LE MR. EOIN UELSH.
(Air a leantuin o t. d. 124.)
ROMH. viii. 1, 2, 3, 4, 18, 38.
A RIS, “Lagh Spioraid na beatha” (oír tha Spiorad agus beatha anns an Tighearn ud a ta air éiridh a bhàsaich air crann, agus tha buaidh na’s leòir ann gu mise a shaoradh o pheacadh agus o bhàs) a ta ann an Iosa Criosd,” (Cha’n’eil beatha ann an ainglibh no ann an naoimh a’s urrainn mo bheothachadh, agus cha’n’eil spiorad a’s urrainn beatha thabbhairt do m’anam, ach Spiorad Iosa a bha aon uair marbh, ach a’ nis a tha beò, agus a’ rioghachadh ann an gloir), rinn e mise a shaoradh. Bha mi am thraill do’n pheacadh agus do Shàtan a roimhe; ach a nis Spiorad na beatha, a ta anns an Tighearn ud a bha air a cheusadh agus a ta air a ghloireachadh, air an d’rinn mise greim trid creidimh, rinn e mo shaoradh o’n traileileachd so; air doigh’s gu’m bheil mi nis air mo dheanamh am’ shaor fhear-baile “de’nuadh Ierusalem sin, o lagh a pheacaidh.” Cha d’fhuair lagh prionns’ riamh a leithid do dh’umhlachd o iochdaran sam bith anns an tìr, ‘sa fhuair am pheacadh uam-sa ann an uile bhuill mo chuirp, gus an do sheall mi air an Tighearna Iosa air a cheusadh, agus ri a bhàs agus ais-eiridh; ‘an sin thug e àithn dhomh, agus thug mise umhlachd dha-san; thug esan gealladh, agus chreid mise; bhagair esan, agus sguir mise. Mar sin, bha mi roimhe am’ thraill air mo reic fuidh na pheacadh; ach a’ nis, a pheacaidh, feudaidh tu a bhi a’d’ ain-tighearn thairis orm, gu thabbhairt orm umhlachd a thoirt duit ann an aghaidh mo thoil; ach cha’n fhaigh thu gu bràth an umhlachd thoileach sin a bha agad roimhe. Agus mu’n bhas.
Tha da bhas ann, bhraithre, a cheud agus an dara bas; labhair e uime anns a cheud rann, far am bheil e ag radh, “Cha’n’eil d’teadh air bith do’n dream a tha ann an Iosa Criosd”; ‘se sin, cha d’theid anama na’m muinntir thaghta gu brath do’n aite ‘sam bheil anama na’n droch dhaoine a’ dol; do bhrigh’s gu’m fritheil na h-ainglean air a muinntir thaghta an uair a gheibh iad bàs, agus giulainidh iad an anama a dh’ionnsuidh uchd Chriosd, far an luidh iad fuidh an altair, gus am bi aireamh am braithrean air an coimhlionadh: ach feithidh na droch spioradan air a muinntir a chuireadh air cùl an uair a bhasaicheas iad, agus bheir iad air falbh an anama a dh’ionnsuidh na’n doimbneachdan gun chrioch a tha’n iochdar na’ h-ifrinn’, far am bi iad air am pianadh gu saoghal na’n saoghal. ‘Nis ma ta, thus a tha ann an Criosd cha bhlais thu gu siorruidh air an dara bás; ach, air son a cheud bhàs c’ionnas a tha thu air do shaoradh? Freagram, tha thu air do shaoradh o’ na mhallachd, agus o ghath a bhàis’ air doigh’s gu’m feud thu imeachd air cùl-thaobh a bháis, agus a dhol a dh’ionnsuidh glòir gun chrioch: uime sin a cheud bhás so, cha bhás dhuit-sa e a tha ann an Criosd, ach na’s roghnaichte is slighe, no aisig e gu dol a steach a dh’ionnsuidh na beatha siorruidh; cha chan mi ach so riut, na’m b’áill leat a bhi cinnteach thu bhi air do shaoradh o’n bhás, an sin feumaidh tu an tús a bhi air do shaoradh o na pheacadh, le lagh Spioraid na beatha, agus feumaidh tu aithne a bhi agad air-san a tha tabhairt an t-saorsainn so dhuit, ‘se sin, an Tighearn Iosa a mhàin. ‘Nis, bithidh mi ag crochnachadh.
Ach so tha mi fágail maille ribh, eadhon mo theisteas air an fhirinn so, a tha air a sgriobhadh agus air a seuladh ‘an so leis an Spiorad Naomh; agus ciod e sin? Tha sibh uile do dha sheórsa, agus tha sibh uile a’ dol air da shlighe, agus tha da fhear-iùil agaibh, agus thig sibh uile a dh’ionnsuidh da chaochladh dh’aite.
‘Ni mi so na’s ro-shoilleir’ dhuibh; tha cuid agaibh ann an Criosd, agus tha sibh aig imeachd anns an t-slighe gu neamh, agus a dh’ionnsuidh Mhic Dhe a tha ‘nis a’ rioghachadh anns na neamhan, agus aig deas-lamh Mòrdhalachd Athair; agus tha cuid agaibh fathasd annaibh fein, agus ann an nadur, oir cha robh sibh riamh anns a Mhac.
‘Nis, sibhse a ta ann an Criosd, agus a tha ag imeachd a chum neamh, tha Spiorad Iosa agaibhse gu bhi na fhear-iùil duibh, agus ‘se an t-slighe dh’ionnsuidh am bheil e g’ur treorachadh, an tús, a dh’ionnsuidh sealladh air do pheacaidh agus do thruaighe.
‘San dara h-aite, treoraichidh se thu a dh’ionnsuidh na fola, agus a chum an Eadar-mheadhonair, agus a dh’ionnsuidh righ-chaithir na’n gràs, a chum an sin gu’m faigheadh tu gràs agus tròcair ann an àm feum.
‘San treas àite. Tha a ‘ga do thabhairt a steach trid na fola, a dh’ionnsuidh gaol an Athair, a chuir am Mac a chum basachadh air do shon, an uair a bha thusa a’d’ namhaid da: a dh’ionnsuidh gradh a Mhic, an Ti, le a bhás, a rinn thusa rèidh ri Dia, agus a shàor o’n fhearg thu: a dh’ionnsuidh gradh an Spioraid Naoimh, a thainig o neamh a’d’ ionnsuidh, a chum sgeul aoibhinn na slàinte innseadh dhuit.
‘San aite mu dheireadh, Tha e a’ tabhairt a mach’ toraidhean maith annad; an leithid agus gràdh, aoibhneas, sith, fad-fhulangas, etc., agus sibhse, a ta annaibh fein, cha’n’eil a bheag agaibh gu’r treorachadh ach gliocas na feola, an ni a ta na naimhdeas do Dhia. Na smuainichibh air son na feola, deir an Spiorad; ach their an fheoil an aghaidh sin. Mar sin tha’n Spiorad ‘ga do tharruing air aon slighe, agus tha’n fheoil ‘ga do tharruing air slighe eile: ‘nis bi’dh aig an da shlighe so da chaochala crioch, fada eadar-dhealaichte o cheile; oir mar a tha eadar-dhealachadh mòr eadar thus’ a tha ann an Criosd, agus thus’ a tha anns an fheoil, thus’ a tha anns an t-slighe gu neamh, agus thus’ a tha anns an t-slighe gu ifrinn. ‘Nis, mar a tha eadar-dhealachadh mòr annta so uile, mar sin tha eadar-dhealachadh na’s ro-mhò eadar iad ann an crioch dheireanach, ann an ais-eiridh, agus ann am breitheanas ri teachd, aig a chrioch.
Thusa tha ag imeachd a réir an Spioraid, mar a ta thu beo ann an Criosd, mar sin bàsaichidh tu ann an Criosd. Air an aobhar sin tha mi fágail na teisteas so maille riut, a tha agam o Dhia ann a fhocal, thusa, a ta air do threorachadh le Spiorad Iosa ann an cùrsa do bheatha, gheibh thusa bas ann an Criosd; agus thusa a tha annad fein, ma dh’fhanas tu mar sin (oir na leigeadh Dia gu’n comh-dhúnainn-se diteadh siorruidh a h-aon agaibh) feudaidh tu pilltinn a dh’ionnsuidh Dhe, agus feudaidh an Tighearn gu h-athgearr, agus ann an tiota, do chridhe a chaochladh, agus is urrainn guth Mhic Dhe, le aon fhocal do thogail o na mairbh, agus a mach a uigh a pheacaidh; agus feudaidh tu a bhi annad fein, ann an nádur, agus anns an fheoil, ‘nis air a mhaduinn so; gidheadh co is urrainn innseadh nach feud thu a bhi ann an Criosd mu’n tig an fheasgair. Air an aobhar sin gu ma fada gu’n robh a uamsa radh mu neach sam bith agaidh gu h-iomlan gu’m bi sibh air bhrur diteadh. Agus ge’ nach do bhlais sibh riamh fathasd air milsead na fola sin, gidheadh gu ma fada gu’n robh e uamsa comh-dhùnadh no a radh, gu’n d’theid sibh a dh’ionnsuidh diteadh.
Ach so tha mi fianuiseachadh dhuibh, agus ann an so tha mi a’ fosgaladh geata’ rioghachd neimh dhuit-sa tha ann an Criosd, agus nach ‘eil ag imeachd a réir na feola, ach do reir an Spioraid. Ach dhuitse nach ‘eil ann an Criosd, ach anns an fheoil, tha mi a’ tabhairt fianuis dhuit, co fhad ‘sa tha thu anns an fheoil, tha geata’ na flaitheanais dhùnte ort, agus tha geata’ na h-ifrinn fosgailte dhuit. Air an aobhar sin (mo bhraithre) tha mi ‘g radh, gu’m bheil àireamh agaibh do nach b’aithne riamh fathasd ciod e sin Spiorad Iosa: Tha mi ‘g radh, cha tabhair mise breith air a h-aon agaibh, ach b’aill leam gu’m biodh sibhse a’ tabhairt breith oirbh fein, a chum’s nach bi breith air a thabhairt oirbh. Ach ann an so tha mi a’ tabhairt fianuis duibh, ma bhitheas sibh beo anns an fheoil, agus gu’m faigh sibh bàs anns an fheoil, cha’n fhaic sibh gu siorruidh neamh. Agus a chum’s nach can sibh anns an la mhòr sin nach d’fhuair sibh rabhaidh, air an aobhar sin tha mi ann an so a’ gabhail na neamhan agus an talamh mar fhianuis, tha mi gabhail na ballachan agus na puist chloich so mar fhianuis, tha mi a’ gabhail a ghrian so a tha ‘dealradh an sud, agus bhrur coguisibh fein, gu bhi na’m fianuisibh eadar sibhse agus mise, gu’n d’innis mi dhuibh uile chomhairle Dhe, co fhad ‘sa dh’foillsich e dhomh e; agus a ‘nis gu’m bheil mi ‘a labhairt na firinn ann an Criosd, agus nach ‘eil mi deanamh breug; thus’ a tha beo agus a bhasaicheas anns an fheoil, gu’m basaich thu ann an ifrinn gu siorruidh suthain. Ann an so tha mi tabhairt dhuibh fianuis air a so, a chum’s nach abair a h-aon agaibh gu’n robh mi am fhear-brathaidh do bhrur n-anama’, ach dh’innis mi dhuibh bhrur cunnart am feadh a bha mi maille ribh: oir c’uime am bithinne ciontach ann am fuil neach sam bith? Uime sin ge nach faigheadh sibh riamh na’s mo do rabhaidh na searmonachadh an dearbh là so, tha mi a’ gabhail na flaithenas agus an talamh, agus an tigh so, mar fhianuisean, gu’m bheil mise saor de’r fuil.
Oir dh’innis mi dhuibh mur bi sibh ann an Criosd mu’n d’theid sibh as an t-soaghal so, agus ma dh’fhanas sibh annaibh féin, ann an staid nàduir, agus anns an fheòil, nach faic sibh gu siorruidh beath bhith-bhuan, ach gu’n tig sibh a chum diteadh. Ann an aghaidh sin, tha mi ‘g radh ruita a tha ann an Criosd, agus nach ‘eil aig imeachd a reir na feola, ach do reir an Spiorad; ge d’ tha corp peacaidh an taobh a stigh dhuit, a tha ga d’ thabbhairt am braigdeanas air iomadh àm, agus ge do tha lagh ann do bhallaibh a’ cogadh ann an aghaidh lagh d’ intinn, agus ge do bhiodh tu air do reic fuidh na pheacadh, agus air do chomh-èigneachadh gus an ni sin a dheanamh nach b’aill leat, agus gus a ni sin a b’aill leat a dheanamh, fhagail gu’n deanamh, fathasd tha mi a’ tabhairt fanuis dhuit, agus gabh an comhfhurtachd so ad’ ionnsuidh féin, ma tha t-iarruis an geall air a bhi aig imeachd do reir an Spioraid, agus ni-hann a reir na feola, bheiream-sa cinnte dhuit nach bi peacadh do nàduir gu bràth comasach air do dhiteadh.
‘Nis, a mheud agaibh’s nach robh riamh ann an Criosd, ‘s nach d’imich riamh do reir Spiorad Iosa, tha mi guidhe oirbh a theachd d’a ionnsuidh, agus abraibh. A Thighearna ionmhuinn, thoir dhomh deoch dheth t-fhuil a chum tart m’anam seargte a chasgadh, agus a chum mo shaoradh o’n fhearg a ta ri teachd; agus thoir dhomh mo làn dheth d’fheòil, a chum’s nach bàsaich mi gu siorruidh; cuir a nuas do Spiorad gu mo treorachadh anns an t-slighe chumhang agus aimh-leathan sin a ta treorachadh gu beatha; pill mi, Thighearna, agus bithidh mi air mo philleadh, iompaich mi, agus bithidh mi air m’ iompachadh. Thighearn, ma’s àill leat, ‘surrainn thu mo dheanamh glan.’
‘Nis, an d’thig sibh g’a ionnsuidh (a mhuintir mo chridhe) oir tha mise a toirt cinnte dhuibh gu’m bheil e na Thighearn tròcaireach, agus thainig e a thearnadh pheacach, agus thug e maitheanas do pheacaich mhòr, agus their e riutsa, ma tha thu ad pheacach mòr, ‘S àill leamsa tròcair mhòr a dheanamh ort; agus ma mhaith mi mòran dhuit, an sin gràdhaichidh tu mi gu mòr.
‘Nis, air do shonsa a tha ann an Criosd a cheana, tha mi a ‘guidh’ ort bi taingeil do Dhia, anns gu’n do thaisbean e dhuit tròcair co mòr, agus dean gairdeachas ann an saor-ghràs a Mhic Iosa Criosd, a cheannaich thu ‘o na pheacadh, agus ‘o ifinn, agus imich àiridh air a ghairm-san leis am bhell thu air do ghairm; fan anns, agus fanaidh esan annad-sa; agus foghlum gach latha do thaghadh a dheanamh cinnteach. Cleachd uile mheadhoinean aoraidh-san gach latha; mar iad so, éisd am focal gu subhach, smuainich air a là agus a dh’oidhche; biodh briathan à ghràis ann do bheul, dean faire agus ùrnuigh do ghnàth, agus anns gach uile nithe bi taingeil, oir is e so toil Dhé ann an Iosa Criosd ad’ thaobh. Rach tric a dh’ùrnuigh, agus ruith le gairdeachas a dh’ionnsuidh an Athair, agus a chum an Eadar-mheadhonair, agus a dh’ionnsuidh fuil a chumhnaint nuadh, agus a dh’ionnsuidh beinn Shion, agus a dh’ionnsuidh an Uain Criosd Iosa: oir na’m b’aithe dhuit cia taitneach ‘sa tha thu dha-san, tha mi cinnteach gu’n gabhdh tu tlachd ann a bhi labhairt ris na’s tric, agus na’s faide na tha thu a’ deanamh.
Agus mu dheireadh do’ na h-uile, na di-chuimhnich Eaglais bhochd Dhia; ach thusa a tha ad’ bhall de’n chorpa sin, tha mi guidh ort gu’n gabh thu cùram mu na chuid eile do bhùill a chuirp sin; dean ùrnuigh air a shon, oir cha’n ‘eil mi aig agairt a bheag oirbh ach ùrnuigh, agus cha’n ‘eil innealaibh eile chogaidh againn ach ùrnuigh. Agus deanaibh ùrnuigh gu’n éireadh an Tighearn suas, agus gu’n deanadh se e féin aithnichte o neamh, agus gu’n dionadh se eaglais bhochd, agus gu’n tilgeadh se a naimhde bun os cionn. ‘Nis cha chan mi tuille, ach tha mi ‘g’ur n-earbsadh uile ri beannachadh Dhé ann an Criosd Iosa. Dha-san, maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile mholadh, urram, agus glòir, uaith so a mach agus gu siorruidh. Amen.