Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » September 1922 » A Sermon: “Am pobull a bha ‘n an suidhe an dorchadas, chunnaic iad solus mór, agus a ta solus air eirigh do na daoine a bha ‘n an suidhe an sgàil a bhàis.”—MATA iv. 16

A Sermon: “Am pobull a bha ‘n an suidhe an dorchadas, chunnaic iad solus mór, agus a ta solus air eirigh do na daoine a bha ‘n an suidhe an sgàil a bhàis.”—MATA iv. 16

BHA ‘n Tighearn Iosa Criosd air a bhreith ann am Bethlehem, agus air àrach ann an Nasaret, far an do ghabh e comhnuidh grus an do thòisich e air a mhinstreileachd fhollaiseach. Ach tamull beag an deigh dha tòiseachadh air a mhinstreileachd fhollaiseach, dh’ fhad e Nazaret, agus ghabh e comhuidh ann an Capernaum, baile do Ghalie; agus tha ‘n Soisgeulach ag innseadh dhuinn, anns a chomhtheasgasg, gu ‘n d’ rinn e so, chum gu ‘n coimhliontadh an ni a labhradh le Esaias am fàidh mu thimcheoil, ni air am bheil eunntas againn ann an toiseach an naoidheamh caibideil do fhàidheadaireachd an fhàidh sin. Bha chuid sin do Iudea a bha air a ghairm Galile, a croichadh ri dùthaich nan Cinneach; agus tha e ro chosmhuil gu robh na h-Iùdaich a bha chomhnuidh anns a chearna so, a measgadh gu tric leis na Cinnich, a foghlum an doigh, a leantuin an eisimpleir, agus ann an tomhas mòr, cosmhuil riutha ‘n an caithe-beatha; oir tha iad air an cumail a mach anns an earrann so do ‘n sgriobtuir, mar phobull a bha “n an suidhe ann an dorchadas.” Ach ‘s ann anns a chearna dhorchas do thir Iudea a dh’ inntinn Croisd air a mhinistreilachd fhollaiseach; ‘s ann an Cana Ghalile a dh’ oibrich e ‘cheud mhiorbhuil, leis an d’ fhoillsich e a ghloir, ionnas gu ‘n do chreid a dheiscioibuil ann; agus an uair a thòisich e air an t-soisgeul a shearmonachadh, agus nithe mòr agus iongantach a dheanamh am measg luchd-aiteachaidh Ghalile, bha ‘n ni a labbradh le Esaias am fàidhe, mu thimcheoilGhalile nan Cinneach, air a chiomhliionadh. “Am pobull abha ‘n an suidhe an dorchadas, chunnaic iad solus mòr, agus dh’ eirich solus do na daoine a bha ‘n an suidhe an tir agus an sgàil a bhàis.”

Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fa’near,

I. Gu ‘n d’fhag am peacadh an cinneadh daonna uile ann an dorchadas spioradail.

II. ‘Nuair a thainig Croisd a dh’ ionnsuidh an t-soaghail, gu ‘n d’ eirich solus mòr air a mhuinntir a bha ‘n an suidhe an dorchadas.

III. Gu bheil e ‘n a thròcair mhòr do ‘n t-soaghal dhorchas so, Croisd a bhi cumail suas solus an t-soisgeil ann, o linn gu linn.

Ann an labhairt mu thimcheoil dorchadas a pheacaidh, anns am bheil daoine gu nadurra ‘n an suidhe, bheir mi fa’near.

  1. Anns a cheud àite, Dorchadas spioradail inntinn an duine. Tha focal Dè a teagasg dhuinn gu soilleir, gu bheil inntinn an duine gu nadurra làn do dorchadas spioradail.” “Cha ghabh an duine nadurra,” deir an t-Abstol Pòl, “ri nithe Spiorad Dè, oir is amaideachd leis iad; agus cha ‘n ‘eil e ‘n comas da eolas a ghabhail orra, do bhrigh gur ann air mhodh spioradail a thugear iad.” Ciod air bith tomhas do eolas cinn, na do fhoghluim litir-eil a dh’ fheudas a bhi aig daoine ‘n an staid nadurra, tha iad gu h-lomlan ‘n an coigrich do eolas spioradail agus tearnaidh. Tha nithe spioradail ‘n an amaideachd leo, ‘n an nithibh air nach ‘eil iad comasach eolas a ghabhail, gus am bheil an sùilean air am fosgladh agus an ungdadh le sabh-shul Chroisd. Ach tha e na ni cinnteach, nach e so an staid anns an do chruthaich Dia an duine an toiseach; cha do chruthaich Dia an duine ‘n a chreut-air dall, aineolach, agus neo-thuigseach air nithibh spioradail, oir tha na sgrìobhtuirean a teagasg dhuinn gu soilleir, gu ‘n do chruthaich se e ‘n a iomhaigh fèin, agus bha ‘n iomhaidh so gu h-àriadh a co-sheasamh ann an eolas, fireantachd, agus fior naomhachd. Bha inntinn an duine, ‘n a cheud staid, làn do sholus spioradail, do eolas air glòir bhuaidh bhibh agus oibríbh Dhé; agus bhuanach e a beachdachadh, le mòr thlachd, air glòir a Chruith-fhir, gus an do pheacaidh e ‘n a aghaidh le itheadh do ‘n mheas thoirmseasgte. Ach co luath ‘s a dh’ ith e do ‘n mheas, thuit dall-cheò a pheacaidh air sùilibh inntinn, dhealaich solus r’ a anam, bha a chridhe air a lionadh le dorchadas spioradail, agus dh’ fhag e ‘n dorchadas so mar oighreachd aig gach aon d’ a shlioehd.

Nam biodh teaghlaich mòr chloinne aig neach air bith, agus an t-iomlan diubh air am breith dall, nach bu mhuladach staid an teaghlaich sin? nach bu trioblaideach a bhiodh pàrantan na cloinne? agus bhoidh coimhearsnaich ullamh gu smuaineachadh, mar bha na h-Iùdhaich o shean mu thimchioll an duine rugadh dall, gu robh mallachd eigin an cuideachd an teaghlaich, an uair a chitheadh iad gach mac is nighean a teachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail dall. Ach dh’ fhag an ceud Adhamh, le eas-umhlachd, am mallachd so aig an iomlan d’ a shlioehd—gu bheil iad, ann an seadh spioradail, dall, a teachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail làn do dorchadas a pheacaihh, aineolach air an Dia a rinn iad, agus air na nithe a bhuineas d’ an sìth. Dh’ fhag am peacadh an cinneadh daonna uile anns an staid bhrònach, dhorcha so; agus tha ‘n dorchadas anns am bheil daoine san t-saoghail a ta làthair, a treòrachadh gu nadurra, a dh’ ionnsuidh iomal dorchadais, a dh’ ionnsuidh truaighe shiorruidh, anns an t-saoghail ri teachd.

  1. Tha briathra ar teagaig a filleadh amta, gu bheil daoine gu nadurra, cha ‘n e mhain ann an dorchadas, ach toilichte le ‘n dorchadas. Tha iad ” ‘n an suidhe,” ‘n an tamh, aig fois ann an dorchadas a pheacaidh: tha iad a caitheadh am beatha gun umhail, gun chùram, ann an “sgàil a bhàis.” Cha ‘n eil ùine fhada do dorchadas nadurra taitneach le daoine; cha ‘n eil e taitneach le daoine anns a choitchionn, a bhi ùine fhada air an druideadh a steach ann am priosan, no ann slochd dubh, dorcha, fo ‘n talamh, far nach ‘eil solus grèine, no gealaich, no coinnle r’ a fhaicinn. Ann an cuid a chearnaibh do ‘nt-saoghail, ann an Greenland, air son eisimpleir, tha oidheche fhuar, fhada, dhorch ‘s a gheamhradh; tha mios no dhà, do oidheche aig luchd-àiteachaidh na duthaich fhuar so, gun bhi idir air a briseadh le aon bhoillsgeadh do solus na grèine. A nis, tha e nadurra dhuinn a smuaineachadh gu ‘m bi iad sgith do ‘n oidheche fhada so, a feitheamh le fadail ri teachd an là, agus a deanamh gairdeachas ‘n a teachd, an deigh a bhi ùine co fhada ‘n an suidhe an dorchadas; ach ged nach ‘eil ùine fhada do dorchadas nadurra taitneach le daoine, gidheadh, tha dorchadas spioradail a cordadh gu ro-mhaith ri inntinn fheolmhor an duine. Tha slugadh neoiompaichte an t-saoghail thruailidh so a roghnachadh suidhe suas ann an dorchadas a pheacaidh, an toiseach air teachd a dh’ ionnsuidh solus spioradail rioghachd agus làthaireachd an Tighearn Iosa Criost: “Cha ‘n àill leo teachd chum an t-soluis, air eagal gu ‘m biodh an oibre air an cronachadh.” Tha chuid is mo do ‘n chinneadh dhaonna, air an là an diugh, ‘n an suidhe an dorchadas, aineolach air an fhiòr Dhia, aineolach air Slànuighear an t-soaghail, agus air slighe na sláinte; gidheadh, cha ‘n ‘eil iad sgith d’ an dorchadas, d’ an aineolas, agus d’ an iodhal-aibh, ni mo a tha iarraidh no iondrain air bith aca air solus an t-soisgeil, na eolas fhaotainn air an aon ainn a thugadh fo neamh, tre ‘m feud peacaich a bhi air an tearnadh. An uair a tha teachd-airean Chriosd a dol le solus an t-soisgeil a dh’ ionnsuidh nan Cinneach aineolach so, is maith a dh’ fheudta gu bheil neonachas inntinn ‘g an treòrachadh, car tamull, an tois-each, a dh’ éisdeachd “coid e an teagasg nuadh” a ta aca r’ a thoirt seachad; ach an uair a tha iad a tuigsinn nach ann mu bhiadh ‘s mu dheoch do ‘n chorp, agus mu nithibh aimsireil eile, ach mu nithibh spioradail, a tha iad a ghnàth a labhairt—an uair a tha iad a tuigsinn gu ‘m bheil iad ‘g an gairm féin gu bhi pilleadh o ‘n iodholaidh, a dh’ ionnan Dé bheò, tha iad air ball a taisbeanadh an gràdh do dorchadas, a dearbhadh nach ‘eil toil sam bith aca an draoidheadh ‘s an iodhol aoraiddh a threigsinn, na pilleadh a dh’ ionnsuidh an Tighearna. Tha iad a taisbeanadh gu soilleir, gur fearr leo an slighibh fiar agus mearachdadh féin a leantuin fathasd, na teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd, “chum’s gu ‘m faigheadh iad beatha.”

  2. Tha cunnart na staid dhorcha, anns am bheil daoine gu nadurra, air a mheudachadh, an uair a tha iad a mibhuileachadh solus an t-soisgeil. Feudaidh eadar-dhealachaidh mòr a bhi eadar aon dhuine agus duine eile, a thaobh tàlanna nadurra; feudaidh inntinn ni ‘s glire, ceann ni ‘s soilleire, agus gibhtean is àirde a bhi aig aon neach, na neach eile, ach tha na h-uile dhaoine, gu nadurra, anns an aon staid, anns an dorchadas cheudna thaobh nithibh spioradail. Feudaidh eadar-dhealachadh mòr a bhi eadar aon Chinneach agus Cinneach eile, a thaobh canain is oilean, agus eolas litireil; ach tha na h-uile Chinnich a tha air am fágail ‘n an staid nadurra, nan suidhe ann an dorchadas, agus a dol a dhith a dh’easbhuidh eolais. Bha eadar-dhealachadh mòr eadar na h-Iudhaich agus na Cinnich, fo linn an t Sean-Tiomnaidh; bha tuille do eolas air nithibh spioradail aig na h-Iudhaich, na bha aig na Cinnich—bha eolas aca air bith, ‘s air buaidhibh Dhé, air a thoil, agus air slighe na sláinte, nach robh aig na Cinnich. Cha b’ ann do bhrigh gu robh iad a thaobh naduir ni b’ fhearr na na Cinnich, ach do bhrigh gu ‘n do dheonaich Dia dhoibh, ann a àrd-uachdaranachd féin, solus, agus sochairean, nach d’ thug e do na Cinnich. “Dhoibh-san bhuiineadh na coimh-cheanghail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dé, agus na geallana.”

Ach ged tha solus an t-soisgeil ‘n a thròcair luachmhor do Chinneach air bith, agus a deanamh eadar-dhealachadh mòr eadar aon Chinneach agus Cinneach eile, gidheadh, tha e ‘n a ni cinn-teach gu bheil mòran a dol a dhith, eadhon fo sholus an t-soisgeil, do bhrigh gu bheil iad a mi-bhuileachadh na tròcair so, agus a gràdhachadh dorchadas ni ‘s mo na solus. Tha na milte do ‘n t-sluagh a tha ‘g àiteachadh nan rioghachdan air an do dheal-raich solus an t-soisgeil, ‘n an suidhe ann an dorchadas spioradail, ‘n an coigrich do eolas tearnaidh, agus ag an-tromachadh an cionta gach là, le bhi peacachadh an aghaidh soluis. Co a bu doille na mòran do na Phairisich fo dhealradh gréine na firean-tachd, fo mhinistreilachd fhollaiseach an Tighearn Iosa Críosd, a labhair mar nach do labhair duine a riamh? Ach mar thachair do na h-ainglibh a pheacaich an aghaidh solus nam flaithéis, agus a bha air am fuadachadh gu h-obain a dh’ ionnsuidh dorchadas an t-sluchd is isle, mar sin, tachraidh fa-dheoidh do na h-uile bhuanaicheas a mi-bhuileachadh solus an t-soisgeil. ” ‘S e so an diteadh, gu ‘n thainig an solus do ‘n t-saoghal, agus gu ‘n do gràdhaich dàoinne an dorchadas ni ‘s mo na ‘n solus, a chionn gu ‘n robh an gniomharan ole.”

  1. Tha e soilleir nach ‘eil inneal, na meadhon air bith, leòir-fhoghainteach chum an sluagh a tha ‘n an suidhe an dorchadas a thoirt gu fior-eolas air nithe spioradail, as eugmhais oibreachadh éifeachdach an Spioraid Naoimh. Tha chuid is mo do shluagh an t-saoghal, cha ‘n e mhain ‘n an suidhe an dorchadas, ach làn do dhorchas intinn, agus tha dorchadas na h-mntinn fheolmhor a cogadh an aghaidh solus an Spioraid. “Tha ‘n solus a soillseachadh anns an dorchadas, agus cha do ghabh an dorchadas e.” Tha gràdh dhaoine do dhorchadas a pheacaich ‘g an tréorachadh gu bhi cuir an aghaidh an Spioraid, gu bhi druid-eadh an sùl an aghaidh solus an t-soisgeil. Ma theid mi le solus an t-soisgeil a dh’ionnsuidh nam Pàganach aineolach, a tha ‘g àiteachadh ionadan dorchà na talmhainn, agus ma thòisicheas mi, le duraich eridhe, air impidh a chuir orra pilleadh o ‘n iodholaibh agus o ‘n droch oibríbh, a dh’ ionnsuidh an Dé bhèo, cha ‘n fhada gus an dearbh iad, le ‘n guth ‘s le ‘n gniomh, gur fearr leo dorchadas na solus. Mo theid mi le solus an t-soisgeil a dh’ ionnsuidh luch-leanmhuinn an fhàidhe bhréige, Mahomet, agus ma thòisicheas mi, le duraich eridhe, air impidh chuir orra-san cuing a mhealtair a thilgeadh dhiubh, agus pilleadh o ‘n slighibh fìar a dh’ ionnsuidh Dhé, le fior aithreachas, cha ‘n fhada gus an dearbh iadsan mar an ceudna, gur roghnaiche leo mearachdan Mahomet na soisgeil Chríosd. Ma theid mi le solus an t-soisgeil a dh’ ionsuidh nan Iudhach, a bha aon uair ‘n am pobull, agus ma thòisicheas mi air impidh chuir orra-san gabhail ri Iosa o Nasaret mar am Mesiah, agus gun bhi ‘g am mealladh féin ni ‘s faide le dòchas faoin ri neach eile, dearbhaidh iadsan mar an ceudna, gu ‘m bheil am folach air an sùlean fathasd, gu ‘m bheil iad cho làn do mhi-chreidimh, agus do naimhdeas an aghaidh Chríosd, ‘s a bha iad a riamh. Ma theid mi le fior theagsg an t-soisgeil a dh’ ionsuidh nam Pàpanach aineolach, a tha lionmhor anns na rioghachdaibh so, cha ‘n fhada gus an dearbh iadsan mar an ceudna, gur fearr leo comhara an fhiadh-bheathaich, na séula Chríosd, agus a bhi ‘g òl do fhion striopaich na Ròimh, na do bhainne fior-ghlan an fhocail. Agus tha na milte do Phrotastanaich chruaidh-chridheach, fhuar-chràbhach, anns na rioghachdaibh so mar an ceudna, a tha dearbhadh le ‘n droch oibríbh gach là, gur fearr leo dorchadas na solus. O! c’ àite am bheil an cumhachd a tha leòir-fhoghainteach chum slabhraidhean an dorchadais so a bhriseadh, chum am folach a thoirt o shùllibh dhaoine, agus an gairm gu h-éifeachdach o dhorchas gu solus? Cha ‘n ‘eil foghlum litireil, na oirdheir- ceas cainnt—cha ‘n ‘eil na h-argumaide is treise, na ‘n t-saothair is mo tha fear-teagaig air bith comasach a ghnàthachadh,— leòir-fhoghainteach chum so a dheanamh, as eugmhais cumhachd an Spioraid Naoimh. ‘S ann an uair a tha ‘n soisgeul air a shearmonacadh leis an Spiorad Naomh air a chuir a nuas o nèamh, a tha solus spioradail agus slàinteil ag éirigh da rireadh air anamaibh nam muinntir a tha ‘n an suidhe an dorchadas agus an sgàil a bhàis.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice