A GUS a nis, a’ leantuin dlùth an déigh an Spioraid ghloirmhoir, tha Legion an Tàirneanaich. Cha luaithe thig Dia, an Spiorad Naomh, a steach do’n anam na bheir e leis iad sin ria an dubhairt mi Legion an Tàirneanaich; agus a mheud dhibh ‘s a chaidh a théarnadh cha bhi e cruaidh oirbh a thuigsinn ciod a tha mi ‘ciallachadh. Tha an Legion Tàirneanaich so sgead-aichte le lùirich-mhàilich; tha an clogaidean a’ crathadh le uamh-chrith; tha an cainnt garg mar dhaoine a thig o thir chéin; tha an aghaidhean uamhasach ri uamharc orra, oir tha iad cosmhuil ri leòmhain, agus cuiridh iad eagal uanhasach air na daoine gealtach. Tha cuid de na doine ann an Legion an Tàirneanaich so a’ giùlan chlaidhean leò; leis na claidhean so tha iad gus am peacach à mharbhadh. Oir mu’n gabh e bhi air a dheanamh slàn ‘s éigin da, gu spioradail, a bhi air a mharbhadh; feumaidh an claidheamh sàthadh a steach ann, agus ‘fhéinealachd uile a mharbhadh mu’n gabh e bhi air a thoirt a dh’ionnsuidh an Tighean Iosa. Tha buidheann eile dhiubh a’ giùlan thuaghan leò, leis am bheil iad a’ gearadh sios chraobhan tiugha ar n-uabbair, agus a’ leagail seudair mhaiseach ar fèin fireantachd gu làr. Maillle riu tha ‘lionadh suas nan tobraichean le clachan, agus a’ briseadh sios uile shoithichean uisge ar foghainteachd fhcòlmhor, gus am bheil sinn air ar fuadach gu an-earbsa, le ar dòchas an uile air am milleadh oirnn. An sin tha ‘tighinn iadsan aig am bheil trompaidean ùmha, no trompaidean de dhaircean reitheachan—cosmhuil rit-san a leag Iericho roimhe gu làr—agus leò sud tha iad a’ séideadh cruaidh-sgal le sgread cho oillteil ‘s gu’m bheil am peacach a’ smuaineachadh nach b’ urrainn eadhon sgrìachail ifrinn féin a bhi ni b’ uamharrà. Tha’n sin a’ tighinn iadsan a tha sàthadh an spioraid troimhe agus troimhe le sleaghan; agus nan déigh uile tha deich gunnacha-mora an lagha a tha sior losgadh air an spiorad leònta, gus nach fios da ciod e no ciod a tha e deanamh. Mo charaid, an d’ thainig an Legeon Tàirneanaich so riath a dh’ ionnsuidh do thaighe-sa? An d’ thug iad suas an cairtealan riath ann do chridhe? Oir biodh fios cinnteach agad gur iad so cuid de na “Nithe a tha teachd an cuideachd Slàninte.” Cha chosamhlachd idir an ni bha mi ‘g ràdh, dhoibhsan a chaidh iompachadh, ach faodaidh e bhi dorcha dhoibhsan aig nach ‘eil eòlas air an Tighearna. Tuigihh, ma ta, a cheud obair a ni Dia an Spiorad anns an anam, gur obair uamhasach i. Mu’n urrainn duine bhi da rìreadh air iompachadh, ‘s éigin da mòr-chràdh spioraid fhulang; feumaidh ar n-uile fhéin-fhireantachd a bhi air a leagail cho iosal ris an làr, agus air a saltairt mar pholl nan sràidean. Feumaidh ar dòchas an feolmhor, gach aon diubh, bhi air an gearradh ‘n am miribh, agus ar didein bhréige bhi air an sguabadh air falbh le cloich-mheallain feirge Dhé. Bithidh lagh Dhe uamhasach do ‘n pheacach, ‘nuair a tha e ‘n toiseach a’ faotainn dearbhaidh air peacadh. “Ciod a rinn mi?” their e; no mar is còir a ràdh, “Ciod a dhith-mhill mi?” “Sgrios mi mi fein.” Faic e ‘nuair a rinn Dia an Spiorad air tìs peacadh a dhearbhaidh air; shaoileadh tu gu’n robh e as a chiall. Tha ‘chompanaich shaoghailta ‘ga mheas as a chiall. Tha e ‘gul a là ‘s a dh’ oidhche; ‘s iad a dheòir is biadh ‘s is deoch dha; ‘s gann is urrainn e cadal, le bradàran mu ifrinn, agas an uair a dhùisgeas e, saoilidh e gu’m bheil e cheana ga mbothachadh. “Oh, an fheirg ri teachd! an fheirg ri teachd!! an fheirg ri teachd!!!” tha sud mar gu’m biodh e ‘ghnàth na eallach air a chridhe. Tha e cosmhuil ris an fhear-thurais aig Iain Buinian; tha eallach trom air a dhruim agus cha’n ‘eil fhios aige ciamar a gheibh e cuidhte dheth; tha e ‘fasgadh a’ làmh, agus ag eìgheach, “Ciod a ni mi?” “Tha mi caillte. Rinn mi ceannairc an aghaidh Dhé, agus tha Dia feargach rium.” Ah! tha mi ‘g innseadh dhuibh gur ni uamhasach da rìreadh an Legion Tàitneanaich so. Moladh do Dhia, aon uair ‘s gu’n d’theid iad a mach as a’ chridhe, bithidh tomhas de dh’ aoibhneas ann; ach cho fhad ‘s a tha an cairtealan aca ann an coguis an duine, bheir mi dúlan dha itheadh no òl le h-aighear no le h-èibhneas. Tha baile bochd Anam-an-Duine air a chòmhdaichadh mu’n cuairt le aodach dubhfad na h-ùin’ a tha na saighdearan gruamach so ann. ‘S iad bagraidhean oillteil agus manaidhean brònach, an aon chuideachd a tha aig a’ pheacach ‘na leithid sud de chàs. Tha e ‘g iarraidh beagan dòchas agus combfhurtachd fhaotainn ‘na dheanadas féin; sud a nuas òrd an lagha ‘s brisear a dheanadais uile n’am miribh. Tha e smuaineachadh ma ta gu’n gabh e fois air leabaiddh a mhi-chùraim agus na leisg; sud a mach tha’n lagh, tha e ga cheangal ris na puist, a’ glacadh sgùirsa nan deich iallan, agus a’ toiseachadh air laidhe air le ‘uile neart gus am bheil a ris a chridhe ‘call fala. An sin tha Coguis a tighinn le a h-uigse saillte agus ‘ga ionnlaid thairis leis; agus tha e gu h-anabarrach air a phianadh, oir tha eadhon a leaba air fàs na leabaiddh bhioran iaruinn ‘us dhroighinn. Tha an Legion Tàirneanaich so an còmhuidh ‘teachd air thoiseach air Slàinte. Feumaidh gach duine bheag no mhòr a dh’ uamhasan fhaireachduinn mu’m bheil e air iompachadh. Tha cuid aig am bheil ni’s lugha ‘s cuid ni ‘s motha; ach feumaidh gu ‘m bi tomhas éigan de ‘n obair lagha eagallach so anns an anam, air neo cha d’ thàinig Slàinte dh’ionnsuidh taighe an duine sin.
O! Legion an Tàirneanaich, tha sibh air falbh! tha sinn a’ cluinninn an trompaidean, agus tha ‘m fann fhuaim fathasd a’ cur eagail oirnn. Is cuimhne leinn, a bhràithre, na làithean eagallach ud an uair a bha iad ann ar tigh, agus ann ar cridhe. Tha iad air falbh.—Ciod e tha sinn a’ faicinn ‘n an déigh? A’ leanntuinn dlùth ‘n an déigh tha cridhe briste. Amhairc air; na dean tair air; cha dean Dia ‘chaoidh tair air; na dean thusa. “Air cridhe briste agus bruìte, a Dhé, cha dean thusa tair.” Tha mi ‘faicinn mar a tha ‘n cridhe briste, bochd so air a bhristeadh; tha e air a reubadh gu ruig an teis-meadhoirn; tha e còmhdaichte le deuraibh; tha e air a chlaooidh le fulangas. Faic ‘iris-leachd; cha ‘n eil guth aig’ air uaill a nis. Gabh beachd air ‘aithreachas; na peacanna d’an robh e roimhe ‘toirt gràidh, tha e nis ‘g am fuathachadh; cha ‘n eil e ‘labhairt mu shlàinte ‘chosnadh dha féin. Cluinn mar a tha ‘n cridhe briste a’ labhairt a mach a chainnt bhriste. Cluinn e, “A Dhia dean tròcair ormsa ta am pheacach!” Na biodh eagal ort tighin agus amharc air a’ cridhe bhriste so. Cia cùbhraidh am boltrach a tha dheth! Tha fàile naomh iobairt a tha taitneach do Dhia ag éiridh uaithe. Cluinn e ris mar a tha e, ‘labhairt,—”A thighearna teasraig mi nò bithidh mi caillte!” Faic an cridhe briste, bochd so, ‘n uair a tha e anns an t-saoghail agus aig a ghnothaichean; cuiridh e stad air a ghnothach le athchuinean goirid, mar so: “O! nach robh—b’ fhearr gu’n robh!” Agus an uair a gheibh e ‘na aonar doirtidh e mach a chridhe fa chomhair Dhé, a’ glaodhaich,—
“O! neo-ghlan, ‘s làn de pheacach breun
Bho thùs gu deireadh bha mi, ‘Dhé,
‘S gur cealgach, olc mo chridh.”
O! ionnlaid mi ann am fuil Iosa; thoir maitheanas dhomh ‘am uile chionta, agus bithidh mi ‘am sheirbhiseach dhuit gu slorruidh agus gu suthainn!”
A luchd-éisdeachd ionmhuinn, an tàinig an cridhe briste so riarnh a dh’ ionnsuidh ‘ur taighe-se? Biodh fios cinnteach agaibh gur h-i dearbh fhirinn Dé, nach faodar àicheadh, a tha mi ‘labhairt —mar dàinig an cridhe bristo so a steach do ‘r n-uchd, cha ‘n urrainn sibh a bhi ‘n ‘ur luchd-comhpairt de Chriosd. Feumaidh an cridhe bhi ‘n toiseach air a bhruthadh ann an amar-bruthaidh geur-mhothachaidh, agus air a phronnadh ‘na mhírean le pronnadair an lagha, no cha ‘n urrainn e gu bràth gabhail ri gràs a’ Chomhfhurtair na’ uile lànachd. Am bheil do chridhe-sa briste an diugh? Am bheil thu fo bhròn aig a’ cheart uair so? Biodh deadh mhisneach agad, cha ‘n eil slàinte fad air falbh. Aon uair ‘s gu’m bheil an cridhe air a bhristeadh, tha tròcair ro dlùth. Tha ‘n cridhe briste ‘na roi’ghealladh air slànachadh. An ti a tha ‘marbhadh, ni e slàn; an ti a tha lot, ceanglaidh e suaa; an ti a bhuaill léighsidh e. Tha Dia ‘g amharc ort le gràdh, agus ni e tròcair ort.
(Ri leantuinn.)
If there be no enemy, no fight; if no fight, no victory; if no victory, no crown.—Savonarola.