’n fhocal sin, “Cha’n’eil diteadh sam bith dhoibh-san.” Thus’ a tha ann an Criisd, seasaidh tu fa chomhar na caithreach, bithidh leabhraichean do choguis air am fosgladh, agus bheir am breitheamh breith ort; ach cha chuir e gu brath an ceill binn ad’ aghaidh. Esan is e am breitheamh, diteadh e muinntir eile; ach an leithide sin ‘sa tha ann féin, cha dean e an anama-san a dhteadh ni’s mo na ni se e fein a dhteadh. Tha mi a’ cuimhneachadh gu’m bheil an t-Abstol a’ feòrach, Co a dhteas? Tha e a feòrach ri duine, aingéal, agus diabhul, c’aite am bi an neach sin air fhaotainn, ann an neamh, air an talamh, no ann an ifrinn, a dhteas tusa tha ann an Criisd? C’ait am bi am breitheamh air fhaotainn gu so a dbeanamh? An dean an t-Athair e, a chuir ‘o a dheagh-ghean maith fein agus ‘o a shaor-ghaoil a Mhac fein gu bàsachadh air do shon, ‘nuair a bha thusa ad’ namhaid dà? An dean a’m Mac e, a cheannaich thu le fhuil luachmhor féin, agus a bhàsaich air do shon? An dean an Spiorad Naomh e, a bha air a chuir o Dhia gu innseadh dhuit gu’n robh an fhuil air a dòirt-eadh air do shon? An dean na h-ainglean e, a tha air an deanamh na’n luchd frithealaidh dhuit gu comhfurtachd a fhrithealadh dhuit? An dean na naoimh e, a tha air an sàbhaladh leis an fhuil cheudna rinn thus’ a shaoradh? An dean na diabhlann e? Cha dean, oir ‘s maith a dh’fheudas iad a bhi na’n luchd-casaid air na bràithrean, ach cha’n iad na breitheamhna, oir bithidh breith air a thabhairt orra fein; oir tha’n t-Abstol Peadar ag radh, 2 Pead. ii. 4, “Cheangail Dia iad ann an slabhraidean dorchadais, gu bhi air an coimhead ‘an sin a chum damnaidh.” An dean na droch-dhaoinne e? Cha dean, oir tha Iude ag radh, Iude 13, “Gu’m bheil duibhre an dorchadais air a thaigsidh dhoibh gu siorruidh.” C’ait am bi breitheamh air fhaotainn ma ‘seadh? An dean na neamhan no an talamh e? Cha dean oir tha fhios againn, Romh. viii. 22, 23, Gu’m bheil an cruthachadh uile ‘g osnaich, agus am péin gu léir, mar mhnaoi ri saothar gus an àm so: “Agus cha’n e so a mhàin, ach sinne fein mar an ceudna, aig am bheil ceud thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fein, a’ feitheadh ris an uchdmbacachd, eadhon saorsa ar cuirp.” An dean an lagh e? Cha dean, oir tha beul an lagh air a dhruideadh, do bhrigh ‘s gu’n do choimhlion esan an lagh. An dean ceartas Dhia e? Cha dean, oir bhiodh sin ann an aghaidh ceartas, ceartas a dhteadh air son an aon choire. An dean do choguis fein e ma ta? Cha dean, oir bithidh an fhuil na’s labhaire no do choguis. An uiread so air son a chomhfurtachd. ‘Nis ma ta cha’n’eil diteadh sam bith.

Ach co dha, ‘se sin na h-uile bu chòir dhuiinn a bhi faotainn a mach, co dha a bhuineas an comhfurtachd so; ‘s ann dhoibh-san a tha ann an Criisd Iosa. A bhi ann an Criisd, tha sin na fhoical mor, oir cha’n urrainn thu bhi ann-san gus am bi thu air do thabbairt a mach a seann stoc Adhaimh. Their thu ma ta, c’ionnas a bhitheas fios agad am bheil thu ann an Criosd no nach ‘eil? Freagram, ma tha thu ann-san, tha esan annadsa.

Ach their thu, tha sin co cruaidh fathast ri aithneachadh co-dhiubh a tha esan annam no nach ‘eil? Oir na’m biodh fios agam gu’n robh e annam, ann an sin gheibheadh m’anam comhfurtachd agus fois an sin. C’ionnas a bhios fios agad am bheil thu ann an Criosd, agus Criosd annadsa? Oir ma bhitheas tu mach a Criosd, cha’n ‘eil a bheag sam bith ach diteadh siorrudh air do shon, agus thig teine corruich Dhia ‘nuas ort. Is truagh do’n anam a gheibhear na aonar, agus an-aobhinn do choguis through an duine no na mna sin nach ‘eil air an suidheachadh ann an Criosd! C’ionnas a bhitheas fios agad ma ta? Innsidh mi dhuit, bithidh fios agad air leis an rathad anns am bheil thu ag imeachd ann. Mar sin ma ta am bheil do thriall a dh’ionnsuidh na gloir’ ud, a tha gu bhi air fhoillseachadh air neamh, agus a dh’ionnsuidh na fola sin, agus a dh’ionnsuidh an aite comhnuidh shiorruidh sin, agus a dh’ionnsuidh na nuadh Ierusalem sin a ta air neamh? An sin ma ta tha thus air an t-slighe gu Criosd.

‘Nis amhairc co dh’ionnsuidh a tha do chridhe a’ togtadh, agus c’ait am bheil d’ionmhas air a thaigdigh suas? Am bheil do thriall a dh’ionnsuidh neamh? Am bheil do chridhe agus d’ionmhas an sin? Agus am b’ail leat do chridhe a bhi air a lionadh le gairdeachas, sith, agus freantachd ann an Criosd? Ma tha thusa anns an t-slighe a tha treòrachadh gu beatha.

‘San ath aite, amhairc air an fhear iùil a tha ‘ga do threòrachadh; oir tha da fhear iùil an taobh a stigh dhuit. Tha mar-aon an fheoil agus an Spiorad an taobh a stigh dhuit; agus treoraichidh an fheoil thu gu do bhuannachd fein, gu do thoilinntinn, agus do thaitneas fein; ach treoraichidh an Spiorad thu gu do chuid peacanna, gu do thruaighibh, a dh’ionnsuidh na fola, agus a dh’ionnsuidh an duine Criosd Iosa air a dheanamh na fheoil, air a ghineamhuinn ann am broinn na h-oigh, air a chuir na luidhe ann am prasaich, buailteach do gach uile anmhuinneachd as-eugmhais peacaidh, a’ cuir fallus fola anns a gháradh, air a chrochadh air crann, air a thaigdigh anns an uaigh, air éiridh agus air dol a dh’ionnsuidh neamh. Treoraichidh an Spiorad thu a steach troimh na flaithenas, agus treoraichidh se thu a dh’ionnsuidh gaol an Athair, an nì ‘se tobair do shlainte, dh’ionnsuidh rùin neo-chaochaideach do thaghaidh, agus a dh’ionnsuidh na gloir shiorruidh sin. Ach feumaidh mi so fhágail. Ach a chum ni-eigin do dh’fhois a thoirt duibh ann bhur n-inntinnibh gu dol air falbh leis, cha d’thoir mi dhuit ach an da chomharadh so a chum aithneachadh am bheil thu ann an Criosd no nach ‘eil? ‘Se a h-aon diubh, ma tha thu ann an Criosd, ‘an sin tha Spiorad Chriosd annadsa, ‘seadh, tha Criosd e fein annad; agus ma tha Criosd annad, ‘an sin is tusa bean an Uain; agus uime sin cha dean e gu brath do dhiteadh.

Ach fathast their thu, tha mi tric do dh’uairean a leantuinn na feola. Freagram thu, ach am bheil thu a’ smuaineachadh gu’m bheil thu a mach as an t-slighe, an uair a tha thu a’ dol rathad eile nach b’aill le Criosd no le Spiorad Chriosd do threorachadh ann? ‘Seadh, nach teid na caoraich air seachrain? Agus nach bi a pheighinn air a thasgaidh suas anns an sporan air a chall? Nis, ma ta, am b’aill leat fios fhaotain ciod e inntinn an Tighearn a’d’ thaobh féin? Tha mise ann an so a chum teisteas a thabhairt dhuit air, agus am b’aill leat fios fhaotainn nach ‘eil diteadh dhuit? ‘An sin, ma ta, freagair thusa mise, agus cuiridh mise an ceill teisteas Dhé dhuit. Innis dhomh ciod an t-slighe a tha thu a’ dol. Am b’aill leat creidsinn ann an Criosd? Agus am b’aill leat a bhi beò beatha Chriosd? Agus am b’aill leat a bhi ann an neamh, far am bheil Criosd do cheann? Agus am bheil fadal ort airson a bhi chomhnuidh maile ri Dia? Agus am bheil an Spiorad Naomh a’ teachd aig amaibh gu bhi an taobh stigh dhuit, gu labhairt ri d’anam, agus gu radh, Se so an t-slighe, imich thus’ innte? Cha’n e spiorad fallsa tha’n so; cha’n e spiorad mealalta tha’n so, tha ga d’ threorachadh air tus gu do thròcair féin; ‘san ath àite, a dh’ionnsuidh fuil Iosa: agus, ‘san treas àite, a dh’ionnsuidh gaol an Athair; oir ‘se so Spiorad Dhé.

Ach fathast, their thu, tha’n fheòil do ghnà a’ faotainn lamh an uachdar orm, agus gu tric a’ faotainn a bhuaidh. Freagram, Tha ceithir eadar-dhealaichidhean eadar an dream a tha ‘g imeachd a reir na feòla, agus an dream a tha ‘g imeachd a reir an Spioraid.

Air tus, Esan a tha ‘g imeachd a réir na feòla, tha chùrsa do ghnà an t-aon ni, agus cha’n ‘eil e gu bràth air ath’rachadh; ach esan a tha ‘g imeachd do reir an Spioraid, tha e a’ faotainn caochladh air oibreachadh, agus tha e air a thionndaidh a mach as an t-slighe fharsuing a dh’ionnsuidh an t-slighe chumhang, agus tha a shlighe mar is tric’ a dh’ionnsuidh neamh, ciod sam bith mar a dh’fheudas e bhi gu tric air a thionndaidh dheth a chùrsa.

‘San dara h-aite, Tha esan a tha ‘g imeachd do réir na feòla, a’ deanamh a pheacaidh le ciocras, oir tha e a’ smuaineachadh nach faigh e a leòir do pheacadh; ach tha esan a tha ‘g imeachd a reir an Spioraid a’ saoilsinn a pheacanna na thruaighe dha, agus uime sin, tha e na uallach dha.

‘San treas àite, Tha esan a tha ‘g imeachd do reir na feòla, a’ cuimhneachadh a chuid peacanna le gairdeacheas agus aoibhneas; ach esan a tha ‘g imeachd do réir an Spioraid, tha e a’ cuimhneachadh a pheacanna le cràdh agus bron cridhe.

‘Sa cheithreamh àite, Esan a tha ‘g imeachd do réir na feòla, tha ‘m peacadh a rioghachadh ann, agus tha e ga leantainn ge b’e àite a threoraicheas se e; ach esan a tha ‘g imeachd do reir an Spioraid, Is gràin leis am peacadh, agus is truagh leis e féin ‘nuair a tha e air a chomh-éigneachadh gu peacadh a dheanamh; agus ‘nuair a pheacaicheas e tha e a’ guil gu goirt, ‘Nis, gu comhdhunadh, co liutha dhibh aig an àm so ‘sa’s urrainn an cridheachan ‘s an coguisean a thabhairt an lathair Dhé, agus ann an sin fianuis a thabhairt, ag radh, Thighearn, is fianuis thu do m’anam gu’m b’ail leam imeachd do réir an Spioraid; b’ail leam pilltinn ad’ ionnsuidh le’m uile chridhe, anam, inntinn, agus neart; b’ail leam am peacadh a mheas mar mo thruaighe a’s mo, agus na uallach dhomh; agus b’ail leam mo pheacanna a chuimbneachadh le cradh agus bròn, agus le cridhe trom, agus is subhach a b’ail leam am peacadh a bhi air a mharbhadh, a chum’s nach riogh-aicheadh e annam. Co iomadh dhibh s’ a’s urrainn so a radh, ann am firinn ‘ur cridhe, ann an so tha mise a’ tabhairt fianuis duibh, nach ‘eil diteadh air bith dhuibhse; agus uime sin is aoibhneach a dh’feudas sibh a dhol dachaidh a dh’ionnsuidh bhu tighean, agus is aoibhneach a dh’fheudas sibh a dhol a mach air doras na h-eaglais so, agus feudadh sibh a radh, ‘nuair a tha sibh air teachd dhachaidh an diugh, tha slainte air teachd a dh’ionnsuidh mo thigh, tha mi air mo dheanamh am leanabh do Dhia, agus am bhrathair do Iosa Criosd; oir tha mi annsan, agus tha esan annamsa; agus uime sin, cha’n ‘eil diteadh sam bith dhomhsa. ‘Nis, gu’n deonaicheadh an Tighearn dhuibh so, air sgath Iosa Criosd a Mhac, dha-san maile ris an Athair agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile mholadh, urram, agus gloir, a nis agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice