Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1921 » October 1921 » Searmoin leis an Urramach C. H. Spurgeon: Nithe a tha dlùth do Shlainte

Searmoin leis an Urramach C. H. Spurgeon: Nithe a tha dlùth do Shlainte

Eadar-theangaichte gu Gaelic le Alasdair Dughallach, oileiniche ann an “Oil-thigh Spurgeon.”

“Nithe a tha dlùth do Shlainte.”—EABH. vi. 9.

A CH cò iad so a tha ‘leantuin ‘n an déigh? Buidheann eile—legion eile; ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar iad so ‘s an fheadhain eile—that ‘n Legion Sioda ‘leantuin; cha ‘n ‘eil iad so air an éideadh le stàilim? cha ‘n ‘eil clogaid chogaidh air an ceann—the fiamh ghàire air an aghaidhean, agus an gnùis làn aoibhneis. Airm chogaidh air bith cha ‘n ‘eil ‘n an làmhaibh; guth tàirneanaich air bith cha ‘n ‘eil iad a’ labhairt; ach tha iad a labhairt bhriathra caoinmheil truacantais, agus tha an làmhan làn de bheannachdan. An innis mi dhiubh cò iad an Legion Sioda so? Tha buidheann dhiubh ‘tha gabhail a’ chridhe bhochd, leòinte, agus ‘g a ionnlad an toiseach ann am fuil; tha iad a’ crathadh fuil naomh na h-Iobairt-réitich air; agus is iongantach mar a tha an cridhe briste, bochd, ged tha e fann agus tinn, ag ath-bheothachadh leis a’ cheud bhraon de fhuil luachmhor ar Tighearn Iosa Crìosd; agus an uair a tha e air a shàr ionnlad ann am fuil tha aon eile de’n Legion so a’ teachd air aghaidh, agus ‘ga ghabhail agus ‘g a ionnlad ann an uisge;—oir thàinig araon fuil agus uisge mach o chridhe an t-Slànuighir;

“Deanadh an t-uig’ agus an fhuil
Bho d’ thaobh chaidh lot, a’ ruith mar fhuil
Mo leigheas dubailte bho ‘n pheac’,
Glan mi o chiont’ ‘s o thruailidheachd.”

Agus, O! ciod an t-ionnlad a tha ‘n so! An cridhe ‘bha aon uair dubh mar ghal na h-ifrim, tha e nis a’ sealtuinn geal mar shneachda Lebanoin. Aon uair ‘s gu’m bheil e air ionnlad ann am fuil an t-Slànuighir, agus ann an uisge, O! cia cho glan ‘s a dh’ fhàsas e! Esan a bha dubh mar bhùthaibh Chédair, bithidh e mar chuirteinibh Sholaimh. A’ teachd ‘n an déigh tha iadsan a tha ‘dòrtadh ola agus fion ann an lotaibh a’ chridhe bhriste, bhochd so, ionnas, far an robh pian roimhe, gu’m bheil na lotan a’ tòiseachadh ri seinn. Tha ola agus fion naomh a’ Gheallaidh luachmhoir air an dòrtadh anns gach lot; agus tha ‘ris iadsan a’ teachd a tha le meòir mhìne a’ ceangal suas a’ chridhe le cungaidh leighis naomh a’ Gheallaidh, gus nach ‘eil e ‘sealltuinn briste na’s mò; ach na eanamhan briste a’ deanamh gairdeachais. Tha an cridhe gu h-omlan a’ seinn le aiteas; oir dh’aisig Dia a neart, agus cheangail e suas a chreuchdan uile a rèir a’ gheallaidh, “Léighisidh e iadsan aig am bheil eridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leònta.” Agus a ris, a nach ‘eil an obair buileach deanta, tha iadsan a’ teachd a tha giùlan taisgaodaich an Righ, agus a’ sgeadachadh an anama o ‘mhullach gu ‘shail leis na nithibh a mach as an taighstòr shaobhir sin; tha iad ‘g a éideadh leis gach ni a b’ urrainn a dheanamh maiseach le dealradh agus glòir, agus a dheanamh soillseach mar na spioradan fa chomhair na righ-chaitreach. ‘An sin tha luchd-sheud an righ a’ teachd agus a’ eriochmachadh an iomlain; tha iad a’ sgeadachadh an anama le usgraichean, agus ‘g a dheanamh sgiambach le clachan luachmhor. Mar a thubhairt an t-Athair, “Thugaibh a mach a’ chulaidh is fearr, agus cuiribh uime i, agus cuiribh fàine air a làmh agus brògan air a cosaibh,” is amhuil a tha an Legion Sioda so ag iomlad, agus a’ leigheas, agus a’ deanamh glan agus glòirmhor a’ chridhe, a bha aon uair briste, bochd. An tàinig iad so riabh a dh’ ionnsuidh do thaighe-sa? Is samhladh e, ach tha e uile soilleir dhasan a thug eas e. A pheacaich, an d’ fhuair thu riabh fuil Chriosd air a càramh riut?

“O! nam faiceadh tu ‘n fhuil phriseil,
Ruith o chridhe sios gu dian;
‘S gu’m faigheadh tu dearbhadh einteach
Gu’n d’ rinn e do shith ri Dia.”

Am bheil thu aig an uair so a’ eur do làmh air ceann gaoil Chriosd ag aideachadh do pheacanna, agus a’ creidsinn gun do ghiulain esan am peanas air do shon? ‘S urrainn thu, an urrainn? Gu deimhin is leatsa Slàinte ma seadh. Agus an robh do chridhe riabh air ionlad le h-uigse? Innis am bheil fuath agad do ‘n pheacadh? Am bheil t’ uile chionta air a ghlanaadh, agus am bheil cumhachd ciont’ air a ghearradh air falbh, air ehor ‘s nach ‘eil thu ‘gràdhachadh slighean na h-aingidheach, no ‘g iarruidh ‘bhi ruith ann an ceumaibh luchdeasaontais? Ma tha, is oighre air néamh thu. Agus innis, a’ pheacaich bochd, an robh thu riabh air do sgeadachadh le trusgan fireantachd losa? Am b’ urrainn thu riabh dòchas altrum gu ‘n robh thu air do dheanamh taitneach anns an aon ghràdhach? Air leam gu’m bheil mi ga d’ fhaicinn le deur air do shùil, agus ga d’ chluinntinn ag ràdh, “Sheinn mi air uairibh le m’ uile chridhe:—

“Tosa! ‘s iad t’fhuil ‘us t’fhireantachd,
Mo mhais ‘us m’ éideadh ‘s àille dreach;
Leò sud, ‘n trà théid am saoghal ‘na smàl,
Le h-aobhneas éiridh mi an àird.

“‘S an là sin ‘s dàn’ a sheasas mi,
Oir as mo leith cò chuireas nì?
Trid Chriosd tha mi gu h-omlan saor,
O mhallaichd, ciont’, ‘us nàir’ faraon.”

Agus a nis, cha tàinig sinn fathast gu dearbhadh air Slàinte. Tha an Legion Sioda air falbh; tha ain brataichean fathast ag itealaich anns a’ ghaoith, agus tha an trompaidean geallaidh fathast a’ deanamh an adhair ait le binn-cheòl. Ciod an t-ath ni tha teachd? Tha nis iadsan a’ teachd a tha ‘n an dearbh luechd-frithealadh air Slàinte—no mar is fearr a ràdh, iadsan a tha ‘siubhal anns an t-sreith dìreach air thoiseach oirre. Tha ceathrar ann dhiubh so, d’ an ainm Aithreachas, Irisleachd, Urnigh, agus Coguis mhaoth. Dìreach ‘an toiseach air làn dearbhachd air Slàinte, tha Irisleachd a’ siubhal. Tha i òsal ‘na sealladh féin; cha ‘n ‘eil i dubhach, ach cha ‘n ‘eil sealladh àrd aice; ‘s gann gu’m bheil a’ chridh’ aice a sùil a thogail a dh’ionnsuidh ionad còmhnuidh glòire Dhé. Tha i gu tric ag amharc ri làr, a’ cuimhneachadh a staid ‘s an àm a chaidh seachad; a’ smuaineachadh air uile shearbhais agus chiont’ a beatha ‘s an aimsir roimhe. Cha ‘n ‘eil i ri bòsd air son na rinn Dia air a son; tha i ‘sealltunn ri toll an t-sluchd as an do chladaicheadh i. Tha fios aice gu’n do ghlananadh i ann am fuil an t-Slànughir; ach is cuimhne leatha cho dubh ‘s a bha i mu’n deachadh ged ‘tha i ri gairdeachas anns na tha l’àthair. Tha i faireachdùinn a laigse féin; cha ‘n ‘eil a’ chridh’ aice seasamh leatha féin; tha i ‘leigeadh a taice air gairdean Fir-a-gràidh; oir tha fios aice gu’n tuiteadh i gu làr mar bìodh esan an còmhnuidh ‘g’ a cumail suas. Tha a piuthar, d an ainm Aithreachas, r’a taobh, ag uisgeachadh an làir le ‘deuraibh, a chum an duslach a leagaib roimh’ an Righ. Ge b’ e taobh a théid i tha i ‘gul, agus ma dh’fhoiricheas tu dhi, c’arson? innsidh i dhuit nach ‘eil i ‘gul air son eagal ifrinn—tha sin uile seachad. Innsidh i dhuit gu’n do shiab an Legion Sioda ud a h-eagalan uile air falbh; ach tha i ‘gul air son gu’n do bhuaile i an Tighearn a ghràdhaich i cho mòr; tha i ‘bualadh a h-uchd, agus ag éigheach—

“Mo pheacaibh! O, mo pheacaibh borb!
Is sibhs’ a rinn a chràdh;
Gach lochd fa leith bu tarrunn e,
‘S b’ e ‘n t-sleagh mi-chreidimh dàn’.”

Mar is mò dh’innseas tu dhi m’a Slàinte ‘s ann is mò tha i ‘gul, le bhi smuaineachadh gu ‘m urrainn i ceannaire a dheanamh an aghaidh a leithid de Shlàn-uighear. Tha i làn earbsach gu’n tug’ a Maighstir maitheanas dhi, ach gu bràth cha toir i maitheanas dhi féin. ‘An sin, taobh ri taobh ri Aithreachas tha aon d’an ainm Urnigh. Is sagart e, agus ‘na làimh tha e ‘crathadh tùiseir làn de thuis chùbhraidh, chum gu’m bi an t-slighe air a h-ullachadh air son an Righ; chum gu’m bi boltrach cùbhraidh ann ge b’e taobh’ a shiùbhlais e. Eiridh Urnigh mu mheadhon oidheche a ghairm air Dia; air mosgladh da shùlean fàitichidh iad a’ ghrian ag éiridh, chum gu ‘n tog’ e suas a chridhe ri Tehòbha; agus an uair a tha ‘ghrian a’ dol fodha, cha leig Urnigh le a rothan dol as an t-sealladh fo chuairt nan speur, gus an giùlain i ‘athehuinge ‘na carbad. Agus anns a’ chuideachd so tha Coguis mhaoth, an ceathramh aon diubhsan a tha ‘dlìth fleitheamh air Slàinte. Tha eagal air a’ Choguis mhaoth so aon chas a chur air toiseach air a’ chois eile, air eagal gu’n cuireadh e ‘chas ‘s an àite chearr. Coguis mhaoth, bhochd, tha cuid ri tàir air, ach tha e ionmhuinn le cridhe an Righ. B’ fhearr leam, mo bhràithre, gu ‘n robh agaibh-se agus agam-sa tuileadh aithne air. B’ àbhaist domh aithne bhi agam air Coguis cho maoth ‘s an gu’m bu mhiann leam a faireachduinn a ris. Cheasnaich sinn ‘s an àm ud a thaobh gach gniomh, an robh e ceadaichte mu’n deanamaid e, agus an sin ged robh e ceadaichte, stadamaid a dh’fhaicinn an robh e iomchuidh, agus na’n smuainicheamaid gu’n robh e iomchuidh, eadhon an sin cha deanamaid e mur biomaid mòthachail gu’m biodh e làn urramach do’n Tighearn ar Dia. B’ àbhaist duinn gach teagasg a chur ‘an amharus air eagal gu’n creideamaid a bhreug, gach òrdugh a rannsachadh, air eagal gu’n cuireamaid iodhal-aoradh ‘an gniomh; bu shona na làithean anns an deachaidh Coguis mhaoth maille ruinn. Agus a nis, mo luchd-éisdeachd, an aithne dhuibh ni air bith mu’n echeithir so? An d’thainig Irisleachd riabh d’ ur ‘n ionnsuidh? An d’islich i riabh ‘ur ‘n uabhar, agus an do theagaig i dhiubh laidhe anns an dulsach fa chomhair Dhé? An d’ uisgich Aithreachas riabh ùrlar ‘ur eridheachan le deòir? An robh sibh riabh air ‘ur toirt gu bhi ‘an uaigneas air son ‘ur peacanna, agus a caoidh ‘ur ‘n aingidheachd? An d’ thàinig Urnwigh riabh a steach do ‘ur spiorad? Cuimhnichibh, anam gun ùrnwigh gur anam gun Chriosd e. An d’ fhòghlhum sibh ùrnwigh a dheanamh, cha-n ann le glaodh na piorraid, ach le ùr-chainnt a’ chridhe? An d’ fhòghlhum sibh riabh ùrnwigh a dheanamh? Agus fadheòidh, am bheil ‘ur coguis maoth? Oir mur ‘eil ur coguis air a deanamh maoth, cha do choinnich slàinte sibh; oir tha iad so n’an dlùth luchd-feitheamh air slàinte.

(Ri leantwinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice