- This sermon was preached on a Sabbath appointed by some churches to commemorate the Reformation in Great Britain.
III. Theid mi nis air m’ aghaidh gus an treas ceann teagaig, gu bhi toirt fa’near, gu bheil e ‘n a thròcair mhór do ‘n t-saoghail dhoreha so, Criosd a bhi cumail suas solas an t-soisgeil ann o linn gu linn.
1. Anns a cheud àite, bha teachd Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, mar sholus agus mar Shlànughead, na thròcair mhór do shliochd eiontach Adamh.
Is lionmhor na trócairean a dheonaich Dia do chloinn nan daoine mu ‘n d’ thainig Criosd, ach bha teachd Criosd na thròcair a bu mho, na thròcair a thug barrachd air gach trócair eil’ a dheonaich Dia d’ a eaglais o thoiseach an t-saoghail. Bha nis am Mesiah air fhoillseachadh, an trócair ris an robh súil, ris an robh dóchas na h-eaglais o shean, agus a bha mar bheatha o na marbhaibh dhoibh-san a bha feitheamh ri saorsa ann an Israel. Anns an trócair so, dh’ fhiorsaich an úr-mhaduinn o ‘n ionad is áirde sinn, dh’ eirich Grian na fireantachd le sláinte ann a sgiathaibh, agus dhealraich solus mór air an talamh, a bha roimh air a chomhdachadh thairis le dall-cheó a pheacaidh. Thainig a nis Teachdaire ‘choimh-cheangail e fein o neamh le ministreileachd na rèite, “a chuir an ceill sith air thalamh, aus deadh-ghean do dhaonibh,” “a shearmonachadh an t-soisgeil do na bochdaibh, a ghairm fuasgladh do na braigh-dibh, agus a dh’ fhosgladh a priosain dhoibh-san a bha ceangailte.” Thainig e mar sholus a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a chur suas solus ann an coinnleir na h-eaglais, chum cosan a phobuill a threòrachadh, o linn gu linn, ann an slighe na sith. Bha nis tobar glanaidh air fhosgladh do na h-uile dhaoine, bha maitheanas peacaidh, bha sláinte shiorruidh air an taigse gu saor, agus na h-uile a bha ri sothair, agus fo throm uallaich, air an gairm a dh’ ionnsuidh Chriosd, chum ‘s gu ‘m faigheadh iad fois. O na nithe so uile, feudaidh sinn fhaicinn gu soilleir, gu robh aobhar ro-mhaith aig Sacharias a bhi ‘g árd mholadh an Tighearna, ‘n uair a thubhairt e, “gu ma beannaichte an an Tighearna, Dia Israel, air son gu ‘n d’fhiorsaich agus gu ‘n d’ thug e saorsa d’ a phobull, agus gu ‘n do thog e suas dhuinn adharc sláinte ann an tigh Dhaibhidh, oглаich fèin, a reir mar a labhair e le beul fhàidhean naomha fèin a bha ann o thoiseach an t-saoghail.”
2. Chum Criosd suas solus an t-soisgeil anns an t-saoghail o gu linn, a dh’ aindeoin na bu chomasach Prionnsa an dorchadais a dheanamh chum euir as do ‘n t-solus so.
Bha naimhdeas eadar slioichd na mna agus na natrach, o theoiseach an t-saoghail; ach bha naimhdeas na natrach an aghaidh na h-eaglais air a thaisbeanadh ni bu mho fo ‘n Tiomnad-nuadh, na fo linn an t-Sean-Tiomnaidh. Fo linn an t-Sean-Tiomnaidh, bha ‘n saoghail ann an tomhas mór aig Dia an t-saoghail so; bha na Cinnich aineolach gu h-iomlan fo a nachdaranachd, agus bha a chuid a bu mho do na h-Iudhaich, o linn gu linn, ‘n an seirbhisich umhal dha: Ach ann an toiseach linn an t-soisgeil, an uair a chunnaic Sàtan a rioghachd air a crathadh, a dhaingnichean a tuiteam, agus na milte d’ a iochdarain ga thrèigsinn, agus a dol thairis chum brat-ach cheannaird na sláinte, bha ‘n Dragon mór air a lionadh le feirg, agus rinn e gèur-leanmhuinn air a mhnaoi a rug an leanabh mie, air eaglais an Tighearn Iosa Criosd. Rinn an Diabhul feum àraidh do na h-Iudhaich mar sheirbhisich, anns a ghèur-leam-huinn a dhùisg e suas an aghaidh na h-eaglais, ann an laithibh nan Abstol. Anns gach àite an d’ imich na b-Abstoil, a sear-monachadh an t-soisgeil feadh tìr Iudea, agus nan dùthcha mu ‘n euairt, bha na h-Iudhaich a ghnàth a cogadh ‘n an aghaidh; agus cha bu leòir leo na bha iad fèin comasach a dheanamh chum solus an t-soisgeil a mhuchadh, ach bha iad a lionadh intinn nan Cinneach le tnu, agus ‘g am brosnachadh le mór dhurachd, gu bhi gèur-leanmhuinn deisciobuil Chriosd mar an ceudna. Agus bhunaich an sluagh cruaidh-chridheach so, a toirt fuath do ‘n t-solus, agus a gèur-leanmhtinn na h-eaglais, gus an do lion iad suas tomhas an cionta, agus gus an d’ thainig fearg Dhèorra fèin fa-dheireadh gus a chuid a b’ fhaide. Thachair so gu sonruichte, ‘n uair a bha Ierusalem agus a luchd-aiteachaidh air an sgrios le airm nan Romhanach, mu thimshioll da fheichead bliadna an deigh Chriosd fulang agus dol a steach d’ a ghlóir.
Ach an uair a dhealaich an ughdarras agus an cumhaech ris na h-Iudhaich, thionmdaidh Sátan cumhaechd na Róimh, an Impireachd a bu treise bha air thalamh, an aghaidh na h-eaglais, air chor ‘s gu ‘n robh aon an deigh aon do uachdarain na h-Impireachd so, a deananach feum d’ an ughdarras agus d’ an arm-aitibh chum solus an t-soisgeil a mhuchadh, chum aohbar agus eaglais Chriosd a sgrios o ‘n talamh. Ach ged bhunaich an eaglais dlùth do thri cheud bliadhna an deigh àrdachadh Chriosd, ann am fuirneis na gèur-leanmhuinn, gidheadh, a dh’aindeoin na bu chomasach Iudhaich, is paganich, agus an Droch-spiorad air an ceann a dheanamh, chum Chriosd solus an soisgeil a dealradh ann an coinnleir na h-eaglais. An deigh laithibh amhgharach na gèur-leanmhuinn so, thug Chriosd fois ear tamull d’ a eaglais, fo uachdaranaich Chonstantain mhóir, aon do Impiribh na Róimh, a ghabh ris a chreidimh Chroisduidh e fèin, agus a dhaingnich e air feadh Impireachd gu lèir. Ach tha e soilleir, o eachdraidh na h-eaglais, gu ‘n do mhi-bhuillich i an t-saorsa fhuair i aig an àm so; thuit elo codail air luchd-aideachaidh anns a choit-chionn, thoisich namhaid an anama air a chogal a chur, agus dh’ ealaichd mearachdan, agus thuailidheadh ro-mhór, a chuid ‘s a chuid a steach, gus an d’ erich saobh-chreidimh agus iodhol aoraidh eaglais na Róimh, mar dheatach a slochd an dubh-aigeim, a chomhdaich aghaidh na h-eaglais le tiugh dhorchadas; agus bhunaich an dorchadas so a meudachachadh air aghaidh an t-saoighail, o ghinealach gu ginealach, gus an d’ erich solus an ath-leasachaidh fa-dheoidh, chum fhuadachadh air falbh.
3. Bha solus an ath-leasachaidh a thoisich air dealradh o chionn córr is tri cheud bliadhna seachad, na thròcair mhór do ‘n t-saoighal pheacach dhorchas.
Róimh àm an ath-leasachaidh, bha ‘n Roinn-eórpa, ach beag gu h-ionlan, fu uachdaranaich eaglais na Róimh, agus bha luchd-teagaig agus riaghlachaidh na h-eaglais so, ‘n an cinniùil dhall, a bha treòrachadh nan dall a dh’ ionnsuidh sgrios. Thug iad air falbh iuchair an eolas, chuir iad solus an t-soisgeil fo shoitheach an àite chuir ann an coinnleir, bha iad fèin fo thréun-mhealladh, agus a ghnàth a dheanamh feum d’ an cuilbheartachd agus d’ an cumhaechd, chum an luchd-leanmhuinn a mhealladh mar an ceudna. Fo aintighearnas na Róimh, theich an fhoir eaglais do ‘n fhàsach, far an robh i air a h-altrum le Dia ré aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir, o aghaidh na nathrach. Ach an deigh dhì oidheche fhada, throiblaideach, a chuir seachad anns an fhàsach, thubhairt Dia a ris, “Biodh solus ann, agus bho solus ann.” Bhris solus an ath-leasachaidh a mach, thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, agus bha fuigheal a shluaigh “mar dhaoine chunnaic aisling; lionadh am beul le gairdeachas, agus, an teangadh le luath-ghair,” agus thubhairt iad am measg nan Cinneach, “Rinn an Tighearna nithe móra air ar son.”
‘S ann ann an Germani a dhealraich solus an ath-leasachaidh an toiseach, fo ministreileachd Lúthair, a bha ‘n a cheann-feadhna anns an armaitl lionmhor do Dhiadhaire tréun, a dhuig Dia suas aig an àm so, chum fianuis a dheanamh an aghaidh truaillidheachd agus mearachdan eaglais na Róimh. Ach ann an úine ghoirid, sgaoil an solus a mach ann an tomhas eigin air feadh na Roinn-eórpa gu h-iomlan; dh’ eirich solus air a phobull a bha ‘n au suidhe ann an dorchadas, cha ‘n e mhain ann an Germani, ach anns an Fhraing, is anns an t-Olaind, ann an Prussia, ‘s am Breatan, agus ann an iomad rioghachd eile mar an ceudna. Bha ‘n solus fíor air a chuir a nis ann an coimleir na h-eaglais, bha iuchair an eolais a ris air a h-aisig a dh’ ionnsuidh a phobuill, bha na sgríobtuirean air an eadar-theang-achadh, agus maille ri mórán do leabhraichibh diadhaidh eile, air an sgaioileadh am measg an t-sluagh anns gach àite, ‘n an canain féin. Bha ‘n soisgeul a nis air a shearmonachadh gu fallain, an Spiorad Naomha air a dhortadh a nuas gu pailt, agus ag oibreachadh gu h-éifeachdach le ministreileachd an fhocail, chor ‘s gu robh sluagh lionmhor air an dùsgadh, air an beoth-achadh, agus air an gairm o dorchadas gu solus. Bha sùilean moran air am fosgladh, ionnas gu robh iad a faicinn truaillidheachd agus mearachdan eaglais na Róimh, a teicheadh uatha le h-eagal agus a toirt géill le ballechrith do ghuth an Tighearna, bha ‘g radh—”Thigibh a mach aisde, mo phobull, chum ‘s nach bi sibh compairteach d’ a peacaibh, agus nach faigh sibh d’ a plàighibh.” Am an umhlaichd do ‘n ghairm neamhaidh so, thréig moran do ‘n t-slaugh air feadh na Roinn-eorpa, co-chomunn truaillidh na h-eaglais so; thog iad fianuis an aghaidh a mearachdan lionmhor, agus uime sin, tha mhuintir a thilg dhiubh cuing na Pàpanachd gu tur anns na rioghachdaibh so, air an gairm “Protastanaich” gus an là ‘n diugh.
4. Bha solus an ath-leasachaidh na thròcair ro mhòr do ‘n rioghachd pheacach anns am bheil sinne gabhail comhnuidh.
An uair a rug an solus so Breatunn an toiseach, bha cuing na Pàpanachd gu teann mu muineal Bhreatuinn, bha ‘n rioghachd so làn do aoradh an fhiadhbheathaich, do mhearaechdaibh eaglais na Róimh; agus bha a luchd-àiteachaidh nan suidhe ann an dorchadas a dol a dhith a dh’ easbhuidh eolais. Ach an uair a thoisich solus an ath-leasachaidh air dealradh, thoisich aineolas agus dorchadas air teicheadh, thoisich iodhol-aoraidh agus truaillidheachd na Róimh air leaghadh air falbh, bha rioghachd an dorchadais ga sgrios, rioghachd nan gràs a soirbheachadh, agus Criosd a marcaichd gu buadhach àrd ann an carbad an t-soisgeil. Ach an uair a chunnaic Sàtana rioghachd ga crathadh, a dhaing-nichean a tuiteam, agus a luchd-leannmuinn ga thrèigsinn, bha e air a lionadh le feirg, bha cumhachdan an dorchadais air an gluasad, bha teine na geur-leannmuinn air a fadadh, bha sagairtean na Róimh fo’n airm, agus a gnàth a chadh gach meadhon a bha ‘n an comas, chum solus an t-soisgeil a mhuchadh, chum aobhar Chriosd a sgrios, mu ‘n gabhadh e fremh anns an tìr. Ach a dh’ aindeoin na bu chomasach Sàtan agus a sheirbhiseich a dheanamh, reitich Dia àite d’ a eaglais, d’ a fhionain fèin anns an rioghachd so; thug e oirre freumhachadh gu daingean, fàs mar sheudair, a gèugan a shineadh a mach, gus an do chomdaich i na beanntan le a sgàile, gus an do lion i ‘n tìr o cheann gu ceann. Co is comasach a thuigsinn meud na tròcair a dheonaich Dia do ‘n rioghachd chiontaich so, ‘n uair a dhealraich solus an ath-leasachaidh air a glinn, air a beanntaibh, agus air a baltibh; agus an uair a bha an creidimh Pàpanach air a thilgeadh bun os cionn, agus an creidimh Protastanach air a dhaingneachadh ‘n a àite! Co is comasach a chuir an eòill, àireamh na muintir a bha air an iompachadh, air am fireanachadh, agus air an ulluchadh air son oighreachd nan naomh san t-solus, eadhon anns an rioghachd bheag so, o àm an ath-leasachaidh? Gus am bhi na leabhraichean air am fosgladh, agus nithe folaichte na siorruidheachd air am foillseachadh air an là mhòr, cha bhi neach sam bith comasach a thuigsinn, eiod e meud na tròcair a dheonaich Dia dhuinn, an uair a dh’ fhiosraich e ar dùthaich leis an t-solus so. Agus nach ‘eil gach dùthaich aig am bheil fior sholus an t-soisgeil air là ‘n diugh, ann an comain an ath-leasachaidh air a shon? Nach do las iad uile an coinneal aig an lòchran a shuidhich Dia, agus a chum e suas an eaglais ath-leasachta? Nach ann o ‘n eaglais a chaidh fuaim agus solus an t-soisgeil a mach air feadh nan Cinneach aineolach, gu croichaibh na talmhainn? O cia mòr! cia luachmhor an tròcair do ‘n t-saoghail chiontaich, dhorecha so, solus an t-soisgeil a bhi air a chraobh-sgaolleadh, agus air a chumail suas ann o linn gu linn!
AN COMH-DHUNADH.
1. Anns a cheud àite, feudaidh sinn fhaicinn o ‘n teagasg so, gu bheil aobhar irioslachaidh ro mhòr againn, ann an dorchadas ar n-intinnibh fèin, ann ar n-aineolas air nithe spioradail agus neamhaidh.
Tha e ‘n a aobhar bròin a bhi faicinn a chreutair a chruthaich Dia an toiseach làn do sholus agus do eolas air a ghloir fèin, a nis aineolach air an Dia rinn e, agus a dol air seacharan gach là ann an dalleòd a pheacaidh. Ma tha tubaist air bith a tachairt do dhuine, a tha toirt air falbh sealladh a shùl, solus a chuirp, tha e gu tric a caoidh na calladh a thainig air; ach O cis mòr aobhar caoidh an neach sin, a chaill sealladh air gloir a Chruith-fhir, agus a tha tur aineolach air na nithibh a bhuneas d’ a shith! Cha ‘n ‘eil ni air bith is mo tha drudhadh gu tric air fior chlann Dè, agus ‘g an irioslachadh anns an dùslach, na ‘m mothachadh a to aca air aineolas agus dorchadas an eridheachan fèin; agus cha ‘n ‘eil ni sam bith is dùrachdaich a tha iad a tagairt air a shon aig cathair gràis, na solus agus eolas air nithibh spioradail. “Fosgail mo shùilean,” a dubhairt Daibhidh, “chum gu faic mi nithe iongantach o d’ lagh.”
2. Tha e ‘n a aobhar broin a bhi faicinn daoine gràdhaichadh dorchadas a pheacaidh agus, a toirt fuath do sholus an t-soisgeil.
Cha ‘n ‘eil ùine fhada do dhorchadas nadurra taitneach le daoine; ma tha ùine air a dhruideadh a steach ùine fhada ann am priosan dorchas, fàssidh e sgith d’ a dhorchadas, agus bithidh e ro-thogarach air teachd chum an t-soluis; ach cha ‘n ‘eil daoiné gu nadurra fás idir sgith do dhorchadas a pheacaidh, na ‘g iarraidh, le dûrach éridhe, saorsa fhaotaínn uath. Tha e ‘n a shealladh brónach da rìreadh, a bhi faicinn daoiné, cha ‘n e mhain ùine fhada ‘n an suidhe ann an dorchadas, ach toilichte le ‘n dorchadas, seadh, a deanamh roghainn dheth an toiseach air solus. ‘S e so an t-aobhar gu bheil ministreileachd an t-soisgeil na fhaile bàis do mhòran d’ a luchdeisdeachd. ‘S e so an t-aobhar gu bheil daoiné gu tric a caitheadh an laithean fo mheadhona nan gràs, fo sholus an t-soisgeil, ‘n an coigrich guh-iomlan do eolas spioradail agus tearnaidh. Tha iad a druicheadh an sul an aghaidh solus an t-soisgeil, agus an éridheachan an aghaidh Slànnighear an t-soisgeil, agus mar so, ag antromachadh an cionta agus an truaighe féin. Cha ‘n àill leo teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd, chum ‘s gu ‘m faigheadh iad beatha.
3. Tha e ro fheumail dhuinn a bhi tagair gu durachdach ri Dia, gu ‘n doirteadh e nuas an Spiorad Naomha gu pailt le ministreileachd an fhoicil, chum suilean nan dall fhosgladh, agus intinnibh dorchá dhaoine shoillseachadh ann an eolas air nithibh spioradail.
Cha leoir solus an t-soisgeil o ‘n leth a mach, cha leoir foghlum litireil, no gach leasan a tha ministéiran an t-soisgeil comasach a theagasg, chum daoiné thoirt o dhorchadas gu solus, as eugmhaís teagasg an Spioraid Naoimh. Cha ‘n ‘eil am fear teagaig is cumhachdaich air thalamh comasach suilean nan dall fhosgladh, no dealradh a steach ‘n an éridheachain le eolas air glòir Dhé. Is obair so a bhuiineas do Dhia a mhain, agus a ghloir cha tabhair e do neach sam bith eile. Ach do bhrigh gu bheil gach meadhon neoéifeachdach, chum daoiné thoirt o dhorchadas gu solus, as eugmhaís oibreachadh an Spioraid, O, eis durachdach a bu chòir dhuinn a bhi tagair, gu ‘m biodh an Spiorad Naomh air a dhortadh a nuas gu pailt, daingneachan an droch-spiorad air an tilgeadh sios, aineolas, iodhol-aoraidh, agus saobh-chreidimh air am fuadachadh o aghaidh an t-saoghail, an soisgeul air a chraobh-sgoileadh, agus an talamh air a lionadh le eolas an Tighearna, mar a chomhdaicheas na h-uigseachan aigin na fairge.
4. Feudaidh sinn fhaicinn o ‘n teagasg so, gu bheil staid nan Cinneach, air nach do dhealraich solus an t-soisgeil riamh fathasd, ‘n a staid ro chunnartach.
Tha iad ‘n an suidhe ann an dorchadas, ‘n an coimhich do chomhfhlaiteachd Israel, agus ‘n an coigrich do choimh-cheanglaibh a gheallaibh, as eugmhaís dòchais, agus gun Dia anns an t-saoghail. ‘S e so a cheart staid anns an robh Breatunn, an uair a dhealraich solus an t-soisgeil oirre an toiseach. Bha i làn do dhorchadas, do iodhol-aoraidh, agus do ‘n truaillidheachd a tha anns a choitchionn a dol an cuidheachd iodholaibh. Agus cha robh a staid moran ni b’ fhearr, an nair a bhris solus an ath-leasachaidh a mach; oir bha i fo chuing na Pàpanachd, agus làn do thruaillidheachd, agus do mhearchdaibh eaglais na Ròimh. Tha aobar taingéalachd ro mhòr aig luchd-àiteachd na rioghachd so, air son mar dh’ fhisraich Dia iad le solus an ath-leasachaidh, agus leis na soch-airean luachmhor eile ‘thainig an cuideachd na tròcair so; ach tha aobar irioslaichaidh ro mhor aca, mar an ceudna, air son mar mhibhhuilich iad an sochairean, mar thainig iad gearr air glòir Dhé, air a bhi ‘g “iochdadh do ‘n Tighearn a reir a mhaitheas chaoin, agus nam beartaibh iongantach a rinn e air an son.”