Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » January 1922 » Searmon: Cuid de Chomharraidhean air Feasgair Dhubhach aig Eaglais Dhe. LEIS AN URRAMACH RALPH ERSCINE, A.M., Ministeir an t-Soisgeil a bh’ann an Dunfermline. (Air a leantainn o t. d. 249.) “Ach tarlaidh air tra feasgair gu’m bi solus ann.”—Secha. xiv. 7

Searmon: Cuid de Chomharraidhean air Feasgair Dhubhach aig Eaglais Dhe. LEIS AN URRAMACH RALPH ERSCINE, A.M., Ministeir an t-Soisgeil a bh’ann an Dunfermline. (Air a leantainn o t. d. 249.) “Ach tarlaidh air tra feasgair gu’m bi solus ann.”—Secha. xiv. 7

  1. Tha e na chomharradh dubhach air ám feasgair, an uair a tha na h-uile samhach ann an tosdachd, agus an tigh air a chumail ann an sith-thamh; oir anns an la tha do ghnath ni-eigin do dh’fhuaim mu’n cuairt do’n tigh; ach air an oidche chán eil a bheag sam bith, gu gnathaichte, ach sith-thamh agus ciùneas.—Eadhon mar sin, is comharradh e air gu’m bheil e na uair dhorch agus mharbh de’n oidheche aig sluagh ‘nuair a tha’n cridheachan a’ foiseachadh ann an leapaichean an t-sith agus t-shocair fheòlmihor; tha so ag radh, gu’m bheil an diabhul ‘gam fulasgadh ‘nan còdal ann an leabaidh na mi-chùram, “’Nuair a ghleidheas duine làidir fo armaibh a thalla féin tha na bhùineas dà ann an sith,” Luc. xi. 21. Feudaidh cuid a bhi ullamh gu’ radh, buidheachas do Dhia cha d’ robh mi fein riamh air mo bhuaireadh leis an diabhul: ‘seadh, a dhùine c’arson nach’eil e ‘ga da thrioblaideachadh? ‘Se an t-aobhar so, gu’m bheil e eimteach na’s leoir asad a cheana: ach na’m bitheadh tu a’ cuir ‘na aghaidh; is beag sith a bheireadh e dhuit, chuireadh e uile chumhachdan na h-ifrinn’ air do thòir. Ach ‘nuair a tha gach ni air fhulasgadh gu sith ifrinneil, tha e na àm feasgar dòrch: tha mòran ag radh so, “Bithidh sith againn ge do chuireadh sinn misg ri tart.”

  2. Tha e na chomharradh soilleir air àm feasgair, ‘seadh, gu’m bheil e meadhon oidheche aca, ‘nuair a tha’n cuid dorsan uile air an duidheadh ‘s air an crannadh, agus ‘nuair nach bi buillean sam bith air an cluinntinn no air am freagradh, a chum an dorus fhaotainn air fhosgladh: ‘se so gu minig mar a tha chuis a’ tachairt anns an oidheche. Agus a nis, ‘nach h’eil e na chomharradh dubhach, air gur àm feasgair a th’ann: ‘seadh na àm meadhon-oidheche aig a mhor-shluagh anns an ‘eaglais fhaicisineach, ‘nuair a tha dorsan an cridheachan air an duidheadh gu teann ‘an aghaidh Chriosd; agus ge d’ tha e na sheasamh aig an dorus agus a’ bualadh, gidheadh cha’n’eil iad ag eisdeachd, a’ freagairt, no a’ fosgladh dha? Taish. iii. 20. ‘Nuair a bhuaileas peacaich aig a dhorus-san, tha esan do ghnàth ullamh gu fosgladh, do reir fhocal, “Do’n tì a bhuaileas fosgailear,” ach ‘nuair a bhuaileas Esan aig dorus a pheacaich, feudaidh e bualadh mìle uair, agus gun a bhi idir air a chluinntinn no air a ffreagairt. Is iomadh buille a thug e, agus a tha e fathast a’ tabhairt aig dorus na ginealaich so.—Tha e bualadh le focal òrdugh-san, Eabh. iii. 7, 8. Ephes. v. 14. I. Eoin iii. 23. Le focal a Bhagraidhean, Eoin viii. 24. Luc. xiii. 3. Mare xvi. 16. Le focal a gheallaidh agus a chuiridhean caoimhneil, Mata. xi. 18. Eoin vi. 35, viii. 38; le fhocal reuseoin, a’ reusonachadh na cuis Esec. xxx. 11; le fhocal gearrann Eoin v. 4; agus le fhocal comhairle, Taish. iii. 18. A ris, tha e bualadh le a Spiorad, le coguis, le trioblaidean, le trocairean coitchionn, le breitheanasaihb, le deadh eisimpleir agus comhairlean muinntir eile, agus roimh bhlasadan de’ ghradh.

  3. Tha e na chomharradh air gur àm feasgair a th’ann, an uair a tha a ghealach air éiridh, agus air éiridh gu h-árda: oir tha fhios agaibh, mar a ta e na chomharradh air a ghrian a bhi dol fuidh, an uair a tha ghealach air éiridh; mar sin, gu gnàthaichte, mar is àirde a tha a ghealach air éiridh, ‘sann a’s fhaide a tha e dheth an oidheche, agus ‘s ann is fhaid’ as a ghrian. ‘Nuair a tha a ghealach a’ nàirde, tha a ghrian a bhán.—’Nis mar a tha Criosd air a shamhlachadh ris a ghrian, agus an saoghal so ris a ghealach, mar sin, an uair a tha e na sholus là aig eaglais Dhe, tha a maise air a h-aithris le iad a bhi air an eideadh leis a ghrian, agus a ghealach a bhi aca fuidh an cosaibh, Tais. xii. 1. Agus mar a ta e na là do sholus spioradail aig neach no aig sluagh, an uair a tha ghrian ac os an ceann, agus a ghealach fuidh an cosan; mar sin tha e na oidheche de’ dhorchadas spioradail, aig neach no aig sluagh, an uair a tha ac’ a ghealach os an ceann, agus a ghrian fuidh an cosan; an uair a tha aignidhean dhaoinn air an suidheachadh gu h-iomlain air an t-saoghal chaoch-laideach so: an uair a tha’n saoghal gu h-árd ‘n an cridheachan, tha Criosd gu h-iosal. Nach ‘eil ma ‘seadh, cridheachan saoghalt, aignidhean saoghalt, sluagh a ta de’ dh’inntinn shaoghalta, aig am bheil an airm ‘mhain air nithe talnhaidh, nach ‘eil so ‘na dhearbhaichd gu’m bheil iadsan na’n dorchadas? Tha cuid, leis a ghealach ann an leabhar an Taisbeanidh, xii. 1, a’ tuigsinn gealaich an fhein-fhireantachd; agus tha e gabhail so a’ steach maran ceudna, ann an áite muinntir a bhi air an comhdach le grian na fireantachd, agus gealach an fhéin-fhireantachd a bhi fuidh an cosaibh, gu’m bheil iad air an comhdach le gealach chaochlaideach am fireantachd fein; ‘an sin tha aca-san grian na fireantachd fuidh an cosan. Tha iad a’ saltradh air Criosd agus air fhireantachdsan am feadh a tha iad ‘gan árdachadh fein agus am fireantachd fein, a’ moladh lagh na’n oibre, agus gun fhios ac’ gu’m bheil iad le’ so a’ glaodhaich a mach sios le Criosd, croich am lagh a chum fireantachd anns am bheil againn fireantachd agus neart.

  4. Tha e na chomharradh air gur am feasgair a th’ann an uair nach ‘eil sgàthan an air son feum sam bith; agus an uair, do thaobh dorchadas, nach urrainn daoine feum a dheanamh aon chuid do sgàthan, a chum iad fein fhaicinn, no do ghloin-sheallaidh, a chum nithe eile fhaicinn.—Mar sin, is comharradh e’air oidheche gle dhorch, am feasgair de thighh dhorchadas, an uair nach ‘eil da ghloin Dhe air son feum sam bith; tha mi a’ ciallachadh, an lagh agus an soisgeil; an uair nach urrainn do mhuinntir iad fein fhaicinn aon chuid ann an gloin an lagh, mar a rinn Pol, Rom. vii. 9; agus mar an ceudna an uair nach urrainn iad Criosd fhaicinn, agus gloir Dhe annsan, ann an gloin an t-soisgeil, mar a rinn Pol agus muinntir eile, 2 Cor. iii. 18. Ach tha e na am dorchadas aig an eaglais, agus aig anama sónruichte, agus na dhearbhadh dhubhach, na chomharradh cinnteadh air iad a bhi gu h-iomlan as eugmhais solus tearnaidh, an uair a tha an lagh gun fheum dhoibh ann a bhi a’ foillseachadh dhoibh an nadur peacach, an eridheachan, agus an caith’beatha, agus an soisgeil a bhi neo-fheumail dhoibh, air son a bhi foilleachadh glóir Dhe ann an rathad na slainte troimh Iosa Criosd; an uair nach eil aon chuid am ‘peacadh no’n truaighe air a dhearbhadh orra leis an Spiorad a bhi fòsgladh na h-àithne, agus a’ co’-chuir bagraidhean an lagh, no air an dearbhadh mu fhircantachd agus mu bhreitheanas, leis an Spiorad a bhi teachd mar spiorad gliocais agus foillseachaidh ann an eolas Chriosd, mar an Tighearn air fireantachd.

Nis, insibh dhomh, an deigh dhuibh na comharraidhean so mu àm feasgair a chluinntinn, mur ‘eil mòr aobhar air son bròn is tuireadh os-cionn an àm air lathair? Nach ‘eil a mhor-chuid anns an eaglais fhaicsinneach, ‘seadh, tha a mhor-chuid a th’ann an so, fo’ thighh dhorchadas, nach ‘eil e na fheasgair dorch agad a dhùine; agad-sa bhean? Na’n dearbhadh Dia thu leis na comharraidhean so mu thimchioll, chitheadh tu gu’m bheil thu fein air do eomhdach ‘s air do chuaireachadh le neulaibh agus le tiugh dhorchadas na h-ifrinn; agus chitheadh tu t-fheum air eigeach a mach, A Thighearn, soillsich; Thighearn, cuir a mach do sholus agus t-fhirinn, &c.

A CHRIOCH.

It is a most just punishment that man should lose that freedom which man had power to keep, if he would; and that he who had knowledge to do what was right, and did not, should be deprived of the knowledge of what was right, and that he who would not do righteously, when he had the power, should lose the power to do it, when he had the will.—Augustine.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice