AN IONNDRUINN.
“A IR fantuinn dhomh gu fad a’m’ thamh
Luidh air mo chnamhaibh aois,”
Luidh dusd us ceo ro mhor us bàs,
Luidh duibhr’ a ghnàth us daors,
Luidh tosd us bròn air iomadh fàth,
Luidh cuing an aite saors,
S mur faigh mi fuasgladh nuas o ’n aird
Dhomh ’s dualach smaig an aoig.
Mo chridhe tróm gun fhonn s mi sgith,
Us mi fo mì-ghean mor;
Gu bruit a’m’ chom gun fhois gun sith
Mi sior dhòl cli fo neoil:
Ged fhiosraich mi mu Fhear Mo Ghaol
Cha ’n eil a h-aon a’m’ chòir
Bheir sgeul no seoladh dhomh san raon
Gu faotuinn saor o m’ bhròn.
Cha chluinn mi guth a’ cholumain chaoin
No comhradh caomh nan uan,
Mu cheusadh Chriosd no air a ghaol
Cha chluinn mi aon ’to’air’ luaidh
A thogadh m’ aigne s m’ fhonn le saod;
S cha ’n fhaic mi ’n raon mo chuairet
Chuile bhruit no lion na smuide caoil
Ri ’n cleachduinn saors car uair.
Na neoil air comhdachadh nan gleann
Gun bhoillsg bhi ann bho ’n ghrein,
Na caoirich sgapt air feadh nam beann
Gun bhuachaill ann ri feum;
Droch aodhairean cinn-iùil nan dall
Gun tuigs air call an treud,
S ma bhriseas aon a mach bho ’n mheall
Bidh coin gu teann na ’n deigh.
Is aobhar m’ ionndruinn air an àm
Mo neart ’bhi fann s mo spéird,
Mo ghoruich s m’ aimideachd ro mheallt
Ga m’ chumail mall san t-streip;
Gun chrann-tabhuill bhi na m’ laimh;—
Mo lann a bhi gun ghleus—
Le ’m buailinn Goliah sa’ cheann
S gu ’m faodainn danns us leum.
Is m’ ionndruinn mhor s mo bhròn an tràths
Cion foills air gras an Léigh,
Nach faod run m’ inntinn us mo ghnàths
Ri Fear mo Ghraidh bhi reidh;
S e meud mo theagaimh—m’ aobhar cràidh!—
A deagh-ghean s fabhar Dhe
Thaobh cruas mi-chreideamh air a shlaint
A dh’ fhag mi ‘m’ thraill dhomh fein.
Is aobhar m’ ionndruinn air gach uair
Us fàth mo ghruaim s mo thurs
Mo pheacaidh ghraineil s m’ inntinn thruailt
Bhi folach bhuaam a ghnuis
Us m’ ardan ceannairceach s m’ fhein-uail
A’ glasadh suas mo chiuil,
Mo chridhe naimhdeil aingidh buairt
Mar theas a’ fuadach driùchd.
Bidh mis an sàs gun bhaigh gun truas
Fo bhuille chruaidh an uird
Bidh mi gun tamh fo amhghar truagh
Gu ‘n cluinn mi fhuaim às ùr;
Gu ‘n sil e ghras o ‘n aird le buaidh
Gu ‘n seall e nuas le shùil
S gu ‘n sin e lamh a ghraidh mu m’ chuairt
Ga m’ tharruing suas ris dluth.
Tha eud ro lobhte laist a’m’ chre
O ghrunnnd ro bhreun us searbh;
O ‘n nimh ro throm tha’ m’ chòm ri streup
Ga m’ lot gu geur le chalg:
N uair ‘s fearr mo ghleachd an aobhar Dhe
Tha cuid dheth ‘n stéidh o’n chealg
S dhomh ‘s eigin teich’ le luaths mo cheum
Gu uamh an t-sleibh air falbh.
Ged sheideadh stoirm us toirm ro bheur
Chur chreag gu leir na ‘n smur,
Beithir, crith-thalmhainn gharbh le cheil
Le ‘n criothnaicht sleibht o’n grunnnd:
Ged thigeadh teine ‘losgadh gheug
Gach lus gach feur na ‘n smùid
Cha ‘n fhaigh mi fois gu ‘n cluinn mi fein
N guth caoin o’n bheul ‘tha ciùin.
Is m’ ionndruinn air a chomunn thlath
Dh’ fhag guin a’m’ àirnibh geur;
Us air an eifeachd ta na ‘phlasd
A dheanamh slan mo chreuchd:
Ta m’ ionndruinn air a choimhneas ghraidh
Chur blas a ghrais na m’ bheul
A chuireadh casg air gath mo namh
A tha do ghnath ga m’ theum.
Mo ghoimh gun lasachadh gach am
Mo chreuchd a’ diultadh phlasd
Gach buaidh dheth m’ anam lan dû dh’ fhannt
Mo chreideamh gann gach tràth,
Mi triall san dorchadas mar dhall
To’airt beum do ‘n cheannard ghraidh,
Ga mheas gu leir mar shruthan meallt
S gun m’ earbs ach fann na shlaint.
Mi ‘g ionndruinn geall a chumbnaint réit
Trid aona Mhic De nan Dul
A dhaingnicheadh gu teann le sheul
Le ‘n deidheadh gach beud air chûl,
Le ‘n gluaiseadh m’ anam na chois-cheum
San leanainn e gu dluth
Le aonachd ghlain a spioraid fein
S le tarruing threin a chûird.
N sin dh’ eireadh m’ eallach dhiom bha trom
Ga m’ chumail crom ri lar
Us leumainn ealamh air mo bhonn
Us bhiodh mo chonn ni b’ fhearr;
N sin dhannsadh m’ anam na mo chom
Le oran fonnmhor ard
S bhiodh fois aig m’ inntinn a bha trom
N uair bhiodh gach tonn na tamh.
N sin bhiodh mo chonaltadh gu leir
N co-chomunn seimh a ghraidh
Bhiodh tosd air cosgaraich na beisd,
Mo chridh air ghleus a ghrais;
Gach buaidh dheth m’ anam cur gu treun
Na oibre s reidh ri ‘aithn
Gun sri gun easonachd le chéil
S bhiodh prois us fein fo thair.