Bha na briathraibh so air an labhairt le Eoin Baiste, mu thimchioll an Tighearn Iosa Criosd. Ann am faidh-daireachd an faidh Easais, bha e air a roimh-innseah mu Eoin, gu ‘m biodh e na Roimh-ruith-fhear aig Criosd, na theachdair dol roimh a ghluis, a dh’ullachadh a shlighe; agus tha e soilleir, gu robh triall Eoin air thalamh co-fhreagarrach ris an fhaidhdaireachd a rinn Esaias mu thimchioll. Bha Eoin air a bhreith, agus air fhoillseachadh, uine bheag an toiseach air Criosd; agus dh’intrinn e air a mhinistreileachd fhollaiseach tamull beag an toiseach air mar an ceudna; agus rè a mhinistreileachd fhollaiseach, bha e mar “Ghuth ag éigheach anns an fhàsach, Ulluichibh slighe an Tighearna, doanaibh a cheumann a dreach.” Bha ministreileachd Eoin do nàdur gèur agus dùsgaidh, a bha treòrachadh a luchd-èisdeachd gu mothachadh air an cionta ’s air an truaighe mar pheacaidh, agus air an fheum a bha aca air Criosd mar Shlànugheair; mar so, bha Eoin, le a mhinisreileachd, ag ullachadh intinn an t-sluaigh air son gabhail ri Criosd an uair a bhiodh e air fhoillseachadh: mar tha am maigstir-sgoil a dol an toiseach air a mhinisteir, agus le theagasc ’s le oilean, ag ullachadh an t-sluaigh air son a mhinistear, bha Eoin le theagasc ag ullachadh an t-sluaigh air son Chriosd, agus “mar mhaigstir-sgoil, gan treòrachadh d’a ionnsuidh.” Bha cuid do luchd-èisdeachd Eoin air an dùsgadh gu mothachadh air an cionta, agus ag iarraidh teicheadh o ’n fhearg a ta ri teachd; ach cha robh Eoin gan treòrachadh, na gam brosnachadh gu bhi sealltuinn ris féin air son maithneas peacaidh, na slàinte d’ an anamaibh; ach a dh’ionnsuidh Chriosd, an “t-aon ainn a thugadh fò neamh tre m feud peacaidh a bhi air an tearnadh.” Bha Eoin toileach a féin isleachadh, chum ’s gu ’m biodh Criosd air àrdachadh, agus intinn an t-sluaigh a tharruing o gach stèidh mhearchachdach, a dh’ ionnsuidh an “aon bhunait a shuidhich Dia ann an Sionn.” ’S ann chum na crìche so a ghairm e air an t-sluaigh a dh’ ionnsuidh Chriosd, mar Uan Dé, ann am briathraibh ar teagasc: mar gun abradh e—“Thaing a nis am Mesiah, tha e cheana na sheasamh ’n ar measg, air fhoillseachadh fa chomhair bhur sùl: Beachdaichibh air le deagh aire. Feuch Uan Dé, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail”
Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fa near,
I. Cuid do na h-aobharaibh, air sgàth am bheil Criosd air a ghairm “Uan Dé.”
II. An doigh anns am bheil e toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.
III. An doigh anns am bheil e iomchuidh do phceacaidh a bhi sealltuinn irs am Uan so.
Tha mi ’n tús gu bhi toirt fa’near, cuid do na h-aobharaibh, air sgàth am bheil Criosd air a choimeas ri Uan, agus air a ghairm “Uan Dé.”
- Anns a cheud àite, tha e air a ghairm “Uan Dé,” do bhrigh gu robh e air ulluchadh, agus air àrach le Dia, air doigh nach robh aon uan eile a bha riamh air thalamh. ’S le Dia an talamh is a làn, am domhan agus a luchd-àiteachd, ’s leis an sprèidh air mile cnoc, ’s leis gach uan a tha ’g ionaltadh air aghaidh na talmhainn—ach ’s e Criosd aon ghìn Mhic, ’s e Criosd Uan Dé, ann an seadh sonraichte, ann an seadh nach buin dò uan, na do aon chreutair eile bha riamh air thalamh. ’S e ’n Tighearn Iosa Criosd an dara pearsa anns an Diadhachd, agus mar an dara pearsa, bha e maille ris an Athair mu ‘n do leagadh bunait an domhain, air àrach ann a uchd o bhithbhuantachd. “N uair a thug e reachd do ‘n fhairge. ‘n uair a shuidhich e bunaite na talmhainn, an sin bha mise aige,” deir an t-Uan so, “mar neach a dh’ altrumadh maille ris, agus bu mhi a thlachd gach là, a deamhch gairdech ais ‘n a fhianuis an comhnuidh, agus bha mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.”
Tha e soilleir o na briathraibh so, gu robh an Tighearn Iosa Criosd, cha’n e mhain maille ris an Athair o bhithbhuantachd, ach na Uan a bha ro-mheasal, ro-mhuirneach aig Dia an t-Athair; b’è aon taghta an Athar, a “Mhac gràdhaich,” anns an robh a mhòr thlachd: gidheadh, bha e air ullachadh agus air ordachadh leis an Athair, gu bhi na iobairt rèitich air son peacanna a shluaigh. Ach ged ‘bha Mac Dhé air ordachadh o shiorruidheachd gu bhi na iobairt rèitich, cha robh e ann an staid anns am feudadh e bhi air a tairgse mar iobairt, gus an robh e air fhoillseachadh anns an fheòil; ‘s ann an deigh do chorpa bhi air ullachadh dha, a bha ni-eigin aige r’ a thoirt suas; s’ ann an deigh dha nàdur na daonnachd a ghabbhailt air féin, a bha e ann an staid iomchuidh chum e féin a thoirt mar iobairt, gun smal, do Dhia. Bha na h-uain a bha air an toirt sus mar iobairtaibh fo ‘n lagh, air an àrach le daoine, air an toirt a mach a treudaibh dhaoine, agus air an iobradh air costas dhaoine; ach bha ‘n t-Uan naomha so air ullachadh, agus air iobradh, air costas Iobobhah an t-Athair.
- Bha Criosd air a choimeas ri uan, air sgàth co fiorghlan, agus naomha ‘s a bha e, ‘n a ghuth ‘s na ghniomh, na chridhe, ‘s na chaithe-beatha. Bha e air iarraidh le Dia, gu’m biodh na h-uain a bha air an toirt suas mar iobairtibh fo ‘n lagh, saor o ghaoid, saor o smal, o uireasbluidh air bith; agus bha e cronachadh nan Iudhach gu g’eur, an uair a bha iad a taisbeanadh samnt agus cruadhas an cridhe, le bhi taigse dha-san as dall, an tinn, agus am bacach, mar iobairtibh, agus a gleidheadh roghadh na treud dhoibh féin. Le ‘n leithid so a dh’ iobairtibh, bha iad a brosnachadh Dhé gu feirg, agus a cosnadh mallachadh an àite bcannachadh dhoibh féin. Ach bha ‘n t-Uan a dh’ fhullaich Dia gu bhi na iobairt loisgte dha féin, na Uan gun smal, saor o uireasbluidh, o thraillidheachd air bith. Bha ‘n Tighearn Iosa Criosd ann an sealbh air dà nadur eadar-dhealaichte—nàdur na Diadhachd, agus nàdur na daonnachd, agus bha dha nàdur fior-ghlan agus naomha. Mar Dhia, bha e ann an sealbh air naomhachd neo chriochnach; agus mar dhùine, bha e saor o smal air bith do thraillidheachd a pheacaidh. Cha b’ ann trid ginealacha gnàthaichte a bha e air a dheanamh na dhùine, ach bha nàdur a dhaonnachd air a dhealbh, air doigh mhiobrhuileach agus neo-gnàthaichte, le cumhachd an Spioraid Naoimh, ann am broinn na h-oighe Muire, agus air a bhreith leatha saor o pheacadh.
Thainig Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail na leanabh ro-naomha, eadar-dhealaichte o gach leanabh eile a rugadh le mnaoi o thoiseach an t-saoghail, agus air an aobhar so, bha o air a ghairm ‘Ni Naomha,’ leis an aingéal a thug a cheud sgeula do Mhuire mu thimchioll. Mar thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail saor o pheacadh, bhuanach e naomha, neo-lochdach, agus dealaichte o pheacadh, fad aimsir a chuairt air an talamh: “cha d’rinn e peacadh, agus cha d’ fhuaradh ceilg na bheul.” Cha do bhris e riamh aon aithne do ‘n lagh a tha naomh, agus cothromach, agus maith; cha d’ rinn e riamh aon ni a bha ‘n lagh a toirmeasg, agus cha mho a thainig e goirid ann an aon phuinc, air an umhlachd iomlan a bha ‘n lagh ag iarraidh; bhuanach e ‘g coimhlíonadh, ag árdachadh, agus ag cuir onair air an lagh, gus an do chriochnaich e a thurus air an talamh. Ged a bha e gabhaíl comhnuidh a’ measg pheacach, ag itheadh, ‘s ag òl maille ri peacach, agus air a chuaireachadh le truaillidheachd an t-saoghail so o là gu là, gidheadh ann am buillsgean na truaillidheachd so, bhunach e naomha na ghuth, ‘s na ghníomh; choimhead se e féin gun smal o ‘n t-saoghail.
-
Bha Criosd air a choimeas ri uan, air sgàth a chuineas, a mhaicantachd, agus fhoighidin fo gach masladh is amhghar a dh’ fhuiling e anns an t-saoghail pheacach so. Bha Criosd fior-ghlan agus naomha na uile chaithe-beatha, mar thug mi cheana fa’near—cha robh aon neach a riamh air thalamh, o thuit an ceud Adhamh, a dh’iomchair e féin co naomha, neo-lochdach, ris an Tighearn Iosa Criosd: cha do mheall e aon duine riamh, cha d’ rinn e lochd air coimhearsnach a riamh, cha d’rinn e ainneart air a bhochd, na eucoir air a bheartach, na dearmad air an uireasbach, na taileas air an úmaidh; ach ghiúlan se e féin gu h-ionraic, neo-chiontach, rè astar a bheatha anns an fhàsach so. Agus bha e, cha ‘n e mhain saor o lochd, ach a ghnàth a dol mu ‘n cuairt a deanamh maith—a deanamh maith do chuirp agus do anamaibh dhaoine, a deanamh maith an aghaidh an uile—seadh, a toirt buaidh air an ole leis a mhàith. A nis, ‘n uair a bheir simn fa’near co naomha, neo-lochdach, maithesach, agus tròcaireach, ‘s a dh’ iomchair Criosd e féin anns an t-saoghail so, dh’fheudamaid a bhi ullamh gu chomh-dhunadh, agus sin le deadh reuson, nach biodh aon namhaid aig air thalamh, nach biodh aon neach a’ measg luchd-aiteachailh na talmhainn gu h-iomlan, a thogadh lamh, na cos, na teangadh an aghaidh Uan co neo-lochdach, na thairgeadh cron air bith a dheanamh air-san a bha ghnàth a dol mu ‘n cuairt a deanamh maith; gidheadh, tha e soilleir, gu robh Uan Dé air a chuaireachadh le naimhdibh lionmhor, agus mioruach revaismir irios-lachaidh. Bha a luchd-dùthcha féin, anns a choitchionn, nan naimhdean dha, a bha ga bhuaireadh, ga mhaslachadh, ga ghèur-learnmuinn, agus gu tric ag iarraidh a bheatha thoirt air falbh. Fa-dheoidh, thuit e nan lamhaibh, agus an uair a ghlac iad e, cha do chaomhain iad an lamhan aingidh air: Bhuaile iad e, lot iad e, mhaslaich iad e—seadh, chuir iad gu bàs e air a chrann-cheusaidh. Ach ciod mar ghiùlain an Tighearn Iosa Criosd e féin fo gach masladh agus amhghar a dh’fhuing e o a naímhdibh? Ghiùlain le eùmeas, le macantachd, agus le foighidin dolabhairt; ghiùlain se e féin mar uan gun lochd, a dh’ìmlich-eas an lamh le ‘n cosgrar e. “An uair a chàineadh e, cha do chàin a ris; an uair a dh’fhuing e, cha do bhagair; ach dh’earb se e féin ris-san a bheir breith cheart.” “Shàr-uicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh, cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan chum a chas-graidh, agus mar chaor a bhios balbh an làthair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.”
-
Bha Criosd air a choimeas ri uan, do bhrigh gu robh e air a roimh-chiallachadh, agus air a shamlachadh leis na h-uain a bha an toirt suas mar iobairtibh fo ‘n lagh. Tha e soilleir o na sgrìobturibh, gu robh uain a’ measg nan ceud chreutairibh a bha air an iobradh le ordugh Dhé anns an t-saoghail so gu h-iomlan. Ann an toiseach a Bhio-buill, tha e air innseadh dhuinn gu robh Abel na bhuaich-aill chaorach, agus gu ‘n d’thug e do cheud-ghinibh a threud agus d’ an saill, tabhartas do ‘n Tighearna, agus gu robh meas aig an Tighearna air Abel, agus air a thabh-artas. A nis, tha e na ni ro chinnteach, gu robh uain a’ measg nan ceud-ghinibh d’ an d’thug Abel suas a thabh-artas, agus gur ann air a sgàth so, ann an tomhas eigin, a tha Criosd air a chumail a mach anns na sgrìobturibh, mar uan a bha air a mharbhadh o thoiseach an t-saoighail. Bha e, ann an seadh àraid, air a mharbhadh anns na h-iobairtibh ud leis an robh a bhàs air a shamlachadh anns an eaglais o thoiseach. Bha uain, cha ‘n e mhain a’ measg nan ceud chreutairibh a bha air an iobradh air thalamh, a reir toil Dé, ach tha e soilleir mar an ceudna, gu robh iad air an iobradh ni bu tric, agus ni bu lionmhoire na bheag do chreutairibh eile; oir bha e na ordugh suidh-ichte fo ‘n t-Seán-Tiomnad, uan a bhì air a toirt suas mar an iobairt mhaduinn agus fheasgair, o là gu là, air altair an Tighearna. Agus cha ‘n ‘eil ag sam bith, nach robh roghainn air a dheanamh do ‘n uan air son na h-iobairt laitheil, seachad air creudtaribh eile, do bhrigh gu robh e na shamlachd anabarr freagarrach air an uan a dh’ ullaich Dia air a shon féin—air an uan naomha, neolochdach, a bha ri peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh.
Bha ‘n t-uain càisg, air doigh àraidh, na shamhladh air Uan Dé, a bha ri peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh. Aig àm na càisg, a’ measg nan Iudhach, tha ‘n t-uain so air a mharbhadh, bha fhùil air a dordadh, agus air a crathadh air dà ursainn, agus air àrd-dorus tighean chloinn Israel; bha fheoil air a rostadh le teine, agus air a h-itheadh le aran neo-ghoirtichte, agus luidhibh searbh. O na deas-ghnàthaibh so, tha e soilleir, gu robh an t-uain càisg air ordachadh le Dia gu bhi na iobairt air son an t-sluaigh, agus na chuirim do ‘n t-sluagh, aig an àm cheudna. Bha clann Israel air an saoradh le fùil, agus air am beathachadh le feoil an uain so. Uime sin, bha ‘n t-uain càisg na shamhladh ro-fhreagarach air Uan Dé, a thug e féin mar iobairt air son a phobuill, agus a rinn cuirm dhoibh do “nithibh blasda, agus làn do smior” air an iobairt a thug e suas; agus a tha cuir an céil, gu bheil a bheatha mhaireanach aig gach neach a dh’ itheas do ‘n chuirim so. “Esan a dh’ itheas m’ fheoil-sa, agus a dh’ òlas m’ thuisle, tha bheatha shiorruidh aige, agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.”
(To be Continued.)