Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1920 » December 1920 » BORD VI

BORD VI

THA dá rùn aig an diabhul, air doigh ‘s mur amais a h-aon diubh nach mearachdaich an aon eile. ‘Se a h-aon diubh a bhi bacadh coimhlionadh dleasdanais: agus na’m faigheadh e a thoil ann an so, cha lùbadh neach air bith gu bràth a ghlùin do Dhia; cha d’thigeadh neach air bith ga bràth a dhionnsuidh òrdugh Dhe. Ach an uair nach freagair a chrioch so, air do choguis an duine, a bhi air a dùsgadh, agus an agairteas a bhi co làidir, is gu’m bi e na fhear-aidich, agus gu’n tig e dh’ionnsuidh nan òrduighean; ann an sin ‘se’n ath ionnsuidh a bheir an diabhul an obair sin a mhilleadh, a thabhairt air a mi-naomh-achadh. Thugaibh an aire, a mhuiintir ionmhuinn, a nis, oir suidhidh sibhse gu mi-chùramach, ach tionndaidh esan sibh thairis aon doigh no doigh eile. Tha na h-uile neach dha’n aithne gu’m bheil e mealladh, fiosrach gu’m bheil e ullamh gus a chothrom a ghabhail dibh.

‘Nis, a chreutairean bochd, tha sibh air teachd an so air chrith, agus, math-dh’fheudta, nach ‘eil fhios agaibh ciod a ni sibh: cha dàna leibh fuireach air falbh, agus cha dàna leibh a theachd air aghaibh. Tha sibh a’ faicinn cuilm mhòr ann an so; agus gidheadh tha sibh fuidh eagal nach ‘eil agaibh an deise bhainnse, agus mar sin nach ‘eil sibh uidheamaichte gu coinneachadh ris an Tighearn mhòr. Tha sibh gu beathachadh eadar an dithis so, cha dàna leam a theachd, agus cha dàna leam fantuinn air ais. Ach tha mise ag radh riut, oidhearpaich, oidhearpaich, a pheacaich; oir ‘se so rathad is tearuinte. B’ail leam gu’m biodh sibh, cosmhail ri Iob, a’ cuir oirbh rùn laidir. Agus ciod e sin? “Ge do mharbhadh e mi, gidheadh cuiridh mi mo dhòchas ann.” Chuala mi mu thimchioll iomadh ni maith a rinneadh le Criosd; agus chuala mi gu’n d’oibrich iomadh slàinte’ pheacach, agus gu’n d’fhuaire iomadh beannachd uatha; uime sin thig mise da ionnsuidh mar an ceudna, agus cleachdaidh mi creideamh air mar bhat gu m’ thaic a leigeil air, agus gu mo chumail suas. “Esan a thig am’ ionnsuidhsa cha tilg mi air chor sam bith a mach e.” Cha ruig mi leas eagal a bhi orm. Tha na’s mò anns na briathran na shaollear a bhiannt’ aig a cheud sealladh; tha iad a’ ciallachadh, ni mi e gle dheadh-bheatha, ‘se sin, cho deadhbheath’ta ‘sa dh’iarraas a chridhe, ciod sam bith a chor. Deanadh esan a tha mothachail air a chor peacach agus truagh, agus a tha ‘g iarraidh a bhi mach as, a chreidsinn, ge b’e air bith, co olc, gu’n dean mise e deadh-bheatha. A pheacacha bochd, am b’ail leibhse Criosd a bhi agaibh? Ciod a b’ail leibh fhaotainn? An saoil sibh gur urrainn an Soisgeil a bhi na’s mò na tha e? Am b’ail leibh beatha fein a bhi agaibh air seol na’s fhuras na tha e ‘ga thairgse? Nach dubhaint e, “Co sam bith leis an ail, thigeadh e agus gabhadh e do dh’uisge na beatha gu saor.” Cuiribh a dh’ionnsuidh fhocail fein e, agus thigibh air bhrunn-aghaidh, sibhse a rinn cumhnant ris. Cha’n urra sinn iadsan a chuireadh nach d’rinn cumhnant ris a theachd, ach air bhrucunnart, oir co cinnteach ‘sa tha sibh aig ith agus ag òl aig a bhòrd so, tha sibh ag ith agus ag òl damanadh duibh fein. Ciod e am buintinn a bha againn ribh air an la an dè, ach a bhi ‘g’ur cuir ann an ni-eigin do choir gus a chumnant a sheuladh; uime sin feumaidh sinn a shaolsinn gu’m bheil sibhse dhuibh-san a dhùin a steach ann an coimhcheangal ri Criosd. Mar air bhrusonsa nach d’rinn so—Mar nach b’ail leinn a bhi ciontach a corp agus fuil Chriosd, nò eiridh suas fuidh phiantaibh lasraichean siorruidh, thoirmisg sinn dhuibh blasadh air an aran sin, no air a chupan sin; oir cha’n’eil còir agaibh air, cha’n’eil annaibh ach coin, agus ‘se so aran na cloinne. Tha ar Tighearn na Thighearn fialaidh; agus gu a leigeil fhaicinn duibh nach e briathran falamh leis am bheil e a’ beathachadh a shluagh fein, “Anns an oidhche ‘san do bhrathadh e, ghlac e aran, agus bhris se e, agus thug e do dheiscibuil e an deigh dha buidheachas a thabhairt,” (mar a rinn sinne ‘na ainm) ag radh, “gabhaibh, ithibh, ithibh-se uile dheth. ‘Se so mo chorp air a bhriseadh air bhrusonsa.” Eadhon sibhse nach b’urrainn gu bràth a leithid do ni a thoilltinn, ach a rinn mise a bhrosnachadh gu comharan m’fhabhair a tharruing air falbh uaibh, O a luchd-a-chul-sleamhnaich, a dhaoine bochd lag, a tha air bhrur cuairteachadh le iomadh buaireadh. Bha an t-aran so air a bhriseadh air son bhrur neartachadh agus bhrur cumail suas. Mar an ceudna “An deigh na Suipeir ghabh e a cupan, ag radh, ‘se so an Tiomnadh nuadh ann am fhuilsa, òlaibhse uile dheth. Deanaibh-se so ann an cuimbneachan ormsa; oir cia minic ‘sa dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’olas sibh an cupan so, tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an d’thig e ris.” ‘Se so an fhuil a bha air a doirteadh air son maitheanas pheacanna mhoran, cha’n ann air son uile pheacanna na’n uile dhaoine, ach air son peacanna a mheud ‘san do chumbnantaich an t-Athair air an son ann an coimbcheangal an t-saoraidh. Thug an t-Athair dha àireamh na’n uile, agus thug e gealladh dha anns a choimhcheangal, gus an d’thigeadh na h-uile a thug e dha d’a ionnsuidh.—Rinn Criosd cumhnant ris an Athair, gu’m biodh na h-uile neach a thigeadh, air an deanamh deadh-bheath’; agus gheall an t-Athair gu’n treoraicheadh esan iad; agus mur biodh iad toileach a theachd, gun tarruingeadh esan iad troimh ifrinn, mur nach deanadh an dad sam bith eile an gnothach riu. Agus,

1. B’ail leam gu’m biodh sibh air bhrur cleachdadh gu ceart.

Na’m biodh sibh ann an leithid do shuidheachadh a’s bu chòir dhuibh, bhiodh briathran trioblaideach dhuibh; theireadh sibh, a mhinishiteiran, cumaibh bhrur tosd, agus leigibh dhuinn a shealbhachadh le’r bilibh an greim milis so a dh’ullaicheadh dhuinn. Ach tha fhios againn gu’m bheil againn r’a dheanamh ri sluagh aineolach agus baoghalta; air doigh ‘s na’n sguireadh sinn do labhairt, gu’n rachadh iad air seachran le’n suilean, agus gu’m biodh smuaintean amaideach agus faoin aca. Uime sin feumaidh sinn labhairt ribh, ge do b’ail leinn cead a thabhairt duibh a bhi na b’fhearr air bhrur cleachdadh, agus sguir deth bhi ag eisdeachd, agus a bhi comh-labhairt ri Dia. Biodh aige ni-eigin deth bhrur cridheachan a’ labhairt ris; oir innsidh mi dhuibh, gu’m bu choir da bhi na àm dripeil am feadh ‘sa tha neach na shuidhe aig bord comunachaidh, agus bu chòir da bhi gu maith air a chleachdadh. Cia mar a ni mi? deir thusa. C’uime, rannsaich trid uile oisinnibh do chridhe, agus thoir a mach gach aon do d’ana-miannaibh agus do ‘d iodholan gu ceartas. Dhe; agus abair, a Thighearna, thoir buille dha’n so: Thighearna, thoir do m’fhearg, m’ardan, m’inatinn fheolmhoir, agus do m’uile mhiannaibh eile, buille, Thighearn ann an so tha m’ana-mhiann, am peacadh ud, agus am peacadh ud eile: cuir as doibh, agus buadhaich orra air an là so. Oir ann an so tha mi ag aontachadh gu’m bi na h-uile ni air a cheusadh a bha oilbheumach dhuit-sa anns an àm a chaidh seachad.

2. Mir obair, an uair a tha sibh aig bord comh-chomuinn, is e sin, gu’m bu choir dhuibh a bhi dripeil ann a bhi ‘g iarraidh.

Ghabh ar Tighearn Iosa so air fein, agus tha e ‘ga chuir an ceill, “Iarraidh, agus bithidh e air a thabhairt duibh; siribh, agus gheibh sibh; buailibh, agus fosgailear duibh. Ann an so tha a chuilm fhion aig ar Righ: Agus mar a thubhairt Ahasuerus ri Ester, “Ciod e d’athchuinge?” Slr, iarr, agus bithidh se air a thabhairt duit, eadhon gu leth na rioghachd. Ach iarr thus rioghachd iomlan: Iarr slait-rioghail, crùn fireantachd, agus crùn glòir: Iarr ni-eigin air son na h-eaglais agus obair Dhe. Iarr gu’n d’thugadh an Tighearn buille do naimhde neo-chiosnaichte. “Iarr, agus bithidh e air a thabhairt dhuit, eadhon gu leth na rioghachd.” Cha’n’eil a h-aon agaibh ris nach can e, cha chum mi sibh aig an dorus, oir ghlac mi air làmh sibh; agus ghabh mi seachad air bhuir n-aingidheachd; agus a nis tha sinn ann an staid càirdeas: tha mi toilichte gu comhara’ dearbhta a thabhairt dhuibh uile; oir tha a mhiann òrm nach bi sibh amhurasach mu’m thimchioll: air an aobhar sin cuiribh thuige mi: “Iarraibh, agus bithidh e air a thabhairt duibh; siribh, agus gheibh sibh; buailibh, agus fosgailear dhuibh.”

3. An treas focal a tha agam ri radh ribh is ann do thaobh cleachdadh gle fhreagarrach air son an leithid ‘sa tha na’n suidh aig bord-comuinn; agus ‘se sin iòngantas;

gabhaibh iòngantas ris-san; gabhaibh iòngantas ri ‘ghradh-san, agus ri meud a ghraidh-san, ri fhoighidinn, agus ri saorsainn a ghaoil-san. Bithibh gu mor air bhuir cleachdadh ann a bhi gabhail iongantas ris.

4. Bithibh gu mor air bhuir cleachdadh ann an ùrnuigh agsu ann am moladh.

Ma tha ‘bheag sam bith air fhàgail anns an anam, eigh a mach. “O m’anam, agus gach ni a ta’n taobh a stigh dhiom, beannaich an Tighearn.” Biodh sin na chleachdadh dhuibh. Rannsaichibh agus faicibh, cia mar a chòrdsas an chleachdadh sin, a tha do ghnàth, a’ dol air aghairt anns na flaithenas ribh; oir bithidh “gairdeachas anns an Tighearn na neart dhuibh.”

Gu dearbh, mo chàirdibh ionmhuinn Criosdail, cha mhaith is urrainn sibh a dhol thar bhuir ceadachadh, ‘s maith a dh’fheudas sibh a theachd gearr air. O ach tha ar ceadachadh-ne mor! Tha Dia a’ ceadachadh nithe mora d’a phobull fein; agus tha e a ceadachadh dhoibh creidsinn, agus nithe mora iarraidh air.—Agus tha mi a guidhe oirbh a bhi ag ullachadh air son stoirmibh: oir gu cinnteach thug an Tighearn d’a phobull fein iomadh mòr mhealladh ‘nan duil. Agus tha aon ann air an là so, do bhrigh’s gu’n do cheangail e suas na neulaibh, agus sin ann an aghaidh cúrsa nádair agus a h-uile so-dheantachd. Bha mor choslas uisg’ air an raor agus air a mhaduinn so, Cheangail e suas na neulaibh so, a chum’s gu’m biodh fios aig an t-saoghal gu’m bheil meas aig air moran a tha ‘n so.—O mhuinntir ionmhuinn, am foillsich esan a spéis fein mu’r tiomchioll air co iomadh doighibh, agus nach foillsich sibhse bhuir speis dha-san? Gu cinnteach tha iomadh ann an so, nach ól a so suas do thoradh an fhionain, gus an ól iad nuadh e ann an rioghachd an Athair air neamh. Tha mòran ann an so a thèir, cha’n ‘eil iomgain orm ciod air bith co luath ‘sa bhios sin, na’m bithinn air mo chuideachadh gu tearuinte thar na mara, agus nach deanainn lóng-bhristeadh anns an dol o thir.

Cha’n’eil speis agam cia co luath ‘sa bhitheas a chùis mar sin, oir tha mi a’ faotainn am fion ann an so làn do mheasgadh; tha e air mheasgadh le uisge.—O chárde, na’n robh sibh gu neamh fhaotainn air son tamull beag, ged nach biodh ann ach ré ùin aon latha Sàbaid, ann an so air an talamh, am bheil sibh an dèil gu’m b’urrainn sibh a ghiulain? Ni-beadh, ‘s beag nach cuireadh neart a ghàirdeachais sin bhur n’anama a mach as bhur corpaibh. Air an aobhar sin, thomhais e’ur n-aoibhneas mar a tha sinn comasach air an giulain. Bhàsaich cuid fuidh uallach do ghàirdeachas, co maith ‘sa bhàsaich cuid eile fuidh uallach do bhròn. Uime sin co luath ‘sa bhitheas sibh abuich bithidh sibh air bhur tabhairt dhacaidh a dh’ionnsuidh a lùchairt-san. Air an aobhar sin bithibh do ghnath dheanadach, agus gu’n robh an Tighearn maillle ribh. Tha agaibh obair mhor, ach tha agaibh mar an ceudna uigheamachadh mòr air son na h-obair sin. Thug e dhuibh beatha shiorruidh, agus chuir se e ann an lamhan Chriosd a chum’s gu’m biodh i cinnteach, air doigh ‘s nach ruigeadh an diabhul oirre, no nach d’thugadh e air falbh i. Uime sin rachaibh d’a ionnsuidh-san, agus iarraibh air-san a bheatha sin an uair a gheibh sibhse sibh fein a’ fas marbh. Rachaibh d’a ionnsuidh-san a rinn an t-anam, agus a tha ‘ga chumail beo. Rachaibh d’a ionnsuidh-san as urrainn bhur cumail beo; oir cha dean comuinean an gnothach, mur bi feartan nuadh o neamh a leagail a mach air bhur n-anama.—Uime sin tha sinn ag earalachadh oirbh a dhol g’a ionnsuidh, mar neach a ghabh sibh air lamhan. Na rachaibh d’a ionnsuidh a’ crochadh sios bhur cinn, ach rachaibh d’a ionnsuidh mar bhur n-“Athair a ta air neamh.” Rachaibh d’a ionnsuidh le’ur n-ùrnuighean. Thigibh le dànachd, agus iarraibh trocair air son na chaidh seachadh; agus iarraibh gràs air son an ùin a tha ri teachd. Thigibh air falbh d’a ionnsuidh ma ta, a chum’s gu’m bi aig an t-Sàtan agus aig an t-saoghail ri radh, gu dearbh, tha sinn a smuaineachadh gu’n do ghlac Chriosd agus a mhuinntir ud lamhan a cheile; agus gu’m bheil ath-nuadhachadh air a ghnothach. Rachaibh air falbh, agus gu’n robh an Tighearn maillle ribh, agus a’ dol maillle ribh. Chrioch.

NEBUCHADNEZZAR writes his own name upon his palace, and leaves God’s out: “Is not this great Babylon that I have built?” Proud wretch! was not every stone cut out of God’s quarry? and did he not come upon God’s ground for every morsel of sand? Thus the atheistical husbandman giveth his plough and dungcart more thanks than the God of heaven. Some, rather than God shall have the praise, will give it to any other. Thus, Pope Adrian, on the gates of a college which he built, abuseth God with Scripture language: “Utrecht planted me, Louvain watered me, and Cæsar gave the increase,” which made one write under, Nihil hic Deus fecit, “God did nothing here.” I like that form which a good man used to his friend for kindness: “I bless God for you, I thank God and you.”—Gurnall.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice