Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » October 1920 » ROIMHRADH

ROIMHRADH

THA sinn air coinneachadh ann an so an diubh ann an ainm ar Tighearn Iosa Criost, Righ agus Ceann Eaglais fein, Tha na coinnidhean so, tha fios agaibh, air an toirmeasg le ùghdaras; ach tha a h-aon a tha na’s mò na iad-san a tha ag àithneadh ann an aghaidh sin a tha iad-san ag àithneadh, agus feumar ùmhlachd a thabhairt do dh’àithn-san.—Fheara, tha gle bheag fòighidinn agaibh air son fras a ghiùlan; ach tha mise a’ smuaineachadh nach biodh e na dhroch bheachd-smuaineachadh dhuibh a smuaineachadh, gur ann o thòcrair an Tighearn a tha e nach e teine agus pronnasc a tha aig an àm so a’ teachd a nuas oirnn, mar a rinn e aon uair air Sòdom agus Gomorah. Ghairm an Tighearn sinn cuideachd air an latha so, agus, ann am measg nithe eile, tha sinne gu ar n-athchuinge a chleachdadh air son gu’n cuireadh e do’r n-ionnsuidh aimsir chothromach; ach ma bheir an Tighearn dhuinn ar mir le dòrn (mar a their sinn gu coitchion), cha’n fheud sinn a dhiùltadh: Agus na’m biodh sibh do rireadh ann an tagair ri Dia, theagamh gu’n aontaicheadh e leibh anns a chùis so.

‘Nis, tha sinn air teachd an so o chaochladh do dh’aitibh, agus ghairm Dia sibh cuideachd a chum cuilm a thabhairt duibh, agus tha sibhse, co fad ‘sa tha e ‘n’ur cumhachd, gu seasamh agus cumail ri bratach an t-soisgeil; agus tha sinne, ann an àinm ar Tigearn agus ar Maighstir ‘g’ur deanaibh-se deadhbheatha aig am bheil croich onaireach ‘san aobhar so: agus cha bhi saothar bhur gràidh dha-san aon-chuidh ann an diomhanas no air a dhi-chuimhneachadh. Ach thugaibh an aire, a muinntir ionmhuinn, gu’m bi na h-uile ni air a thabhairt leibh bu choir a bhi air a thabhairt; thug sibh an so bhur cuirp, ach feudaidh e bhi, gu’n d’fhag sibh bhur cridheacha’ ‘n’ur deigh. O a muinntir ionmhuinn, biodh bhur sùlean air Dia, a chum ‘s gu’n cuireadh e bacadh air bhur cridheacha’; gu’n cuireadh e caithris oirbh ann an aghaidh ni sam bith a dh’fheudadh Dia eudmhor a bhrosnachadh a tha ann bhur meadhon.

AN T-SEARMON.

“Ciod bhur barail’se? an e nach d’thig e chum na fèisde?”—EOIN xi. 56.

THA agaibh anns na briathraibh so ceist agus a h-aobhar. Bha àireamh a thainig suas as an d’ùthaich uile timchioll Ierusalem a dh’ionnsuidh na fèisd; oir aig an fhèisd so bhatonail cuideachd a mach a Israeil uile r’a cheile; agus bha breitheanas agus truaighe air chuir an ceill ‘nan aghaidh-san a dh’fhuitich air an ais, bha iad gu bhi air an gearradh as agus air an cuir a mach as a chomunn. ‘Nis, anns a chomh-chruinneachadh mhor so, tha agaibh cuid a tha coinneachadh r’a chéile; agus ciod e an comh-labhairt? Ciod uime, tha’n comh-labhairt mu thimchioll na gnothuch so. Aon diubh a’ fèorach ri h-aon eile, ciod a tha thu a’ saoilsinn mu’n àm so? Agus ciod a tha thu a’ smuaineachadh mu’n aobhar so? Ciod an seòrsa latha bhios againn dheth? Feudaidh e bhi gu’n smuainich cuid agus gun abair iad, tha eagal orm nach tig e a chum na fèisd. A ris, bithidh cuid, le mòr muinighin, mar gu’m b’eadh, ag radh, gu dearbh cha’n’eil an leithide sin do dh’eagal orm fein. Ciod a tha sibh a smuaineachadh? Cuiribh air falbh an leithide sin do smuaintean, agus na tigeadh iad gu brath na’s fhaide. “Ciod e bhur barailse, an e nach d’thig e chum na fèisde?” Ciod an suim ge nach d’thig e d’a h-ionnsuidh? ‘Nis, tarruingidh mi na rùnaich mi a radh ‘an so a dh’ionnsuidh n’an tri puingibh so, agus labhraidh mi focal gu h-aitghhearr ris gach aon diubh; agus mar sin comh-dhunaidh mi an cleachdadh so, mar-aon do bhrigh ‘s gu’m bheil an la fliuch agusfad air a chaitheamh, agus mar an ceudna do bhrigh ‘s gu’m bheil fathasd mòran r’a dheanamh an deigh dhun bhì ullamh de’ na chleachdadh so.—Agus gabhaidh mi steach an t-iomlan anns na tri puingibh teagaig so.

Teag. 1.—Tha’n Tigearn a’ ceadachadh d’a phobull féin fèisd agus amana fèisde.

Teag. 2.—Gu’m bheil e gu mòr na dbleasdanas air pobull Dè a bhi iarrtasach air son lathaireachd Dhé a bhi aca maillé riu aig a leithid sin do àm.

Teag. 3.—Gu’m bheil lathaireachd Dhé gle thaitneach aig a leithid sin do dh’àm. ‘Nis tha a cheist a’ gabhail a steach iad so uile.

  1. Tha mi ag radh, tha’n Tighearn a’ ceadachadh da shluagh féin cuilm agus laithean cuilm’. ‘Nis tha fhios agaibh gu’m bheil cuilm na’s mò na trà gnathaichte. Tha trà gnathaichte a mhàin air son sàsuchadh agus ùrachadh nàdur; ach cha’n e mhàin gu’m bheil cuilm na deadh thoilinntinn, ach mòran deth mar an ceudna; agus cha’n ‘e mhàin caochlaidh do bhiadhaibh, ach iomadh caochlaidh. Tha cuid de’ mhiosaibh annasach do dh’fhoillsichidhean air Dia tha e ceudachadh d’a phobull féin anns a chuilm so air an talamh. A ris tha féisd na ni òrdail agus cosdail. Tha na h-aoidbean uile ta air an cuireadh, air an cuireadh roimh-làmh, agus cha’n eil iad a’ teachd air an doigh choitchionn mar a dh’ionnsuidh an tràth aig a bhaile. Tha’n Tighearn a’ ceadachadh d’a phobull féin féisd, eadhon a chum’s gu’n toir e dhoibh aobhar aig an fhéisd air son an athchuingibh a dheanamh ris, mar a thug Ahasuerus do dh’Ester. Thainig e a dh’ionnsuidh cuilm ban-righinn-Ester. Tha i a’ gabhail an cothrom air a bhi saor ris an sin, agus a h-athchuinge a dheanamh ris air a son fein agus air son a sluaigh. Mar sin tha an Tighearn a’ ceadachadh cuilm da phobull féin, gu fhetuchainn doibh nach ‘eil esan toileach gu’m biodh iadsan air an cumhagachadh ann an innigh féin. Tha e ‘ceadachadh d’a shluagh féisd agus laithean fèisde, an uair a ta aige mir mòr sam bith obair no fulangas a chum an gairm d’a ionnsuidh. Ann an sin gu gnáthaichte tha aige-san foillseachadh mòr-eigin gu thabbhàirt dhoibh gu an neartachadh agus an daingneachadh. Fhuair na deiscioblan (air a chuid is lugha a’ h-aon-deug dhiubh) a cheud chomhchomuinn mu’n d’thainig an déuchuinn mhór a dh’ionnsuidh an robh iad air an òrduchadh an ni b’e fulangais Chriosd. Mar sin tha an Tighearn ‘gar gairm-ne gu féisd; agus tha an dá sheòrsa sluagh so’ tha ‘ar Tighearn Iosa Chriosd a’ gairm gu feisd maillé ris air an lá màireach, agus bu chòir dhuibhse fheuchainn co-dhiubh a tha sibhse de’n àireamh sin no nach ‘eil.

  2. Tha e gairm a mhuintir ocrach agus thartmhor; agus gheall e dhoibh cuilm. “Tha e a’ lionadh na’n ocrach le nithe maith; ach na saoibhir (no an t-anam làn) tha e a’ cuir air falbh falamh.

  3. Tha e a’ cuireadh na h-uile a ta ann an éigin, a tha coslach ri bàs fhaotainn as-eugmhais lòn, a thainig g’an ionnsuidh fein a mach as an staid eu-ceillidh sin anns am bheil a chuid eile do’n t-saoghal, air dhoibh a theachd a dh’ionnsuidh Chriosd, agus iad féin a thilgeadh air a throcair mi-fhuighail air iadsan a bhi air an tabbhàirt a steach ann am measg a chlann-san. An leithid agus a tha ann an irioslachd ag iarraidh a bhi air an deanamh mar a h-aon de a luchd-tuarasdail. Tha e a’ ceadachadh cuilm air son

an leithidibh sin; tha e a’ ceadachadh cuilm air son a chàirdean uile, mar a tha e againn ann an Dan Sholamh v. 1, “Ithibh, O chàirde; olaibh, ‘seadh, òlaibh gu pailt, O a luchd mo ghaoil.”

‘Nis, ciod i a chuilm a tha’n so, no co dheth a tha i air a coimeasgadh?

I. Tha e air a radh mu na chuilm so anns an sgiobtuir, Mata xxii. 4, “Dheasaich mi mo dhinneir; tha mo dhaimh, agus mo spreidh bhiadht’ air am marbhadh, agus a ta na h-uile ni ullamh: Thigibh-se chum na bainnse.” Cha’n ‘eil eas-bhuidh ni air bith as urrainn sibh a mhiannachadh, ach tha na h-uile ni ullamh; eadhon an deise-bhainnse mu’n cuala sibh, tha i ullamh; an suidheachadh agus an nàdur bu choir a bhi aig comunnaich, tha e ullamh. Air an aobhar sin thigibh sibhse a tha mothachail air bhuir n-uir-easbhuidhean; oir ann an so tha cuilm air son na’m feumnaich; cuilm airson na’m bochdain agus na’m feumnaich; agus na’n anama’ so a tha air am pianadh le ocras agus tart a dh’easbhuidh Iosa Criosd.

  1. Ciod i a chuilm a tha’n so? Is e fheoil agus fhuil: “Oir is biadh d’a rireadh m’fheoil, agus is deoch d’a rireadh m’fhuil.”—’Se so a chuilim, a tha anns an T-seann-Tiomnadh air a gairm, Isa. xxv. 6, “Cuirm do fhion aosda, do nithibh blasda, làn do smior, do fhion aosda, air a dheadh tharruing.” ‘Se so a chuilm gus am bheil an Tighearn ‘gar gairm gu tlachd a ghabhail ann an nithibh reamhair. B’àill leinne gu’n deanadh sibh sibh fein cinnteach gu’m bheil sibh dhiubh-san a tha’n Tighearn a’ cuireadh a dh’ionnsuidh na cuirm so’; oir ma thig sibh as-eugmhais a bhi air bhuir cuireadh, ma shuidheas sibh as-eugmhais frithealaidh aig a bhord-san. Tha e ‘cuir a mach a theachdaran a thabbhairt cuireadh do na doill, agus do na bacaich, agus do na h-uile aig am bheil galair sam bith. Am bheil neach sam bith ann an so aig am bheil gnè ghailair sam bith gu a chuir ann an lamhan Chriosd air son leighis? Tha sibhse air ‘ur cuireadh a dh’ionnsuidh na cuilm: agus is cuirm mhòir i. Chuala sibh mu thimchioll muinntir inbheach, an uair a dheanadh iad cuirm mhòr do dhaoine mòra, air an robh aca mòr fhiachan, ghabhadh iad an cuid ceanglaichean agus an urras an deigh an dinneir agus thilgeadh iad ‘san teine iad, agus mar sin bheireadh iad dhoibh di-searsa shaor dheth an cuid fiachaibh uile co maith rì’n dinneir. Air an doigh cheudna tha ‘ar Tighearn Iosa Criosd a’ deanamh, agus tha e ‘gar gairm air an la ‘maireach a chum itheadh de’ fheoil agus òl deth fhuil; agus a thaille air a sin uile, tha e gu ‘ur n uile cheanglaichibh a thilgeadh anns an teine, agus gu di-searsa shaor a thoirt duibh ann bhuir fiachan uile. Bithidh bhuir n-uile chunntais a ta seasamh eadar Esan agus sibhse air an dubhadh a mach.

II.—’Se ‘n dara ni a bheirinn fainear, Aig cuid do amaibh gu’m bheil aig sluagh an Tighearn mòr ro-chùram’ agus iomadh druigh-eadh dubhach air an spioradaibh, ann a bhi smuaineachadh nach bi Criosd air láthair. Tha so gle thrioblaideach dhoibh. Mo

thruaighe! Cha bhi Criosd ann an so: Cha bhi e co amaideach, gu labhairt mar sin, agus a theachd an so an uair a bheir na Sgriobhuichean’ agus na Phairisich air falbh a bheatha. Ciod uime, a deir neach eile, mur tig e? ‘S beag mo ghnothuch-sa ‘an so. Bithidh e na naigheachd is brònaich’ a bha riamb ann mar bi Criosd ann an so.—’Siad na puingean teagasgail.

Gu’m bheil eadhon aig sluagh Dhe mor eud, agus mòr eagal, nach bi e air lathair maillle riu.

Agus na’m feoraicheadh sibh riu an t-aobhair air son so, their-eadh iad, air son gach iomadh dochair agus eucoir a rinneadh air, tha eagal orra gu’n cum e air chuimhne e. Agus aig cuid do amaibh, tha eagal orra, gu’m feud na boidean briste aig cuirmibh roimhe sin far an robh e air lathair, a bhrosnachadh gu a lathair-eachd a chumail air falbh o na chuirm so: agus feudaidh e bhi, gu’m bheil cuid agaibhse, a mhninntir ionmhuinn, fuidh mhòr eagal nach d’thig Criosd a dh’ionnsuidh na cuilm so, agus a chum bhur nèartachadh. Bu chòir do’n so bhuir cuir gu dichioll agus dian-liosdachd ann a bhi tabhairt cuireadh dha, agus gleachd ris, mar a rinn Maois, ag radh, “Mur d’theid thu maillle ruinn, na d’thoir suas a so sinn.”

‘Nis, Bheir mi dhuibh na h-aobhairean so air son am bheil eagal orra, nach d’thig e a dh’ionnsuidh na cuilme, mar a ta an eagal a’ foillseachadh ni-eigin do dh’eud. Agus,

  1. An droch caramh a fhuair e cheana.—Thainig moran, agus rinn iad miodal ri Dia le’m bilean, agus gidheadh bhuin iad gu cealgach ris ann a chumnant. Feudaidh boidean fallsa a rinn-eadh aig bùird comunnachaidh le cuid a tha’n so, a bhi na aobhar air son nach d’thig e’n so a chum na cuirme.

  2. Tha so mar an ceudna na aobhar, air son nach d’thig e, agus ‘se so e, ciod air bith àite gus an tig e, tha e a’ cuir sluagh do rireadh agus gu d’urachdach a thabbhairt cuireadh dha le’n cridhe. Feudaidh e bhi nach robh sibhse, air an latha so gu d’urachdach a’ tabhairt cuireadh dha le bhur cridheachan: air an aobhar sin tha aobhar eagail nach tig e.

  3. Tha mòran a shuidh sios aig bòrd an Tighearn, a rinn an deigh sin an sail a thogail suas ‘na aghaidh; bha mòran aig comunnachaidhean (cha chan mi o cheann ghoird) a ghabh am bann dubh sin: Thug an leithid sin e fuidh an lamh, air doigh’s nach gabh iad ri teachdairean Chriosd an deigh so, agus nach d’thoir iad dhoibh comb-fhurtachd ùrachaidh sam bith o’n leth a mach. Tha so mar an ceudna na aobhar eagail nach d’thig e a dh’ionnsuidh na cuilm, do bhrigh gu’m bheil co iomadh beinn anns an rathad. Cha b’iad na naimhde a rinn na beannta’ deal-achaidh so, a tha tabhairt air a ghruaim a bhi ruinn; ach is ann do bhrigh na h-iomadh tarcuis a fhuair e ann an Alba, agus ar beag cràdh air son na’n eucoiribh so a rinneadh air. Is ann do bhrigh ‘s nach ‘eil sinne fuidh thrioblaid air son na’n eucoiribh a rinneadh air ann a dhreuchdan, Fàidh, Sagairt, agus Righ; do bhrigh’s gur tearc an dream a bhios fuidh chùram air son na’n

uile bhrisidhean a rinneadh air tigh an Tighearna, agus air son a bhallaibh a bhriseadh sios, agus air son gach uile mhasladh agus dhoirteadh fola; cia tearc iad a tha fuidh chûram air son na’n nithe so uile.—Tha’n Tighearn ‘gar faicinn gun churam air son na nithe so, agus ar beag grâdh dha fein, agus air an aobhar sin cha’n iongantach ge nach ‘eil inntinn aige gu a theachd ‘nar measg. Is tearc iad aig am bheil an “Spiocnard a’ cuir a mach a bholadh taitneach.” Is tearc dh’inn aig am bheil cleachdadh beothail air bith; ‘seadh, is tearc an dream aig am bheil eolas sam bith air leth air am feumas fein: Is tearc an dream agaibh, tha eagal orm, is urrainn ‘ur làmhan a chuir air lotaibh bhur cridheachan fein an diugh, agus an radh, O Thighearn, tha mo leoin ann an so; tha mo phlaigh ann an so. ‘S e ‘n 3 Ceann-Teagaig, Gu’m bheil pobull Dhe gle iarrtunach air son a lathaireachd a bhi aca an uair a tha e a’ deanamh cuirm dhoibh.’ “Ciod e bhur barailsa, nach d’thig e a dh’ionnsuidh na cuirm?” Tha iad a’ smuaineachadh gu’m bheil na h-uile ghloir agus dhealradh air falbh ‘nuair nach ‘eil bhur Tighearn aig ceann a bhtird fein.

‘Nis, deir sibhse, bha sinn ag ionnlaid agus a’ glanadh air son an dol thairis; ach ciod mur tig Criosd a dh’ionnsuidh na cuirm, ciod a ghnothaich bhochd lag a bhios againn deth? ‘Nis, tha a leithid so do reusonachadh a’ ciallachadh,

  1. Mòr iarrais. Tha iad iarrtunach air son a lathaireachd a bhi aca aig a chomh-chomunn, agus tha aobhar air a shon, do bhrigh gur e a lathaireachd am beatha-san. Ann a lathaireachd-san tha lànachd do dh’aoibhneas; air an aobhar sin, a deir Daibhidh, tog oirnne suas solus do ghnuis. Tha dealradh do ghnuis a’ cuir na’s mo do dh’aoibhneas ann mo chridhe na ‘nuair is lionmhoir arbhar agus fion. Air doigh ‘s gu’m bheil na h-uile na’n luidh ann an dealradh gnuis Dhé, agus an uair a tha esan an sin, ‘se sin an cuilm-san. Tha iad gu dûrachdach ag iarraidh a lathaireachd; do bhrigh gu’m bheil a lathaireachd na nì a shuidh-icheas an cridhe, bithidh an Satan a’ gluasad mu thimchioll a chridhe, agus a’ tabhairt sàthadh dha an dràs agus a ris; ciod a stòlas an cridhe anns na coraibh so? Eadhon mothachaidhean air Dia a bhi air làthair.

  2. Mar a ta e a’ suidheachadh a chridhe, mar sin tha e a blathachadh na’n aignidhean. Bithidh sinne marbh ann ar n-ith, marbh ann ar n-ól, marbh ann ar n-éisdeachd, agus anns gach uile earrann de’n aoradh, as eugmhais a lathaireachd-san. Tha beatha ann a lathaireachd-san, agus tha sin a’ tabhairt beatha do na h-òrduighean. Tha eadar-dhealachadh co mor eadar an comb-chomunn sin anns am bheil a lathaireachd, agus an comb-chomunn sin anns nach ‘eil e, ‘sa tha eadar solus agus dorchas. ‘Nis, tha tearc do nithe ann an rathad cleachdaidh a b’aill leam a radh ribh.

  3. Rannsaicheadh an dream leis am b’aill lathaireachd Dhia a bhi aca; agus ma tha sibh a’ sealtuinn air son Dhia a bhi air lathair agaibh, innseam dhuibh gu’n do gheall e tarruing am fagus dhoibh-san a tharruingeas am fagus dha-san, agus bithidh se ach

lathair maille riu-san a dh’rioslaicheas iad fein ann a fhianuis. Ge do tha e na righ, agus an Tì naomh agus ard sin a ta ‘g àiteachadh na siorrudheachd, agus a thigh, an ni nach ‘eil na’s lugha na na neamha’, gidheadh bithidh e air lathair maille ris an dream a ta iriosal agus bruìte: Air an aobhar sin, na’m b’ail leibh a lathaireachd a bhi agaibh, deanaibh coguis do dh’rioslachd.

  1. ‘Nam b’ail leibh a lathaireachd a bhi agaibh, an sin cuiribh na h-uile ni eile a ta mi-thaitneach d’a mach air na dorsan; oir cha’n ‘eil comunn no còrdadh eadar solus agus dòrchadas; eadar Criosd agus Belial. Cha bhi Criosd agus bhuir cuid-se peacanna cuideachd aig an ordugh so. Na’m b’ail leibh Criosd a bhi lionadh bhur cridheachan le gràdh dha féin feumaidh sibh deal-achadh a chuir eadar bhur cridheacha’ agus bhur n-ioidhalaibh. Na’m b’ail leibh lathaireachd Dhé a bhi agaibh, tha an Tigearn ‘g’ur gairm gu grain agus fuath a thabbhairt do gach ni ta olc.

‘San àite mu dheireadh, Tha muinghinn air a chuir an céill anns a cheist so co maith sa ta ‘eagal; agus feudaidd e bhith gu’m bheil comh-stri eadar creidimh agus mi-chreidimh. Tha mi-chreidimh ag radh, tha aobhar eagal nach d’thig e a dh’ionnsuidh na fèisde, agus e bhi air lathair an sin. Tha creideamh ag radh, gu’m bi e air lathair. An orduich e meadhoinean no òrduighean, agus a phobull a dhòl mu’n timchioll air na h-uile cunnart, agus nach bi e air lathair? Cha’n urrainn domh sin a chreidsinn. Bheiream-sa cinnte dhuibh gu’m bi Criosd ‘an so aig a chuilm, do bhrigh’s gu’m feum e a dheiscioibuil fein a chomh-dhaingneachadh air son an tuille fulangais air a shon.— Feumaidh e mar an ceudna fianuis a thabbhairt d’a Eaglais féin aig a chuilm. Tha e na ni gle shòlasach lathaireachd Dhé a bhi againn aig an òrdugh. O a mhuiintir ionmhuinn, gheallamaid lathaireachd Dhé a bhi ann bhur measg, na’m biodh ach coguis air a dheanamh de’ na dhà no trì do nithe so. Agus,

  1. Ghealladh sinn dhuibh Dia a bhi air lathair am maireach, na’m biodh ach cuireadh leis a chridhe air a thabbhairt da an diugh, na’m biodh greim air a dheanamh air iomall eudaich, agus gleachd air a dheanamh ris, mar a rinn Iacob ris an aingear, ag radh, “Cha leig mi a thu mur beannuich thu mi; agus a radh, maille ris a cheile, Feumaidh mi d’ fhaotainn a dh’ionnsuidh d’ ordughean fein, agus do ghnuis a dh’ionnsuidh do naomh-ionad fein; Mar sin na’m biodh cuiridhean leis a chridhe air a dheanamh, an sin bhiodh esan air fhaicinn. Coimeas r’a cheile an’ ceithreamh ‘sa’n cuigean Caibdeil do Dhàn Sholaimh. Tha cuireadh cridheil air a thabbhairt dha anns a iv. Caib’ 16—”Thig-eadh m’annsachd d’a lios agus itheadh e a thoradh taitneach.” Agus Caib’ v. 1—”Ithibh, O chàirde, òlaibh, ‘seadh, òlaibh gu pailt a luchd mo ghaol.” Agus,

  2. N’am b’ail leibh a bhi cinnteach a lathaireachd Dhe aig a chuilm, feumaidh sibh ni-eigin a thabbhairt dà chum bhur gràdh a dhearbhadh dha. Feumaidh sibh iobairt a dheanamh de bhur n-uile iodhalaibh agus pheacanna ionmhuinn. Mur bi sibh ‘gan

taigse uile suas air an oidhche so, mar a rinn Abraham air aon-ghin Mic a b’onmhuinn leis, cha’n urrainn sibh duil a bhi agaibh ri a lathaireachd aig a’ chuilm; ach ma ni sibh an iobairt so, Tha sinn a’ gealltainn dhuibh a lathaireachd. Ann am beinn an Tighearn, bithidh e air fhaicinn gu’m bheil Dia air lâthair a’ tabhairt a ghnùis d’a mhiniteirean bochd fein agus d’a shluagh a ta air an di-mheas agus air an cuir suarach. Ach,

  1. Innsidh mise dhuibh, na’m b’àill leibh lâthaireachd Dhe a bhi agaibh maillè ribh, faiceadh e, gu’m bheil càram oirbh air son a ghloir, agus gu’m bheil sibh a’ roghnachadh Ierusalem os ceann bhur n-aoibhneas is mò, ‘se sin bhur n-iodhal. Faiceadh e dearbhadh air bhur gradh dha, nach e mhàin gu’m feud sibh a radh gu’m bheil gràdh agaibh dha, ach mar an ceudna gu’n d’thoir sibh dearbhadh agus fianuis air dha air an latha so, Ma tha sibh ‘g ‘ur tabhairt fein mar so thairis dà, ‘se sin an rathad, an t-aon rathad, a chum a lathaireachd bheannaichte a shealbhachadh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice