Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1921 » January 1921 » Searmon: “Agus ma’s ann air eigin a thearnar am firean, c’aite an taisbean an duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e fein.”—I PHEAD. iv. 16

Searmon: “Agus ma’s ann air eigin a thearnar am firean, c’aite an taisbean an duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e fein.”—I PHEAD. iv. 16

A Rinneadh a Shearmonachadh aig Bogle’s Hole, ann an Sgireachd Mhoncland, an iar Chlydesdale.
LEIS AN URRAMACH MAIGHSTIR EOIN WELWOOD.

THA e na chuis mhòr do dhuine a theachd a dh’ionnsuidh Fhlaitheanas, eadhon air son duine a tha gle dhùrachdach agus dìleas. Tha e fior gu’m bheil moran an dùil a bhi air an tearnadh; ‘seadh, tha mi a’ smuaineachadh gur teirc an dream ‘n’ur meag aig nach ‘eil dùil ri dhòl do fhlaitheanas. Ach tha eagal orm nach d’theid an deicheamh, ‘seadh, am ficheadamh duine dhìbh an sin; ‘seadh, saoilidh eadhon daoine gle mhi-naomh agus aingidh gu’n d’thig iad gu neamh. Tha so soilleir, ciod sam bith co iongantach do neach air bith a bheir fainear mealladh mhc na’n daoine. Labhair ri daoine gun Dia, no ri daoine nadurach, do nach aithne a bheag sam bith do obair cridhe, no do fhein-fhiosrachadh anns an diadhachd. Feoraich dhuibh am bheil iad an dùil gu’m bheil iad ann am fàbhar Dhé, no an dùil gu’n sealbhaich iad flaiteanas? ‘Seadh, saoilidh iad gu’m faigh na h-uile neach an sin. Tha mi ‘creidsinn, gu’m bheil sibh a’ smuaineachadh gu’m bi neamh, gu labhairt mar sin, na ionad cumail do chreutairean truailidh no neo-ghlan. Ach tha mise ag innseadh dhuibh nach ‘eil a leithid sin do ni idir ann. ‘S teirc an dream a thig an sin. Leugh Salm xv. “A Thighearn, co dh’fhanas ann ad phàillinn? Co a chòmhnuicheas air do shliabh naomh?” etc. Iraiah xxxiii. 14. “Co ‘n’ur meag a ghabhas còmhnuidh maille ri teine millteach? Co ‘n’ur meag a ghabhas còmhnuidh maille ri lasraichean bith-bhuan?” Agus co a bhiteas comasach air seasamh ‘na lathair ‘san là sin?

Bheir sinn rabhaidh aig an àm so mu chuid do nithe an cumantas, agus bheir sinn cuid do dh’aobhairibh dhuibh c’ar son a ‘sann air eigin a thearnar am firean. A leithid agus,

I. Do bhrigh’s nach ‘eil a h-aon co ionraic’s nach ‘eil iad as eugmhais an cron fein, am peacaidhean agus am failinnean fein.

Cha’n ‘eil a h-aon co ionraic’s nach ‘eil aca an seachrainean fein. Tha Daibhidh ag aideachadh so, “Chaidh mi air seachrain mar chaoraich chailte, iarr t-òglach,” Salm cxix. 176.

2. Do bhrigh’s gu’m bheil Dia na Dhia ro-naomh agus gun smal sam bith; agus uime sin tha e na ni gle mhòr, gu labhàirt mar sin, a bhì beo maille ris.

Cha’n e gu’m bheil e na Dhia mi-thròcaireach, air doigh sam bith neo-charranach; ach tha e na Dhia co naomh ann an nàdur agus ann an iomlanachdaibh a dhiadhachd, agus iad so a bhi air an tabhàirt fa’ chomhair a cheile, an truailidheachd a ta lathair anns na daoine is naoimbe th’ air thalamh, agus naomhachd gun choimheas Dhia, agus an fhearg neo-chriochnach sin a ta aige ann an aghaidh peacaidd: Tha mi ag radh coimeas na nithe so r’a cheile, cha’n eil e na iongantas ge do gheibh na daoine is naoimhe doilbheachd ann an teachd a dh’ionnsuidh fhlaitheanas. Tha Daibhidh a’ labhàirt mu chnàmh-an briste anns Salm li. 8. Agus mu ghaodhaich rè an là uile, Salm xxxii. 3. Ach a’ fàgail an earrann theagaisgeil, cuiridh sinn ris teirc do dh’fheumaibh cleachdaidh.

A 1 Fheum.—Am bheil e mar sin gu’m bheil am fírean ach air èigin air a thearnadh?

Ann an sin tha mi smuaineachadh gu’m feud sinn comh-dhunadh gur teirc an dream a thearnar ‘sa ghinealach so, ‘nuair a thig an Tighearn gu’n gairm gu cunntadh. Oir ma bheir sibh fainear ceannaircean na’n amaibh so, saoilidh sinn e na’s mo na bhi ann an teagamh, a’ tabhàirt fainear cia fhad ‘sa chaomhainn an Tighearn sinn, gu’m bheil laithean dubhach a teachd air na tìrbh so, ‘nuair a bheir Dia breith air na tìrbh so; agus a bheir e fearg agus corruich orra. Bithidh e ann an sin cruaidh air an dream is ro dhiadhaidh agus is ro dhurachdaich a choimhead glan an cuid eudaichean, a bhi air an saoradh ‘san là sin. Gu dearbh, chaidh Abraham, Lot, Jacob, Caleb, agus Iosua as, an uair a dhoirt an Tighearn mach a chorruich air ginealaichibh na’n aingidh anns an robh iad beò. Gu deimhin bha iadsan na’n daoine gle shonruichte. Ma ta thugaibh fa’near, ma rinneadh mar sin ris a chrann ùr, “Ciod a nithear ris a chrann chrion?” Lucas xxiii. 13. Ma ‘se is gu’n smachdaich an Tighearn a shluagh fein, ma bhuail e co geur iad, s’ gu’n robh am fùil air a dòirteadh, agus an cinn air an cuir suas ann an sealladh an t-saoghail; ma choinnich iadsan ri trioblaidean agus luasgaidhean, ‘an sin ciod a thachrais ri cuideachd aindidhaidh? Ciod a thig air luchd gamhlais agus easpuigean? Ciod a thig air ar n-Eaglais agus air an Stàite? Ciod a thig air ‘ar riaghlaibh ‘s air ar Clèir, agus air sluagh mi-dhiadhaidh na tìr? An saoil sibhse, mo bhuin an Tighearn co geur r’a thigh agus ri’ shluagh féin, gu’n téid e seachad orra-san? Ni h-eadh, Innseam dhuibh, gu’m bheil aig’ an Tighearn claidheamh, air ullachadh air son ar Righ, ar luchd comhairle, ar luchd cuirt, is mòr-uaislean, air son luchd labhàirt mu aidmheil air son euspuigean, Fo’-mhinisteirean, agus uaislean meagh-blàth? etc. “Oir tha mo chlaidheamh air a chuir air mhìsg anns na neamhaibh; feuch tuitidh e air Idumea, agus air an t-sluagh a mballaich mise a chum breitheanais,” Isa. xxxiv. 5. Tha mi cinnteach gu’m bi e na chuis chruaidh a dhol as anns an là sin. Tha mòran an dùil gu’n lùb iadsan sios, agus gu’n leig iad do na stòrm dol seachad os an ceann. Tha mòran an dùil gu’m bi iad beò aig fois ann an Sion, agus tha dream eile smuain-eachadh gu’m bi iad-san glic agus gu’n gleidh iad craicionn slàn, agus gu’n gleidh iad an oighreachdan, am fearuinn, ‘san ceairdean, etc. Agus nach taisbean iad air son an Tighearn ‘nuair a ghair-meas e iad gu fianuis a thabhairt air a shon. Ceart ma ta, cuiridh an Tighearn cuid do bhuillean, nach e a mhàin a thig air an dream nach’eil air son an Tighearn, ach a thig air na h-uile seòrsa sluaigh. Gu cinnteach, tha sinne a’ sàoilisinn gur uamhasach smuaineachadh air là sin an Tighearn a tha teachd. Mar air son ‘ar luchd-riaghlaidh, dh’obraich iad gu làidir agus gu cumhachdach ann an aghaidh an Tighearn; agus thubhairt iad, “Thréig an Tighearn an talamh.” ‘Seadh, ach cha d’ rinn e sin. Agus tha iadsan ag radh, nach agair an Tighearn an ni a rinn iad. Ach mar a tha Dia beò agus a rioghachadh, ath-dhiolaidh e dhoibh ri’n eudainn gach aon diubh le chèile, eadhon o’n neach is mò gus an neach is lugha dhiubh, o’n Righ gus an neach is lugha dhiubh. Gun a h-aon diubh a sheachnad, ath-dhiolaidh e dhoibh gu goirt air son gach uile olc a rinn iad.—Ciod a tha annta-san? Co iomadh Righre is comhairlich eadar sinne agus a ghrian, cha’n’eil iad ach mar dhùn feòir ann am fianuis Dhia.—Tha iad mar neo-ni, agus na’s lugha na neo-ni. Cha bhi na’s mò do speis aige anns a chuidheachd ghràineil sin, do’n gairm sinne luchd riaghlaidh, a bhualadh sios a dh’ionnsuidh an ifrinn is Isle, na bhiodh agam-sa ann an cnuiimh a shaltairt fo’m chosaibh. ‘Seadh, a shluagh féin, aig am bheil iomadh laithean agus oidh-cheachan dubhach mu thimchioll am peacanna a tha ‘gan ionnluid, agus a’ deanamh gach dichtioll gu iad fein a ghleidheadh o’m peacaidhean; gidheadh tha aca cnàmhan goirt, agus na’s leòir r’a dheanamh. Agus am bheil sibh an dùil gu’n d’theid a leithid do phàirtidh ghràineil as, a thug oilbheum do Iosa Criosd anns an eudainn, ‘seadh, feudaidh sinn a ràdh mu ‘ar luchd-riaghlaidh, gu’n do thog iad suas bratach dùbhlann ann an aghaidh Dhia, agus gu’n d’thug iad dùbhlann da fa’ chomhair na grèine, ‘s na gealaich, agus an t-saoighail gu lèir; am bheil sibh a’ smuaineachadh gu’n d’theid an leithid sin as? Ni h-eadh, ach thig e mach ann an òrdugh cath ‘nan aghaidh, mar is beò e, cuiridh se iad ‘nan luidhe ‘san duslach ann an ùin ghearr. ‘Bheil sibhse an dùil, Fheara’, gu’n d’theid ar mòr uaislean, ar luchd labhairt ghràineil mu aidmheil as, am bheil sibhse a’ creidsinn gu’n d’theid na Fo-Shagairtean ifrinneil, agus na h-euspuigean gràineil, agus mòr uaislean fhéineil aingidh as; am bheil sibh an dùil gu’n d’theid na h-uaisle so as o làmh Dhe? Tha mi ag radh, cha teid iad as chor sam bith: Mar is beò an Tighearn, saltraidh e sios iad, agus an tighean, agus ni e deircich deth ‘n sliochd. Bheir e air a dhion-fhearg a theachd thairis orra, air a leithid do dhoigh’s gu’n dean a ghinealach a thig tàir orra. Tha mi ag aideachadh so, gu’m bheil neach sam bith a tha tabhairt fainear cuisean mar a ta iad air an là so, a’ faicinn a ghinealach so a’ dol ‘gu h-iomlan as an ciall cheart. Tha mi ag aideachadh gu bheil e na chuis chruaidh air son duine a bhi air a thearnadh, eadhon ‘nuair a tha e ro fthurachair agus faicilleach. Ach O! Gu smuaineachadh ciod a thig air a ghinealach so. Innsidh mi dhuibh, nach e a mhàin gu’m bi am pàirtidh aingidh a tha ri geur-leanmhuinn, agus am pàrtidh a tha ag aontachadh leò air an tilgeadh thairis, ach cha teid eadhon a shluagh fein as, mar a ta e agaibh ann Eseciel xxi. 3, 4, 5, 10, Tha sin gu deimhin a’ creidsinn so; agus esan a chreideas chi e so. Eadhon a phobull fein, eadhon iadsan a’f am bheil freumh na cuis annta, tilgidh Dia thairis iad. Cuiridh se iad ann a fhearg troimh’ na bhàs, agus caomhnaidh e teirc do mhinisteirean, teirc do mhinisteirean nach aontaich leis an Eaglais Shasunnach. Bheir e orra gu’m faigh iad “bàs anns an fhàsach.” Mar sin cha bhi ach teirc a thig troimhe, agus a chi glòir an Tighearn. Tha eagal orm nach’eil ann ach teirc a bhitheas air am faotuinn air taobh Dhe. Innsidh mi dhuibh, Tha mi am barail gur e teirc do mhinisteirean a bhios air am faotainn an ni bu chòir doibh a bhi; agus gur e teirc do shluagh a bhitheas air am faotainn an ni bu chòir doibh a bhi mar air son cumail an eudaichean glan. Tha so na thiom dorchadais, na àm buairidh. An toiseach shalaich e na h-uile seorsa shluagh! Mo thruaighe! cha muinntir gu h-uile air an truailleadh anns an toiseach le a bhi ‘g eisdeachd na fo-mhinisteirean, agus ag aontachadh le easbuigeachd, agus dh’fhas moran fein-thearuinte, furachair, agus innleachdach. Lùb na h-uile an teangaibh a chum breugan; ach cha robh a h-aon treubhach air son na firinn suas agus sios air feadh na h-Alba. ‘S teirc iad a bha saor mhain air a shon-san, ach tha seorsa do gheilleadh domhain a’ buadhachadh-ann am meag na h-uile seorsa sluagh. Innsidh mi dhuibh gu cinnteach an ni-a tha mi smuaineachadh is e inntinn an Tighearn, agus ‘s e so e: Tha mi smuaineachadh gu’n saor an Tighearn e fein de’ na ghinealach so; tha mi smuaineachadh gu’n do mhionnaich e na fhearg, gus, am faigh e an cinn fo’n talamh, nach dean e gu brath maith air son Alba. Mhionnaich e, gus am faigh e a ghinealach so, ministeirean agus luchd-aidmheil, ann an cuid eudaichean mairbh, agus na cnuimheagan ga’n itheadh suas, gu’n sin e mach a lamh ann an aghaidh Alba. Tha iad na’m pàrtidh nach d’oibrich air son Dhia. Cha’n ‘eil mi ag aicheadh nach bi fuigheal air an tearnadh. Ach tha mi saoilisinn, nach ruig sin a leas tighean a thubhadh leis an dream a bhitheas, air an tearnadh: Cha bhi iad co lionmhor ‘s a tha muinntir an dùil. ‘Bheiream cinnte dhuibh gu’m bi iad na’m muinntir shonruichte a ni Dia a thearnadh. Bithidh iad na’n teirc do mhinisteirean, luchd-aidmheil, agus Chriosduidhean, a ni e a chaomhnadh. Ach ‘s aill leis an closaichean ioman as an rathad. Tha mi ag aideachadh gu’m bheil mi smuaineachadh gu’m bheil an tir air dol mearachd gu buileach. Mar air son ar luchd-riaghlaidh, ciod a tha annta ach diabhlan ann am feoil? Agus mar air son mòr-uaislean, cha’n urra dhuinn ann an so a h-aon diubh ainmeachadh air son Dhia. Gu dearbh, cha’n’eil sinn ag àicheadh nach ‘eil cuid diubh na’s fearr na muinntir eile. Tha aig cuid ni-eigin do sheorsa diadhachd aig an cridhe, ach cha dàna leo aideachadh. Mar air son ar n-uile dhaoine-uaisle as urrainn dhuinn fhaotainn ann an Alba, feudaidh sinn an sgriobhadh air tri eorlich do phaipeir; agus air son ministeirean, tha iad teirc; deth Chriosduidhean tha beagan na’s mò, ach cha’n ‘eil iad iomadh.—Agus bheiream-sa cinnte dhuibh, caomhnadh an Tighearn an dream as àill leis, cha chaomhnain e luchd-aidmheil. Tha mi a’ smuaineachadh, ma chaomhnas e a bheag, gur e an sluagh aineolach anns an taobh tuath nach d’fhuair eolas air ainn. Ach air son na dream a fhuair eolas air, agus air oibrbh cumhachdach, ‘s aill leis an slaodadh as an rathad. Tha mi a’ saolsinn gu’m feud e a mhuinntir òg a chaomhnadh a tha ‘g eiridh suas; a mhuinntir oga dha nach aithne a bheag; ach air son nan seann Chriosduidhean, nach robh air taobh an Tighearn, ‘s aill leis an tabhairt as an rathad. Cha leig e leo a bhi idir beo,* a rinn iad fein a thruailleadh co mòr. Cha shaoilte gu’n d’thigeadh Alba gu a bhi co aingidh. Tha mi a’ smuaineachadh gu’n tionndaidh luchd-aidmheil ann an Alba gu a bhi na’n diabhlan ann am feoil; agus deth na h-uile duine mòr agus uasal ann an Alba, cha bhi fichead a thaisbeanas air son Dhia. Tha mi a’ smuaineachadh gu’n do dhublaich mi iad. Co a chreideadh gu’m biodh Alba co aingidh. Tha Alba na rioghachd lán do cheilg; gun a bheag ach balla’ gealaichte. Ach fuirich gus an criochaichear an cluith, agus ni esan tìr ghlan dheth. Cha tig e le ràc, gu a labhairt mar sin, ach le sguab, a sguabas luchd-gamhluis, easbuigean, daoine mòra, uaisle, etc., sguabaoidh se iad fein agus an sliochd air falbh: sguabaoidh e luchd-aidmheil air falbh mar an ceudna. Bheiream-sa cinnte dhuibh, mar air son an dearbh muinntir dhiadhaidh bu ro dhillse a bha air taobh Dhe ann an imeachd phearsaonta agus shònruichte, bithidh e na’s leoir air an son faotainn troimhe: bithidh e mòr orra mur bi iad air an tilgeadh thairis ann an tuil na feirge a tha teachd. Bheir mise mo gheall gu’m bheil mòran ag radh, nach “gluaisear iad am feasd,” cosmhail ri Daibhidh, Salm xxx. 6. Tha mòran ag radh ann an cridhe maill ris na daoine aingidh so, “Cha ghluaisear mi; gu bràth cha bhi mi ann an amhghar,” Salm x. 6. Ach fuirich gus an éirich Dia suas a thagradh, agus ‘an sin bheir e amhghar “orra-san a ta aig fois ann an Sion, agus a tha ag earbsa a sliabh Shamaria,” Amos vi. 1, agus as urrainn giulain gu h-eireachdail ann an amhgharaibh, “theid an dream so ann am braighdeanas maill ris a cheud chuid a theid am braighdeanas”: oir tha mi a’ smuaineachadh gu’m bheil iomadh ‘san tìr nach ‘eil a’ creidsinn gu’m bheil Dia ann, no nach, “dean e aon chuid maith no olc,” Sepha. i. 12.

Tha mi faicsinn gu’m bheil so co suidhichte ann an intinn gach uile inbhe shluaigh ann an Alba, ‘s ‘gu’m bheil mi aig aideachadh, ma dh’fhanas an Tighearn moran bhliaidhnachan air falbh, gu’n d’thig Alba gu a bhi na cuideachd do dhiabhuilbh agus do luchd-àicheadh Dhé; agus gairmidh iad na “h-uaibhriche sona,” agus their iad maille riu-san, Mala, i. 14, “Is diomhain seirbhis a thoirt do’n Tighearn”; agus saoilidh iad gur e a mhuinntir is beusaiche an dream is mò a dh’aontaicheas, agus a leanas cùrsa no caith’beatha na’n tiòma’ ta lathair. Innsidh mi dhuibh gu’m bheil mi a’ saoilinn mòran a bhi bruarachadh air saorsa, mar-aon ministeirean agus luchd-aidmheil; ach na bhruadaraicheas sibh gu ceart, bruarachadh sibh gu’n d’thig Dia le fearg agus corruich, agus gu’n d’thoir e air Alba criothnachadh, agus gu’n comhdaich se i “mar le tuil na Eiphit,” Isaiah x. 24. Innseam dhuibh, na’m biodh saorsa aig Alba, cha b’ann aig innseadh dhoibh-san. Rachadh luchd-aidmheil ann an Alba fodh na chuthach; tha iad na’s iomchuidh air son na h-uighe. Feumaidh e a ghinealach so a chuiteachadh, am fuadach uath, agus is earrann mhòr sin do’n t-saorsa. Cha’n ‘eil na nithe so ach mar bhruadaraibh le mòran a ta ‘m beachd nach ‘eil an leithide so do smuainte aig Dia. Bheiream-sa cinnte dhuibh, gu’m bi iad na’m muinntir air leth a sheasas ‘nuair a dh’fhoillsichear esan. Bithidh iad na’m muinntir nach d’rinn aon-chuidh beantainn, no blasad, ‘s nach do laimhsich truaillidheadh na’n tioman so. Ma ghabhas sibh am fuasgladh gu ceart, gabhaidh so dheth, an uair a bheir an Tighearn fuasgladh do dh’Alba, gu’m bi laithean glòr-mhor ann. Ach bithidh e na fhuasgladh costail, agus sguabaoidh e a mhor-chuid de gach seòrsa air falbh, air mhodh shònraichte na ministeirean, mu’n tig am fuasgladh; agus bithidh aige a chaochladh do sheòrsa sluaigh, na tha a ghinealach fhoirmeil, mheagh bhlàth so a th’air làthair. Bithidh aige a chaochladh do shluagh, mar-aon ministeirean agus luchd-aidmheil, na tha aige air an là so. Bithidh aige sluagh nach iarr an nithe fein, ach na nithe a bhuineas da-san. Oir mur faigh e eaglais do reir a thoil, cha’n ‘eil speis aige innte. Cha’n ‘eil speis aige ann a tilgeadh ann an doimhneachdaibh na fairge. Ciod an speis a ta aige-san ann an laghana dhaoine, no air son righre agus comhairle? Cha’n ‘eil iad ‘na lathair-san ach mar chlàbair na’n sràidean. Bithidh aige eaglais air a h-uigheamachadh a chum e fein a ghloireachadh, air-neo cha bhi eaglais idir aige; mar ann an Amos ix. 7. “Nach ‘eil sibh mar chlann na’n Etiòpianaich dhomhsa, O chlann Israeil? Tha’n Tighearn ag radh.”

“Nach d’thug mise a nios Israel as an Ephit, agus na Philistich o Chaptor, agus na h-Asirianaich ‘o Chirr?” Ciod an cùram a th’agam-sa annaibh? Ciod e a tha thusa, Alba, dhomhsa na’s mò na na Turcaich, na na h-Americanaich? Ciod an speis a tha aige-san air son ministeirean agus luchd aidmheil? ‘S urrainn e co maith a dheanamh de’ na clachan: ‘s àill leis an tabhairt as an rathad. Innseam dhuibh gu’m bheil mi a’ smuaineachadh nach ‘eil ach teirc a tha frinneach air son Dhia ann an ni sam. bith is urra’ dhomh thuigsinn. Cha’n ‘eil ach teirc do Chàleibbh agus do Iosua-an ann. Tha e gle iongantach, gu’m bheil mòran an duil gu’n gabh e Alba thruaillidh tharcuiseach; ni-headh, ‘s aill leis Alba a sguabadh: tionndaidh se i bun os-cionn, mu’n tig i gu a bhi freagarrach air son a sheirbheis. Tha iomadir a smuaineachadh gu’n gabh e Alba, agus gach uile thruaillidheadh agus pheacaidhean ta innte; agus ciod uime nach fheidh e thabhairt air ar luchd-riaghlaidh aithreachas a dheanamh, agus lionmhorachd do’n leithidibh sin do nithe? Gu deimhin ‘s urrainn e thabhairt orra aithreachas a ghabhail; ach gu cinnteach innseamsa dhuibh, gu’m bheil a rùn air an ioman as an rathad: ni-headh, tha inntinn aige gus a mhuinntir dhiadhaidh iomain as an rathad mar an ceudna. Cuiridh se a mhuinntir dhiadhaidh as an rathad, aig am bheil freumh na cuis annta, agus gidheadh nach robh eadhon firinneach a mhain air a thaobh. Agus am bheil sibh an dùil gu’n caomhainn e am pàirtidh gamhlasach? Ni-headh, cha bhi iad air an caomhnadh: oir ma bhitheas aon earrann do dh’ifrinr na’s teotha na earrann eile, gheibh iadsan an t-áite sin.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice