Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » May 1923 » Searmoinean leis an Urramach Elonghas MacMhaolain: Searmoin IV. Galatianaich, Caib. VI., Rann 15. “Oir ann an Iosa Criosd cha ‘n ‘eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an cruthachd nuadh.” (Air a leantuin o t.-d. 376)

Searmoinean leis an Urramach Elonghas MacMhaolain: Searmoin IV. Galatianaich, Caib. VI., Rann 15. “Oir ann an Iosa Criosd cha ‘n ‘eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an cruthachd nuadh.” (Air a leantuin o t.-d. 376)

  1. Tha cuid do luchd-aideachaidh a deanamh uail ‘nam faireachduinnibh féin. Feudaidh daoine bhi air an dúsgadh fo ‘n t-soisgeul, agus air an toirt gu tombas do mhothachadh air an cunnart mar pheacaich, agus do chùram mu thimchioll staid an anamaibh, agus gu am mothachadh, nan cùram so, a bhi air an ‘leantuin le gràs iompachaidh. Cha ‘n ‘eil gach seorsa dúsgaidh, agus cùram fo ‘m bheil daoine teachd anns an t-saoghal so, a criochnachadh ann am fior iompachadh. Tha iad lionmhor anns gach linn, a bha aon uair fo thomhas do mhothachadh air an cionta, agus a chaill am mothachadh, agus a thuit a ris co trom ‘nan còdal anns a pheacadh ‘s a bha iad a riamh; gidheadh, tha aobhar eagail gu bheil cuid a meas gu ‘n d’ thainig iad gu fior aithreachas, agus gu ‘m bheil an staid tearuine, do bhrigh gu ‘n robh iad aon uair fo chùram mu thimchioll slàinte an anama. Feudaidh aignidhean dhaoinne bhi air an gluasad gu mòr fo mhinistreileachd an fhocail, agus gun a ghluasad so a bhi do nàdur spioradaíl, na slàinteil: feudaidh neach a bhi tuirseach, agus a reir coslais air irioslachadh, mar bha Ahab, na feudaidh neach a bhi air a thogail suas, agus a reir coslais air a lionadh le comh-flurtachd, agus a deanamh gairdeachas, mar rinn a mhuiintir a fhuair an siol ‘san fhearann chlochach, agus gun aon chuid an tuirse nan gairdeachas so bhi do nàdur spioradaíl, ach ag éirigh o aignidhibh fàlsa. Feudaidh Sàtan e féin a chuir ann an cruth aingil soluis, agus feudaidh aignidhean fàlsa a bhi ro chosmhuil ‘nan cruth, ri aignidhean spioradaíl, ach tha e na ni cinnteach nach ‘eil taibh air bith’ annta do anam neo-bhàsmhor an duine; gidheadh tha aobhar eagail, gur tric a rinn cuid do luchdaideachaidh gairdeachas agus uail, ann an toradh aignidhibh fàlsa.

Feudaidh gluasad, agus criothnachaidh mhòir, teachd air cuirp dhaoine fo eisdeachd an fhocail, anns nach ‘eil buanachd air bith da ‘n anamaibh. Tha so gu maith soillerr o iomad ni a chunnacas anns an Eilean so, o cheann cuid a dh’ ùine seachad. Nam biodh an cruthachadh nuadh a ghnath a dol an cuideachd na glaothaich agus nan criothnachaidh a bha anns an àite so; tha e na ni cinnteach gu ‘m biodh aireamh nan nuadh chreutairean ‘nar measg gu mòr ni ‘s mo na tha e. Tha e fior, cha bhiodh an aireamh lionmhor, ann an coimeas ri slugadh na dûthecha gu léir, ged bhiodh an t-iomlan air an d’ thainig criothnachaidh fhollaiseach nam fior iompachain; ach tha aobhar ni ‘s leòir a chreidsinn gu ‘m biodh e gu mòr ni ‘s mo na tha e. Bha cuid a deanamh uaill anns na coslaisibh follaiseach a bha ‘nar measg, agus a’ meas gu robh an Spiorad Naomh ag oibreachadh gu h-éifeachdach far an robh na nithibh so r’ am faicinn: a nis, cha ‘n ‘eil ag sam bith, nach d’ oibrich an Spiorad Naomh gu h-éifeachdach ann an cuid air an d’ thainig na criothnachaidh fhollaiseach mu’m bheil mi labhairt; gidheadh tha e soil-leir air an taobh eile, gu ‘m feud na coslasan so a bhi, agus sin ann an tomhas àrd, far nach ‘eil an Spiorad ag oibreachadh gu h-éifeachdach idir, agus far nach ‘eil ath-arrachadh slàinteil air a dheanamh air staid, na air nàdur an duine. Cha ‘n ‘eil éifeachd ann an coslais do ‘n t-seòrsa so, na do sheòrsa air bith eile, as eugmhais a chruthachaidh nuaidh.

  1. Tha mòran do slugadh an t-saoghail a deanamh uaill ann am mi-dhiadhachd, ann a bhi araon as eugmhais coslais agus cumhachd na diadhachd. Tha e na ni ro shoilleir, gu bheil mòran do shluagh na rioghachd so dearmadach air dleasdanasaibh spioradail, gu h-àraidh, na dleasdánais is diomhaire a bhuneas do fhiar dhiadhachd; mar tha féin-cheasnachadh, agus ùrnuigh an uaignidheas. Ciod air bith mar tha iad a lùbadh an glùn do Bhaal, na do Mhamon, cha ‘n ‘eil iad idir ga ‘n lùbadh ann an seòmar an uaignidheas do ‘n Dia bheò agus fhiar. Tha luchd-aiteachaidh na rioghachd so, anns a choitchionn, air am baisteadh ann an ainm Chriosu, agus mar an ceudna, ag aideachadh a chreidimh Chriosduidh; ach nam biodh an rioghachd air a mìn-rannsachadh, is maith a dh’ fheudte, nach fhaighte an ceathramh, nan seachdann pearsa a tha na cheann-teaghlaich, a cumail suas aoradh teaghlaich. Tha ùrnuigh an uaignidheas, agus aoradh teaghlaich mar an ceudna, air an dearmad gu ro mhòr, eadhon le lionmhoireachd a tha ‘g aideachadh diadhachd. Tha mòran ‘nar measg, cha ‘n e mhain a tha dearmadach air dleasdanasaibh na diadhachd, ach a tha da rireadh a deanamh tair air diadhachd, a tha diultadh ri cuing Chriosd gu tur, agus a gluasad gach là a reir ana-miannaibh truaillidh an cridheachan féin. Tha ‘n dìmeas so air nithibh spioradail r’ a fhaotainn gu tric am measg gach inbhe, agus seòrsa do ‘n t-sluaigh; ach gu sonruichte am measg àrd-mhaithean an t-sluagh: Tha daoiné mór an t-saoghail, anns a choit-chionn, ag amharc orra féin mar mhuinntir a tha ru. h-iom-lan os cionn a bhi fo cheannsal na diadhachd. Mheasadh iad e na eas-onoir, na isleachadh ro mhór orra féin, a bhi ri úrnuigh, a bhi naomhachadh na Sábaid, na gluasad idir ann an eagal an Tighearna. Tha iad mar gu ‘m b’ ann, a deanamh uaill ann a bhi as eugmhais coslais agus cumh-achd na diadhachd. Bha na h-Iudhaich o shean a dean-amh uaill anns an timchioll-ghearradh, agus anns na-soch-riribh eile a bha iad am mealtuinn os ceann nan Cinneach. Bha daoiné mór agus glic nan Cinneach, air an taobh eile, a deanamh tair air deas-ghnáthaibh nan Iudhach, agus a deanamh uaill ‘nan neo-thimchioll-ghearradh féin. Tha cuid ‘nar measg-ne a deanamh uaill ann an deadh choslasaibh, agus anns na sochairibh o ‘n leth a mach a tha iad a mealtuinn, agus tha e na aobhar bósá le cuid eile, a bhi as eugmhais aideachaidh, is coslais; ach cha ‘n ‘eil éifeachd ann an ainn, ann an aideachadh, no ann an coslas—”ann an timchioll-ghearradh, na ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an chruthachadh nuadh.”

II. Nádur a chruthachaidh nuaidh.

Tha ‘n cruthachadh nuadh a ciallachadh, an t-atharrachadh grásmhor a tha air a dheanamh air staid, agus nádur an duine, ‘nuair a tha e air iompachadh, na air a “bhreith o ‘n Spiorad.”

  1. Anns a cheud áite, tha ‘n cruthachadh nuadh a fil-leadh ann, ni nuadh a bhi air a dheanamh, air a chruth-achadh, na air a ghairm gu bith, anns an anam, aig nach robh bith, na cruth, anns an anam a roimhe. An uair a chruthaich Dia an saoghal gu bhi na ionad comhnuidh aig cloinn nan daoiné, bha ni nuadh air a dheanamh, air a ghairm gu bith, aig nach robh bith, na cruth, a roimhe; agus bha ‘n ni nuadh so air a ghairm gu bith a neo-ni; oir tha ‘n t-Abstol Pol aig innseadh dhuinn, nach “c rin-neadh na nithe a chithear do nithe a bha r’ am faicinn.” Cha robh oibre faicsinncach na cruitheachd air an dealbh, na air an deanamh suas, do nithibh faicsinncach, ach air an gairm gu bith a neo-ni, trid cumhachd neo-chriochnach a Chruith-fhir. An uair a chruthaich Dia an ceud Adh-amh, bha ni nuadh air a dheanamh air an talamh—bha creutair nuadh air a dhealbh, air a ghairm gu bith, aig nach robh bith anns an t-saoghal a roimhe; oir ged bha creutairean eile air thalamh an toiseach air Adhamh, gidh-eadh cha robh leth-bhreac Adhamh idir ann; agus uime sin, an uair a chruthaich Dia an ceud Adhamh, bha ni nuadh air a dheanamh, bha creutair nuadh air a ghairm gu bith, aig nach robh bith, na cruth, a roimhe. An uair a tha neach air iompachadh, na air a bhreith o’n Spiorad, tha ni nuadh air a dheanamh anns an neach sin. Tha ‘n Spiorad Naomha toiseachadh air obair nuadh a dheanamh ann an anam an duine, nach robh idir ann a roimhe. Tha ‘nis an nuadh chreutair air a chruthachadh, gràs tearnaichd air a chompartachadh—tha ‘m marbh air a bheothachadh, agus “nitha nach robh idir ann air an gairm mar gu ‘m bioch iad ann.”

  2. Tha ‘n creutair nuadh so, do nàdur diomhair, agus spioradail. Cha ‘n ‘eil e cosmhuil ri nithibh truaillich agus faicsinneach an t-saoghail a tha lâtnair; ach do nàdur spioradail agus neo-fhaicsinneach, air a dhealbh ann an ionad folaichte a chridhe, air a bhreith o ‘n Spiorad, agus a giùlan iomhaigh an Spioraid. “An ni sin a ta air a bhreith o ‘n Spiorad is spiorad e.” Tha ‘n nuadh chreutair cha ‘n e mhain do nàdur spioradail, ach a compartachadh a nàduir féin, ann an ‘tomhas éigin, ris an anam anns am bheil e air a dhealbh, agus an gabhail comhnuidh. Tha e toirt blas do ‘n duine air focal Dé, air meadhonaibh nan gràs, agus air nithibh spioradail anns a choitchionn, nach robh aige roimhe. Tha e dùsgadh suas anns an anam ciocras, agus tart an geall air beannachdaibh spioradail an nuaidh choimh-cheangail, air na nithe a tha freagarach d’ a nàdur féin, agus feumail chum a thogail suas ann an naomhachd, ann an comh-flurtachd, agus ann an co-chomunn maillle ri Dia. “Mar naoidhean air ùr-breith, tha e ‘g iarraidh bainne fior-ghlan an fhocail, chum as gu fàs e leis.” Tha fonn a chridhe gu h-iomlan air atnarachadh tre ‘n chruthachadh nuadh so. Tha smuaintean, aire, agus aignidhean an duine air an tionndadh o nithibh diomhuan agus faicsinneach, a dh’ ionnsuidh nithibh spioradail, agus neo-fhaicsinneach, air an suidheachadh air na nithibh a ta shuas far am bheil Criced na shuidhe aig deas làimh Dhé. Tha ‘n duine bha roimh feolmhor, air a dheanamh na dhuine spioradail—tha aire air nithibh spioradail—tha e glusad a réir an Spioraid, agus a deanamh aoradh do Dhia ann an spiorad agus ann am firinn,

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice