THA anns an leabhar so:—Intinn Dhe, stait an duine, slighe na slainte, binn nam peacach, agus sonas nan creidach. Tha a theagasgan naomh, tha a reachdan ceangailte air daoine, tha eachdraidhean firinneach, tha a chodhunaidhean neo-chaochlaideach. Leugh e gu d’ dheanamh glie, creid e gu bhi air do shaoradh, agus gniomhaich e chum a bhi naomh. Tha ann solus gu d’ stearadh, lon gad chumail suas, agus comhfurtachd gad mhisneachadh. Is e cairtail an fhir-thurais, lorg an fhir-chuairt, compaist an fhir-stiuraidh, claidheamh an t-saighdeir, cumha-sgriobhte a chriosdaidh. Anns an leabhar so tha Paras air aiseag air ais, tha neamh fosgailte, agus geatachan ifrimn air an toirt gu solus. Is e Criosd a shuspaim ghloirmhor, a chrioich araidh air maith, agus ghloir Dhe a cheann-thall. Bu choir a chuine bhi lan dheth, an cridhe bhi air a riaghludh leis, agus na cosan bhi air an stiurah leis. Leugh e gu curamach, gu minic, agus le hurnuigh gum beannaicheadh Dia do d’anam e. Tha mein shaoibhris ann, tha Paras gloire ann, agus amhuinn do sholasan. Tha e air a thabhairt dhuit anns a bheatha so, bidh e air fhosgladh aig la a breitheanais, agus bidh e air chuine gu siorruidh. Tha e gad cheangal annsa chuntallachd as airdé, duaischidh e thu airsin na saothir as mo ann a bhi ga rannsachadh, agus d’tidh e iadsan uile a chuireas suarach na firmean naomh leis am bheil e air a lionadh.
“Is lochran t’ fhoical do m’ chois, agus solus do m’ cheum” (Psalm 119, 105).