Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » June 1922 » An t=Urramach Eonghas MacMhaoilan: Searmoin I. (Continued from page 24.) “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr glòir Dhé,”— Romhanach iii. 23

An t=Urramach Eonghas MacMhaoilan: Searmoin I. (Continued from page 24.) “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr glòir Dhé,”— Romhanach iii. 23

II. Tha na nithe so ’g ar tredrachadh a dh’ ionnsuidh an dara ceann teagaig, gu bhi taisbeanadh agus a dearbhadh, gu ’n do pheacaich na h-uile dhaoine. Tha ’n t-Abstol Pòl, ann an toiseach na litir so, a sgriobh e chum nan Romhanach, a dearbhadh gu soilleir, gu bheil araon, Iudhaich agus Cinnich fo uachdaranachd a pheacaich.

1. Anns a cheud àite, tha e soilleir gu ’n do pheacaich na Cinnich uile.

Fo linn an t-Seán-Tiomnaidh, bha luchd-àiteachaidh an t-saoighail air an roinn eadar Iudhaich agus Cinnich; agus tha ’n t-Abstol a toirt eunntas sonruchte mu thimchioll staid bhrònach nan Cinneach, anns a cheud chaibdeil do ’n litir so. Tha e soilleireachadh, agus a dearbhadh, o aineolas, o iodhol-aoraidh, agus o chleachdainnibh truaillidh a phobuill so, gu ’n do pheacaich iad uile; agus dh’ fheudta an ni ceudna dhearbhadh o chleachdainnibh nan Cinneach aineolach gus an là an diugh. Rè linn at t-Seán-Tiomnaidh, bha na Cinnich ’n an suidhe ann an dorchadas, “Chomhdaich dorchadas an talamh, agus dall-cheò na Cinnich.” Ach tha ’n t-Abstol ag innseadh dhuinn, gu robh aineolas agus aindiadhachd nan Cinneach ag éiridh ann an tomhas mòr, o naimhdeas an eridheachaibh an aghaidh Dhé. Cha robh nadur naomha, fiorghlan, na diadhachd a cordadh r’ an inntinnibh dorcha, truaillidh; agus uime sin, cha b’ àill leo eolas Dé a chumail, na buil cheart a dheanamh do mheadhonaibh an eolais a bha aca. Bha iad a druideadh an sùl an aghaidh na fianuis shoilleir a bha oibre faicsinneach na cruitheachd a toirt, mu thimchioll bith, is buaidh-ibh, agus glòir an Dé neo-fhaicsinneach. “An uair a b’ aithne dhoibh Dia, cha d’ thug iad glòir dha mar Dhia, agus cha robh iad taingeil;” agus air an aobhar so, bithidh iad air am fagail gun leithsgeul air an là mhòr anns an toir Dia breth air an t-saoighal uile ann an ceartas.
Bha na Cinnich, cha ’n e mhain air an slugadh suas ann an aineolas air an Dia bheò, ach mar an ceudna toirt aoradh do iodholaibh marbh, do dhealbhaibh snaidhte agus leaghta—do oibríbh an lamha féin. “Chaochail iad firinn Dé gu bréig, agus thug iad aoradh, agus rinn iad seirbhis do ’n chreutair ni ’s mo na do ’n Chruith-fhear, a ta beannaichte gu siorruidh.” An uair a chaill iad eolas air an fhor Dhia, thionndaidh iad an deigh dhiathaibh bréige; ’n uair a thréig iad tobar nan uisgeachadh beò, thosich iad air a bhi cladach sluichd eu-dionach nach cum uisge. Bha iad o linn gu linn a “leanntuinn diomhanasa bréugach, agus a treigsinn an tròdeair féin.” Thug siad iad féin thairis mar an ceudna do oibríbh na feòla, do mhaenùs, do stríopachas, agus do neo-ghloine mhi-nadurra-seadh, do gach cleachdainn ghráineil agus ole, ionnas gu robh e ‘n a aobhar nàire bhi ‘g ainmeachadh na nithibh anns an robh mòran diubh ciontach. Tha e soileir o fhoical Dé, agus o eachdraidh an t-saoghail, gu robh na Cinnich uile, eadhon a mhuintir a b’ àirde tomhas do ghliocas agus do fhoghlum ‘n am measg, air an slugadh suas ann an clabar na truaillidheachd, air a leithid a dhiogh ‘s a bha dearbhadh, gu ‘n “do pheacaich iad uile, ‘s gu ‘n d’ thainig iad gearr air glòir Dhé.”

2. Ach tha e soilleir gu ’n do pheacaich na h-Iùdhaich uile, co maith ris na Cinnich.

Bha na h-Iùdhaich ‘n am pobull a sgar Dia o Chinnich eile na talmhainn, agus a chuir e air leth gu bhi ‘n an sluagh sonruidhe dha féin. ‘S ann ‘n am measg-san a bha eaglais Dé air a suidheachadh, agus sochairean na h-eaglais air am frithealadh, ‘s air am mealtuinn, fo linn an t-Sean-Tiomnaidh. Dheonaich Dia do ‘n phobull so, solus agus sochairean nach d’ thug e do Chinneach air bith eile. “Dhiobh-san bhuiheadh an uchdmhaechd, agus a ghloir, agus na coimh-cheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dé, agus na geallana.” Bha focal na faidheadaireachd, agus ministreleachd nam faidhean aca, o ghinealach gu ginealach, a shoillseachadh an intinn ann an eolas air toil Dé, agus a threòraechadh an eos air slighe na sith. ‘S ann am measg a phobull so a rinn Dia na h-oibre a bu mho ‘s a b’ iongantaich a choimhlion e riamh air thalamh. Dh’ fhoillsich se e féin doibh mar nach d’ rinn e do ‘n chuid eile d’ n t-saoghail. Ach an deigh gach sochair agus tròcair a dheonaich e dhiobh, agus gach comain fo ‘n robh iad a bhi umhal, agus tangeil d’ an Cruith-fhear, tha na sgrìobtuirean a teagasg dhuinn gu soilleir, gu ‘n robh iad ‘n am pobull eas-umhal agus neo-thaingeil, a bha ghnàth teachd gearr air glòir Dhé, le bhi mi-bhuileachadh an sochairean. Tha ‘n cunntas a ta Maois agus na faidhean a toirt mu thimshioll nan Iùdhaich, a dearbhadh gu robh iad, anns a choitchionn, ‘n an sluagh ceannaiceach, a bha ghnàth dol air ceacharan o Dhia, agus ga bhrosnachadh gu feirg. Bha iad a mi-naomhachadh ordughean an Tighearna, a toirt fuath d’ a theachdairibh, a geur-leanmhuinn a sheirbhisich, na faidhean; agus an uair a chuir e Mhac féin o neamh d’ an ionnsuidh, ag ràdh, “Bheir iad urram do ‘m Mhac,” dh’ fhuathaich agus mhaslaich iad esan mar an ceudna-seadh, mharbh iad, le lamhaibh aingidh, Prionnsa na beatha. Agus leis a ghniomh eagalach so dheanamh, thug iad an dearbhadh a bu mho a fhuair an saoghal a riamh, air ole neo-chriochnach a pheacaich.
Ged bha barrachd aig na h-Iùdhaich air na Cinnich, a thaobh solus agus sochairean o ‘n leth a mach, gidheadh, cha robh iad a chuid a bu lugha ni b’ fhearr a thaobh naduir. Thuit iad uile anns a cheud Adhamh, agus thainig iad a dh’ ionnsuidh an t-saoghail fo chionta peacach gin, agus le nadur truaillidh, co maith ris na Cinnich; bha iad gu nadurra fo mhallachadh an lagha, agus ‘n an cloinn feirg eadhon mar chàch. Gidheadh, air sgàth an sochairibh o ‘n leth a mach, bha iad ‘g am meas fèin ni b’ fhearr no na Cinnich, ni b’ airidh air deadh-ghin Dhé agus air a bheatha mhaireannaich; ach tha ‘n t-Abtol ag innseadh dhuinn, aig an naoitheamh rann do ‘n chaibideil so, gu ‘n do dhearbh e na h-Iùdhaich a bhi fo uachdaranachd a pheacaidh co maith ris na Cinnich. Dhearrbh e, o sgrìobtuirbh an t-Seán-Tiomnaidh, o theisteas an Dé bheò, nach comasach bréug a dheanamh, nach robh “ionrcean ‘n am measg, nach robh fù a h-aon.”

3. Tha e soilleir gu ’n do pheacaich na h-uile dhaoine, do bhrigh gu bheil na h-uile buailteach do ’n bhàs.

‘S e ‘m peacaidh ceud aobhar uile thraighibh na beatha so. Thainig tuil do thraighibh a steach do ‘n t-saoghail an lorg a pheacaidh, agus tha na truaighean so uile an tòir air an duine, agus gu tric a deanamh a bheatha scarbh anns an t-saoghail so féin. ‘S ann do na truaighean eagalach a tha ‘n tòir air an duine, am bàs. Tha ‘m bàs air a ghairm anns na sgrìobtuiribh, “an nàmhaid deirean-nach.” ‘S e an nàmhaid mu dheireadh ris am bheil aig an duine ri cath a chur, ri cogadh a dheanamh anns an t-saoghail a ta làthair. Ach co do shlochd Adhamh a dh’ fheudas seasamh anns a chath so, na dol as anns a chogadh so? “Co e ‘n duine a ta beò, agus nach faic am bàs, no theasairgeas anam féin a laimh na h-uaigh?” Bha ‘m bàs air ordachad aon uair do na h-uile dhaoine, agus tha e soilleir gu ‘n robh an t-ordugh so air a chuir an gnìomh gu rodhiongmhalta o thoiseach an t-saoghail; oir cha ‘n ‘eil cunntas againn anns na sgrìobtuirbh, gu ‘n deachaidh aon neach as o ‘n bhàs, o cheann dlùth air sea mìle bliadhna, ach Enoch agus Elias. Agus ged bha e air orduchadh le Dia, air sgàth aobharan àraidh, gu rachadh, chaidh iad troimh chaochladh a bha co-fhreagar ris a bhàs, mu’n deachaidh iad a steach do rioghachd neimh.
Ach ‘s ann “far an do rioghaich am peacaidh a rioghaich am bàs;” oir cha ‘n fhaigheadh am bàs buaidh thar na h-uile dhaoine, mur bhiodh gu ‘n do pheacaich iad uile. Cha bhiodh ughdarras aig a bhàs a lamh a leagail air duine ‘s am bith, na dochann a dheanamh air aon neach do ‘n chinneadh dhaonna, mur bitheadh e ‘n a pheacach. ‘S e ‘m peacaidh a dh’ armaich am bàs le cumhachd a chuir an cinneadh daonna uile fo a smachd, agus a dh’ fhaig iad ‘n a laimh. ‘S e chuir an corran géur an laimh a bhàis, leis am bheil e gearradh sios ginealach an deigh ginealach do shlochd ciontach Adhamh, agus ‘g an tionndadh gu dùslach. Tha e air a mheas gu bheil timchioll ochd ceud muillion do shlochd Adhamh air aghaidh na talmhainn air an là an diugh; ach ann an àireamh bheag do bhliandhnachaibh bidh iad uile ‘n am biadh do ‘n bhàs, do chnuimhich suarach an dùslach; do bhrigh gu ‘n do pheacaich iad uile. Ach ‘n am biodh an saoghail uile air a rannsachadh gu géur, nach fheudta cuid-eigin fhaotainn a’ measg a luchd-àiteachaidh, a tha saor o pheacaidh, agus neobhuailteachd do ‘n bhàs? Cha ‘n fheudta, cha ‘n fheudta; oir tha briathra ar teagaigse ag innseadh dhuinn, “gu ‘n do pheacaidh na h-uile dhaoine.” A nis, do bhrigh gu ‘n do pheacaidh na h-uile, tha na h-uile buailteach do ‘n bhàs; “oir is e tuarasdail a pheacaidh am bàs.” “An t-anam a pheacaicheas gheibh esan bàs.”

4. Tha e soilleir gu ’n do pheacaich na h-uile dhaoine, do bhrigh gu bheil feum aig na h-uile air slainte an t-soisgeil.

Cha robh feum air Slànughear anns an t-saoghail so gus an d’ thainig am peacadh a steach. Co fhad ‘s a bhuanach an ceud Adhamh ‘s an staid naomha, neochiontach, anns an do chruthaich Dia e, cha robh feum sam bith aig air slàinte an t-soisgeil, agus ‘n am buanaicheadh an cinneadh daonna anns an staid neo-chiontach so, cha bhiodh feum air turus Chriosd a dh’ ionnsuidh an t-saoighail so mar Shlànughear, agus cha bhiodh feum aig’ idir air a “bheatha leagail sos mar éiric air son mhòran.” Bhiodh bàs Chriosd gun aobhar, nam biodh na h-uile dhaoine saor o pheacadh. Ach ‘s ann do bhrigh gu ‘n do pheacach na h-uile, a thainig Criosd a thearnadh pheacach; ‘s ann do bhrigh gu robh na h-uile ann an staid chàillte, a thainig e dh’ iarraidh an ni bha càillte; ‘s ann do bhrigh gu robh pobull taghta Dhé ann an’ daorsa chruaidh a pheacaidh, co maith ri muintir eile, a thainig e shaoradh a phobull so o ‘m peacaibh. Feudaidh eadardhealachadh mòr a bhi eadar aon chinneach agus cinneach eile a thaobh oilean is eolas liteiril, agus nithibh eile o ‘n leth a mach, ach tha na h-uile dhaoine gu nadurra anns an staid cheudna, fo ‘n diteadh cheudna, buailteach do ‘n pheanas cheudna, agus feumail air an t-Slànughear cheudna. Agus tha slàinte an t-soisgeil, cha ‘n e mhain feumail do na h-uile, ach mar an ceudna freagarrach do staid, do uireasbhuidh, agus do thruaighibh nan uile dhaoine air aghaidh na talmhainn.
Bha fios aig Criosd gu robh na h-uile dhaoine feumail air slàinte an t-soisgeil, an uair a dh’ ordueich e d’ a dheiscioibluibh dol a mach chum an soisgeul a shearmonachadh do gach Cinneach, agus fianuis a dheanamh mu thimchioll féin agus a shlàinte ann an Iudea, ann an Samaria, agus gu iomall an domhain. Agus an uair a chaidh na deiscioibul a mach a searmonachadh an fhoicail, tha e ‘n a ni cinnteach nach do thachair droing sam bith do dhaoine orra, air aon taobh a dh’ imich iad, am measg Ludhach no Chinneach, air nach robh feum air an t-slàinte so—seadh, ged bhiodh neach air bith do theachdairibh Chriosd comasach air dol timchioll an t-saoighail, air an là ‘n diugh, agus an saoghal uile rannsachadh air fhad ‘s a leud, cha tachradh aon neach air am measg a luchd-àiteachaidh gu h iomlan, aig nach ‘eil feum air an t-slàinte mhòr so. Bha dearbh fhios aig na h-Abstoil gu robh na h-uile dhaoine ‘n am peacach thruagh, a bha feumail air an t-slàinte so, an uair a bha iad ga taigse do na h-uile. As eugmhais so, cha ‘n fheudadh iad an soisgeul a shearmonachadh le treibh-dhireas do na h-uile dhaoine. Cha bhiodh ach fanoid a dheanamh air daoine bhi ‘g an gairm gu aithreachas, na taigse slàinte an t-soisgeil idir dhoibh, mur biodh iad ‘n an creutairean ciontach, càillte, agus feumail do na h-uile dhaoine anns na limtibh a chaidh seachad, tha i feumail do na h-uile air an là ‘n diugh, do bhrigh gu bheil na h-uile ‘n am peacach a “thainig gearr air glòir Dhé.”

(Bi leantuininn.)

THE power of God, considered as exerted in and for His believing people, becomes a gracious medium of their present and eternal felicity. But that same adorable attribute, when set in array against reprobate angels and men, burns as a fire which none can quench. Who knoweth the power of Thy wrath? And O! how irresistibly will that power be made manifest, when the Lord Jesus shall be revealed from heaven in flaming fire, taking vengeance on them that know not God, and that believe not the gospel.—Toplady.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice