Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1922 » October 1922 » An t-Urramach Eonghas MacMhaoilan

An t-Urramach Eonghas MacMhaoilan

Searmoin II.*

* This sermon was preached on a Sabbath appointed by some churches to commemorate the Reformation in Great Britain.

“Am pobull a bha ’n an suidhe an dorchadas, chunnaic iad solus mór, agus a ta solus air eirigh do na daoine a bha ’n an suidhe an sgàil a bhàis.”—MATA iv. 16.

(Continued from page 153.)

II. Tha mi nis gu bhi labhairt air an dara ceann teagaig, le bhi toirt fa’near, gu ’n d’ éirich solus mór air an t-sluagh a bha ’n an suidhe ann an dorchadas an uair a thainig Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail.

  1. Anns an cheud àite, cha ’n ’eil sinn ri chomh-dhunadh, o bhriathraibh ar teagaig, gu robh an saoghail air fhàgail gun tomhas air bith do sholus roimh theachd Chriosd, oir tha e na ni cìnteach, gu robh reuson agus solus naduir aig na h-uile dhaoine o thoiseach an t-saoghail. Cha d’ thainig an solus mór gus an d’ thainig Criosd, gidheadh, cha d’ fhag Dia e féin gun fhianuis, na ’n saoghail uile gun tomhas eigin do sholus, o thoiseach. Bha oibre Dhé, bha oibre a chruthachaidh agus an fhreastail, a toirt fianuis mu thimchioll a Chruith-fluir, do luchd-ait-eachaidh na talmainn anns gach linn. Bha chruththeachd fhaicsinneach mar sgàthan, tre ’n robh bith, is buaidhibh, agus glòir an Dé neo-fhaicsinnich air am foillseachadh, ann an tomhas eigin, da chreutairibh reusonta, o ghinealach gu ginealach. Tha ’n t-Abstol Pòl ag innseadh dhuinn, gu bheil “nithe Dhè nach fheudar fhaicinn, eadon a chumhachd sìorruidh, agus a dhiad-hachd, air am faicinn gu soilleir, air dhoibh a bhi so-thuiginn o na nithibh a rinneadh;” agus air an aobhar so, bithidh na Cinnich féin air am fagail gun leithsgeul, air an là mhòr, do bhrigh an uair a “b’ aithne dhoibh Dia, nach d’ thug iad glòir dha mar Dhia, aus nach robh iad taingeil, ach gu ’n d’ fhas iad diomhain ’n an reusonachadh fèin, agus gu ’n do dhorchaicheadh an eridhe amaideach.”

    Ach bha tuille ’s solus naduir aig na h-Iudhaich roimh teachd Chroisd. “Oir labhair Dia o shean gu minic, agus air iomadh doigh, ris na h-aithrichibh leis na fàidhibh.” Roghnaich e na h-Iudhaich gu bhi ’n am pobull sonruichte dha fèin, agus thug e dhoibh eolas air a bhith ’s air a thoil fèin, agus slighe na slàinte, nach d’ thug e do Chinneach sam bith eile. Bha fòcul na fàidheadaireachd aca, a bha mar lòchran a toirt solus uaithe anns an t-saoghail dhòrcha so, gus an do shoillsich an là, gus an d’ éirich grian na fireantachd, le a solus mór, air an talamh. Ach cha robh an solus a bha aig na h-Iudhaich, fo linn an t-Seann-Tiomnaidh, mar sholus àrd-mheadhon an là, cha robh e ach mar sholus no fàire, mar an solus a tha ghrian a cur roimpe mu ’m bheil i ’g éirigh agus a dealradh ’n a làn neart. Ach le teachd Criosd, thainig solus mòr, cha ‘n e mhain a dh’ ionnsuidh nan Iudhach, ach mar an ceudna a dh’ ionnsuidh nan Cinneach ain-eolach, a bha ‘n an suidhe an dorchadas agus an sgàil a bhàis.

  2. An uair a bha Criosd air fhoillseachadh anns an fheòil, dh’ éirich solus mòr air an talamh, an solus a bu mho, b’ iongantaich, agus a bu ghhlòrmoire ‘chunnaic an saoghal a riamh—solus a thug barrachd air gach solus eil ‘a dheonaich Dia d’ a eaglais, o thoiseach an t-saoghail. Tha e fior, bha tomhas eigin do sholus aig eaglais Dé anns gach linn—bha Enoch, bha Abraham, bha Maois, agus Daibhidh, agus na fàidhean naomh uile, ‘n an lòchran, a bha toirt solus do ‘n eaglais ‘n an là ‘s nan ginealach féin; ach cha robh an solus ach fann, ach dorchà, ann an coimeas ris an t-solus so. Bha Eoin Baiste ‘n a lòchran dealrach agus lasarach; gidheadh, cha robh Eoin ach mar reul a dh’ fholaicheas i féin an uair a dh’ éiras a ghrian: an uair a dh’ éirich grian na fireantachd air an talamh, chaidh an reult dhealrach so à sealladh. ‘S e Criosd “solus an t-saoghail.” Mar is i ghrian nadurra solus an t-saoghail nadurra, ‘s e Criosd solus t-saoghail spioradal. ‘S e grian na h-eaglais, an tobar o ‘m bheil solus, slàinte, agus sonas buan na h-eaglais gu h-ionlan a struthadh: cha robh do sholus aig na bha ‘dh’ fhaidhean, ‘s a dh’ Abstoil, agus a lòchran eile ‘s an eaglais a riamh, ach na shruth o ‘n tobar so. Mar is ann trid solus na gréine a ta daoine faicinn glòir agus maise na gréine, ‘s ann an gnùis Chriosd, grian na fireantachd, iomhaigh an Dé neo-fhaicsinnich, a tha’m foillseachd is iongantaich, agus is iomlaine air glòir buaidhibh na diadhachd, aig uile chreutairibh reusonta na cruitheachd.

    Tha nadur na diadhachd diomhair agus neo-fhaicsinneach, tha ‘n t-Athair a gabhail comnuidh ann an solus nach comasach creutair sam bith fhaicinn; ach rinn am Mac, a bha ann a uchd o bhith-bhuantachd, fhoillseachadh. Dh’ fhoillsich e rùn a chridhe, glòir a bhuaidhibh, saoibhreas a ghràis, an doigh iongantach anns am bheil e deanamh peacaich reidh ris féin, agus an t-slighe nuadh agus bheò a dh’ fhosgail e d’ a phobull a dh’ ionnsuidh an ionad is ro-naomha. Dh’ fhoillsich e dhuinn slighe na beatha, “thug e beatha agus neo-bhàsmhoireachd gu solus trid an t-soisgeil.” Tha e ‘n a ni ro-chinnteach, gu robh teachd Chriosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, mar sholus do na Cinnich, agus mar ghloir d’ a phobull Israël, ann am beachd an fhaidh shoisgeilich, an uair a ghairm e air an eaglais o shean, ag ràdh— “Eirich, dealraich; oir thainig do sholus, agus tha glòir Tighearn air éirigh ort.”

  3. ‘S ann an uair a thòisich an Tighearn Iosa Criosd air a mhinistreilachd fhollaiseach, a dh’ éirich solus gu sonruichte air a mhuintir a bha ‘n an suidhe ann an dorchadas. Tha ghrian nadurra a cuir solus roimpe cuid a dh’ ùine mu ‘m bheil i ‘g éirigh, agus tha éirigh na gréine air uairibh air a chuartachadh le neultaibh tiugh, agus dorchadas, ionnas gu bheil i cuid a dh’ ùine an àird, mu ‘m bheil a solus gu h-ionlan a dealradh: bha Grian na fireantachd, air an amhuil cheudna, cuid a dh’ ùine an àird, mu ‘n do dhealraich an solus mòr, air am bheil cunntas againn ann am briathraibh ar teagasig. Bha ‘n Tighearn Iosa Criosd mu thimchioll deich bliadhna fichead a dh’ aois an uair a dh’ inntirg e air a ministreileachd fhollaiseach, an uair a thòisich solus an t-soisgeil air deadradh am measg luchd-àiteachaidh Ghalile; ach tha e ‘n a ni ro chinnteach, gu ‘n do bhuilich e na bliadhnaibh so uile, le mòr threibhdhireas, ann an seirbhis Athar, a deanamh toil an Ti a chuir uaithe e. Bha e giulan air aghaidh na h-obair a thug an t-Athair dha r’ a dheanamh, ann an diomhair, co maith agus am follais: bha e coimhlionadh an lagh, a pàigheadh sios fàchan a phobuill, agus ag ullachadh gach là air chionn na h-iobairt a thoirt suas, leis an robh e ri saorsa cheapnach da phobull, o dhorchadas, o chionta, agus o thruaighe. Fa-dheoidh, thainig an t-àm anns an robh e gu bhì air fhoillseachadh do Israel; cha ‘n fheudadh e bhi ni b’ fhaide am folach. Bhris solus na grèine so mach troimh neul dulaich na h-irioslaich; dhealraich e air doigh ro ghloirmhor air an t-slugh a bha ‘n an suidhe ann an sgàil a bhàis.

    Bha ‘n soisgeil a nis air a shearmonachadh le solus, le gliocas, agus le cumhachd neo-ghnàthaichte, le neach a fluair teangadh nan daoinne foghluimte, chum gu ‘m b’ aithne dha focal a labhairt ann an deadh àm ris an dream a bha airsnealach. Anns gach àite an do shearmonaich Criosd am focal, “bha cumhachd an Tighearna làthair chum leigheis,” agus bha gach eucail a stroichdadh do ‘n chumhachd so. Bha na doill a faicinn, na bothair a cluinntinn, na balbhain a labhairt, agus na bàcaich a faotainn lùth nam ball. Anns gach àite an d’ imich Criosd mu ‘n cuairt a deanamh maith, bha ‘n dorchadas a teicheadh, bha Prionnsa ‘n t-saoghail so air a thilgeadh a mach, “a chreach air a toirt o ‘n chumhachdach, agus na braighdibh dligheach air an saoradh.” Dhearbh Criosd le a oibrbh gu robh e, cha ‘n a leigh do ‘n chorp, ach ‘n a Shlanuighear do ‘n anam, gu robh e comasach peacanna a mhaitheadh, an cridhe briste cheangal suas, agus gach leòn spioradail a leigheas. Dhearbh e gu robh e comasach maise thoirt an àite luathre, ola aoibhneas an àite bròin, agus éideadh molaidh an àite spiorad airsneil—seadh, gu robh e comasach peacaich through a thearnadh gus a chuid a b’ fhaide. Agus an uir a dh’ ftag e saoghal an dorchadas so, agus a chaidh e suas air ionad àrd, dh’ ftag e a shoiseul aig a phobull, gu bhì ‘n a lòchran d’ an cosaibh, agus ‘n a sholus d’ an ceuman-aibh, gus an ruig iad an t-ionad, anns am bi e féin na sholus siorruidh dhoibh, “agus an croichnaichear laithean am bròin.”

  4. ‘S ann an deigh do Criosd dol a steach d’ a ghloir a bu mho a dhealraich solus an t-soisgeil anns an t-saoghail dhorcha so. Mu ‘n robh Criosd air fhoillseachadh anns an fheòil, chomhdaich dorchadas an talamh, agus dall-cheò na Cinnich, agus an uair a dh’ ftag e ‘n saoghal, dh’ ftag e chuid a bu mho d’ a luchd-àiteachaidh ‘n an suidhe fathasd ann an dorchadas, ach mu ‘n do dhealaich e r’ a dheiscoibluibh, thug e ughdarras, dhoibh dol a mach, agus an soisgeul a shearmonachadh do gach Cinn-each; agus air dhoibh-san a bhì air an sgeudachadh le gibbtibh, agus le cumhaehd o na h-àrdaibh, gu sonruichte o là na Cuingis, thòisich iad air an t-soisgeil a shearmonachadh leis an Spiorad Naomh air a chuir a nuas o neamh. Air ball, thoisich Sátan air tuiteam mar dhealanach o neamh—bha ‘rioghachd air a crathadh, bha uachdaranachd air a tilgeadh bun os eionn, agus na milte do pheacaich chruaidh-chridheach air an dùsgadh, air am beothachadh, agus air an gairm o dhorchadas gu solus. Ann an úine ghoirid, dhealraich solus an t-soisgeil air feadh tìr Iudea uile, agus fa-dheoidh am measg nan Cinneach aineolach, a bha ‘n an suidhe an dorchadas, ams gach dùthaich mu ‘n cuairt. Bha ‘n Spiorad Naomh air a dhortadh a nuas gu pailt, agus ag oibrachadh gu h-éifeachdach le ministreileachd an foeil, ionnas gu robh nithe mòr, iongantach, agus tròcaireachd, air an deanamh am measg nan cinneach, ann an ainn leinbh naomha Dhé, an Tighearn Iosa Crìosd.

    Bha dorchadas, aineolas, agus iodhol-aoraiddh nan Cinneach a nis a leaghadh as, mar “leaghas teine céir,” a teicheadh air falbh, mar theicheas ceò nam beann roimh sholus na gréine, ‘n uair a dhealraicheas i ‘n a neart. Bha daingnichean an droch spiorad air an tilgeadh sios, teampuill nan iodholaibh air an treigsinn, agus Dagon a tuiteam anns gach àite, roimh àirc a choimh-cheangail, roimh chumhachd an t-soisgeil. Bha ughdarras aig na h-Abstoil uile ‘n soisgeul a shearmonachadh do na Cinnich; ach b ‘e Pòl, ann a seadh sonruithe, Abstol nan Cinneach, agus bha e ‘n a mheadhon ro-éifheachdach chum an soisgeul a chraobhsaoileadh am measg a phobuill so. Anns gach àite an d’ imich e a frithealadh an fhoceil, agus ag oibreachadh miorbhulean, dh’ eirich solus air an t-slugh a bha ‘n an suidhe ann an sgàil a bhàis, agus bhuanach an solus so a dealradh, a cuir romhe, agus am meudachadh, gus an do sgaoil e thar a chuid a bu mho do Impireachd fharsuing na Ròimh, mu ‘n do chriochnaich linn nan Abstol. Mar so dh’ fhas focal an Tighearn, agus mheudaicheadh e;” ruith e, agus bha e air a ghlorachadh.

(Rì leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice