Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » November 1920 » Searmon Allachaidh. LE MR. EOIN UELSH. “Ciod bhur barail’se? an e nach d’thig e chum na feisde?”—EOIN xi. 56. (Air a leantuin o t. d. 188.)

Searmon Allachaidh. LE MR. EOIN UELSH. “Ciod bhur barail’se? an e nach d’thig e chum na feisde?”—EOIN xi. 56. (Air a leantuin o t. d. 188.)

THA sinne ‘n-ar creutairean bochd lag, agus tha againn namhaid eucoireach, agus laidir, a tha do ghna ullamh gu car dochair a thabhairt do’r lamh: agus mar is soleimte tha’n t-ordugh, ‘sann is dripeil a tha esan. Air an là so bha sinn ‘n-ar fianuisibh air iomadh iongantais, ann a bhi faicinn Dhia a’ déilgeadh co caoimh-neil ruinn anns an tir pheacach so. O tha so na iongantas mòr, an deigh co iomadh tair’sa fhuair e, an deigh na claonaidhean dubhach a bh’ann o cheann ghoirid, fathasd gu’ bheil a chridhe do’r taobh; agus ‘siad a bhriathra’ air an la an diugh, “Pillibh d’am ionnsuidh-sa deir an Tighearn.”

Tha mi a ‘cuimhneachadh, agus a chomh-labhairt a bha eadar Criosd agus an dithis dheisciobuil a bha dol do Emaus (Lucas xxiv.), Gu’n d’innis iad dha mu’n fhrithealadh ris an do choinnich iad. Bha e na fhrithealadh gle mheasgaichte; bha mòr dhorchadas ann; agus tha mar an ceudna ni-eigin gealltainneach: agus tha iad ag innseadh do Criosd an earrainn is dubhaich’ dheth an fhrithealadh sin, agus mar an ceudna an earrainn mhilis dheth, ‘se sin, gu’n d’fhuair iad deagh sgeul na’n robh e fior, gu’n d’éirich Criosd’ a ris. Ach bha iad a dh’easbhuidh cinteachas an naigh-eachd mhaith so; a deir iad, cha’n fhaca sinne Esan. Bha againn cùrsa measgaichte do fhrithealaidhean freasdaill o’n uair a bha ‘m bòrd sin air a chuibhrigeadh ann an Gallowa, a leithid do bhòrd ‘sa tha air a chuibhrigeadh an so. Ach feudaidh sinn moran a chluinntinn ag radh, ach cha’n fhaca sinn Esan. ‘Nis, O cháirdibh, tha sibh air teachd ann an so; agus nach d’rinn Dia gu mòr bhur n-eagal a mhealladh? Cha’n eil amharus agam nach feud cuid agaibh a bhi air bhur feuchainn: ach is e Dia a dh’fheumas ‘ur tabhairt troimhe? Ciod a bheir comunnaich troimh co iomadh diabhlai bh cuthaich? Ciod a ghiùlaineas troimhe iad, ‘nuair a ta iad ann am meas lamhan innealaibh an diabhuil, aig am bheil a leithid do chumh-achd? Oir ‘nuair a ta Sasuinn air aon lámh ‘gar sárachadh le’n cuid armachd, agus Eirean air an lámh eile, gu cinnteach cha’n urrainn a bheag an cumail suas ach mòr-chumhachd Dhia? Chuibhrig an Tighearn bòrd, agus thubhairt e ruinne, “Rachaibhse mach a dh’ionnsuibh na fásaich.” Ach cha leig Pháraoh dhuibh imeachd: ach theid sibhse, agus cumaidh sibh féisd do’n Tighearn bhrur Dia: agus so an fhéisd, agus is féisd i do nithibh reamhar. Innsidh mi dhuibh tearc do bhriathraibh labhair Criosd as a bheul fein, agus tha mise a’ saoilsinn gu’m feudadh iad eadhon neach fann air bith ath-bheothachadh.

Tha aon fhocal, agus ‘se sin an ni a thubhairt e ris a bhean a thainig ‘ga iarraidh an deigh ais-eiridh, “Rach, innis do mo bhraithre, agus do Pheadar, gu’m bheil mi air eiridh.” Rach, innis doibh gu’m bheil suidheachadh agam-sa maillle riu. Bha eagal air Peadar nach do dhi-chuimhniche e an ni a rinn e ann ‘áicheadh o’ cheann ghoirid ri aghaidh a naimhde; gidheadh bha caoimhneas araidh aige air son Pheadar; rach, innis do Pheadar; an duine bochd, feudaidh e bhi gur náire leis amharc orms’ anns an eudainn o’n a rinn e co maslach mise áicheadh. Feudaidh muinntir eile gnothach a dheanamh as eugmhaís Criosd air son tamull, ach cha’n fheud Peadar sin a dheanamh. Rach innis do mo dheiscioblaibh, agus do Pheadar. Tha sibhse air teachd ann an so a chum cuilm a chumail maillle ris an Dia mhòr a rinn na neamhan agus an talamh; agus tha e gu cuirm a thabh thabbhairt duibh air milseachd, le milseachd annasach. Ann an so tha cuilm do nithe reamhar. Ann an so tha’n t-aran agus am fion: ann an so tha’n fheoil, agus ann an so tha’n fhuil, air am bheil sibhse gu a bhi air chuirm an diugh; agus mur ith sibh do fheoil agus mur òl sibh do dh’fhuil, cha’n’eil cuid agaibh ann, cha’n’eil beatha agaibh annaibh. Rinn ‘ar Tighearn Iosa Criosd cumhnant ion-mhuinn. Bha’n ceud chùmhnant na chùmhnant cruaidh; agus gidheadh bha mòr aontachd ann; ach tha’n dara cumhnant uile na aontachd (rioslachd); tha e uile na ghrádh; cumhnant aig am bheil so ann, cha’n iarr mi a bheag sam bith oirbh, ach sin a bheir mi dhuibh. Cha’n’eil agaibhse neart, air an aobhar sin bheir mise dhuibh mo Spiorad a chum bhr cuideachadh. Ann an so tha cumhnant milis; agus ann an so tha seulaicheadh a chùmhnant. An uair a bhásaich e dh’fhag e tiomnadh gloirmhor; agus ann an so tha seula an tiomnaidh. “Anns an oidhche ‘san do bhrathadh e, ghabh e aran,” mar a tha sinne a’ deanamh na ainm: agus an deigh dha buidheachas a thabbairt mar a rinn sinne (agus tha sinne a’ beannachadh ainm gu’n cuala sinn riabh an deadh sgeula so, agus air son buanachadh an t-Soiseil) thubhairt e, “gabh-aibhse, ithibh. ‘Se so mo chorp-sa a bhriseadh air bhr sonsa; deanaibhse so ann an cuimhne ormsa.” Ceart mar an uair a tha caraid a’ dol slighe fhada, tha neach eile ag radh ris, tha thu a’ dol air turras fada, feumaidh tu comhara’-eigin fhagail agam-sa a chum do chumail ann mo cuimhne. Mar sin tha Criosd ag radh, so comharadh graidh a dh’fheumas sibh a choimhid, gus an tig mi a ris. Feumaidh sibh a bhi coimhead na Sacramaint so mar a bhios cothrom agaibh, deanaibh so ann an cuimhneachan ormsa. Cuimh-nichibhse ormsa, oir chuimhniche mise oirbhse ann bhr staid ialal; mar a tha e agaibh Salm cxxxvi. 23. “A chuimhniche oirrn’ ann ar staid ialal.” Rinn mise mar so dhuibhse. Ma ta gabbhaibhse rium-sa gu caoimhneil.

“An deigh na Suipeir, air a mhodh cheudna, ghabh e an cupan, ag radh, òlaibhse uile dheth; ‘se’n cupan so an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa. Deanaibh-se so; oir co minig ‘sa dh’iteas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a’ taisbeanadh a mach bàs an Tighearn gus an d’thig e ris.”

‘Nis, a muinntir ionmhuinn, ann an so tha deadh sgéul an deigh na Sárcamaint a chuir an Tighearn an ceill ann a eairail, an uair a thug e an cupan as a làmh fein. Ciod e bha’n sin. C’uime, b’e so e dha dhèisciobluibh; feumaidh sibh mo bhàs a thaisbeanadh a mach gus an d’thig mi a ris. Tha mi a nis a’ dol air falbh do neamh, agus tha gnothach agam a dh’ionnsuidh na rioghachd sin air bhur sonsa, agus ‘se sin a dh’ullachadh àite dhuibh. Ach tha mi toirt cinnte dhuibh, ann uair a chriochnaicheas mi mo ghnothach, agus a dh’fhanas mi am Eadar-mheadhonair, gus an gabh mi ri uile ùrnuighean na’ muinntir thaghta a bhios air an tabhairt o’n Athair dhomh, an sin thig mi a ris, agus bheir mi sibhse a dh’ionnsuidh na h-oighreachd sin a tha mise a’ dol a dh’ullachadh air bhur son. Feumaidh sibh eas-bhuidh mo láthair-eachd a ghiulain air son tamull; ‘s ann air bhur gnothach-sa, agus air bhur sgàth-sa, a tha mise a’ dol air falbh. Ach nach feud sinn comanachadh air son teachd sam bith eile air Criosd ach a dhara teachd? ‘Seadh, feumaidh sinn comanachadh air son teachd Criosd a ris a dh’ionnsuidh Alba ann an cumhachd an t-Soisgeil, mar a chunnaic cuid againn e roimhe so; oir e theachd a ris ni e; cha’n fhad e sinn air an doigh so. Buidheachas do Dhia tha ni-eigin do dh’fhuaim cuibhlíbh a charbaid; tha ni-eigin do chomharan air teachd Criosd a ris a dh’ionnsuidh Alba, mar a tha sibh a’ faicinn ann an so. ‘Nis, a chairdean, bithibh dripeil, oir cha’n ‘eil fhios agaibh am bi a leithid so do thiom agaibh gu bràth tuille; oir a nis tha Criosd a’ crathadh làmh ribh, agus ag radh, biodh gach ni a chaidh seachad air dol seachad, agus biodh comh-cheartas air son an àm ri teachd.

‘Nis tha Criosd a’ teachd d’ur n-ionnsuidh, ag radh, Ciod e an geall a’s aill leibh fhaotainn air son firinn mo ghràidh? Ann an so thug mi dhuibh m’fheòil agus m’fhuil, agus ni-eigin gu ‘ur giùlan troimhe, agus a bhi mar bhat ann bhur làmh trid gleann agus sgàil a bhàis. Ann an so thug mi dhuibh gach ni a tha ann a m’ainm, agus na h-uile ni a cheannaich mi air bhur son. Ann an so thug mi dhuibh na h-uile a ta annam, agus fhuair sibh Criosd air son gliocas, fireantachd, naomhachadh, ionracas, agus saorsa iomlan. O chàirdean, am bheil agaibhse ma ta gairdeinean a chum a ghabhail ann bhur glacaibh, agus cridheachan gu a ghabhail. Tha creutairean bochd cosmhail ri cloinn lè mèuran goirid, aig am bheil an athair a’ cumail a mach sporan mòr òr dhoibh, agus cha’n urrainn iadsan greim a dheanamh air no ‘ghabhail a steach, tha e co mòr. Mar sin tha’ ar Tighearn Iosa Criosd a’ tabhairt na’s mo na ‘ar dùil agus ar n-iarrtais chumhang. ‘Nis tha mi aig àithneadh dhuibh bhur beoil fhosgladh gu farsuing, agus ge b’e co farsuing ‘sa dh’fhosgaileas sibh iad, Tha mi a’ faicinn (deir Criosd) gu’ bheil agam-sa sin nach urrainn sibh a ghabhail a steach, agus a tha thar bhr creideamh, ge b’e sam bith co mòr’sa ta e air a dhaigneachadh; gidheadh tha mi’g’ur faicinn a’ gabhail greim air a sin a tha os bhr ceann. Ma ‘seadh, O a chreid-mhaichean, guidheam oirbh, sibhse aig am bheil beò annaibh, an t-oran goirid sin a sheinn, Salm ciii. 3, “Beannaich an Tighearn, O m’anam, agus na di-chuimhnich a thiodhlaicean uile, ‘Se mhaithreas dhuit do pheacanna gu leir, a shlánaicheas t-euslaintean uile,” etc. Agus tha òran eile a dh’fheumas sibh a sheinn, agus s’e sin an t-òran os áird. O àirde, fad leud, agus doimhne gaoil Dhia a ta ann an Iosa Criosd. Agus deir am fáidh Micah, vii. 18, “Co a’s Dia ann cosmhail riutsa, a mhaithreas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air eusaontas iarmaid ‘oighreachd?” Mar so seinn, O chreidmich, air inneal cuil na’n deich teud: abair ris, O cia mòr na nithe a rinn thu air mo shon! Agus faiceadh e gu’ bheil agaibh ni-èigin do dhruighidhean deth a mhaithreas. O chàirdean Chriosd, tha sibh air teachd an so, agus bithidh sinn co truacanta mu’r timchioll as a bhi’n dochas, ged a bhiodh sibh a nis toilichte gu bhr fuil a thaigse mar iobairt air son a shoiseil, gu’n teid sibh dhachaidh as eugmhais drop a dhoirteadh dhi; ach ghabh esan an toil air son a ghniomh.

Tha sinn air ar dion leis a charaid a’s fearr, am fear-pòsda a’s fearr, am maighstir a’s fearr, agus an leighich a’s fearr, a bha riamh ann. O dlùthaicheadh bhr n-anama ris; agus ged nach ‘eil an Tighearn a tabhairt dhuibh a leithid do cheadachadh co farsuinn a’s bhi diomhan, fathast thugaibh fainear bhr n-obair. Tha’n Tighearn do ghnath a’ tabhairt biadh agus obair d’a dheiscioblaibh fein; agus buidheachas do Dhia air a shon. Tha e toileach gu’n d’thugadh sibh obair dha ri dheanamh ann an cosdas a chumail ribh. Cha mheasadh sibh e na dhuine uasal a chuireadh a mach duine a chum a sheirbhis, agus a theireadh ris, “a dhuine, gabh do chosd á do phócaid fein.” Ni-headh, a deir Criosd, “bheir mise bhr cosdas dhuibh.” Ma dh’fheumas sibh mòran, bheir mise mòran dhuibh. ‘Seadh, bheir mi dhuibh glòir mar an ceudna; agus ciod e tuille a b’áil leibh fhaotainn? Gheall ‘ar Tighearn Iosa so, agus feudaidh sibh-se a chumail ri a ghealladh.

‘Nis, a chairdean, ged ‘tha mi ‘g-innseadh so dhuibh, cha’n fheud sibhse leapaichean itean a ghealltainn dhuibh fein gu luidhe orra; ach feumaidh sibh a bhi cosmhail ri bhr maighstir, agus tha e gle chothromach gu’m biodh e mar sin.—Tha moran do dh’anama ann nach ‘eil a’ cunntadh an cosd; tha iad an duil nach bu chòir do chuing Chriosd a bheag sam bith trom, no a bhiodh na uallach do’n fheoil a bhi innte. Tha sinn a’ faotainn Criosd fein a’ comharrachadh a mach am mearachd so; Lucas ix. 23. Bha sluagh mòr ‘ga leantuin, agus tha esan a sealltain, mar gu’m b’eadh, thar a ghuailibh, agus ag radh, c’aite am bheil iad so gu leir a’ dol? “Ma thig neach sa’m bith as mo dheigh-sa, àich-eadhadh se e fein, agus togadh se a chrann-ceusaidh gach lá, agus leanadh e mise.” Ach imichibh ann an sith, agus gu’n robh Dia na siothchaint maille ribh.

(Ri leantuin.)

Peacadh is Siorruidheachd.

Cha’ n’eil taitneasan a pheacaidh ach re seal, ach tha pianntan nan aingidh siorruidh. Tha cuirm na’m peacach goirid, ach tha’n cunntas fada. Bu mhearchd mhòr do Origen a smuaineachadh, gum biodh a mhuinntir dhamainnte air an leigeadh as, an deigh mile bliadhna do dh’fhulang: ‘Sann tha chnuimh, an teine, am priosan siorruidh. “Agus bithidh deatach am péinesan ag éiridh suas gu saoghal nan saoghal” (Taisb. xiv. 11). ‘Se th’anns an t-siorruidheachd cuan gun ghrunnid gun bhruaich. An déigh muilleanan do bhiadhnaibh cha bhi aon mhionaoid dhe’n t-siorruidheachd air a dhol seachad—agus feumaidh a mhuinntir dhamainnte a bhi a chaoidh a losgadh, ach gun a chaoidh air an caitheamh—a ghnàth a bâsachadh, ach gun a chaoidh a bhi marbh. “Iarraidh daoinne am bàs, ach cha’n fhaigh iad e; agus bithidh déidh aca air bàsachadh, ach teichidh am bàs uatha” (Taisb. ix. 6). Tha teine na h-ifrinn dhe’n nàdar sin nach bâth sruthaibh do dheoir e —cha chuir fad ùine crioch air—bithidh soitheadh feirge Dhé a sir shileadh air a pheacach. Oh, a Shiorruidheachd! a Shiorruidheachd! co as urrainn do thomas? Tha an luaidhe is an sreang aig maraichean gu doimhne a chuain a thomas, ach ciod an luaidhe is an t-sreang a ghabhas sinn gu doimhne Siorruidheachd a thomas. Tha anail an Tighearna a lasadh an teine ann sa chuan iochdaraich, agus ciod an uidheam leis am bâth sinn an teine ud. Oh, a Shiorruidheachd! Na’m bitheadh an talamh agus an cuan agus an fhàile gu àirde nan speur air an tionndadh gu gainmheach, agus gu’n d’thigeadh eun beag aon uair ‘sa mhile bliadhna, agus gu’n tugadh e leis an deicheamh cuid do ghràine, ciod àireamh do-airimhte do bhiadhnaibh a ghabhadh e a toirt a mheill uile leis. Gidheadh, aig ceann na h’ùine, na’n d’thigeadh am peacach a mach a ifrinn bhiodh dòchas éigin ann, ach th’ a’m focal sin “gu saoghal nan saoghal” a bristeadh a chridhe. “Agus bithidh deatach am péine-san ag éiridh suas gu saoghal nan saoghal.” Ciod an t-uamhas a th’ann an so do’n aingidh, gu leoir gu fallas fuar a tharruinn air gach mìr dhe, a smuaineachadh fhad sa tha Dia siorruidh gu bheil e beò gu dioghaltas a ghabhail air na peacaich.—Watson.

Oh, PHEACAICH! an ruidh thu steach do’n t-siorruidheachd gun mhaithneasas gun slàinte! gu meagachadh maille ris a mhuinntir dhamainnte agus gu bhí a d’ bhall-magaidh aig Diabhuil?

Tog do chridhe nis ri Dia air son tròcair—”FEUCH UAN DE A TA TOIRT AIR FALBH PEACAI DH AN T-SAOGHAIL.”—Eoin i. 29.

WHAT are all the stained glories, the fading beauties, of this world?—of all that the devil showed our Saviour from the mount? What are they in comparison of one view of the glory of God represented in Christ, and of the glory of Christ as His great Representative?—John Owen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice