Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » July 1922 » Searmoin I. An t-Urramach Aonghas MacMhaoilan: “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr glòir Dhé.”— Romhanach iii. 23. (Continued from page 53.)

Searmoin I. An t-Urramach Aonghas MacMhaoilan: “Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad teachd gearr glòir Dhé.”— Romhanach iii. 23. (Continued from page 53.)

III. Theid mi nis air m’ aghaidh chum beagan a labhairt air an treas ceann teagaig, le bhi toirt fa ‘near, an seadh anns an d’ thainig na h-uile dhaoine gearr air glòir Dhé.

1. Anns a cheud àite, thainig an duine gearr air a ghloir a thug Dia dha ‘n a cheud staid. Chruthaich Dia an duine le nadur reusanta, le nadur ni b’ inbhiich agus ni b’ oirdheire no creutair faicsinneach air bith eile. “Theagaig se e os cionn ainmhidhean na talmhainn, agus rinn e ni bu ghlic e na eunlaith nan speur.” Ach ged chuir Dia onoir mhòr air an duine ann a chruthachadh le nadur ni b’ oirdheirce na creutair faicsinneach air bith eile, gidheadh, cha ‘n ann an àrd bhuaidhibh a naduir a bha a ghloir agus a mhaise spioradail gu sonruichte co-sheasamh, ach ann an iomhaigh Dhé. Tha na sgrìobtuirean a teagasg dhuinn gu ‘n do dhealbh Dia an duine an toiseach, a reir a choslais féin, ann an iomhaigh mhaiseach a naomhachd féin, agus tha e na ni ro-chinnteach, gur anns an iomhaigh so a bha glòir agus onoir an duine gu h-àraidh a comhsheasamh. Ach ma tha duine air bith, a ta ann an oifig, agus ann an onoir àrd anns an t-saoghail so, ciontaich ann an ni sam bith a dheanamh a tha ga thilgeadh as àite, as oifig, agus a toirt dimeas agus masladh mòr air féin, feudar a ràdh le fìrinn, gu bheil a ghloir air dealachadh ris. An uair a dh’ ith an ceud Adhamh am meas toirmeasgte, bha e ciontaich anns an ni sin a dheanamh a thilg as àit’ e, agus a thug masladh agus calldach ro-mhòr air féin, oir chaill e iomhaigh Dhé, a dheagh-ghean, agus a chinn a lâthaireachd spioradail: thuit an crùn a bhàrr a chinn, agus dhealaich a ghloir ris. An uair a tha ‘m bàs a deanamh greim air duine sam bith, tha e cuir a dhreach féin air an duine, tha e cuir as d’ a shnuadh ris gu tur, an uair a tha e dol sios do ‘n uaigh, agus a faicinn truaillidheachd. Air an amhuil cheudna ‘n uair a thuit an duine gu staid peacaidd agus truaigh, thainig mi-dhreach a bhàis spioradail air anam, bha Ichabod, mar gu ‘m b’ ann, air a sgrìobhadh air, a clallaichadh gu ‘n do shearg a bhlàth, gu ‘n do chaill e mhaise, gu ‘n d’ fhalbh a ghloir, gu ‘n “d’ thainig e gearr air glòir Dhe.”

2. Thainig an ceud Adhamh gearr air glòir Dhé o ‘n là air an do thuit e, le itheadh do ‘n mheas thoirmseagte. ‘S e ghloir féin a chrìoch àraidh air son an do chruthaich Dia na h-uile nithe; agus tha e soilleir, gu bheil oibre mòr agus faicinneach na cruitheachd gu h-iomlan, a foillseachadh a ghloir. Bhuanach grian, is geallach, is reultan, o linn gu linn, a coimhlonadh a thoil; cha d’ fhaig iad an cùrsa, agus cha do bhris iad an reachd a thug Dia dhoibh o thoiseach an t-saoghail; cha d’ thainig iad a riamh goirid air a chrìoch a fhreagar air son an robh iad air an gairm gu bith leis an Uile-chumhachdach. “Tha na neamhan,” a deir an Salmadair, “a cuir an ceill glòir Dhé, agus na spéuran gnìomh a lamh.” Ach bha e air orduchadh do chreutairibh reusanta, do ainglibh agus do dhaoinibh, Dia a ghloireachadh air ghniomhach, le seirbhis spioradail agus reusanta dheanamh dha, le umhlachd iomlan a thoirt d’ a lagh. Thainig na h-aingil a thuit gearr air a ghloir so; oir anns a cheart mhionaoid an do thuit iad, thionndaidh an eridheachan air falgh a Dhia, dh’ fhuaraich an gràdh, chaochail an gnùis, sguir iad do sheinn, agus air ball dh’ fhas iad neo-thoileach agus neo-chomasach, an umhlachd a thabhairt d’ an Cruith-fhear, a bha lagh ag iarraidh. Agus do bhrigh gu ‘n d’ thainig iad gearr air an crìoch àraidh a fhreagar, le bhi glòrachadh ‘s a mealtainn Dhé, bha iad air am fuadachadh a mach o a lâthaireachd agus o ghloir a chumhachd, a dh’ ionnsuidh truaighe shiorruidh. Ach cha d’thainig na h-aingil thaghta, a ghleidh an ceud staid, a riamh gearr air glòir Dhé le eas-umhlachd air bith; lean iad ri Dia le làn rùn eridhe, agus bhuanach iad, mar theine lasarach, ann a sheirbhis o thoiseach gus an là an diugh. Bha ‘n ceud Adhamh, mar an ceudna, fo fliachaibh Dia a ghloireachadh, le umhlachd iomlan a thoirt d’ a lagh, agus buanachadh anns an umhlachd so fad aimsir a chuairet air an talamh; gidheadh, cha robh aobhar aig’ bhi gearan gu ‘n do bhuin Dia ris mar dhuine cruaidh, a bhuaimeas far nach do chuir e, agus a thionalas san ionad anns nach do sgaoil e; oir bhuin Dia ris an duine gu fial; thug e dha, ‘n a cheud staid, tomhas ro phailet do ghràs-seadh, thug e dha làn chomas an lagh a choimhlonadh gus a chuid a b’ fhaide. Bha ‘n gràdh a lasadh agus a rioghachadh an taobh a stigh dheth, a bha deanamh umhlachd do thoil Dhé mar bhiadh agus mar dheoch d’ a anam. Uime sin, tha e soilleir, nach robh anns an umhlachd a bha Dia ag iarraidh o ‘n duine ach seirbhis reusanta, ach cis a bha dligheach agus furasda dha iocadh d’ a Chruithfhear, gun calldach air bith dha féin. Ach, mar gu ‘m buineadh Dia ris gu neo-fhial, dh’ fhas e neo-thoilichte le a staid, shànntaich e am meas toirmesagte, thréig e tobar nan uisgachadh beo; agus eo fhad ‘s a bu bheo e féin air thalamh, cha robh e tuille comasach air Dia a ghlorachadh le umhlachd iomlan a thoirt d’ a lagh.

3. O’n là air an do thuit an ceud Adhamh, thainig an cinneadh daonna uile gearr air an umhlachd a bha lagh Dhé ag iarraidh. Bha slioichd Adhamh gu h-iomlan an aithibh an leagaidh o thoiseach an t-saoghail. Thuit iad o ghràs, agus bha iad o linn gu linn a dol air seacharan mar chaoraich chaillte, through. Bha Adhamh naoi ceud agus deich bliadhna fichead a dh’ aois an uair a fhuair e bàs, agus anns an ùine so, bha cothrom ni bu leoir aige air toradh searbh eas-umhlachd féin fhaicinn am measg nam miltibh agus nan deich miltibh d’ a shloichd. An àite bhi gam faicinn, o ghinealach gu ginealach, a glòrachadh Dhé, le bhi freagarach agus umhail d’ a thoil, bha e ghnàth gam faicinn a brosnachadh Dhé gu feirg, le ‘n ceannaire, agus a teachd gearr air a ghloir gach là, le ‘n eas-umhlachd. Bha aobhar ro mhòr aig Adhamh suidh sios gu tuirseach ri taobh airmhichibh Bhabiloim, a chlàrsach a chrochadh air na gèugaibh seileach, agus a bhi caoidh gu goirt thar na truaghibh iomareach a thainig a steach do ‘n t-saoghal trid eas-umhlachd féin. Co fhad ‘s a bu bheo e air thalamh, cha do sheall a shùil air neach sam bith d’ a shloichd nach robh teachd gearr air glòir Dhé. Dh’ fhag an leagadh an cinneadh daonna uile ‘n an creutairean amhunn, gu h-iomlan neo-chomasach an lagh a choimhlionadh; agus uime sin tha na sgrìobtuirean ag innseadh dhuinn, nach bi feoil sam bith air a fìrinneachadh tre oibre an lagha ann am fianuis Dé. Cha bhi Iudhaich no Cinneach, Cis-mhaor no Phairiseach, Creideach no Ana-creideach, air am ffreanachadh tre oibríbh an lagha, do bhrigh gu bheil iad uile teachd gearr air an umhlachd iomlan a tha ‘n lagh ag iarraidh. Feudaidh cionta cuid do dhaoine a bhi air an-tromachadh gu mòr ni ‘s mo na cionta cuid eile, ach ma tha ‘n ciontaich is lugha, eo maith ris a chiontaich is mo, neo-chomasach fhiachan a phàigheadh, na ‘n lagh a choimhlionadh, cha ‘n fhead e, air chor sam bith, a bhi air fhireanachadh leis an lagh. Cha ‘n ‘eil peacaich da rìreadh comasach an lagh a choimhlionadh, ged bhiodh iad toileach, togarrach chum so a dheanamh. Tha pobull Dé air an deanamh, trid gràis, ‘n am pobull toileach; tha iad ag aontachadh leis an lagh gu bheil e maith, agus toileach umhlachd iomlan a thabhairt da; gidheadh, cha ‘n ‘eil iad comasach an ni a b’ àill leo a dheanamh—cha ‘n ‘eil iad comasach àitheantan Dé a choimhead gu foirfe; agus uime sin, cha ‘n fhéud iad a bhi air am fireanachadh leis an lagh. Ach ma tha na h-uile dhaoine neo-chomasach àitheantan Dé a choimhead gu foirfe, tha e ‘n a ni soilleir, nach ‘eil ach aineolas agus an-dànachd, do neach air bith do shloichd Adhamh, a bhi ‘g iarraidh no gealltainn beatha dha féin tre oibrídh air a dhruideadh, agus an saoghal uile air fhagail ciontach agus díte ann am fianuis Dé. Tha na naoimh is treibh-dhírich air thalamh a teachd gearr gach là air an umhlachd a tha ‘n lagh ag iarraidh.” Cha d’ rainig iad cheana, agus cha ‘n ‘eil iad fathast foirfe. Tha ‘n uile sheirbhís air am measgadh le truailidheachd,—tha ‘n uil’ fhíreantachd féin mar luideig shalaich,—tha iad a briseadh an lagh gach là, ann an smuain, am focal, ‘s an gniomh. Tha iad air am fíreanachadh, cha ‘n ann air sgàth an oibríbh féin, ach tre chreidimh, as eugmhais oibríbh an lagh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice