Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » May 1922 » Searmoinn I: “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr air glóir Dhé.”—Romhanaech iii. 23

Searmoinn I: “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr air glóir Dhé.”—Romhanaech iii. 23

THA eachdraidh an t-saoghail, co maith ri focal De, a dearbhadh, gu ’n do rioghaich am peacadh air thalamh o thuiteam an duine. Ann an ùine ghoirid an deigh an leagaidh, dh’ eirich ceannaire agus àindiadhach dhaoinne gu àirde co mòr, as gu ’m “b’ aithreach leis an Tighearna gu ’n d’ rinn e ’n duine air an talamh, agus thog e doilgheas da ’n a cridhe. Agus thubhairt an Tighearna, sgriosaidh mi an duine a chruthaich mi bharr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh; oir is aithreach leam gu ’n d’ rinn mi iad.” Ciod air bith rabhaidhean a fhuair luchd-àiteachaidh an t-sean t-saoghail mu thimchioll an cionta, an cumart, agus am féum a bha aca air teicheadh o ’n fheirg a bha ri teachd, tha e soilleir gu’n do chuir iad an neoshuim iad, agus gu ’n do bhuanach iad a cruadhachadh anns a pheacadh, agus ag an-tromachadh an cionta, gus an robh an tiomlan diubh air an srios a bharr aghaidh na talmhainn leis an díle, ach teaghlach Noah a mhàin.

Ach ged chuir an díle as do luchd-àiteachaidh an t-sean t-saoghail gu h-iomlan, ach aon teaghlach, gidheadh, cha do chuir i as do ’n pheacadh; oir bhuanach am peacadh ann an teaghlach Noah—seadh, leam an luibhre mhillteach so r’ a shloichd, o linn gu linn, gus an là an diugh. An uair a dh’ fhàs an sloichd so lionmhor, agus a sgaoil iad a mach air aghaidh na talmhainn, ghìbhlain iad am peacadh ’n an cridhe, ’n an cuideachd, agus ’n an caithbeatha, gach taobh a dh’ imich iad, gu iomall an domhain. Annas gach àite ’n robh iad a triall, na gabhail comhnuidh, bha iad a toirt amach toradh searbh a pheacadh, agus a dearbhadh, le ’n guth ’s le ’n gniomh, firinn na fianuis a tha ’g imseadh dhuinn, gu ’n do “thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh :” gu ’n do “pheacaich na h-uile, agus gu ’n d’ thainig iad gearr air glóir Dhé.”

Ann an labhairt o na d’ briathraibh so, bheir mi fa’near—

I. An doigh anns an d’ thainig am peacadh a steach do ’n t-saoghail.

II. Bheir mi oidheirp air a bhi taisbeanadh, agus a dearbhadh, gu ’n do pheacaich na h-uile dhaoinne.

III. An seadh anns an d’ thainig na h-uile gearr air glóir Dhé.

Tha mi ’n toiseach gu bhi toirt fa’near, an doigh anns an d’ thainig am peacadh a steach do ’n t-saoghail.

1. Annas a cheud àite, cha robh am peacadh anns an t-saoghail o thoiseach a chruthachaidh;

oir chruthaich Dia an saoghail, agus na h-uile nithe a ta ann, saor o pheacadh. Cha d’ rinn Dia oibre faesinneach na cruitheachd gu h-iomlan ann an aon là, ach a chuid agus a chuid, ann an sea laithibh, agus bha gach earrann do na h-oibre so, ‘n uair a thainig i mach a làimh Dhé, saor o pheacadh, a foillseachadh a ghloir féin, agus taitneach ‘n a shealladh. An uair a chriochnaich Dia obair a chruthachaidh ann an duine, dhealbh a reir a choslaís féin, ann an iomhaigh mhaiseach a naomhachd féin, thug e bhréith so mu thimcheall gach ni a rinn e—gu robh e ro mhaith; agus tha bhréith neo-mhearaichdach so a thug Dia a mach, a dearbhadh gu robh oibre na cruitheachd gu h-ionlan saor o ‘n smal a bu lugha do thruallidheachd a pheacadh. Mar nach feud ni glan teachd o ni neo-ghlan, cha mhó a dh’ fheudadh ni neo-ghlan air bith teachd uaith-san a tha neo-chriochnach ann an naomhachd, agus a shúilean ni ‘s gloine na gu ‘m feud e amharc air aingidheachd. Bha saoghal nan spiorad air a chruthachadh roimh an t-saoghal nadurra. Ghairm Dia aingil nam fiaitheis gu bith an toiseach air a chreutairibh faicsinneach, agus uime sin, bha cothrom aig na h-aingil a bhi ‘n am fianaisean air toradh a chumhachd neo-chriochnach ann an oibríbh faicsinneach a làmh; agus tha na sgriobhtuirean a’ teagasg dhuinn gu robh iad air an lionadh le h-iongantas, agus le h-aobhneas, ‘n uair a chumhaic iad a chruththeachd fhaicsinneach air a gairm gu bith, agus gloir an Cruith-fhir, agus an cuibhrinn féin, a learladh a mach tre oibríbh mór agus iongantach uile. An sin “sheinn reulta na maidne le cheile, agus rinn uile mhic Dhé gáirdeachas.” A nis, bha ‘n gáirdeachas so a dearbhadh, nach robh súilean fiorghlan nan aingil a faicinn mearachd, na thruallidheachd air bith air feadh uile oibre Dhé. Chruthaich Dia an duine an toiseach ‘n a chreutair naomha, saor a pheacadh, saor o bhuaireadh spioraid, agus o an-shocair cuirp; agus chruthaich se e, mar an ceudna, ann an seilbh air tomhas árd do sholus, do shonas, agus do chomh-chomunn spioradail maille ris féin. Bha sith eadar neamh is talamh, bha soireann is sonas a cômhdaichd aghaidh na cruitheachd gu léir; cha robh braon air bith do nadur searbh, no smal air bith do thruallidheachd a pheacadh, r’ am faicinn no r’ am faireachdainn am measg oibre na cruitheachd gu h-ionlan. Ach,

2. Thainig am peacadh a steach do ‘n t-saoghal trid cuilbheartachd na sean-nathrach.

Tha na sgriobhtuirean a teagasg dhuinn gu soilleir, gu bheil ughdarras mór aig an diabhlul air thalamh. Tha e air a ghairm “Dia an t-saoghal so,” agus “naeudaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha nis ag oibreachadh ann an cloinn na h-easumhlaichd.” Tha e ‘g imeachd sios agus suas air aghaidh an t-saoghal an cômhuidh, agus a dol mu ‘n cuairt gun fhois, mar nathair lùbach, na mar leòmhan béucach, ag iarridh eo a dh’ fheudas e shlugadh suas. Bha ‘m mortair so air a ghnáthachadh o thoiseach an t-saoghal, ag iarridh a bhi mealladh agus a milleadh anama dhaoinne. Cha ‘n fhad a mheal an ceud Adhamh sólasan gáraidh Edein an uair a thug súil mhiorumach an droch-spiorad fa’near e : agus air uair a námhaid so fhaicinn ann an staid eo naomh agus sona, bha e air a lionadh le farmad, agus chuir e roimhe, nam bu chomasach e, le cuilbheartachd, na le cumhachd, a tharruing a thaoibh a reir eisimpleir féin, gu ceannaire an aghaidh Dhé. Cha luaithne a rúnaich an t-sean nathair an duine mhealladh, na thug e oidheirp air a rún mallaichte chuir an gniomh; agus tha e soilleir gu ‘n do chinn leis a reir a thoil: tha focal Dé, agus staid bhrónach an t-saoghail, a dearbhadh gu ‘n d’ thug nàmhaid an anama buaidh—gu ‘n d’ thug e ‘n ceud Adhamh ann am bruid—seadh, gu ‘n do thilg e sios e o onoir àrd, gu inbhe iosal tràill. Bhuaire Satan an duine gu itheadh do ‘n mheas thoirmeasgte—do ‘n chraoibh a dh’ aithn Dia dha gu ‘n itheadh dhith fo phéin a bhàis; agus le itheadh do ‘n mheas so, thuit e féin agus a shlochd maille ris, gu staid peacaidh agus truaighe. Shuidhich Dia e ‘n a fhionain uasal, gu h-ionlan do shiol ceart; ach ann an ùine ghioraid, chochil e gu crìonach na fionain choimhich. Tha e soilleir gu ‘n d’ rinn an leagadh caochladh brónach air staid, air cridhe, seadh, air nadur an duine gu h-ionlan. Thuit e o ghràs, dhealaich iomhagh a Chruith-fhir ris—”thainig smal air an òr, chailt an t-òr fior-ghlan a dhreach.” Air a cheart là anns an d’ ith Adlamh am meas toirmesgte, thainig caochladh brónach a bhàis spioradaill air anam, dh’ fhàs e ‘n a chreutair truailidh, buailteach do bhàs aimsireil, agus mar an ceudna do phàntaibh ifrinn gu siorruidh.

3. An uair a thuit an ceud Adhamh, cha do thuit e ‘n a aonar; oir tre eas-umhlachd-san rimeadh mòran ‘n am peacaidh.

Bha coinm-cheangal nan gniomh air a dheanamh ri Adhamh, cha b’ ann a mhain air a shon féin, ach air son a shlochd mar an ceudna; agus bha ceangal agus dàimh cho dlùth eadar e féin agus a shlochd, ionnas gu ‘n robh iad air am meas mar aon phearsa ann an sealladh Ard-Bhreitheamh na cruitheachd. Bha Adhamh agus a shlochd air am meas mar phearsa a bhiodh air a dheanamh suas do cheann, agus do bhuill, a bha ri seasamh na ri tuiteam le cheile. Nan seasadh an ceann, bha na buill ri seasamh; ach nan tuiteadh an ceann, cha ‘n fheudadh na buill gun tuiteam maraon. A nis, air do cheann a chiomh-cheangail—do ‘n cheud Adhamh—tuiteam, thuit na buill—thuit an cinneadh daonn’ uile maille ris anns a cheud seachran. Bha tuagh ceartais Dé a nis a eur ri freumh an stuc, agus thuit an stoc agus na geugan le cheile.

Tha ‘n cinneadh daonn’ uile ann an dàimh dlùth ris a cheud Adhamh, cha ‘n e mhain mar an ceann—mar am fear-ionaid ann an coinm-cheangal nan gniomh—ach mar an ceud sineseair. Ciod a th’ ann an luchd-àiteachaidh na talmhainn uile, ach slochd aoin duine, ach clann an aoin phàranta; agus sin pàranta ceannairceach, a dh’ fhàg cionta agus truaighe mar oigheachd aig gach aon d’ a shlochd? Bha ‘n slochd so ann an leasraidh Adhamh ‘n uair a thuit e, agus thuit iad maille ris, mar thug mi cheana fa’neair; rimeadh iad uile ‘n an luchd-compairt do thoradh an leagaidh. Bha chraobh mhaith a nis air a deanamh ‘n a droch chraobh, agus thòisich i gun dàil air droch thoradh a thoirt a mach. Mar dhearbhaidh air a so, tha focal Dé ag innseadh dhuinn, an uair a ghin Adhamh mac, gu ‘n do ghin se e ‘n a iomhaigh féin. Bha e féin an toiseach air a dhealbh ann an iomhaigh Dhé; ach na deigh dha tuiteam, agus iomhaigh Dhé a chall, ghn e mac ‘n a iomhaigh féin—’s e sin, ‘n a chreutair peacach, truailidh, cosmhuil ris féin. Bha ceud-ghin Adhamh air a dhealbh ann an eu-ceart, air a bheitb, ‘n a chreutair truallidh agus ciontach, mar bha gach mac is nighean a thainig a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, trid ginealacha gnáthaichte, o thois-each gus an là ‘an diugh. “Co a bheir glan á neo-ghlan? Cha tabhair a h-aon.”

4. Thug an leagadh caill mhòr agus eagallach air an duine.

Chaill e iomhaigh Dhé, a dheadh-ghin, agus a lâthaireachd spioradail—chaill e ‘bblas air nithibh neamhaidh, agus an comh-chomunn sólasach a bha aig ‘n a cheud staid, maillte r’ a Chruth-fhear. Dhealaich síth r’ a choguis, solus r’ a imtinn, agus fois r’ a anam. Chaill e ‘n sealladh aoibhneach a bha aig’ air glòir, agus maise naomha na Diadhach, agus a thoil-imtinn ann an seirbhise Dé, ann an dleasdanasaibh spioradail. Agus an deigh do ‘n t-sealladh a bha aige air glòir agus maise nithibh spioradail dealachadh ris, thòisich a ghràdh do Dhia air fàilneachadh agus air fuarachadh, gus an d’ fhuaraich e gu h-ionlan, gus an d’ éirich naimhdeas na h-imtinn fheolmhoir suas ‘n a àite. Thionndaidh cridhe an duine nis air falbh o Dhia; thréig e tobar nan uisgeachadh beò, agus strìochd e gu toileach d’ a naimhdibh spioradail, a thug e gun dàil ann am bruid, fo dhaorsa na truallidheachd. Rinne teachd a steach a phaeacaidh do ‘n t-saoghail, nadur an duine gu h-ionlan a thruilleadh. Feudaidh duine tuiteam ann an lâthaich, ‘s a bhi gu mòr air a shalachadh, agus gun an t-ionlan deth bhi salach, ach cuid-eigin a bhi fathast glan; ach cha ‘n ‘eil do chomh-fhurtachd aig a phaeachd gu bheil cuid air bith deth glan. Dh’ fhag am peacadh e uile mar ni truailidh, agus uil’ fhireantachd mar luideig shalaich. Dhall e shùilean, chruadhaich e a chrìdhe, leòn e choguis, thionndaidh e aignidhlibh a dh’ ionnsuidh an dùsleach, agus rinn se e ‘n a thràill iomlan d’ a anamiannaibh féin. Feudaidh duine leagadh fhaotain, ‘s a bhi gu mòr air a bhruthadh, agus gun t-ionlan deth bhi brùite; na feuhaidh e aon d’ a bhuill a chall, agus na buill eile bhi fathast slàn fallan; ach dh’ fhag am peacadh an duine ‘n a chreutair leònta gu h-ionlan. “Tha ‘n ceann uile timn, ‘s an cridhe uile fann. O bhonn na coise gu ruig an ceann,” tha e air a chomhdachadh thairis le luibhre mhiltteach a phaeacaidh. Tha a choguis air a truilleadh; agus tha a thugse, a thoil, agus aignidhean uile gun fhallaineachd spioradail idir annta. Dh’ fhag am peacadh an duine mi-dhiadhaidh agus gun neart—gun aon srad do ghra’s na anam, gun maith sam bith a gabhal com-nuidh ‘n a fheòil, agus gun chomas ni maith sam bith a dheanamh. ‘S e so an staid bhrònach anns an d’ fhag an leagadh, cha ‘n e mhainn cuid do shliocht Adhamh, ach an sliocht gu h-ionlan; “oir phaeacaidh na h-uile, agus thainig iad gearr air glòir Dhé.”

(Bé leantuinm.)

Jesus Christ, who is to sit in judgment upon the secrets of all men, must be possessed of infinite knowledge, and therefore be divine.—Hodge.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice