Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » April 1923 » Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacMhaolain: Searmoin IV. Galatianaich, Caib. VI., Rann 15. “Oir ann an Iosa Criosd cha ’n ’eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an cruthachd dh nuadh.”

Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacMhaolain: Searmoin IV. Galatianaich, Caib. VI., Rann 15. “Oir ann an Iosa Criosd cha ’n ’eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an cruthachd dh nuadh.”

(Air a leantuin o t.-d. 346.)

BHA eaglaisean Ghalatia air am planndachadh, agus mar an ceudna air an uisgeachadh leis an Abstol Pòl. Ach do bhrigh gu ’n robh cùram nan eaglaisean uile air Pòl, cha ’n fheudadh e bhi ghnàth a frithealadh do eaglaisibh Ghalatia; agus an deigh dha ’m fàgail car tamull, dh ’ealaidh luchd-teagaig mearchdach a steach nam meag, a bha measgradh soisgeul Chriosd le deas-ghnàthaibh Iudhach; a bha teagasg do na Galatianaich, gu ’m “feumadh iad a bhi air an timchioll-ghearradh, agus lagh Mhaois a choimhead,” mu ’m feudadh iad a bhi air an tearnadh; a bha ga ’n treòr-achadh gu stèidh an dòchais a dheanamh do bhunait eile, nach do shuidhich Dia idir ann an Sion. Air an doigh so, bha soisgeul Chriosd air a thruailleadh; bha soisgeul eile, soisgeul fàllsa air a shearmonachadh am meag nan Galatianach; agus bha ’n creidimh fèin, agus toradh saothair an Abstoil na’ meag, a reir coslais, air an tilgeadh bun os cionn; bha mar an ceudna masladh air ’a thoirt do Chriosd, d’ a iobairt, agus d’ a fhireantachd, le bhi cuir oibribh dhaoine nan àite. Chuir na nithe so mòr chràdh agus trioblaid air spiorad an Abstoil, a bha cho eudmhor air son glòir Dhé, onoir Chriosd, agus slaint’ an-amaibh dhaoine; agus bhrosnaich iad e gus an litir so a sgriobhadh a dh’ ionnsuidh nan Galatianach le a laimb féin. Anns an litir so, thug e rabhadh géur dhoibh an aghaidh nam mearchdan anns an do thuit iad, agus mar an ceudna, ’n aghaidh luchd-teagaig nam mearchdan ud; agus dh’ innis e dhoibh, gu n’ robh iad ann an cunnart tuiteam o ghràs, agus teachd goirid air slàinte shiorrudh, le bhi deanamh stèidh an dòchais d’ an oibribh féin, na do chuspair air bith eile, seachad air crann-ceusaidh an Tighearn Iosa Criosd. Agus ann an comh-dhùinadh a litir, dh’ innis e dhoibh-sa, agus mar an ceudna do na h-uile dhaoine, nach ’eil “eifeachd ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach an ann cruthachadh nuadh.”

Ann an labhairt o na briathraibh so, tha rùn orm,—

I. A bhi ‘g ainmeachadh cuid do na nithibh anns am bheil dàoiné deanamh uail, gidheadh, anns nach ‘eil éifeachd air bith as eugmhais cruthachadh nuadh.

II. A bhi toirt fa’near, nàdur a chruthachaidh nuadh.

III. An éifeachd, no ‘bhuonachd a tha do anamaibh dhaoine anns a chruthachadh nuadh.

Ann an labhairt air cuid do na nithibh anns am bheil dàoiné deanamh uail, bheirr mi fa’near.

I. Anns a cheud àite, gu bheil cuid gu tric a deanamh uail ‘nan deadh oibríbh féin.

Tha eadar-dhealacnadh mor eadar beusaibh cuid seach cuid eile do dhaoibh. Tha cuid a ta mi-naomha, eu-corach, agus olc ‘n an glusad o là gu là; agus tha cuid eile a ta stuama, beusach, subhailceach ‘nan caithe-beatha anns a choitchionn. Bha ‘n t-eadar-dhealachadh so, ann an tomhas éigin, am measg chloinn nan dàoiné anns gach linn. Am measg nan Cinneach aineolach, am measg nan Greugach agus nan Romhanach o shean, bha cuid do dhaoibh glic, a bha stuama, measarra, subhailceach nan caithe-beatha, ‘n uair a bha chuid bu mho do ‘n t-slugh a toirt srian fhuasgailte d’ an ana-miannaibh féin, anns gach cleachduinn thruailidh agus olc. Bha ‘n t-eadar-dhealachadh ceudna, a thaobh beusaibh, am measg nan Iudhach. Ged bha na h-Iudhaich, anns a choitchionn, nan sluagh cruaidh-chridheach, agus ceannairceach, gidheadh, bha cuid diubh nan dàoiné ceannsaichte, stuama, dleasdanach, a bha mar uaighibh gealaichte o ‘n leth am muigh, ach san leth a stigh làn do ghriùnealachd a pheacaidh. Tha ‘n t-eadar-dhealachadh ceudna r’ a fhaicinn am measg dhaoine air an là ‘n diugh. Tha mòran do shluagh na ginealach so, mi-naomha agus truailidh ‘n an uile chaithe-beatha; ‘n uair a tha mòran eile measara ‘nan glusad, agus a leantuinn deadh oibríbh.

Tha dàoiné, le ‘n deadh oibríbh, gu tric a cosnad tomhas éigin do chliù, agus do onoir shaoghalta dhoibh féin; agus tha so ro-thaitneach leis a chridhe nàdurra. Tha eridheachan dhaoine gu nàdurra làn do fhein spéis, agus tha ‘n fhein-spéis so ga ‘n treòrachadh gu bhi ‘g iarraidh cliù agus onoir o dhaoibh, mar bha na Phairisich o shean; ach mur ‘cil neach na chrùtair nuadh, cha bhi tarbh air bith d’ a anam aig uair a bhàis, ann an onoir an t-saoghnail so; feudaidh dàoiné bhi ga mholadh mar dhùine còir, mar dheachd choimhearsnach, ach ciod an tarbh a bhitheas anns a chliù so do ‘n anam thruagh a tha dol a bhith, a tha dol a dh’ ifrinn. Feudaidh òran molaidh a bhi air a sheinn air thalamh do chuid, an uair a tha ‘n anam a fulang dòruinn teine shiorruidh. Tha féin-spéis a treòrachadh dhaoine, cha ‘n e mhain gu bhi ‘g iarraidh cliù agus onoir o’n comh-chreutairibh, ach gu bhi deanamh stéidh an dòchais d’ an subhaileibh agus d’ an deadh oibribh féin, ann am fianuis Dé. Mar so, bha ‘m Phairiseach a chaidh suas do ‘m teampull a dheanamh ùrnuidh, agus a bha toirt ‘buidheachas do Dhia nach robh e mar dhaoine eile.” Is maith a dh’ fheudte, nach robh e co truailidh na bheusaibh ri cuid do dhaoinibh eile, no co eu-corach agus ole, ri mòran do na Cis-mhaoir, ach tha e na ni cinnteach nach robh a chridhe ceart am fianuis Dé, nach robh e na chreutair nuadh; agus as eugmhais an nuaidh-chruthachaidh, cha robh éifeachd air bith dha anns na subhaileibh, a bha ga dheanamh mòr agus maiseach na shùilbh féin.

2. Tha cuid do dhaoinibh a deanamh uail ‘nan gibhtibh, agus ‘nan sochairibh o ‘n leth a mach.

Is tric a tha daoine mòr an t-saoghail a deanamh uail ‘nan tiodail, ‘nan onoir, agus ‘nan stòras talmhaidh. Ged tha na nithe so mar bhlàth an fheòir, a sheargas air falbh, nan nithibh anns nach ‘eil tairbh air bith do ‘n anam; gidheadh tha e soilleir gu ‘m bheil àrd-mhaithean an t-saoghail, anns a choitichionn, air am mealladh co mòr le glòir dhiomhuan nithibh faicsinneach, is gu bheil iad a deanamh uail ‘nan stòras, agus ‘nam mòr-chuis thalmhaidh. Tha cuid a deanamh uail ‘nam foghluim, ‘nan gliccas, agus ‘nan neart féin; tha ‘n neach a ta glic, innleachdach, scòlt, gu tric a deanamh uail na sheòltachd, an duine làidir na spionnad, agus an t-àrd sgoilear na fhòghlum; gidheadh cha ‘n ‘eil tairbh air bith anns na nithibh so do ‘n anam a tha falamh do ghràs, agus na choigreach do ‘n chruthachadh nuadh. Tha cuid do dhaoinibh a deanamh mòr uail ‘nan sochairibh siobhalta. O cheann ùine ghoird, bha sochairean siobhalta na rioghachd so air an cuir an lionmhoir-eachd, ‘n uair a fhuair mòran do ‘n t-sluagh còir air am beul fhosgladh, agus air an guth a thabhairt, aig àm taghaidh buill na Pàrlamaid, aig nach robh còir air bith air am beul fhosgladh anns a chuis so roimhe. A nis, tha e soilleir gu ‘n robh mòran a deanamh tuille uail, agus gairdeachas anns na sochairibh so, na dheanamh iad anns t-soirbh-eachadh is mo a dh’ fheudadh a bhi leantuinm soisgeul Chriosd ann aon chearna do ‘n talamh; ach cha ‘n ‘eil tairbh air bith anns na sochairibh so do ‘n duine ‘tha na choigreach do ghràs iompachaidh. Tha iad faoin mar phlaosga nam muc, eutrom mar mholl an t-samhraidh, ann an coimeas ri aon sràd do ghràs tearnaidh. Feudaidh daoine, a tha ‘nan coigrich do ghràs tearnaidh a bhi deanamh uail ‘nan sochairibh spioradail o ‘n leth a mach. Bha na h-Iudhaich fo ‘n t-Sean-Tiomnadh, am mealtuinm sochairibh spioradail os ceann nam Cinneach; bha ‘n tim-chioll-ghearradh aca, bha lagh Mhaois aca, agus bha seirbhis Dè, agus sochairean na h-eaglais fhaicsinnich air am frithealadh nam measg; ach tha e soilleir gu ‘n robh a chuid a bu mho dhiubh, a linn gu linn, a mi-bhuileachadh nam sochairibh luachmhor a bha iad am mealtuinn. Bha iad ag amharc sios air na Cinnich, a deanamh tair air na Cinnich, agus uaill ‘nan sochairibh féin, anns a cheart am an robh iad ag antromachadh an cionta agus an truaighe, le bhi mi-bhuileachadh an sochairibh. Tha mòran do luchd-aideachaidh ‘nar measg-ne, mar an ceudna, a tha toilichte le ‘n sochairibh o’n leth a mach, as eugmhais atharrachadh gràsmhor cridhe. Tha iad air am baisteadh ann an ainm Chriosd, nam buill do ‘n eaglais fhaicsinnich, agus am mealtuinn sochairean eaglais, ach cha ‘n ‘eil iad a dol ni ‘s fhaide, cha ‘n ‘eil iad a dol a steach air an dorus chumhann, na teachd tre chreidimh, a dh’ionnsuidh Chriosd, cha ‘n ‘eil iad nan creutairibh nuadh: agus tha e soilleir o fhocal Dé, nach bi éifeachd air bith d’ an anam-aibh, aig uair a bhàis, ‘nan uile shochairibh o ‘n leth a mach, as eugmhais a chruthachaidh nuaidh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice