A Rinneadh a Shearmonachadh aig Bogle’s Hole, ann an Sgireachd Mhoncland, an iar Chlydesdale.
LEIS AN ÚRRAMACH MAIGHSTIR EOIN WELWOOD.
“Agus ma’s ann air eigin a thearnar am firean, c’aithe an taisbean an duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e fein.”—I PHEAD. iv. 16.
(Air a leantuin o t. d. 285.)
II. Feum.—An ann air èiginn a thearnar am fírean?
B’áill leam focal a labhairt riu-san a tha’n so. Co as a ta e gu’m bheil muinighinn aig lionmhorachd agaibh-se gu’m bi sibh air bhuir tearnádh, agus “gur h-ann air èiginn a thearnar am fírean?” Tha mi a’ smuaineachadh gu’n abair an neach is ro-dhiadhaidh gu’m bheil e gle mhor air a shon-sa dòchas e bhi air a thearnadh fhaotainn. Tha cuimhne agam ni a thubhairt duine diadhaidh a bh’ann an Air, an uair a bha e faotainn bás, “Air son ùinn fhad, ars esan, cha deachaidh mi co fada ri crois na fèille a dh’easbhuidh smuainte air Dia agus air Criosd; gidheadh tha mi nis ann an teagamh mu thimchioll mo shábhalaiddh.”
Ciod a shaoileas sibh dheth ’n sin a mbuinntir ionmhuinn? Tha e air iomradh mu aon a bha beo iomadh bliadhna beatha aonaranach, gu h-iomlan air a thogail ri gnothach a shábhalaiddh, agus an deigh ùin co fhad a chaitheadh ann an uaignidheas, bha e do ghnàth ann am mor chradh agus imcheist, mu thimchioll cor anama.—Cha’n’eil sinn a’ labhairt so gu mi-mhisneach a thabhairt dhuibhse, mar gu’m biodh obair na diadhachd na h-obair chruaidh agus do-fhulangach; ach innsidh mise dhuibh dearbh fhirinn na cuis, tha’n duine a ta air a thearnadh a’ dol troimhe na deuch-aibnibh is cruaidhe, agus is maith ma theid e as le a bheatha, tha e na fhirinn gle mbór, an duine a ghleachdas, a ghuileas, agus a dh’eigheas, agus a luidheas a mach as a leabaiddh an uair a tha muinntir eile innte; a chumas e fein air ais o’n pheacadh, agus a bhios air irioslachadh air a shon; aig am bi uiread do dhiadhachd ’s gu’n gabh a choimhearsnaich uile iongantas ris, an uair a bha a leithid sin do dhuine iomadh laithean, oidcheachan, seachduinean, agus bliadhnaich gu curamach mu thimchioll obair a shábhalaiddh, gun chùram aige mu bheag ’sam bith eile ann an coimeas ris, gach là a’ tuireadh os ceann a chuid peacaidhean, a’ claoichd corp peacaidh agus bàis, gidheadh, an deigh na h-uile, tha e mòr air an duine sin, a ghabh an t-saothar so gu leir ruigheadh a dh’ionnsuidh sith Dhe. Innseam-sa dhuibh, gu’m bheil mise a’ smuaineachadh diadhachd a bhi a chaochala’ do ghnothach ‘sa tha muinntir an dùil. B’ fhearr leam gu’m biodh fhis aig mòran do’n dream sin, aig nach ‘eil ach aideachadh lóm, nach giùlan iad gu flaithneas, air cleachdadh an dream a ta fior dhiadhaidh. Tha mi a’ smuaineachadh gu’m bheil e air a dheanamh aithnichte anns a ghinealach so gu’m bheil mòran, aig am bheil ann am briathraibh, coslas na diadhachd, gidheadh ann an gniomh a tha ag aicheadh a cumhachd. Tha mi aig innseadh dhuibh gu’n d’thug sinn fainear, gu’n d’thigeadh a mach á caochla’ do aitibh tri no ceithir do mhiltibh, agus an am measg na’n ceithir mile so uile, anns a mhòr chuid do dh’aitibh ann an Alba, cha’n fhaigh sibh dhomh leth-cheud, a tha, ann am breitheanas na caranas, fior ionraic. Agus a ris, gabhaibh an leth-cheud so agus saoilidh sibh e mòr ma ‘se is gu’m bheil dà-fhichead aig am bheil mothachadh air obair cridhe. Feudaidh e bhi gu’n saoil sibh so na chainnt chruaidh, fathast tha sinne ag radh, thug sinn fainear, gu’n d’thigeadh a mach a aite tri no ceithir do mhlite, as nach bitheadh leth-cheud a mheasadh duine glic, ann am breitheanas na caranas, le’n rannsachadh, a bhi diadhaidh, na’m fior Chriosduidhean da rireadh. Tha aca feudaidh e a bhi a chaochala chaith-beatha ‘s a tha aig muinntir eile; ag urnuigh ann an’cuid teaghlaichean agus na’n aonar, agus aig am bheil deadh chiall. Ach tha diadhachd cridhe na ni iongantach: tha e na ghnothach cùramach “rioghachd Dhe a ghlaicd le lamhachas laidir,” Mata xi. 12. Tha e na ghnothach mòr do dhuine, a shùil fhaotainn air Criosd, truaillidheachd fhaotainn air a chlaoidheadh, agus a chridhe fhaotainn air a shuidheachadh air nithe a ta shuas. Tha cuimhne agam ciod a thubhairt neach araich mu thimchioll muinntir a bhi a’ dol mearachd mu ghràs, “Cha’n’eil a’ bheag ann an gràs ach Criosd a’ buadhachadh, a’ deanamh caithream, agus a’ gleachd anns an anam. Far am bheil gràs, tha ann an sin mór ghleachd eadar gràs agus truaillidheachd.” Bheiream-sa cinnte dhuibh nach ‘eil e na chùis bheag do dhuine, e a bhi air a shaoradh o bhàs; air son creutair diabhluidh a theachd gu a bhi na chreutair neamhaidh; “gu a bheatha a bhi aige folaichte malle ri Criosd ann an Dia,” Colos. iii. 3. Gu cinnteach tha diadhachd na gnòthach iongantach. Chuala mi mu dhiadhachd cuid do muinntir; shaol mi e iongantach, gur e an uile dhiadhachd oidhche mhaith a ghuidh do’n Tighearn, agus maduinn mhaith ann an urnuigh agus ann an eisdeachd air searmonaibh. Cha b’aithne do’n leithidibh sin riabh ciod e a bhi leanntuinn an deigh slainte da rireadh; cha b’aithne dhoibh riabh ciod e a bhi fuidh chùram mu thimchioll an anama, air a leithid do dhoigh ‘s na h-uile ni eile a dhi-chuimhneachadh ann an coimeas ri so, cha b’aithne dhoibh riabh ciod e a bhi faicinn an Tighearn Iosa agus a làn-shásachadh, agus rathad nuadh air a dheanamh mach dhoibh nach b’aithne dhoibh roimhe; ciod e a bhi gabhail roimh na mhaduinn le’n glaodhaich. Tha e na fhirinn gle mhor, gu’n dearbh a mhòr-chuid do luchd aidmheil a bhi na’n oighean amaideach aig crioch an latha. Tha mi ag innseadh dhuibh gu’m bheil mi dearbhta as, ma tha thusa a’d’ oigh ghlic, chuir thu ann an teagamh gu’n robbh thu a’d oigh amaideach, agus tha e na obair mhor dhuit fhaotainn air a shoilleireachadh am bheil thu a’d’ aon deth na h-oighean glic. Nach robbh e dhuit na obair mhor, “an t-ainm nuadh agus a chlach gheal sin fhaotainn?” Taisb. ii. 17. Tha mi ag aideachadh nach ‘eil fhios agam ciod a tha sibh an duil a dheanamh, agus cionnas a tha sibh a rùnachadh a bhi air bhuir tearnadh, agus ciod na steidhean air an do thog sibh. Air mo shonsa dheth, an uair a labhair mi ri cuid, ‘se teirc a fhuair mi a b’urrainn reuson an dochais a thabhairt; ach their-eadh iad air a bheag ceill, gu’n robbh dòchas aca a theachd gu neamh, agus cha b’urrainn iad tuille a radh. Ach theirinn-se, “gu’m bheil am firean air éigin air a thearnadh.”
Tha aithne agam air cuid do mhuinntir dhiadhaidh a bha na’n Criosdudhean o’ chian leth-cheud bliadhna, air am bheil fathast eagal mu thimchioll an sàbhalaidh. Ach tha mi a smuaineachadh gu’m bheil iomadh agaibh-se aig nach ‘eil ach beag diadhachd, cho beag ‘us gu’n ceannaicheadh duine e ro dhaor aig aon tastan a dh’airgiod, ma ghiùlanas sibh leis a chainnt. Tha sibhse an duil, co-dhiùbh, gu’m bheil sibh-fein a’ dol do neamh. Ni-h-eadh, ach ‘s teirc iad a thig an sin. Ach tha mise ag rádh, na’m b’aithne dhuibh diadhachd an dream a tha diadhaidh da rireadh, chuiredh e iongantas oirbh. Thubhairt nigheana Ierusalem, an uair a bha a chéile aig iarraidh a h-aon ghaoil, “Ciod e t-aon ghaoil-sa a thuille’ air aon ghaoil neach eile?” Dan Sholaimh v. 9. Bheiream-sa dearbhachd dhuibh gur Criosd eile, slainte eile, neamh eile, gloir eile, air am bheil iadsan an geall, na tha a mhòr chuid do’n t-sluagh ag iarraidh. Na’m b’aithne dhuibh diadhachd mòran, sheasamh sibh fuidh iongantas ris. An dean sibh ach a cheist so a fhireagairt? Tha fhios agaibh gu’m bheil flaithneas agus ifrinn ann. Co dhe’n da àite so’anns am bheil dùil aig gach aon agaibh a dhòl a thir aig crioch an làtha? Co-dhiùbh a tha dùil agaibh a bhi air bhuir tearnadh, no air bhuir damnad? Co-dhiùdh dheth an dà aite so anns an d’theid sibh a thir; ann an staid sàbhalaidh no ann an staid damnaidh? Bithidh dochas aig na h-uile: ach tha mise a’g innseadh dhuibh gu’n do cho’runaich an diabhul, agus bhuir cridheachan fein, gu amadanaibh a dheanamh dhiibh. Tha mi smuaineachadh gu’m bheil dòchas aig cuid agaibh, ach cha dàna leibh a radh gu’m bheil sibh cinnteach, no gu’m bheil agaibh steidh chinnteach gu togail air. Ach tha mise a’ guidh oirbh, ma’s urrainn duibh eisdeachd ris, rannsaichibh co-dhiùbh a tha bhuir dòchas na dhòchas ceart no nach ‘eil? Tha cuid do mhuinntir ann a tha togail an dochais air bunait neo-chinnteach, agus tha an dochas fallsa. Agus ciod e ma tha bhuir cuid-sa dochais air a thogail air a leithid sin do bhunait? Tha a mhor chuid a’ gabhail gnothach le meòirean sleamhainn ri chìs a tha deth chudthrom co mòr. Na tilgibh air falbh bhur n-anama’, agus na sgriosai bh iad gu siorruidh. Anns an àm cheudna cha’n eil fhios agaibh nach bi agaibh bhur crannchur ann an teine milteach! Óir tha moran na’n codal, agus tha’n diabhul mur gu’m b’eadh a tarruing an dearbh sgornan asda. Ach tha neach ‘eil ag radh, feudaidh e a bhi gu’m bheil mise ann an Criosd. Ach ciod e ma ‘se is gu’n dean sibh cluasagan de’n leithidibh sin do nithe, gus an giulan an diabhul sibh air falbh do ifrinn? Tha mi a’g innseadh gu’m bheil sibh ‘n’ur n-ana-creidmhich, a tha togail air an leithide sin do bhunaitean.
Feudaidh e bhi gu’m bheil sibh ann an Criosd; feudaidh e bhi gu’n d’theid sibh do na flaithenas: ach feudaidh e bhi gu’m bi sibh air bhur damnadh gu siorruidh. ‘Seadh, deir neach eile, tha e na’s cosmhail gu’m bheil mise ann an Criosd no nach ‘eil. ‘Nis, cionnas a dhearbhas tu gu’m bheil e na’s coslaich’ gu’m bheil thu ann an Criosd no nach ‘eil? Tha sin na ghnothach iongantach; is luibhean e nach ‘eil a’ fàs anns na h-uile lios. ‘S fior gu’m bheil ana-creidmhich an dúil gu’n d’theid iad do na flaithenas. Tha dúil aig na h-uile neach gu’n d’theid iad an sin. Ach is sona an dream aig nach ‘eil an dochas air a thogail air a leithid sin do bhunait. Shaoil leis na h-oighean amaideach gu cinnteach gu’m faigheadh iadsan do na flaithenas. Tha e gle dhoilbh do dhuine dearbhadh agus mothachadh a bhi aige air obair diadhachd cridhe. Chunnaic mi muintir a bha gle chudthromach, agus gidheadh bha e dhoibh na dhoilbheachd iongantach a bhi cinnteach am biodh iad air an tearnadh; an uair a ta ana-chreidmhich, aig nach ‘eil a bheag do dhiadhachd, an dochas gu’m bi iad air an tearnadh, agus fathast a tha na’n codal ann an craicinn slán. Innseam-sa dhuibh, nach ‘eil na h-uile ni a dhealraicheas na òr. Tha moran de’ fo’-mhinisteirean diadhaidh anns an tir nach bi mar sin ‘sa bhith-bhuantachd. Shaoileadh gach neach gu’m bheil a leithid sin do dhuine diadhaidh; ach cha ghabhar ri a dhiadhachd os àirde. Ach tha mise ag radh ruit, a dhuine, mur do dhearbh thu e ri clach dhearbhaidh na’n Sgriobtuirean. ‘Nis, ‘so a chlach dhearbhaidh bu chòir do muinntir a ghabhail na Sgriobtuirean. An urrainn thu do dhòchas a dhearbhadh leis an Sgriobtuir, Spiorad Dhè a leigeil fhaicinn dhuit leis a chlach dhearbhaidh sin gu’m bheil thu diadhaidh? Ach ‘se mo bharail-se, gabh agus cothromaich moran dh’inn ann am meigh an ionad-naoimb, agus gu’m bi sinn air bhur faotainn gle eutrom. Bu mhaith leam gu’m biodh moran agaibh a’ cuir bhur creidmh no ‘ur diadhachd lom ann an teagamh. ‘Se sgrios a mhor-chuid de’n t-saoghal, gu’m bheil iad coslach riu-san a ghabhas airgiod, agus nach seall a dh’fheuchainn am bheil e maith no olc, agus mar sin tha iad ‘air am mealladh. Tha moran ann nach ‘eil idir a’ cuir na ceist na ‘gan rannsachadh fein mu’n a chuis so. Ach cuimhnichibh gur ann “air éigin a thearnar am firean.” Bheiream-sa cinnte dhuibh, gu’m bheil e na’s leoir air son duine cosnadh a chum ruigsinn air slainte, eadhon an uair a ta e iongantach dûrachdach. ‘S urrainn dhomh dearbhadh a thabbhàirt dhuibh gur iomadh iad a rinn faire a latha sa dh’oidhche, agus a ghlaodh, ‘s a rinn aithreachas, agus gidheadh gus an là an diugh a tha gu h-iomlan olc. Tha moran do’n leithidibh sin do mhuinntir dhiadhaidh an diugh ann an ifrinn, aig an robh na’s mo do dhiadhachd na tha aig moran againn. ‘S aithne dhomh duine a tha fathast beò, a tha nis na mhisgear, agus na fhear foichaid air aidmheil, a bha aon uair co dûrachdach, agus gur gann a choidileadh e, air dha a bhi co cùramach mu thimchioll a thearnaoidh, agus aig an àm sin a bha beo gu diadhaidh, agus gidheadh tha sibh an dùil gu’m bheil sibh diadhaidh; agus ma bha agaibh a bheag do ghearr-mhothachaidhean, cha robh annta ach meòirean gearta a bha gu h-ath-ghearr air an leigheas a ris, coslach ri sgròb prine. Mur biodh agam-sa ach aon fhocal ri radh, b’e so e, bithidh cinnteach gu’m bi sibh ann an Criosd, agus nach bi an diabhul agus ‘ur cridheachan cealgach fein ‘g’ur mealladh. Tha mi guidh oirbh, thugaidh an aire, agus biodh òla agaibh ann bhur lòchranaihb; oir tha moran do shluagh meagh-bhlàth anns a ghinealach so.
Feum III.—An treas focal a chum feum cleachdaidh.
Tha teirc do mhuinntir fhiar-dhiadhaidh ann; agus tha agaibh-se doilbheachd ann an ruigsinn a chum solus a ghnuis, a chum gràs, gu rioghachadh thar a pheacaidh. Tha sibhse tric ag radh, maillle ris an eaglais, “Am bheil bròn sam bith cosmhail ri mo bhròn-sa?” Tuireadh i. 12. Ach bithibh-se toilichte; oir tha e fior, mar a thubhàirt Maighstir Rutherford, “B’ail leinn dà shamhradh a bhi againn ann an aon bhliadna ‘flaithneas ann an so, agus flaithneas an deigh so.” Ach tha e gle chothromach, ma theid sinn do na flaithneas ge do b’ann ann an aodach mairbh fuitheach.” Bha Asaph ann an imcheist ghèur anns a chor sin, air son gu’m biodh e ann an leithide do chor ambgharrach ‘sa bha e, Salm lxxiii. 13, 14. “Da rireadh gu diomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo lamhan an neo-chiontas. Oir bhuail-eadh mi air feadh an là, agus smachdaicheadh mi gach maduinn.” Agus air mo shon fein, ‘s aithne dhomh neach a tha o chionn seachd-bliadhna-deug fuidh ghrabhan do ghnàth mu thimchioll staid ‘anam. Tha mi ‘m beachd nach robh aig moran ann an so fad laithean am beatha, ‘s a bha aig an neach sin ann an aon uair do thiom. Mar sin tha mi ag radh, tha e gle mhaith ma bhiteas sibh air bhur tearnadh, agus nach d’theid sibh gu siorruidh do dh’ifrinn. Tha e gle mhaith ge do bhiodh duine air a luasgadh ‘na anam ‘s ‘na chorp gach aon la, ma gheibh e neamh aig a chrioch. Ge do chailleadh e slàinte, maoinn, bean, agus clann, agus a bhi fuidh thrioblaid gach aon la, agus neamh fhaotainn fa dheoidh, is maith sin. Tha mi ag aideachadh gu’m bheil moran anns a ghinealach so, leis am b’ail na h-uile cothrom a bhi aca fein; ach tha mise ‘ga shaolaisinn gle mhaith, an uair a tha an Tigheaan a’ spionadh suas an ni sin a shuidhich e, agus a’ tilgeadh sios an ni sin a thog e, ma gheibh duine ‘anam mar chreach. Am feadh a ta ‘chuis mar so, “Am bheil thusa ag iarraidh nithe mòra dhuit fein? Na iarr iad.” Jeremiah xlv. 45. Ma gheibh thu flaithneas ge do shnàmhadh tu troimh chuan do thrioblaidean, tha e gu ro mhaith. Tha dá ni air son am bu chòir do na h-uile duine saothrachadh gus am bi e na fhear buaidh.
I.—Bu chòir da saothrachadh gu a bhi os cionn a pheacaidh, agus nach bi e ann an cunnart uath na’s mo.
II.—Gu a bhi os cionn na h-uile neul treigsinn, agus a chum seoladh gu còthromach roimh na ghaoth. Ach an uair a bhitheas e beò air son linn, feumaidh e bhi toilichte air son neulaidh a bhi aige, agus air son corp peacaidh agus bás a bhi aige gu gleachd ris; feumaidh e tuiteam agus éiridh; an t-àth a mharcachadh mar a gheibh ‘se e, agus a ghabhail mar a thig e g’a ionnsuidh. Mar sin, mo chàirde, bìbh toilichte ma gheibh sibh flaithneas, agus ma bhios dearbhachd air bith agaibh air a sin. Feudaidh e bhi, ma’s àill leis an Tighearn, gu’n cum e suas a mhuinntir fein. Ach ‘se ‘n fhirinn, gu’m bi agaibh turrus mara mu’n d’theid sibh a steach air geataibh neamh. Leanaidh truaillidheachd sibh, agus cha dealaich iad ribh gus am bith sibh ‘air an taobh a steach do’n starsnaich, Gu sin, leanaidh Satan sibh. Ach an uair a tha sibh an sin, gabhaidh bhuir naimhde uile an ruaig, agus cha chràdh iad sibh gu siorruidh tuille. Ach feumaidh sibh coinneachadh ri trioblaid agus imcheist, agus tonnan a’ beucaich. Ach ann sò tha solas, cha deanar long-bhristeadh oirbh. Thig oirbh beanntaibh do thonnaibh, mar gu’n sruthadh iad tharraibh; ach cha d’thoir iad buaidh. “Gu cinnteach ann an tuil na’n uisgeacha’ mòra cha dthig iad am fagus duibh,” Salm xxxii. 6. A mhain, tha mi’ a’ guidhe oirbh thugaibh an nòte so leibh; oir tha mi’smuaineachadh nach faigh moran do mhuinntir am peacadh fo’n casaibh, agus nach urrainn iad lathaireachd fhaireachdail gnùis Dhia a bhi aca: Gidheadh feumaidh sibh a bhi toilichte. Feudaidh sibh a radh, na’m b’urrainn mise dearbhachd air flaithneas fhaotainn, bhithinn na b’fhear air mo thoileachadh. Ni h-eadh, mo chairde, feumaidh sibh a bhi toilichte dorchas a bhi agaibh co maith ri dearbhachd. Feumaidh sibh a bhi toilichte leis an ni ris an coinnich sibh; oir ‘se mi-chreidimh agus peacadh is aobhar dha. ‘Seadh, ma gheibh muinntir do neamh, tha e gle mhaith ge do bhiodh bhuir dol as le’r craicionn ann ‘ur fiaclaibh.—Bheiream-sa cinnte dhuibh, gu’m biodh sibh aig fois. Feumaidh an dream a tha ag iarraidh an toil fein a bhi ann an socair; agus an uair a bha an t-saorsa mheallta teachd, bhrudaraich na h-uile mn fhois, agus mu chodal ann an craicionn slan. Ach cumaibh-se bhuir tosd: gheibh sibh fois na’s leoir ann am flaithneas. Ach gabhamaid rathad Dhia am fad ‘sa tha sinn ann an so. Tha e na ghnothach iongantach! Ciod e a dheanadh muinntir ris na h-uiread do dh’fois? Na’m biodh sinn beo ann an so gu siorruidh, dh’fheudadh muinntir sealltainn air son fois. Ach cha bhi sinn fada ann an so:—uime sin, bitheamaid dileas air son Dhia.—Gu cinnteach cha shilinn-se deur ge do thilgeadh Dia thairis na tirean so uile. Chrath an Tighearn tearc a mach as am fois, agus tha e a’ teachd. ‘Bheil e ma ta na am dhuibh-se air son suidh aig fois? “An àm dhuibh-se, O sibhse, comhnuidh a ghabhail ann bhur tighibh maiseach, agus an tigh so na fhàsach?” Hag. i. 4. Cha’n fhaigh Dia ‘nis tigh gu a shoisgeil a chuir ann: ach feumaidh sibhse bhur tighean maiseach a bhi agaibh. Cha bhiodh iongantas orm ge do loisgeadh e Duneidean agus Glascho mar-aon, agus na h-uile nach bi air son Dhia. Shaoil le mòran e iongantach a bhi faicsinn mir greadhnach do Ghlasco ri teine; ach cha do shaoil leamsa bheag dheth. C’arson, do bhrigh ‘s gu’n do loisg iadsan na cumhnantan, agus gu’n do sgrios iad obair an ath-leasaichidh; chuir iad-san ar nithe taitneach-ne fàs; agus ciod e ge do bhiodh na bailtean so mar-aon air an losgadh? Gnothach mhòr gu dearbh! Ma bhitheas Dia air onaireachadh, na biodh speis aig neach co dhuibh bhios no nach bi sluagh agus tighean air an tilgeadh á dh’ionnsuidh iochdar a chuaín. Is ginealach iad aig am bheil smuainte toibheumach an taobh a steach dhoibh. Tha iad a’ smuaineachadh, gu labhairt mar sin, gu’n d’rinnéadh Dia air an son fein, gu’n d’rinnéadh Alba a chum gu’n togadh iad-san tighean ann, agus gu’n gabhadh iad comhnuidh annta.—Ach bha’n saoghal air a dheanamh a chum seirbhís a thabhairt do Dhia, agus mur cleachd iadsan an cumhachd air a shon-san, ciod am feum a tha air son a h-aon diubh, biodh iad na’n righre, na’m mòr uaislean, no na’n luchd gamhluis? Cùis mhòr, ge do chuireadh e sios iad a dh’ionnsuidh sgrios. Cha mhòr is fhiach iad uile gu leir. Tha smuainte dhaoine buileach mi-cheart.
(Rì leantwinn.)