CHA ‘N ‘EIL mi làn chinnteach gu’m baranndaich mo cheann-teagaisg gach ni a their mi uime an diugh ma leughar agus ma thuigear e ann an ceangal ris a’ cho’ theagaisg. Ach ‘s ann a ghabh mi na briathran ann an rathad co’ fhreagarrachd, ni ‘s mò no air sheòl eile, agus ni mi feum dhiu mar sheorsa de cheann-sgriobhadh do’n t-searmoin a tha mi ‘n dòchas a bhi air mo dheanamh comasach a liubhairt. Shuidh mi sois, agus bheachd-smuainich mi air a cheann-teagaisg so,—”Nithe a tha dlùth do Shlàninte,” agus an déigh cnuasachadh car ùine, ghabh mo smuainte cruth sgeula-samhlachail; agus anns a’ chruth so tha sùil agam an cur fo ‘ur comhair an diugh. ‘S ann a choimeas mi Slàninte ri ionmhas saoibhir agus cosdail, a rùnaich Dia ‘na ghràdh agus ‘na thòcbar neo-chriochnach, a chur do’n t-saoghal; agus chuimhnich mi gu’n robh a leithid de thlachd aig ar Tighearna Iosa ann ann toirt na Slàninte so chum an t-saoghal, ‘s gu’n do chuir e na’ bhag i, agus gu’n d’ thàinig e féin an cuideachd na Slàninte so agus gu frithealadh oirre. Th’air leam an sin gu’m faca mi armaitl mhòr de mhuinntir dhealraich, a’ siubhal air an talamh so, agus a’ gitlan nam meadhon seud naomh na Slàninte. Dh’amhairc mi air thoiseach orm agus chunnaic mi freiceadan toisich treun, a bha cheana air ruigsinn tràigh na Siorruidheachd. Dh’amharc mi mu’n cuairt air Slàninte, agus chunnaic mi mòran de ghràsan agus de dheadh bheusan a’ sior fheitheadh oirre anns gach chù, cosmhull ri marc-shluagh agus saighdearan gu a dion air thoiseach, air gach taobh, agus na déigh.
Ach mu’n tòisich sinn, thugamaid direach an rabhadh so dhuibh. ‘N uair a tha’n t-Abtol a’ labhairt mu dheadh-bheusan agus mu ghràsan, ‘se “Nithe a tha dlùth do Shlàninte” tha e’ gairm dhiubh, cha ‘n e níthe a tha ‘nan aobhar air Sláinte. Cha ‘n’ eil ar creidimh, no ar dóchas, no ar grádh, no ar deadh oibríbh, ‘nan aobhar sláinte; is nithibh iad a tha dol na cuideachd, ‘mar fhreiceadan urraim. Tha ceud aobhar na Sláinte a mháin ann an toil árd-uachdranach Dhé, an Athar, ann an éifeachd neochroichnach fola Iosa, Dia am Mac, agus ann an cumhachd Dhé, an Spioraid Naoimh. Tha ann gidheadh “Nithe a tha teachd an cuideachd Sláinte.” Beachdaichibh, mar gu ‘m b’ ann, air righ san t-seann aimsir, a’ thríall troimh a dhúthaich. Tha sinn a’ leughadh eachdraidhean mu righrean na h-áird an ear ‘s na seann linnibh, a tha ní’s coslaiche ri spleadhraich na ri firinn, ‘nuair a bhiódh iad a’ triall le feachd-cheum, le milté de bhraitaichean a’ snámh sa’ ghaoth, agus leis gach seórsa saoibhreis ‘ga ghiúlan leò. A nis, gabhaibh so mar stéidh mo shamhlaidh, agus smuainichibh gur i Sláinte an t-ionnhas naomh a thátar a’ giúlan troimh an t-saoghal le freiceadain air thoseach agus freiceadain ‘na deigdh, ‘ga coimhdeachd air a turas.
Tòisichidh sinn, mata, leis an fhreiceadan thoisich, a thainig an cuideachd Sláinte, no (mar is fearr a rádh) a chaidh air thoseach oirre. Thig sinn an sin gus an fheadhainn a tha ‘teachd direach beagan air thoseach oirre. Agus bheir sinn an sin fa’neár iadsan a tha ‘g imeachd r’a taobh, agus an sin co-dhùnaidh sinn le bhi ‘toirt fa’neár an fhreiceadain dheiridh a tha feitheamh air Sláinte so ar Dé.
An toiseach ma ta. Ann an siubhal mharc-shluagh agus armailean, tha cuid ann a mharcach eas air an aghaidh, ‘s a théid fad air thoseach air a chuid eile de ‘n armailt. Mar sin, ann an siubhal na Sláinte, tha buidheann áraidh de nithibh mòra agus cumhachdach, “a’ teachd an cuideachd Sláinte,” a chaidh fad air thoseach oirre, a’ réiteachadh na slighe. Innsidh mi dhuibh ainmean nan gaisgeach mòr so a chaidh air thoseach. ‘Se cheud aon, Taghadh; ‘se ‘n dara h-aon, Roi’ òrduchadh, ‘se ‘n treas aon Saorsa; agus ‘se ‘n Cùmhnant is ceannard dhaibh uile. Mu’n d’ thainig Sláinte do ‘n t-Saoghal so, ghluais Taghadh air an fhior-thoseach, agus ‘se b’ obair dha bhi ‘g ullachadh chairtealan air son Sláinte. Chaidh Taghadh troimh an t-saoghal, agus chuir e comharr air na tighean a dh’ ionnsuidh an robh Sláinte gu teachd, agus air na cridheachan anns an robh an t-ionmhas gu bhi air a thasgadh. Dh’ amhairc Taghadh troimh an chinne-daonna gu léir, o Adhamh sios gus an duine mu dheireadh, agus chomharrach e le seula naomh an dream air son an deachaidh Sláinte a rùnachadh. “B’ eigin da dol troimh Shamaria,” thubháirt Taghadh, agus b’ eigin do Shlànnte dol an sin. Thainig an sin Roi’ òrduchadh. Rinn Roi’ òrduchadh, cha’n e mháin comharr a chur air an taigh, ach chomharrach e an rathad anns an robh Sláinte gu imeachd a dh’ ionnsuidh an taigh sin. Shònrnich Roi’ òrduchadh gach ceum a bha armailt mhòr na Sláinte gu ‘ghabhail; shònrnich e an t-àm anns am biodh am peacach air a thoirt gu Criosd; an dòigh anns am biodh e air a théarnadh, na meadhanan a bhiodh air an gnàthachadh ; chomharrich e ‘cheart uair agus a’ mhionaide anns am beothaicheadh Dia an Spiorad ‘an dream a bha marbh anns a’ pheacadh, agus anns an rachadh sith agus maithneas a labhairt tre fhuil Iosa. Chomharrach Roi’ òrduchadh an t-slighe cho coimhlionta ‘s nach téid Slàinte, uair air bith thairis air na crìochan, agus nach ‘eil i uair air bith an teagamh mu ‘n rathad. Ann an òrdugh siorruidh an Dé a tha Ard-uachdranach, bha ceuman tròcair, gach aon diubh air an sònraichadh. Mar nach ‘eil ni air bith ‘s an t-saoghal a’ teachd mu’n cuairt le tuiteamas—mar a tha eadhon àite luachair ri taobh aibhne roimh laimh cho suidhichte ri àite righ, mar sin cha robh e iomchuidh gu’m biodh Slàinte air a fàgail an earbsa ri tuiteamas ; agus air an aobhar sin chomharrach Dia an t-àit anns an suidhicheadh i a phàilliùin sin ; agus an t-àm an ruigeadh i e. Thainig an sin Saorsa. Bha ‘n t-slighe garbh ; agus ged a chuir Taghadh comharr air an taigh, agus ged a chomharrach Roi’ òrduchadh an rathad ; bha ‘n t-slighe cho anmailte ‘s nach b’urrainn Slàinte a coiseachd gus an deachaidh a réiteachadh. A mach thainig Saorsa ; cha robh aice ach aon inneal-coimhdeachd, b’ e an t-inneal sin crann-ceusaidh uile-bhuadhach Chriosd. An sud bha beanntaibh ar peacanna nan seasamh, bhuail Saorsa iad, agus sgoilt iad ‘nam bloighdibh, agus dh’ fhág iad gleann air son muinntir shaorta an Tighearna gu imeachd troimhe. An sud bha doimhne mhòr corruich Dhé, a bhàsaich sinne ; chuir Saorsa drochaid oirre leis a’ chrann-cheusaidh, agus mar sin dh’ fhág i rathad siorruidh air am faod armailtean an Tighearna dol thairis. Tholl Saorsa gach beinn o thaobh gu taobh ; thiormaich e suas gach cuan ; ghearr e sios gach fridh ; dh’ isilich e gach cnoc àrd, agus lion i suas na glinn, air chor a’s gu’m bheil rathad na Sláinte a nis còmhnaidh agus simplidh. Tha Dia ceart ‘nuair a tha e ‘fireanachadh an duine mhi-dhiadhaidh.
A nis tha tha am freiceadan toisich naomh so a’ giùlan mar am bratach ; an Cùmhnant Siorruidh. Tha Taghadh, Roi’ òrduchadh agus Saorsa—na nithe a chaidh air thoiseach as an t-sealladh tha iad uile air an cruinneachadh chum a’ chatha leis a’ bhrataich so—an Cùmhnant, an Co-cheangal Siorruidh air a shuideachadh anns gach ni agus an coimhdear. Tha fios againn, agus tha sinn a’ creidsinn, mu’n d’ fhuadaich an reulmhaidne sgàilean an dorchadais, gu ‘n d’rin Dia cùmhnant r’a Mhac, gu’m basaicheadh esan, agus gu’n dioladh e luach saoraidh, agus air taobh Dhé an Athar, gu’n tugadh e do Iosa “àireamh nach b’urrainn neach air bith a chuntas” a bhiadh air an ceannach le ‘fhuil, agus trid na fola sin a bhiadh gu ro chinnteach air an tèarnadh. A nis, an uair a tha Taghadh a’ siubhal air aghaidh, tha e giùlan a’ Chùmhnaint. Tha iad so air an taghadh ann an Cùmhnant nan gràs. ‘Nuair a tha Roi’ òrduchadh ag imeachd, agus ‘nuair a tha comharrachadh a mach slighe na Slàinte, tha e ‘foillseachadh a mach a’ Chùmhnaint. “Chomharrach e mach àitean a phobuill a réir threubhan Israeil.” Agus tha Saorsa mar an ceudna, air dhi bhi ‘sealltuinn ri fuil luachmhor Chriosd, a’ tagradh Sláinte dhoibhsan a cheannaicheadh leis an fhuil, do bhrigh gu’n d’ òrduich an Cùmhnant dhaibh i.
A nis, mo luchd-èisdeachd ionmhuinn, tha am freiceadan-thoisich so cho fad air an aghaidh ‘s nach urrainn sibhse agus mise am faicinn. Is teagasgan iad so a tha fior, gidheadh ro dhiomhair; tha iad thall as ar fradharc agus ma’s miann leinn Sláinte fhaicinn, cha’n fhaod sinn feitheadh gus am faic sinn am freiceadan-thoisich; oir tha iad cho fad air falbh ‘s nach ruig orra ach sùil a’ chreidimh. Feumaidh sinn an gloine naomh so a bhi againn—gloine fad-sheallach diadhaidh sin o’ chreidimh—no cha bhi dearbh-chinnte nan nithe nach faicear againn gu bràth. Biomaid cinnteach, gidheadh, ma tha Sláinte againn gu ‘m bheil an Taghadh againn. An ti a chreideas, tha e air a thaghadh; co air bith a thilgeas e féin air Chriosd mar pheacach ciontach, gu cinnteach is leanabh taghta le Dia e. Cho cinnteach ‘sa chreideas tu ‘san t-Slànughear agus a theid thu d’a ionnsuidh bha thu air do Roi’òrdachadh o shiorruidh-eachd gu sin a dheanamh; agus ‘se do chreidimh an comharr agus an dearbhadh mòr air gu’m bheil thu air do thaghadh le Dia, agus luachmhor ‘na shealladh. Am bheil thu ‘creidsinn? Ma tha buinidh an Taghadh dhuitse. Am bheil thu ‘creidinn? Ma tha buinidh an Roi’òrdachadh dhuitse cho cinnteach ‘sa tha thu beò. Am bheil thu ag earbsa ‘an Iosa a mhàin? Ma tha, na biodh eagal ort; chaidh Saorsa ‘rùnachadh air do shonsa. Mar sin cha bhi sinn air ar bualadh le h-uamhunn roimh ‘n fhreiceadan-thoisich mhòr ud a tha cheana air na sléibhtean nèamhaidh a ruigsinn, agus air àite ullachadh, far am bi na daoine taghta a’ gabhail fois gu siorruidh air uchd an Dé.
(Ri leantuin.)