Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » July 1920 » An Fhasach

An Fhasach

Composed while on Active Service in Macedonia, 1917.

M O staid tha nis cianail
‘S nach fhaic mis a’ ghrian mar bu ghnàth,
Anns na làithean bha breagh leam,
‘Nuair bhoisg annam Criosd le’ ghràdh;
Ach a nis’ o na thriall iad,
Gun dh’ iadh ormsa neul agus sgail’;
Theich an samhradh as m’fhianius
S’ thainig geamhradh ro-fhiadhaich’ na àit’.

O nam b’ urrainn dhomh luaidh
Air an aoibhneas a fhuair mi ‘san àm,
Air taobh thall na Muir Ruaidhe
Is Pharoah ‘s mharc-shluagh uil’ air chall,
Gach ni bha dhomh ‘na bhuannachd
Mheas mi iad truailaidh ‘s ro-ghann,
Tre’n t-sólas gun d’fhuair mi
An neamhnuid as luachmhoir’ a th’ ann.
Ach sheid ‘ghaoth à tuath orm
Is dh’fhàs mi ro-fhuar anns a’ ghleann,
‘S le na neoil tha mu’n cuairt
Tha mo cheum is mo ghlusad ro-mhall;
Dh’fhag sud iomadh uair mi
Neo-shuaimhneach ‘s mo bhuaireadh cha ghann,
‘S an nàmhaid ro-luath
‘G imeachd sios agus suas air gach làimh.
Tha mi brònach ‘san fhàsach
An t’ àit ‘sam bheil gàbhadh gach am,
‘S as-credimb ag radh rium
Nach fhaigh mi’ Chanàain ‘tha thall
Tha sud dhomh ‘na chràdh
Is gu h-àraidh ‘gam fhàgail cho fann,
Gus an d’thig orm am mìna
Tha toirt neart dhomh is lànachd air ball.
So a’ mìna tha luachmhor
‘San fhàsach tha fuar agus aog,—
Ta o neamh teachd a nuas
‘S toirt beatha bithbhuan do’n t-saogh’l,
A bhlas tha do-luaidh
Do’n t’ sluagh ud a fhuair dheth gu saor,
‘Sa chreid anns an Uan
A chaidh iobradh dhaibh shuas air a chraoibh.
Ged bhios amhghar ‘nan cuairt ac’,
‘Se ‘n gealladh a fhuair iad le cinnt’
Gun sàsuich an t’Uan,
‘An Canàan tha shuas, iad gun dith;
‘S gach peacadh is truail’achd
A dh’fhag iomadh uair iad gu tinn,
Grad-sgaraidh e uatha
‘S bith ‘n sonas an uair sin gun chrìoch.
‘S tric na neoil anns an fhàsach
‘Cur sgàil orr’ o’n ghràdh tha ‘na ghnus
‘S an peacadh tha ‘ghnàth ac’
Gu h’àraidh ‘gam fàgail fo thùrs’;
Abhainn Iòrdain a bhàis dhaibh
Na sgàth iomadh là fad an cùrs’,
Gus an ruig iad gu sàbhailt
‘Sa faigh iad ‘Chanàan a nùll.

Sin iad saor o gach àmhghar
A b’abhaist an cràdh fad an cuairt, ‘S bròn a bha ghnàth ac’
Air tionndadh gu gairdeachas buan;
Mile bliadhn’ mar aon là
‘Measg an càirdean an lathair an Uain
A steach ann am Pàrras
A moladh an Aird-Righ’ thug buaidh.

Plockton.

ARCHIE ROBERTSON.

Cha’n’eil Diteadh do Phobull Taghta Dhe.

LE MR. Eoin Uelsh.

An t-Searmon mu dheireadh a shearmonaich Mr. Eoin Uelsh an
Eithir, air D’i-màirt—an triamh-la-fichead do mhios mu dheireadh
an t-samhraidh’sa bhliadhna 1605 roimh’na mheadhon là, ‘nuair
a bha e gu a thuras a ghabhail a dh’ionnsuidh Dhunéidin air a
cheart là sin fein; agus air ball an deigh dha teachd an sin, bha
e air orduchadh le comhairle na h-Alba a chum priosan, agus bha
e air a ghiùlain leis a gheaird a dh’ionnsuidh Caisteal Bhlacneiss.
‘Nis gu’n tugadh an Tighearn a bheannachd do fhocal fein agus
gu’n d’thigeadh spiorad Iosa a steach, an t’se ughdar na firinn
so, agus gu’n seuladh e fhirinn fhéin ann bhur cridheachan agus
ann bhur n-anamannan, air sgàth Chriosd.

“Air an aobhar sin cha’n’eil a nis diteadh sam bith do’n dream sin a tha ann
an Iosa Criosd, a tha gluasad ni h-ann a reir na feola, ach a reir an
Spioraid. Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, mise
o lagh a pheacaidh agus a bhais. Oir an ni nach robh a’ comas do’n
lagh a dheanamh, do bhrigh gu’n robh e anmhunn tre’n fheoil, aig cuir
a Mhic fein do Dhia an coslas feola peacaich, agus gu’n iobairt air son
peacaidh, dhit e am peacadh ‘san fheoil: Chum gu’m biodh fireantachd
an lagh air a coimhlionadh annainn, a tha gluasad cha’n ann a reir na
feola, ach a reir an Spioraid. Oir measam, nach fiu fulangais na h-aimsir
a ta lathair, an coimhmeas ris a’ ghloir a dh’fhoilliseachr annainn. Ni
h-eadh, ach anns na nithibh sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh,
trid-san a ghradhaich sinn,” etc.—ROMH. viii. 1, 2, 3, 4, 18, 38.

CHA’N’EIL ach dà ni gu sonruicht’ a tha mi-mhisneachadh
agus a’ tabhairt air leanabh Dhe a bhi fannachadh ri àm a
chuairt’an so; Air tús, Tha truaillidheadch nàduir an taobh a
stigh dha, a tha ‘ga bhacadh bho onair a chuir air an Tighearn
ann an neart a chridhe, agus le saorsainn spioraid, mar a tha e ag
iarraidh a dheanamh, agus a tha tabhairt air a bhi sgith de a
bheatha, agus a tha ‘ga chomh-èigneachadh gu glaothaich a mach
as a thruaighe, agus a bhi iarntuinneach air son fear-saoraidh a
shaoradh e o a bheatha nàdurach, ni a tha na chorpr bàis, a chum’s
gu’m biodh e air ath’rachadh, agus gu’n sguireadh am peacadh
ann. Agus ‘se so a shamhbuil: Duine air a reic fuidh a’ pheacadh,
air doigh’s nach faigheadh e cead an ni a b’ail leis a dheanamh,

ach gu’n robh e air a chomh-eigneachadh gus an ni sin a dheanamh nach b’aill leis; duine aig an robh lagh ann a bhuill a’ cogadh ann an aghaidh lagh inntinn, agus ‘ga thabhairt ann am braighdeanas, air slighe air nach b’aill leis a dhol. Agus ‘se so earrann do chor na’n naoimh gu léir, agus sibhse a tha ann an Criosd’s-aithne agus is léir dhuibh so mar-aon; ach co liutha dhibh’s nach robh riamh fathast air bhur togail suas ann an rioghachd Chriosd, cha’n aithne dhuibhse a leithid so do ni; oir cha’n’eil sibh a’ mothachadh a pheacaidh a bhi na uallach, cha’n’eil sibh a’ faicinn truaighe, ni mó tha sibh a’ mothachadh cogadh an taobh a stigh dhibh. Ach tha e air a chaochladh do dhoigh le sluagh Dhe; tha iad a’ mothachadh cogadh an taobh a stigh dhoibh, eadar an fheoil agus an spiorad, agus tha so a’ tabhairt orra bhi sgith de’ am beatha, do bhrigh’s nach faigh iad cead seirbhis a thoirt do Dhia mar a b’aill leò, no a bhi ann am firinn an cridhe a’ tabhairt gloir do Dhia. ‘Se so a cheud ni agus an ni sonruichte a tha mhi-mhisneachadh leanabh Dhe agus is mò a tha ‘ga bhacadh gu bhi ruith a rèis le gairdeachas agus subhachas.

‘Se’n ath ni, trioblaidean agus croisean lionmhor na beatha so a tha leantuin an deigh clann Dhe agus thug so air an Eaglais eigheach (Dan Sholaimb. i. 4), “Tha mi dubh agus air mo losgadh leis a ghrèin, O a nigheana Ierusalem.” B’e so cor an chinn, agus ‘se so cor a bhuill uile, gur ann trid iomadh amhgharaibh a dh’fheumas iad a dhol a steach do rioghachd neimh. Uime sin thoilich e an Tighearn, da chomhfhurtachd a chuir sios ann an so, mu choinneamh an dà mhi-mhisneach so. ‘Se a h-aon diubh, “Cha’n’eil diteadh air bith do’n dream a tha ann an Iosa Criosd.” ‘Se an aon eile dhiubh, Cha’n’eil mi meas uile thrioblaidean na h-aimsir a, tha làthair, fùth-ail air a ghloir sin a dh’fhoillsear annainn. Ge do tha thu peacachadh gach la, gidheadh cha’n’eil diteadh dhuit-sa ‘tha ann an Criosd, do bhrigh’s gu’m bheil Mac Dhe a’ labhairt air do shon, do bhrigh’s gu’n do bhàsaich e agus gu’n d’eirich e a ris air do shon; agus air son trioblaidean agus croisean, tha na naoimh na’s mò na’n luchd buaidh os an ceann, trid-san a ghradhaich iad mu’n robh an saoghal ann; agus tha dearbhachd aca, nach bi nì sam bith air neamh no air an talamh comasach air an sgaradh o ghradh Dhia ann an Iosa Criosd. Agus ‘se so gu h-aithgear suim a chaibideil so.

Sibhse ‘bha air làthair an so air an latha roimhe, chuala sibh gu’n robh dà ni anns a chaibideil so, (1) aite, comhfhurtachd gu do chumail suas, a chum’s nach fannaich thu fuidh uallach do chuid peacanna; agus anns an (2) aite, solas gu do chumail suas, air doigh’s nach toir croisean agus trioblaidean na beatha so ort fàs sgith ann do chursa, no fannachadh ann do thurus a dh’ionnsuidh neamh.

Mar air son a cheud ni, tha e anns na briathran so a leugh mi, anns a cheud aite, far am bheil an comhfhurtachd fein; agus, anns an ath àite, iadsan do’m buin e. Tha feum agadsa air comhfhurtachd a tha mothachadh uallach a pheacaidh, agus an

daorsa gus am bheil do thruailidheadhd ghin ‘ga do thabhairt, agus is aithne do na Spiorad so maith na’s leoir; uime sin esan do’n aithne inntinn Dhe, agus a ta rannsachadh nithe doimhne Dhè, tha e ag innseadh dhuit ciod i inntinn Dhe ad’ thimchioll fein, agus ‘se so do chomhfurtachd, nach bi fuigheal na truailidheadhd an taobh a stigh dhuit comasach gu brath air do dhiteadh. So an comhfurtachd a tha’n Spiorad a’ tabhairt o an Athair agus o na Mhac, agus tha e ‘ga thabhairt a dh’ionnsuidh lagh do bhuill a tha cogadh ann an aghaidh lagh d’inntinn, ge do bheir e ort beatha thrioblaideach a bhi agad, agus ge do bheir e thu ann am braighdeanas gu peacadh; gidheadh cha dean e gu bràth do dhiteadh, cha dean e gu siorruidh do bhruthadh sios do dh’ifrinn, no do thilgeadh a dh’ionnsuidh dorchadais iomallach.

‘Nis, tha mi ag radh, cha’n’eil an comhfurtachd so air son na h-uile neach; oir ciod am feum comhfurtachd a tha aige-san nach robh riamh fuidh thrioblaid? Do bhrigh’s gu’m bheil lagh ann do bhallaibh-sa a tha ‘cogadh ann an aghaidh lagh d’inntinn, agus a tha ‘ga do thabhairt ‘am braighdeanas gu peacadh, a’ tabhairt ort eas-onair a thabhairt do Dhia; ach tha’n sòlas so a mháin air do shon-sa a tha ‘ga do mhothachadh fein ceangailt ann an cuibhrichean, agus b’ail leat ruith ann an slighibh Dhe, ach cha’n’eil thu ‘ga dheanamh. Na’m biodh tu as eugmhais a’ pheacaidh, an sin cha bhiodh feum agad air a ghuth so a bhi air a chuir an ceill o na flaithneas; oir ‘se am peacadh a mhain a tha tabhairt eagal diteadh: ach do bhrigh’s gu’m bheil peacadh ‘ga do bhruthadh sios gach là, uime sin tha feum lathail agadso air comhfurtachd an Spioraid. Agus air do shon-sa a bhlais air fearg, agus aig am bheil aithne air ciod e sin a bhi creachte deth lathaireachd Dhe gu siorruidh, cha dean naidheachdan eile thus’ a thoileachadh ach sin a tha’n Spiorad a’ foillseachadh anns an fhocal. Ach air do shonsa nach robh riamh fuidh uallach air son do pheacanna, no le mothachadh feirg air son peacaidh, ni naidheachdan eile thus’ a thoileachadh, ge nach cluinneadh tu gu bràth focal mu neamh no mu ifrinn, mu thimchioll beatha shiorruidh, no mu dhiteadh siorruidh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice